Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBC

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh ag iarraidh gum bi guth Albannach nas làidire aig a’ BhBC agus gum bi iad a’ dèanamh comharrachadh nas soilleire air cumhachdan tiomnaichte ann an craoladh nan naidheachdan Feumaidh barrachd ghuthan Albannach a bhith aig a’ BhBC ag innse sgeulachdan Albannach, feumaidh iad a bhith nas soilleire mu chùisean tiomnaichte agus glèidhte nan … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh guth Albannach nas treasa aig a’ BhBC

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraichean

Le Oifigear Gàidhlig

20 Gearran 2026 Tha coimhearsnachdan dùthchail fhathast a’ fulang le cnapan-starra a chuireas bacadh air ruigsinneachd air seirbheisean riatanach, a’ gabhail a-steach cùram slàinte, cùram cloinne, taic speisealta, comhairle laghail agus còmhdhail phoblach, a rèir aithisg ùr bhon Chomataidh Co-ionannachd, Còraichean Daonna agus Ceartas Catharra aig Taigh an Ròid. Chaidh a lorg cuideachd gu bheil … Leugh an corr de Fios naidheachd: Gnìomh cuimsichte a dhìth gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine ann an sgìrean dùthchail gu seirbheisean, cothroman agus còraichean

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Taigh an Ròid a’ sireadh dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 

Le Oifigear Gàidhlig

Dè do bheachd air na molaidhean a tha gan cur an cèill ann an dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba? A bheil iad a’ dol fada gu leòr? A bheil iad mionaideach gu leòr? Dè an còrr a ghabhas dèanamh gus a bhith cinnteach gun ruig Alba a targaidean a thaobh cothromachadh-carboin?   Tha Pàrlamaid na h-Alba … Leugh an corr de Taigh an Ròid a’ sireadh dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Achd a tha ag amas air cleachdadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL) a bhrosnachadh ann an Alba air beatha làitheil luchd-cleachdaidh BSL a leasachadh gu mòr, a rèir aithisg le BPAan air Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartas Catharra Thaigh an Ròid. Dh’innis luchd-ùidh don Chomataidh gu bheil an Achd air BSL a dhèanamh nas … Leugh an corr de Fios naidheachd: Lagh Cànan Soidhnidh na bhuannachd air leth, ach tha dùbhlain ann fhathast

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh gu bhith air an coileanadh 

Le Oifigear Gàidhlig

Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh fearainn gu bhith air an coileanadh, a rèir Comataidh Cothromachadh-carboin, Lùth is Còmhdhail aig Taigh an Ròid, ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.   Leugh aithisg Ìre 1 na comataidh air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba).  … Leugh an corr de Fios naidheachd: Feumar atharrachadh mòr a thoirt air Bile Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba), ma tha amasan poileasaidh gu bhith air an coileanadh 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Bile Foghlam Còmhnaidh a-muigh a’ faighinn taic Comataidh Thaigh an Ròid

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Bile air taic fhaighinn bho chomataidh aig Taigh an Ròid a leigeadh le gach sgoilear ann an sgoiltean stàite agus sgoiltean taic-airgid co-dhiù ceithir oidhcheannan agus còig latha de dh’fhoghlam còmhnaidh a-muigh a dhèanamh rè an ama san sgoil. Às dèidh bhòt, dh’aontaich buill na Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga ri prionnsapalan coitcheann … Leugh an corr de Fios naidheachd: Bile Foghlam Còmhnaidh a-muigh a’ faighinn taic Comataidh Thaigh an Ròid

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh an Ionmhais agus Rianachd Phoblaich aig Pàrlamaid na h-Alba “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach.  Anns an aithisg sgrùdaidh ro-bhuidseit aca a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ chomataidh ag ràdh nach eil “mòran fianais idir” ann gu bheil dealbhadh ionmhasail meadhan-ùine agus fad-ùine a’ tachairt. Ged a … Leugh an corr de Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid “anabarrach draghail” mu dhòigh-obrach ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba a thaobh ionmhas poblach

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd – Dìth aonta mu mhaoineachadh air cur ri dàil an A9 

Le Oifigear Gàidhlig

Chuir dìth aonta air an uiread agus an seòrsa maoineachaidh a bha ri fhaighinn gu mòr ris an adhbhar nach deach targaid 2025 airson dùblachadh an A9 a ruigsinn.   Seo buil aithisg ùire bho Chomataidh Com-pàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil a’ Chomataidh fhathast iomagaineach … Leugh an corr de Fios naidheachd – Dìth aonta mu mhaoineachadh air cur ri dàil an A9 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh an Iomhais ann an Dùn Dè

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Ionmhais Taigh an Ròid a’ tadhal air Oilthigh Dhùn Dè gus ionnsachadh mu na tha saidheansan-beatha a’ cur ris an eaconamaidh  Tadhlaidh BPA bho Chomataidh Ionmhais is Rianachd Phoblaich Pàrlamaid na h-Alba air Oilthigh Dhùn Dè nas fhaide an-diugh (Diardaoin 29 Lùnastal). Ionnsaichidh a’ chomataidh thar-phàrtaidh de BPA mun chuideachadh a dh’fhaodas rannsachadh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh an Iomhais ann an Dùn Dè

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh bheachdan air na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh airson Foghlam na h-Alba

Le Oifigear Gàidhlig

Dè a’ bhuaidh a bhios aig na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh ann am Bile an Fhoghlaim (Alba)? Tha clann, daoine òga, tidsearan, pàrantan agus eòlaichean foghlaim am measg an fheadhainn a gheibh cuireadh am beachdan a thoirt gu Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh am Bile a thoirt a-steach le … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh bheachdan air na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh airson Foghlam na h-Alba

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba