Oh the humanity! Trèanaichean hàidhdreaidein (agus bataraidh) aig COP26 #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bha tòrr a’ dol ann an Glaschu a thaobh còmhdhail sheasmhach an t-seachdain seo rè COP26.

Tha gu leòr air a bhith ag ràdh nach robh ann an COP ach cop agus nach deach gu leòr a dhèanamh. Nuair a sgrìobh mi seo bha sinn fhathast a’ feitheimh ris an aonta mu dheireadh.

Ach bha COP26 math air co-dhiù aon rud – a’ taisbeanadh còmhdhail sheasmach den t-seòrsa a bhios a dhìth oirnn san àm ri teachd.

Tha an Riaghaltas ag amas air lìonra rèile na h-Alba air fad a dhì-charbonachadh ro 2035. Nì iad seo tro bhith a’ cur uèirichean dealain an àirde airson a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann an Alba. Ach gus an tachair sin, agus airson nam beagan loidhnichean far nach biodh sin prataigeach (Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath, Loidhne a’  Chaoil is Loidhne na Gàidhealtachd an Iar), bithear a’ cleachdadh trèanaichean dealanach le bataraidhean agus trèanaichean hàidhdreaidein.

Clas 230 BEMU (‘Battery Electric Multiple Unit’), Crois mo Liubha, Glaschu

Bha an dà chuid trèana dhealanach agus trèana hàidhdeaidein gan taisbeanadh aig Stèisean a’ Mheadhain rè COP agus rinn iad tursan gach latha airson daoine aig COP26 airson sealltainn dhaibh mar a bha an teicneòlas ag obair.

Cha robh mi cudromach gu leòr gus cuireadh fhaighinn airson a dhol orra ach chaidh mi a-mach air safari rèile gus am faicinn.

Seo an trèana hàidhdeaidein “Hydroflex” air Cearcall Cathcart agus seo an trèana bataraidh (D-train – seann trèana tiùb Lunnainneach ’suas-chuairtichte’) ann an Crois mo Liubha.

Clas 799 (HMU – Hydrogen Multiple Unit)

Ann am meadhan a’  bhaile, bha tòrr bhusaichean dealanach rim faicinn, a’  gabhail a-steach busaichean shuttle gu COP26 agus am bus eadar na stèiseanan uile. Chaidh mi air a bhus eadar Stèisean a’ Mheadhain agus Stèisean Sràid na Banrighinn agus bha e samhach, luath is spaideil.

Tha e math adhartas fhaicinn. Thathar a’ dealanachadh loidhne Chille Bhrìde an Ear an-dràsta fhèin is tha an Riaghaltas dìreach air aontachadh loidhne Barrheid a dhealanachadh cuideachd. Agus tha busaichean dealanach air fàs gu math cumanta sa bhaile a-nis cuideachd. Thòisich busaichean dealanach aig First Bus gu Milton bho chionn cha mhòr dà bhliadhna agus sna beagan sheachdainean a dh’fhalbh tha iad air fàs tòrr nas cumanta le tòrr aca a-nis aig companaidh busaichean McGills ann an Glaschu is Schd Rinn Friù.

B’ fheàrr leam gun robh adhartas cho mòr is cho luath seo ga dhèanamh air a h-uile rud eile sa cho-labhairt!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico