Chaidh mi dhan Chaisteal Nuadh aig àm na Nollaig agus an turas seo, chaidh mi ann air trèana Lumo.
Mur eil thu eòlach air Lumo, ’s e a th’ annta ach companaidh inntrigeadh fosgailte (open access) a tha a’ ruith seirbheisean rèile eadar Dùn Èideann agus Lunnainn air Prìomh-loidhne a’ Chosta an Ear air prìsean nas ìsle (mar as trice) na na companaidhean eile.
Tha brannd gu math làidir aca le trèanaichean mòra gorma agus tha dà rud cudromach san fheallsanachd aca – gum bi na fàraidhean ìosal agus furasta a thuigsinn agus gum bi na seirbheisean aca math dhan àrainneachd.
Dè th’ ann an seirbheis “inntrigeadh fosgailte”?
Tha cumhnant Riaghaltais aig a’ mhòr-chuid de na companaidhean rèile, leithid Cross Country, ScotRail, LNER, Avanti West Coast is mar sin air adhart gus seirbheisean trèana a ruith. Gheibh ceadan-ruith (franchises) a tha neo-phrothaideach subsadaidh bhon Riaghaltas gus seirbheisean a ruith agus feumaidh ceadan-ruith a tha a’ ruith sheirbheisean prothaideach airgead a phàigheadh dhan Riaghaltas.
Ann an Achd nan Rathaidean-iarainn 1993, faodaidh companaidhean eile iarrtasan a chur a-steach dhan riaghlaiche – an ORR – Oifis na Rèile is nan Rathaidean – gus seirbheisean rèile a ruith gun francise a bhith aca. Chan fhaigh iad subsadaidh sam bith.
Gus aonta fhaighinn airson seirbheis ‘inntrigeadh fosgailte’ a ruith, feumaidh a’ chompanaidh dearbhadh gu bheil rùm gu leòr air an t-slighe a tha iad ag iarraidh agus nach toir an t-seirbheis cus airgead/luchd-siubhail air falbh bho na companaidhean aig a bheil ceadan ruith air an t-slighe sin no slighean eile faisg air. Mar sin, ma tha rùm ann agus ma tha an t-seirbheis a’ cruthachadh farpaiseachd fhallainn agus a’ brosnachadh barrachd dhaoine gus na rathaidean-iarainn a chleachdadh, gheibh iad aonta gus trèanaichean a ruith.
Tha trì companaidhean inntrigidh fosgailte ann an-dràsta – Grand Central (eadar Sunderland agus Lunnainn agus Bradford is Lunnainn) agus Hull Trains (eadar Hull agus Lunnainn) agus Lumo (eadar Dùn Èideann agus York). Tha na seirbheisean uile a’ frithealadh stèiseanan aig nach robh deagh sheirbheis roimhe – m.e bidh Lumo a’ frithealadh Morpeth agus Stevenage agus cha robh trèanaichean/mòran thrèanaichean dìreach ann eadar Hull/Bradford/Sunderland agus Lunnainn roimhe.
Ged a tha na ceadan-ruith uile gan cur air ais dhan roinn phoblaich sa chompanaidh GBR mean air mhean le Riaghaltas na RA, cha tèid na seirbheisean inntrigeadh fosgailte a chur dhan roinn phoblaich idir. Ach tha Ministear air litir a sgrìobhadh dhan Riaghlaiche a’ sealltainn gu bheil i airson ’s gun cumar smachd teann air na companaidhean prìobhaideach seo. Mar sin, ged a tha e coltach gum mair na seirbheisean a th’ ann mar-thà is gum bi beagan seirbheisean ùra ann bho àm gu àm, cha bhi tòrr mòr dhiubh ann.
Cò ris a tha Lumo coltach?
Tha na pàipearan a’ cur Ryanair no Easyjet nan rathaidean-iarainn air Lumo.
Sin a chionn ’s gu bheil na seirbheisean gu math bunaiteach, gu bheil iad air prìs ìosal agus a chionn gu bheil riaghailtean teann a thaobh àireamh/meud bagaichean an luchd-siubhail.
A bheil e cothromach a bhith a’ dèanamh coimeas eadar Lumo agus Ryanair? Bha mi airson faighinn a-mach.
Air 27 Dùbhlachd, dhùisg mi aig 05.45 agus fhuair mi tagsaidh gu Stèisean a’ Mheadhain aig 6.10. Às dèidh cofaidh fhaighinn san stèisean, ghlac mi an 06:48 gu Plymouth eadar Glaschu is Dùn Èideann. Ged a bha an trèana a’ dol tro mo cheann-ùidhe, an Caisteal Nuadh, bha e na bu shaoire a dhol gu Dùn Èideann agus an trèana Lumo fhaighinn an sin.
Nuair a nochd an trèana mòr gorm aig Lumo ann an Waverley, dh’fhàs e follaiseach gun robh i gu bhith loma-làn. Dà latha às dèidh na Nollaig, bha tòrr dhaoine ann le bagaichean mòra làn phrèasantan Nollaig agus le clann òga ann am pramaichean.
Dh’fhàs e soilleir gu bheil tòrr sa chumantas eadar Lumo agus companaidhean adhair buidseit a thaobh bagaichean. Chan eil mòran rùm idir ann airson bagaichean agus tha na trèanaichean loma-làn seataichean, a tha gu math faisg air a chèile, is gun ach beagan bhùird ann, agus le seataichean ann far am biodh àite a bharrachd ann do bhagaichean ann an trèanaichean eile. Mar sin, thug e ùine mhòr mhòr dhan a h-uile duine faighinn air bòrd agus a-steach dhan t-suidheachan aca. Agus bha bagaichean sa h-uile àite. Gu sònraichte, anns an trannsa eadar na carbadan, bha tòrr bhagaichean ann ri taobh nan dorsan is bha e doirbh gluasad.
Nuair a ràinig mi an t-àite suidhe agam, bha cuideigin air a’ ghoid – màthair le bèibidh beag a bha na chadal air an t-suidheachan agam. Cha robh mi airson a dhùsgadh is mar sin, chaidh mi gu cathair eile ach cha robh mòran dhiubh ann idir – agus cha b’ urrainn dhomh àite sam bith a lorg a bha saor fad na slighe dhan Chaisteal Nuadh agus mar sin, bha agam ri seasamh às dèidh Morpeth.
Bha am buaireadh leis na bagaichean cho dona is gun robh sinn lethach slighe gu Bearaig mus do shuidh a h-uile duine sìos san àite cheart. Cha robh e comasach dhan luchd-obrach tràillidh a’ bhìdh is na dighe a thoirt a-mach ron Chaisteal Nuadh leis gun robh iad cho trang a’ dèiligeadh ri bagaichean ann an àiteachan cunnartach.
Aig deireadh an latha, chaidh mi dhachaigh le Lumo cuideachd agus bha an turas agam glè mhath a-rithist ach bha an aon trioblaid ann le bagaichean agus mar sin thug e ùine mhòr do dhaoine faighinn air bòrd, na bagaichean aca a chur air falbh agus an suidheachan aca a lorg.
Dè mo bheachd fhèin?
Seach buaireadh nam bagaichean, bha an turas glè mhath. Bha an trèana glan, cofhurtail, luath agus air prìs reusanta. Saoilidh mi nach eil e iomchaidh a ràdh gu bheil Lumo coltach ri Ryanair – bha an t-seirbheis custamair glè mhath agus cha robh cìsean a bharrachd ann mar a gheibh thu le plèanaichean. Chan eil diofar mòr ann nam bheachd eadar Lumo agus an t-seirbheis a gheibheadh tu le Cross Country no Avanti is mar sin air adhart. Mar sin, chanainn gur dòcha gu bheil iad nas fhaisg air Easyjet – saor ach gun a bhith ro mhosach suarach.
Rud eile a tha math mu Lumo: chan fhaodar clubaichean goilf a thoirt air bòrd – is math sin – mar as motha a tha na bacaidhean air goilf, ’s ann as fheàrr nam beachd!
Mholainn Lumo agus saoilidh mi gum biodh e air a bhith na b’ fheàrr air latha nach robh cho faisg air an Nollaig far nach biodh an uiread de bhagaichean ann.
Agus tha barrachd adhbharan a-nis ann airson Lumo a chleachdadh – tha aon trèana san latha eadar Dùn Èideann agus Lunnainn a-nis a’ tòiseachadh ann an Glaschu le dà thrèana eadar Lunnainn agus Dùn Èideann a’ cumail orra gu Glaschu.
Mar as trice, b’ fheàrr leam a dhol air trèanaichean a tha leis a’ phoball seach le companaidhean prìobhaideach ach tha mi fhathast feargach le LNER mar thoradh air atharrachaidhean air na fàraidhean agus mar a thug iad crìoch air seirbheisean gu Glaschu agus tha mi gan seachnadh far an urrainn dhomh. Thalla is tarraing is caigeann bruis is gabh Taigh Iain Ghrot oirbh LNER!
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean






































