Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.
Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.
Alasdair

Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Bha tòrr a’ dol ann an Glaschu a thaobh còmhdhail sheasmhach an t-seachdain seo rè COP26.
Tha gu leòr air a bhith ag ràdh nach robh ann an COP ach cop agus nach deach gu leòr a dhèanamh. Nuair a sgrìobh mi seo bha sinn fhathast a’ feitheimh ris an aonta mu dheireadh.
Ach bha COP26 math air co-dhiù aon rud – a’ taisbeanadh còmhdhail sheasmach den t-seòrsa a bhios a dhìth oirnn san àm ri teachd.
Tha an Riaghaltas ag amas air lìonra rèile na h-Alba air fad a dhì-charbonachadh ro 2035. Nì iad seo tro bhith a’ cur uèirichean dealain an àirde airson a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann an Alba. Ach gus an tachair sin, agus airson nam beagan loidhnichean far nach biodh sin prataigeach (Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath, Loidhne a’ Chaoil is Loidhne na Gàidhealtachd an Iar), bithear a’ cleachdadh trèanaichean dealanach le bataraidhean agus trèanaichean hàidhdreaidein.
Bha an dà chuid trèana dhealanach agus trèana hàidhdeaidein gan taisbeanadh aig Stèisean a’ Mheadhain rè COP agus rinn iad tursan gach latha airson daoine aig COP26 airson sealltainn dhaibh mar a bha an teicneòlas ag obair.
Cha robh mi cudromach gu leòr gus cuireadh fhaighinn airson a dhol orra ach chaidh mi a-mach air safari rèile gus am faicinn.
Seo an trèana hàidhdeaidein “Hydroflex” air Cearcall Cathcart agus seo an trèana bataraidh (D-train – seann trèana tiùb Lunnainneach ’suas-chuairtichte’) ann an Crois mo Liubha.
Ann am meadhan a’ bhaile, bha tòrr bhusaichean dealanach rim faicinn, a’ gabhail a-steach busaichean shuttle gu COP26 agus am bus eadar na stèiseanan uile. Chaidh mi air a bhus eadar Stèisean a’ Mheadhain agus Stèisean Sràid na Banrighinn agus bha e samhach, luath is spaideil.
Tha e math adhartas fhaicinn. Thathar a’ dealanachadh loidhne Chille Bhrìde an Ear an-dràsta fhèin is tha an Riaghaltas dìreach air aontachadh loidhne Barrheid a dhealanachadh cuideachd. Agus tha busaichean dealanach air fàs gu math cumanta sa bhaile a-nis cuideachd. Thòisich busaichean dealanach aig First Bus gu Milton bho chionn cha mhòr dà bhliadhna agus sna beagan sheachdainean a dh’fhalbh tha iad air fàs tòrr nas cumanta le tòrr aca a-nis aig companaidh busaichean McGills ann an Glaschu is Schd Rinn Friù.
B’ fheàrr leam gun robh adhartas cho mòr is cho luath seo ga dhèanamh air a h-uile rud eile sa cho-labhairt!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Bidh fios aig daoine a tha a’ leughadh a’ bhloga seo gu tric gu bheil mi uamhasach deidheil air busaichean-tràilidh (trolleybuses).
’S e a th’ ann am bus-tràilidh ach bus dealanach a tha a’ ruith air dealain bho uèirean. B’ àbhaist dhaibh a bhith gu math cumanta san RA, a’ gabhail a-staigh siostaman ann an Glaschu, Caerdydd, Beal Feirste, Lunnainn agus tòrr shiostaman ann am meadhan agus thaobh a tuath Shasainn.
Ged nach eil siostam sam bith air fhàgail an seo a-nis, tha iad fhathast gu math cumanta ann am meadhan agus taobh an ear na h-Eòrpa.
Tha busaichean-tràilidh nas uine na busaichean dealanach àbhaisteach oir chan fheum iad bataraidhean troma.
Ach dè th’ ann an làraichean-tràilidh?
Anns a’ Ghearmailt, tha deuchainn a’ dol air adhart air làraidhean-tràilidh. ’S e a th’ annta ach làraidhean a tha a’ ruith air uèirean os cionn nan rathaidean-mòra. Is urrainn dhaibh ruith air an dealan agus bataraidhean a teàirrdseadh cuideachd.
Seo bhideo a rinn an YouTubaiche Tom Scott mun chuspair.
Tha mi an dòchas gun obraich an deuchainn seo agus gum faic sinn làraichean dealanach den t-seòrsa seo – agus gu dearbha busaichean-tràilidh an seo ann na Alba ann an ùine nach bi fada.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tha tòrr dhaoine air a bhith ag ràdh air na meadhanan sòisealta na bu toil leotha fhaicinn bho ChOP26. Seo na beachdan agam air na ceuman còmhdhail a bu toil leam fhaicinn.
Sa bhad:

Sa mheanan-ùine:
Dè bu toil leat fhèin fhaicinn?
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico