Ath-bheothachadh nan Rathaidean-iarainn air faire an Èirinn?

Le alasdairmaccaluim

Chaidh sgrìobhainn gu math cudromach fhoillseachadh an-diugh: Lèirmheas Ro-innleachdail Uile-Èirinn airson Rathaidean-iarainn.

Chaidh seo a sgrìobhadh mar thoradh air aonta ann an 2021 eadar Riaghaltasan Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath gus coimhead air rathaidean-iariann air feadh na dùthcha.

Stèisean Mòr-Shràid Bhictoria. Beul Feirste

Carson a bha feum air lèirmheas mar seo?

Ma choimheadas tu air mapa den lìonra rèile ann an Èirinn, chì thu carson. Seo 1920 an taca ri 2020. Chaidh tòrr rathaidean-iarainn a dhùnadh, a’ fàgail suideachadh far a bheil beàrnan mòra air a’ mhapa.

Tha an suidheachadh gu sònraichte dona ann an Èirinn a Tuath agus sa phoblachd faisg air na crìochan. Rinn dealachadh na h-Èireann ann an 1921 cron mòr air na loidhnichean a bha a’ dol tarsaing air a’ chrìch. Agus a bharrachd air seo, taobh a-staigh Èirinn a Tuath, cha robh an riaghaltas idir taiceil do rathaidean-iarainn co-dhiù agus dhùin iad a’ mhòr-chuid de na loidhnichean aca.

Ann an taobh deas na poblachd cuideachd, tha cha mhòr a h-uile loidhne a’ dol gu Baile Atha Cliath gun cheanglaichean gu leòr eadar bailtean eile air a’ chosta an iar.

Agus chan eil mòran trèanaichean dealanach ann nas motha – dìreach siostam DART ann am mòr-sgìre BAC. Chan eil na trèanaichean eadar-cathrach dealanach agus chan eil trèanaichean dealanach sam bith ann an Èirinn a Tuath. Chan eil ceanglaichean matha ann leis na puirt-adhair nas motha.

Tha an dà riaghaltas ag obair còmhla air an Enterprise – an trèana eadar Beal Feirste agus BÀC ach tha na trèanaichean sean is slaodach agus chan eil iad ro luath – no ro thric. Mar thoradh air seo, tha na h-àireamhan a tha a’ cleachdadh na seirbheis air a bhith a’ sìor chrionadh.

Seo mapa de na molaidhean a th’ anns an Lèirmheas ro-innleachdail.

Tha tòrr leasachaidhean air am moladh airson Uladh – an dà chuid ann an Èirinn a Tuath agus sa Phoblachd – bhiodh ceangal rèile aig Tìr Chonaill aon uair eile cho math ris an Omaigh, An Srath Bàn, Dún Geanainn, Àrd Mhacha, Muineachán is eile. (Chan eilear a’ moladh rathad-iarainn gu Fear Manach gu mi-fhortanach….)

Bhiodh ceanglaichean nas fheàrr eadar tuath agus deas air taobh an iar na dùthcha cuideachd.

Agus thathar a’ moladh stèiseanan aig Port Adhair na Sionainne, Bheul Feirste agus Bhaile Atha Cliath.

Chosgadh seo uile còrr is £30 billean ach is fhiach a h-uile sgillinn nam bheachd!

Ach mus dèanar adhartas leis a’ phlana lèirsinneach, ro-chudromach, feumar Seanadh agus Riaghaltas Èirinn a Tuath ath-steidheachadh.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Comataidh a’ sireadh bheachdan air cùram-slàinte ann an sgìrean dùthail is iomallach

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs a’ feuchainn ri faighinn a-mach dè na prìomh cheistean a tha mu choinneamh sheirbheisean cùraim-shlàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail na h-Alba. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhon phoball agus bho luchd-obrach mu na dh’fhiosraich iad de sheirbheisean cùraim-shlàinte iomallach agus dùthchail. Tha iad airson tuigsinn dè … Leugh an corr de Comataidh a’ sireadh bheachdan air cùram-slàinte ann an sgìrean dùthail is iomallach

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Port-adhair Inbhir Nis taobh Stepford

Le alasdairmaccaluim

Bha mi ann an Inbhir Nis bho chionn ghoirid airson a’ chiad turas ann an trì bliadhna is còrr. Bha e fìor mhath a bhith air ais ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Bha coinneamh obrach agam ach bha tìde agam às dèidh na coinneimh airson a dhol air safari rèile beag.

Bha mi airson stèisean ùr Phort-adhair Inbhir Nis fhaicinn. Thathar air a bhith a’ bruidhinn air an stèisean seo bho chionn fhada agus tha e sgoinneil gun deach fhosgladh mu dheireadh thall.

Stèisean Inbhir Nis

Cha robh trèana ann aig àm freagarrach is mar sin, chaidh mi dhan stèisean air a’ bhus. B’ e bus dealanach a bh’ ann mar a tha fìor chumanta ann an Inbhir Nis a-nis – am Baile Mòr Dealanach – mar as còir!

Bha triùir bhalach aig cùl a’ bhus agam agus chuala mi fear aca ag ràdh “people are always going on about New York, but is there really anything there that you don’t get in Inverness?”

Ceist mhòr dhuinn uile!

Chòrd an turas rium glan agus cha b’ fhada gus an robh sinn a-mach às a’ bhaile, ann am pàirc nam bùithtean agus an uair sin a-mach air an dùthaich gus an do ràinig sinn baile ùr Tòrr na Grèine a tha dìreach mu choinneimh a’ phuirt-adhair.

Nis, chuala mi rud beag mu dheidhinn Tòrr na Grèine air Radio nan Gàidheal tro na bliadhnaichean ach cha robh eòlas sam bith agam mun chùis ach a-mhàin gun robh baile ùr gu bhith ann eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann. Cha chuala mi dad a bharrachd mu dheidhinn agus mar sin, bha mi an dùil gum biodh e coltach ri fear de na sgeamaichean taigheadais ùr air iomaill bailtean mòra – taighean mòra grod gun anam do dhaoine le tòrr airgid ach gun taste sam bith – tòrr chàraichean, gun bhùithtean sam bith agus gun mòran àite uaine ann is gun ghoireasan sam bith.

Chan ann mar seo a tha Tòrr na Grèine idir.

Ged a tha càraichean gu leòr ann, tha iad air an cumail far an rathaid seach a bhith aig cridhe gach rud agus tha tòrr àite ùine ann am meadhan a’ bhaile. Tha lotaichean ann agus pàirc agus talla-coimhearsnachd agus a h-uile rud ann nach fhaigheadh tu ann an sgeama taigheadais mar seo mar as trice. Tha bùth ann cuideachd rud a tha gu math feumail oir mar as trice ann an àite mar seo, tha agad ri dhol air draibh 15 mionaidean gus pinnt bainne a cheannach.

Agus an rud eile a tha cur orm mu sgeamaichean thaighean ùra, ’s e nach eil iad a’ leantainn traidiseanan ailtearachd Albannach sam bith. Shaoil mi gun robh iad dìreach grod is gun a bhith coltach ri taighean nas traidiseanta an àite sam bith, ach an uair sin, chaidh mi air turas gu Norfolk agus mhothaich mi gun robh iad car coltach ri taighean ann an Sasainn a Deas.

Ann an Tòrr na Grèine, ge-tà, tha coltas Albannach air na taighean, car coltach ri taighean a chitheadh tu ann am Fìobha no Lodainn an Ear – taighean geala le uinneagan dubha is similearan.

Nan sgrìobhainn manifesto airson cò ris a bu chòir taigheadas ùr a bhith coltach, bhiodh e car coltach ri Tòrr na Grèine – àite uaine le goireasan coimhearsnachd agus taighean le coltas snog agus coltas Albannach agus faisg air stèisean rèile. Agus tha na soidhnichean dà-chànanach cuideachd!

Ach….. ’s e an rud inntinneach gun robh e a’ faireachdainn uamhasach fhèin fuadain. Thug e dhomh faireachdainn “uncanny valley” uamhasach làidir! Ann an dòigh tha e a’ faireachdainn caran coltach ri film set no Center Parcs  no fiù’s Stepford bho Stepford Wives.

Is dòcha gun atharraich am faireachdainn sin le tìde ge-tà.

HST agus 158, Port-adhair Inbhir Nis
158 agus HST ann an Stèisean Phort-adhair Inbhir Nis

Às dèidh dhuinn Tòrr na Grèine fhàgail, chaidh am bus tarsainn air an A96 agus bha sinn ann an àrainn a’ Phuirt-adhair agus cha b’ fhada gun d’ ràinig sinn an stèisean as ùire ann an Alba.

Tha daoine air a bhith a’ gearan gu bheil am Port-adhair caran fad air falbh bhon stèisean. Tha sin fìor gu ìre. Cha bhiodh duilgheadas agad mur eil baga mòr agad agus tha mi cinnteach gun coisich thu astar nas fhaide taobh a-staigh Port-adhair Ghlaschu no Dhùn Èideann airson cuid de na seirbheisean adhair. Ach can ma tha clann agus bagaichean mòra agad, cha bhiodh e a cheart cho furasta.

‘S e an rud a chur dragh orm nach robh an t-slighe coiseachd eadar an stèisean agus am Port-adhair idir soilleir. Agus tha fhios agad cò ris a tha e coltach aig Port-adhair – ma thèid thu an taobh ceàrr, bidh feansa mòr ann ag ràdh “Na rach seachad air seo no thèid do chur gu bàs air adhbharan tèarainteachd / gus an dùthaich a dhìon an aghaidh rabies” no rudeigin mar sin!

Bha mi airson a dhol dhan Phort-adhair airson srùbag ach cha robh tìde agam is mar sin, dh’fhuirich mi aig an stèisean is thug mi deagh shùil air. Tha dà àrd-ùrlar agus drochaid ann. Ann an dòigh, tha e caran identikit leis na stèiseanan uile a chaidh a thogail an Alba bho chionn ghoirid – Robroyston, Reston agus Linton an Ear (a tha gu bhith a’ fosgladh a dh’aithghearr).

Ann an dòigh, tha mi a’ faireachdainn gu bheil stèiseanan ùra caran overengineered, gu sònraichte  leis na drochaidean is lioftaichean mòra a th’ aca. Tha fhios agam gu bheil iad ann seo mar thoradh air an DDA – ach feumaidh gu bheil dòigh ann air ruigsinneachd a thoirt seachad dhan a h-uile duine air prìs nas ìsle?

Nuair a bha BR ann, dh’fhaodadh iad stèisean sìmplidh ùr a thogail air eadar cairteil is leth mhillean not ach san latha a th’ ann tha mar as trice a’ cosg £12M no barrachd – cosgais tòrr nas motha fiù ’s le atmhorachd. Saoilidh mi gum bu chòir dha a bhith na phrìomhachas dhan ghnìomhachas cosgaisean nan stèiseanan ùra ìsleachadh gus an gabh tòrr a bharrachd a thogail.

Ach chan eil mi airson gearan mun stèisean idir – tha e sgoinneil. Tha e mòr le dà àrd-ùrlar agus rùm airson trèanaichean fada.  

Tha e air a fhrithealadh le trèanaichean matha cuideachd – fhuair mi Intercity 125/HST air ais. San latha a th’ ann, tha cus thrèanaichean le seataichean nach eil comhfhurtail agus gun rùm gu leòr. Nì tòrr de na h-aonadan dìosail cus fuaim cuideachd. Ann an HST, tha air-con math ann, tha suidheachan comfy agad agus rùm gu leòr airson do chasan agus do chuid bhagaichean. Dè eile a dh’iarradh tu?

Chan eil an stèisean ach 10 mìle air falbh air an trèana, tòrr nas luaithe na bus no càr leis cho fìor dhona sa tha an trafaig daonnan ann an Inbhir Nis. Agus ’s e turas brèagha a th’ ann cuideachd le seallaidhean àlainn de Linn Mhoireibh agus Drochaid Cheasaig.

Chan fhada gus an robh mi air ais ann an Inbhir Nis gus HST eile a ghlacadh air ais a Ghlaschu. Bha deagh thuras agam agus chòrd stèisean Port-adhair Inbhir Nis rium fìor mhath, agus tha e a’ togail na ceist – aon uair eile – cuine a bhios rathad-iarainn/trama ann gu Port-adhair Ghlaschu?

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

“Aon latha bi fear dhiubh seo anns gach cathair-bhaile chudromach … is dòcha” – busaichean fèin-obrachail ann an Alba #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha drochaidean Fhoirthe gu math suaicheanta air feadh an t-saoghail agus iad a’ cur gu mòr ri cliù na h-Alba. Tha pròiseact còmhdhail ùr dìreach air tòiseachadh air Drochaid-rathaid Fhoirthe a dh’fhaodadh mì-chliù a chosnadh dhan dùthaich, mur a bi sinn faiceallach, ge-tà.

Seo AB1 – seirbheis bus fèin-obrachail (autonomous bus) a tha a’ ruith eadar Pàirc Dhùn Èideann agus Ferrytoll ann am Fìobha taobh drochaid Fhoirthe. Seo com-pàirteachas eadar Stagecoach, Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA, Oithigh Napier agus grunn bhuidhnean eile.

AB1 – no “Abbey” mar a chanas muinntir a’ phròisect rithe aig Pàirce Dhùn Èideann

Tha seo na dheuchainn air teicneòlas carbadan fèin-obrachail. An àite a bhith air a dhràibheadh le dràibhear, tha am bus ga ruith le bathar-bog a tha a’ cleachdadh sensoran, teicneòlas saideil, AI is eile. Bidh dràibhear ann ach dìreach air adhbharan sàbhailteachd air eagal ’s gun tèid dad ceàrr agus bi neach cuideachaidh air bòrd cuideachd – “caiptean” a’ bhus car coltach ri conductor.

Fhuair am pròiseact seo cinn-naidheachd air feadh an t-saoghail – chunnaic mi stuth ann an Canada, na Stàitean Aonaichte, san London Evening Standard, sna broadsheets agus tabloids Breatannach agus gu leòr pàipeirean nàiseanta is ionadal Albannach. “A’ chiad seirbheis bus fèin-obrachail san t-saoghal”. Tha e air feadh YouTube cuideachd.

Tha e air headlines gu leòr a ghlacadh ceart gu leòr, ach am bi am pròiseact cho math an da-rìribh?

Ann an dà fhacal: cha bhi.

Tha seo na eisimpleir de sgleò-bhathair no vapourware. Seo seòrsa de rud teicneòlasach a gheibh tòrr mòr haidhp, tòrr mòr mholadh bho luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd agus a tha daonnan dìreach air impis tòiseachadh – gu tric fad bhliadhnaichean!

Chuala sinn beagan bhliadhnaichean air ais mu hyperloops, loops agus tòrr a bharrachd. Bha mi air prògram air rèidio nan Gàidheal beagan bliadhnaichean air ais ag ràdh nach robh feum sam bith san teicneòlas hyperloop aig Elon Musk agus nach tigeadh dad a-mach às. Bha mi ceart. Chaidh stad a chur air a’ phròiseact bhon uair sin agus chaidh an hyperloop fhèin a chur dhan scrap.

An aon rud leis an lùb sgoinneil a bha gu bhith aig Musk ann an  Las Vegas. Gheall e lùb luath a bhiodh a’ toirt mòran dhaoine a-steach dhan bhaile ann am podaichean ùr-nodha. Aig an deireadh, cha robh anns an lùb seo ach tunail beag do thagsaidhean àbhaisteach nach do chuir mòran ri capacity a-steach dhan bhaile agus a chosg fortan. Chan eil an tunail fiù ‘s mòr gu leòr gus tramaichean no busaichean a chur ann.

Ach tha carbadan fèin-obrachail eadar-dhealaichte, nach eil?

Chan eil idir. Chan eil annta ach sgleò-bhathair.

Bho chionn beagan bliadhnaichean bha Musk agus eile ag ràdh gum biodh carbadan fèin-obrachail cumanta ro thoiseach nan 2020an. Thuirt Uber cuideachd nach biodh dràibhearan sna tagsaidhean aca ann an ùine nach biodh fada agus thasgaich VW agus Ford na billeanan mòra ann an càraichean fèin-dràibhidh.

“The future’s so bright, I gotta wear shades” mar a chanas iad!

Ach cha robh a h-uile duine a’ creidsinn na haidhp. Sgrìobh an neach-naidheachd còmhdhail Christian Wolmar leabhar ann an 2018 a’ cumail a-mach nach tigeadh mòran a-mach às an teicneòlas ann an leabhar goirid a sgrìobh e air an robh “Driverless Cars: Road to Nowhere”.

Carson?                                                                                                          

Tha ceistean feallsanachdail eitigeach agus laghail mòra ann. Ma tha tubaist ann mar eisimpleir, cò as còireach gu laghail? An “dràibhear” daonna, a’ chompanaidh a rinn an carbad, a’ chompanaidh a rinn na sensors no an GPS? Agus tha an trolley problem air nochdadh uair is uair cuideachd. Ma tha tubaist gu bhith ann, feumaidh prògramadh a’ charbaid co-dhùnadh càite am bu chòir dha bualadh agus feumaidh rangachadh a bhith ann air dè na daoine no na nithean as cudromaiche. Ceist fheallsanachdail mhòr!  

Agus is dòcha nas cudromaiche, tha ceistean practaigeach ann cuideachd mar a chanas mi nas fhaide air ais.

Nis, bho sgrìobh Wolmar an leabhar aige, chan eil an cruth-atharrachadh ann an càraichean fèin-obrachail air tighinn idir a dh’aindeoin mòr-fhàs ann an teicneòlas AI eile. Gu dearbha, tha Uber, Tesla, Ford agus VW uile air an cùl a chur gu carbadan fèin-obrachail – às dèidh dhaibh na billeanan mòra a chall air an teicneòlas.

’S ann anns a’ cho-theacsa seo a bu chòir dhuinn coimhead air pròiseact teicneòlas carbadan fèin-obrachail na h-Alba. Seo teicneòlas nach eil ro mhath agus a tha a’ dol à fasan gu ìre co-dhiù.

OK – dè na duilgheadasan practaigeach agus dè ghabhadh ionnsachadh bhon deuchainn ann an Dùn Èideann?

Aig an ìre seo, feumaidh na busaichean “fèin-obrachail” bun-structar cosgail a bharrachd air cosgaisean nan carbadan fhèin – cha ghabh bus fèin-obrachail a chleachdadh air slighe sam bith aig an ìre seo. Tha am bus a’ ruith air slighean fa leth airson tòrr den t-slighe, a’ gabhail a-steach drochaid a tha do bhusaichean a-mhàin. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chur air dòigh gu luath fiù ’s leis a’ bhun-structar an sàs – feumar na ceudan de mhìltean de mhìltean a dhràibheadh air an t-slighe gus an t-eòlas a thogail san AI air a shon.

Ach fiù ’s leis a seo uile, chan eil an t-slighe air fad fèin-obrachail. Mar a tha mi a’ tuigsinn na cùise cuideachd, feumar am bus a thionndadh mun cuairt san dòigh àbhaisteach aig gach ceann den t-slighe cuideachd.

Agus feumar cuimhneachadh nach eil ann ach trì stadan air an t-slighe air fad – fear aig gach ceann den t-slighe agus aig an drochaid. Dè cho math ’s a bhios busaichean fèin-obrachail air dèiligeadh ri slighean far a tha barrachd stadan ann? Thug mi sùil air a’ bhus ionadail agam – an 59 eadar meadhan Ghlaschu agus Pàirc na Mòna. Tha 33 stadan ann.

Mar sin, ma bhios an deuchainn cho soirbheachail ri soirbheachail, seallaidh e gu bheil e comasach busaichean fèin-obrachail a ruith air bun-structair fa leth. Ach chan eil e coltach gum faighear cuidhteas an dràibhear air an t-slighe air fad. Mar sin, tha e a’ sealltainn gun gabh busaichean a ruith air bun-structar fa leth ann an suidheachadh far a bheil slighe shìmplidh aca far nach eil aca ri measgachadh le cus trafaig àbhaisteach. Agus fiù ’s nan rachadh am bus a ruith eadar park and ride taobh a-muigh Dhùn Èideann agus Ferrytoll, agus nach biodh dràibhear a dhìth, bhiodh conductor a dhìth air adhbharan sàbhailteachd, togail airgid agus cumail smachd.

Chan eil teagamh sam bith agam gun gabhadh rudeigin mar seo a dhèanamh ach an fhiach e? Chan eil mòran àiteachan ann an Alba a bhiodh freagarrach air a shon. Ann an suidheachaidhean mar seo, bhiodh e soirbheachail san aon dòigh ri can, pods eadar terminalan ann am puirt-adhair no deuchainnean air mini-busaichean gun dràibhearan aig puirt-adhair eadar pàrcaichean càir agus an terminal. No ri hovercraft no monorail. Tha feum orra ann an cuid de shuidheachaidhean ceart gu leòr – ach cha toir iad cruth-atharrachadh air còmhdhail. Agus cuimhnich, fiù ’s leis a sin, cha b’ fhiach e air adhbharan eaconamach. Bhiodh sàbhaladh beag ann an tuarastal – conductor seach dràibhear no dràibhear air tuarastal na b’ ìsle – ach ’s e airgead gu math beag a bhiodh ann an sin an taca ris an airgead mhòr a bhiodh a dhith air busaichean fèin-obrachail is bun-structair air an son. ‘S e an aon dòigh anns a dh’fhaodadh iad a bhith èifeachdach gu h-eaconomach seòrsa “trèanaichean rathaid” a ruith le trèilear no dhà – ach chuireadh seo ris na duilgheadasan le bhith a’ measgachadh le trafaig eile.

An gabhadh busaichean fèin-obrachail, agus gu dearbha, càraichean fèin-obrachail a sgaoileadh nas fharsainge?

Chan eil mi cinnteach. Is dòcha chanainn – ach cha bhiodh e idir furasta agus nas cudromaiche, chan eil adhbhar sam bith ann gus a dhèanamh.

Mar a thuirt mi, tha an tech seo air leth cosgail. Chaidh na ceudan de bhilleanan a chosg air seo mar-thà agus tha tòrr de na companaidhean a-nis den bheachd nach fhiach e. Tha e doirbh agus bi e daonnan doirbh measgachadh le trafaig àbhaisteach – rud a tha a’ ciallachadh dùblachadh ann am bun-structar. Agus ma tha sinn deònach sin a dhèanamh, bhiodh slighean-bus do bhusaichean àbhaisteach tòrr nas bu shaoire co-dhiù! Agus tha e coltach gu bheil adhartas le VLR – very light rail – a’ fàgail gum bi teicneòlas nan tramaichean nas saoire san àm ri teachd cuideachd.

­

Sgeama Coventry VLR – pìleat de thramaichean air cosgais tòrr nas ìsle

Gus faighinn seachad air na cnapan-starra laghail is eiticeil le carbadan fèin-obrachail, bhiodh tòrr airgead a dhìth ach ghabhadh sin a dhèanamh. Ach airson a bhith ann an suidheachadh far am biodh a’ mhòr-chuid de na busaichean fèin-obrachail agus air rathaidean àbhaisteach? No far a bheil na carbadan uile fèin-obrachail?

Dh’fhaodadh gun gabhadh a dhèanamh aig a’ cheann thall nan cosgamaid airgead gu leòr air ach tha sinn a’ bruidhinn air airgead do-chreidsinneach – na trilleanan de nòtaichean agus chanainn nach bu chòir dha a bhith na phrìomhachas.

Ma tha companaidhean prìobhaideach agus tech billionaires airson airgead a chosg air sgleò-bhathair mar seo, tha sin an urra riutha fhèin ach cha bu chòir dhan roinn phoblaich a bhith a’ toirt taic airgid dha ann an dòigh sam bith.

Agus chan e dìreach airgead a tha a dhìth ach tìde. Tha an teicneòlas fhathast aig ìre gu math neo-leasaichte agus bheir e ùine. ’S e glè bheag de rathaidean-iarainn a chaidh a dhèanamh gu tùr fèin-obrachail – ged a tha iad tòrr nas sìmplidhe na rathaidean – dìreach loidhnichean meatro an siud ’s an seo a tha gu math sìmplidh is self-contained. Agus cha bhi an tìde againn a bhios a dhìth gus carbadan rathaid fèin-obrachail a chur an sàs gu ìre mhòr sam bith mur a cuir sinn cuideam air teicneòlas uaine an-dràsta seach sgleò-bhathair.

A thaobh na h-àrainneachd, fiù ’s nan tigeadh haidhp nan carbadan fèin-obrachail gu bith, cha chuideachadh e le èiginn na gnàth-shìde idir agus cha choileanadh e dad ach na milleanan de dhràibhearan proifeiseanta a chur à obair – no a chur air tuarastal nas ìsle. Tha AI feumach air tòrr mòr dealain agus mar as motha de sgeamaichean a th’ ann, mar as motha de dhealan a bhios a dhìth.

Chan eil mòran tìde againn gus ar planaid a shàbhaladh. Thathar air airgead gun chiall a chaitheimh air carbadan fèin-obrachail, teicneòlas nach eil ro fheumail sa chiad dol a-mach, agus bu chòir dhan airgead sin a thasgadh ann an tramaichean, trèanaichean, busaichean-tràilidh, busaichean is càraichean dealanach is a leithid an àite a bhith ga chall air sgeamaichean sgleò-bhathair mar seo. Tha fianais ann mar-thà gun do chur cho beò-ghlaicte ’s a bha na companaidhean chàraichean le carbadan fèin-obrachail dàil air leasachadh teicneòlas carbadan dealanach.

B’ urrainn dhuinn tramaichean a thoirt air adhart anns gach baile aig an robh iad riamh, a h-uile rathad-iarainn a chaidh a dhùnadh le Beeching ath-fhosgladh, HS3 is 4 a thogail agus na ficheadan de bhàtaichean ùra a thogail do ChalMac leis an airgead a chosgadh e gus càraichean fèin-obrachail a dhèanamh nam mainstream ann an còmhdhail. Agus dh’fhaodamaid còmhdhail phoblach a  dhèanamh an-asgaidh cuideachd!

Thathar ag ràdh gun tuirt Alexander Graham Bell mun fhòn: “one day every major city in America will have a telephone”. Tha fios againn gun robh e ceàrr agus fòn againn uile, ach chanainn gum biodh cuòt mar sin fìor a thaobh carbadan fèin-obrachail. Is dòcha gum bi siostaman ann an siud ’s an seo – rudan ann an suidheachaidhean sònraichte cuingichte ach cha tèid e mòran nas fhaide na sin – tha mi an dòchas co-dhiù.

Steach dhan Fhoirthe leis!

Alasdair

p.s. Tha mi air beachdan gu math làidir a chur an cèill an seo. Airson a bhith cothromach, tha mi an dùil a dhol air a bhus agus sgrìobhaidh mi lèirmheas an seo. Saoil an atharraich mi mo bheachd?


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Cinderella ann an Cinn Tìre – saoghal nan stampaichean is nan trèanaichean!

Le alasdairmaccaluim

Sa bhloga mu dheireadh, dh’aithris mi air an turas agam gu Ceann Loch Chille Chiarain. Am measg rudan eile, chaidh mi air chuairt gu Eilean Dà Bhàrr.

Bho thill mi dhachaigh, tha mi air rudeigin inntinneach ionnsachadh mun eilean – gu bheil stampaichean aige. B’ àbhaist bogsa puist a bhith san eilean agus dh’fhaodadh tu litir no cairt-phuist a chur bhon eilean, ach dh’fheumadh tu stampa Eilean Dà Bhàrr a bharrachd air stampa àbhaisteach. A rèir coltais, sguir an t-seirbheis puist seo sna 1960an, ach lean iad orra a’ cruthachadh stampaichean fada às dèidh sin leis gun robh iad a’ còrdadh ri daoine.

Tha stampaichean mar seo meadhanach cumanta airson eileanan beaga. Tha traidisean fada de bhith a’ dèanamh stampaichean ann an eilean Lundy (no Ynys Wair sa Chuimris) ann an Devon. Ann an Alba, ’s e na h-Eileanan Samraidh as ainmeile airson a bhith a’ dèanamh stampaichean den t-seòrsa seo. Agus tha stampaichean mar seo aig a’ mheanbh-nàisean Sealand far costa Suffolk cuideachd.

Airson stampaichean mar seo, tha iad feumail gu ìre – is urrainn dhut rudeigin a chur bhon àite agus thèid a stampadh bho Ynys Wair no Tanara Mòr etc agus tha e mar chuimhneachan air an àite ged nach eil e cho cudromach ri cudromach cothrom a bhith agad litir a chur nuair a bhios tu air turas latha ann.

Fhuair mi a-mach nuair a bha mi a’ rannsachadh seo gu bheil cuid de dh’àiteachan no eileanan a’ dèanamh nan stampaichean dhaibh fhèin ged nach eil feum sam bith orra air adhbharan postachd. Nam measg Colbhasa agus Ìle. Agus tha e math fhaicinn gu bheil iad dà chànanach (ged a tha a’ Ghàidhlig ceàrr air stampaichean Ìle – tha “an t-Eilean Ìle” aca…..). Bidh cuid a dhaoine gan cruinneachadh agus tha iad nan dòighean math gus an t-àite a shanasachadh ma chuireas tu stampa air litir còmhla ris an stampa àbhaisteach.

Fhuair mi a-mach gu bheil ainm sònraichte air stampaichean mar seo: Stampaichean Cinderella. Tha iad a’ gabhail a-steach an fheadhainn air a bheil feum air choireigin leithid nan Eileanan Samraidh ach cuideachd stampaichean mar an fheadhainn ann an Colbhasa no Ìle aig nach eil ròl postaidh sam bith agus stampaichean sanasachd, leithid iomairtean poilitigeach. Mar eisimpleir, nuair a chaidh stampaichean a chruthachadh leis a’ Phost Rìoghail airson Alba, A’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a bha rud beag eadar-dhealaichte ri stampaichean Shasainn, cha deach stampaichean Còrnach a chruthachadh agus chur seo dragh air nàiseantaich na Cuirne agus chruthaich iad an stampa seo.

A bharrachd air seo, ge-tà, fhuair mi a-mach gu bheil an leithid de rud ann ri stampaichean rathad-iarainn cuideachd.

San àm a dh’fhalbh, dh’fhaodadh tu litir a phostadh air trèana no stèisean rèile agus bha agad ri stapma a cheannach bhon chompanaidh rèile a bharrachd air stampa àbhaisteach. Saoilidh mi gur e rud a bha seo a thòisich ann an làithean tràtha nan rathaidean-iarainn nuair nach robh siostam a’ phuist buileach cho leasaichte. San latha a th’ ann, tha bogsaichean puist anns na stèiseanan mòra uile, leithid Glaschu Mheadhain agus bidh bogsa puist gu math faisg air cha mhòr gach stèisean co-dhiù.

Lean seo air adhart gu làithean BR ach mu dheireadh thall, sguir iad. Ach chùm cuid de na rathaidean-iarainn glèidhcte orra le bhith gan dèanamh. San latha an-diugh tha an Talyllyn agus Rathad-iarainn Ffestiniog sa Chuimrigh, Rathad-iarainn Nene Valley ann an Sasainn gan dèanamh fhatathast. Tha iad rim faighinn ann an Eilean Mhanainn cuideachd agus gu dearbha, chuir mi litir dhachaigh le stampa bho mhullach Snaefell ann an Eilean Mhanainn uair.

Rud a tha inntinneach, ’s e gu bheil trèanaichean air tòrr de na stampaichean nach eil aig na rathaidean-iarainn. Mar eisimpleir, rinn Eilean Dà Bhàrr sreath de stampaichean de thrèanaichean – ged a tha an stèisean as fhaisg air san Òban!

Bha ùidh aig m’ athar nach maireann ann an stampaichean agus bhiodh rudan mar seo air còrdadh ris glan! Bhiodh e a’ cruinneachadh stampaichean co-cheangailte ri Esperanto – an cànan eadar-nàiseanta anns an robh e fileanta, agus stamapichean bho dhùthchannan beaga a b’ àbhaist a bhith anns an USSR leithid Latbhia is Lituania agus eileanan beagan leithid Eilean Ascension agus Alderney.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

The Next Stop’s Kirkcaldy – turas dhan rathad-iarainn as falachaidh an Alba

Le alasdairmaccaluim

Thoisich mi am bloga seo bho chionn fhada air an t-saoghal leis an amas a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – beag is mòr.

Chaidh mi air a h-uile loidhne san lionra nàiseanta agus air a h-uile rathad-iarainn glèidhte bhon uair sin agus cha robh e doirbh idir. Cha robh e a cheart cho furasta a dhol air gach meanbh-rathad-iarainn (miniature railway) ge-tà.

Meanbh rathad-iarainn Chair Chaladainn
Meanbh-rathad-iarainn Cair Chaladain, 8/4/23

Mar as trice, cha bhi meanbh-loidhnichean a’ ruith gu tric agus gu h-eachdraidheil, cha robh dad aca air an eadar-lìon no sna meadhanan sòisealta agus mar sin tha e gu math tric cianal doirbh faighinn a-mach cuine a tha iad a’ ruith mur eil thu a’ fuireach san sgìre sin.

Tha aon mheanbh-rathad-iarainn a bha gu sònraichte doirbh faighinn a-mach mu dheidhinn – am fear ann am Pàirc Beveridge ann an Cair Chaladain.

Sgrìobh mi gu Miniature Railway magazine, chuir mi fios gu daoine a tha an sàs ann an rathaidean-iarainn beaga agus bhruidhinn mi ri daoine as aithne dhomh a tha a’ fuireach ann am Fìobh agus fad bhliadhnaichean, cha chuala mi dad air ais. Cha robh fhios aig duine sam bith mu dheidhinn.

Lorg mi bhidio air YouTube den loidhne bho chionn beagan bhlaidhnaichean agus sgrìobh mi dhan neach a thog e a’ faighneachd an robh fios sam bith aca mu dheidhinn – ach thuirt iad gur ann glè glè ainneamh a bhiodh e a’ ruith is nach robh fios sam bith a bharrachd aca…

An uair sin, cha chuala mi dad a bharrachd fad beagan bliadhnaichean – gus am faca mo charaid is co-obraiche Michaela, a tha a’ fuireach san Rìoghachd – artagal mu dheidhinn san East Fife Mail.

A bharrachd air sin, tha làthaireachd aca air Facebook a-nis cuideachd.

Leugh mi an sin gum biodh iad a’ ruith air an Disathairne aig àm na Càisge agus cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol ann airson a dhol air an rathad-iarainn rùnach seo!

Chaidh mi air an trèana eadar Glaschu is Dùn Èideann taobh Shotts agus an uair sin eadar Dùn Èideann gus Cair Chaladain. Bha latha blàth grianach brèagha ann agus bha an turas math fhèin. Seallaidhean àlainn de na monaidhean ann am meadhan na h-Alba agus an uair sin den tràigh ann am Fìobh.

Cha robh mi ann an Cair Chaladain bho na 80an agus chaidh mi air cuairt bheag timcheall air a’ bhaile mus deach mi dhan phàirc agus feumaidh mi a ràdh gun do chòrd am baile rium gu mòr.

Tha Pàirc Beveridge gu math mòr agus gu math breàgha le tòrr shlighean coiseachd agus loch mòr. Mhothaich mi gun robh ciuatha mòr ann – bha còrr is 150 duine a’ feitheimh ris an trèana bheag às dèidh dhan artagal nochdadh san East Fife Mail. Leis nach robh ach aon choidse ann, bha mi a’ feitheimh fad còrr is uair a thìde gu leth airson a dhol air an trèana (is math gun robh deagh leabhar claisneachd agam!).

Meanbh rathad-iarainn Chair Chaladainn

Mu dheireadh thall, bha an turas agam gu bhith ann. Dh’fhalbh an còignear a bha air thoiseach orm air an trèana agus bha mi gu bhith a’ dol air an ath thrèana. An uair sin, bha brag ann agus thàining an trèana gu stad obann. ’S ann a bha an trèana air a dhol far nan rèilichean mar thoradh air rèile bhriste!

“Tha sinn duilich” thuirt an neach a bha a’ cruinneachadh an airgid – “feumaidh sinn an loidhne a charadh. Thigibh air ais a-màireach.”

Às dèidh dhomh feuchainn ri turas fhaighinn air an rathad-iarainn fad còrr is 12 bliadhna, cha d’ fhuair mi cothrom fhathast, Ach tha mi fortanach gum faca mi an trèana a’ ruith air an loidhne le mo dhà shùil agus gun do thog mi dealbh no dhà. Tha mi an dùil is an dòchas gum faigh mi cothrom a dhol air an loidhne bheag seo latha eile agus nach toir e 12 bliadhna eile.

Alasdair

Air m’ fòn: Pink Floyd “Meddle” (1971).


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Dèan mar-tha e! Ath-fhogladh loidhne Inbhir Ghreinnse

Le alasdairmaccaluim

Tha loidhne Inbhir Lìobhann ann am Fìobh gu bhith ag ath-fhosgladh ann am beagan mhìosan.

Tha sin a’ togail ceist dhomh agus do luchd-iomairt eile: dè an ath loidhne a bu chòir ath fhosgladh?

Tha iomairtean làidir a’ dol air adhart aig an àm seo airson loidhnichean ùra gu Cill Rìmhinn agus Eilean/Ceann Phàdraig/Baile nam Frisealach.

Ach tha loidhne eile ann a bu chòir ath-fhogladh cuideachd ann an àite a tha air leth feumail air leasachadh agus nach biodh ro-chosgail a chionn ’s gu bheil an trac fhathast ann agus fhathast ga chleachdadh airson bathair. Gu dearbha, chaidh a dealanacadh bho chionn ghoirid.

Seo loidhne a dhùin ann nan 1968 ach a bhiodh gu math feumail san latha an-diugh – an loidhne gu Inbhir Ghrainnse.

Seo dealbh den stèisean a bh’ ann roimhe.

Clas 100, Inbhir Ghreinnse

Tha an loidhne fhathast ann agus fhathast ga cleachdadh gu mòr agus tha làrach an stèisean fhathast ann cuideachd. Cha bhiodh obair no cosgaisean ro mhòr an lùib pròiseact ath-fhosglaidh agus tha sluagh mòr gu leòr aig a’ bhaile airson seirbheis rèile – c20,000.

‘S e an t-aon duilgheadas gu bheil an loidhne bhon Eaglais Bhric a’ tighinn bho thaobh Ghlasch mar a chithear san dealbh gu h-ìosal. Mar sin, dh’fhaodadh trèanaichean eadar-Ghlaschu, Comar nan Allt agus An Eaglais Bhreac (Baile a’ Ghreumaich) a dhol air adhart gu Inbhir Ghrèinnse. Mar sin, bhiodh e furasta trèanaichean a ruith gu dìreach bho Ghlachu ach cha ghabhadh trèanaichean a ruith ann gu dìreach bho Dhùn Èideann. Mar sin, dh’fheumadh còrd goirid a thogail bho thaobh Dhùn Èideann den loidhne no dh’fheumadh luchd-siubhail a tha a’ dol a Dhùn Èideann an trèana fhàgail anns an Eaglais Bhric agus trèana eile a ghlacadh an sin.

Afterbrunel, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via Wikimedia Commons

Ma tha Alba ann an da-rìribh mu lùghdachadh carboin agus còmhdhail phoblach, seo an dearbh seòrsa pròiseact a bu chòir taic fhaighinn sa bhad.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Lèirmheas leabhair: Scotland’s Lost Branch Lines – Where Beeching Got it Wrong

Le alasdairmaccaluim

Leugh mi leabhar fìor mhath mu rathaidean-iarainn na h-Alba bho chionn ghoirid agus sgrìobh mi an lèirmheas seo air Goodreads. Shaoil mi gum biodh e math a chur suas air a’ bhloga, ged a tha e sa Bheurla.

In Scotland’s Lost Branch Lines – Where Beeching Got it Wrong, transport expert and activist David Spaven looks at how and why all of Scotland’s rural branch lines came to be closed.

While there is a tendency to look at all railway closures as the fault of Dr Beeching, Spaven reminds us that this is not the case. He goes on to put Beeching report into its broader historic context, looking at branch line closures under the Big Four and by BR before Beeching and at the subsequent closures in the late sixties and early seventies, many of which inot recommended by his Reshaping British Railways report.

Beeching has always been something of a folk enemy and his name is infamous even today some 60 years on. In recent years, some people have taken a revisionist view of the railway axe-man. Spaven notes that the remit handed to Beeching was somewhat narrow and was aimed purely at bringing the railways into profit and did not consider the broader socio-economic importance of the railways. However, as the book points out using a great deal of historic research and railway expertise, Beeching’s analysis could be said to be very weak even within the remit handed to him by the even more villainess Ernest Marples, Minister for Transport.

Stèisesan Chalashraid – loidhne a dhùin an Dr Olc

It has often been pointed out before that the report was based on figures taken at periods of the year that didn’t take account of seasonal traffic. The robustness of the figures has often been challenged too as has Beeching’s overoptimism that passengers would continue to use rail services from the nearest railhead following closure of their local branch line.

Spaven’s main thesis is that in addition to these weaknesses, Beeching also failed to consider measures short of closure which could have allowed the maintenance of branch lines. Looking at a range of case studies including Ballater, Peterhead/Fraserburgh, Ballachulish, Crieff, Callander, Peebles and the Fife Coast line amongst others, the author argues that the potential of costs savings through de-staffing stations, singling tracks, closing little-used stations and reducing the numbers of manual level crossings and signal boxes could have radically reduced the cost of running many of the lines. Increased service levels using modern DMUs would also have helped, increasing the attractiveness of rail travel, particularly if combined with improved promotion and fare reform.

It is recognised that some railways were so uneconomic as to have been candidates for closure in any situation, however, many others are shown to have had a lot more life in them at the time of closure.

The book finishes with chapters on lessons learnt and the future of branch lines. The latter looks at the most likely future reopenings and the potential of tram-trains and the integration of railways with official ScotRail coach services.

While Spaven isn’t expecting a revolution in building new branch lines in Scotland any time soon, he is relatively optimistic about the future and puts forwards many good suggestions. One of the compelling ideas of the book is that there was a fatalism about the railways in the 1960s, shared by the public, railway workers, politicians and trade unions alike that railways were largely a thing of the past and their decline inevitable. This led to pessimism about saving lines and failure to consider alternatives to closure.

With congested cities and the environmental crisis, the pendulum is turning in the other direction with a widely shared view that railways and public transport in general are the way forward. Opening or reopening railways is a slow, difficult and expensive business but this spirit of the age
makes for a hopeful future. We’re soon to see the Leven Line reopen. Where will be next? St Andrews? Ellon/Peterheid/Fraserburgh?

Finally, Spaven also proves that it is still OK to see Beeching as a baddie!

This book is not only a fascinating read, but contains many photographs, many from Spaven’s own collection and has a table with the dates of closures of the different branch lines which readers are likely to find themselves referring back to often.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh a-muigh) – Aithisg na co-chomhairle

Le Oifigear Gàidhlig

Às dèidh co-chomhairle, tha Liz Nic a’ Ghobhainn BPA air am moladh deireannach aice airson Bile Buill a chur a-steach gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig òigridh air foghlam a-muigh: Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh a-muigh) (Alba): Moladh airson Bile gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine òga, gu sònraichte sa chiad cheithir bliadhna den àrd-sgoil, … Leugh an corr de Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh a-muigh) – Aithisg na co-chomhairle

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Comataidh Phàrlamaideach ann an Uibhist

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainiteachd Shòisealta Pàrlamaid na h-Alba air turas rannsachaidh ann an Uibhist an-diugh is a-màireach. Tha seo mar phàirt den rannsachadh aca air obair phàrantan agus bochdainn chloinne. Faodaidh tu turas na Comataidh a’ leantainn air Twitter air cunntas na Comataidh @SP_SJSS, @ParlAlba agus air @Engage_SP – sgioba com-pàirteachaidh na Pàrlamaid. … Leugh an corr de Comataidh Phàrlamaideach ann an Uibhist

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico