Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Air ais san Iuchair, bha an teaghlach air làithean saora ann an Seahouses ann an Northumberland agus fhad ’s a bha sinn ann, chleachd mi an cothrom a dhol air loidhne glèidhte meadhanach ùr a tha air a bhith air an liosta agam fad beagan bhliadhnaichean a-nis.
Is e sin an Aln Valley Railway a tha ag amas air an rathad-iarainn ath-fhosgladh eadar Alnmouth, aig a bheil stèisean air Prìomh Loidhne a’ Chosta an Ear, agus baile margaidh Alnwick (‘Annick’), baile a tha gu math mòr-chòrdte do luchd-turais le caisteal is garaidhean is eile.
Airson a dhol ann, bha agam ri bus fhaighinn. Tha stèisean rèile meadhanach faisg air Seahouses aig Chathill, ach chan eil ach dà thrèana ann gach latha – trèana tràth sa mhatainn agus trèana caran anmoch feasgar is mar sin, chan eil cus feum air.
Mar sin, fhuair mi am bus, an X18 a tha a’ ruith eadar Bearaig agus an Caiseal Nuadh. Is e sgìre àlainn a th’ ann agus mar sin, bha mi air mo dhòigh ghlan gur e bus dà-ùrlar a bh’ ann oir fhuair mi fìor dheagh sheallaidhean den àite bho shuas an staidhre – a’ mhuir, achaidhean, callaidean, flùraichean fiadhaich is eile. Chaidh am bus air tòrr rathaidean beaga agus chaidh e gu tòrr mòr bailtean beaga breatha. Bha e sgoinneil dhomh mar neach-turais a bha airson an t-àite fhaicinn, ach thug e uair a thìde an taca ri leth uair a thìde sa chàr – rud nach eil cho freagarrach do mhuinntir an àite. Mar a tha fìor an Alba, tha feum air siostam còmhdhail tòrr nas fheàrr ann an sgìrean dùthchail.
Aig deireadh an turais, bha e caran doirbh an rathad-iarainn a lorg.
B’ àbhaist dhan rathad-iarainn a bhith a’ ruith a-steach gu stèisean mòr àlainn ann am meadhan a’ bhaile gus an do dhùin an loidhne ann an an 1968. Gu mì-fhortanach, chaidh obair leudachaidh mòr a dhèanamh air rathad an A1 bhon uair sin agus bhiodh e uamhasach fhèin doirbh is cosgail a dhol a-steach gu meadhan a’ bhaile a-rithist.
Mar sin, tha an loidhne a’ tìoseachadh ann an stèisean ùr air a bheil “Alnwick Lionheart” ann an ionad gnìomhachais air iomall a’ bhaile. Tha e doirbh a lorg agus chan eil an turas ann air chois uamhasach snog – ach ma shoirbhicheas leis an loidhne, dh’fhaodte gun tèid seirbheis bus no mini-bus a chur air dòigh dhan loidhne gus am bi e nas fhasa faighinn ann.
Ach nuair a lorgas tu an stèisean, tha e dìreach àlainn agus tha e doirbh creidsinn gur e stèisean gu tur ùr a th’ ann. Tha dà àrd-ùrlar, seada einnsein, cafè agus taigh-tasgaidh beag ann cho math ri bogsa-siognail mòr ùr.
Bha mi air mo dhòigh glan oir ’s e latha diosail a bh’ ann. Agus chan e dìreach trèana dìosail sam bith a bh’ ann ach Pacer!

Mur eil fhios agad dè th’ ann am Pacer, tha e furasta am mìneachadh: bus air chassis trèana! Chaidh an dèanamh le BR a’ cleachdadh busaichean Leyland National air cuibhlichean rèile anns na 80an gus airgeadh a chaomhnadh.
Bha iad saor a dhèanamh is saor a ruith aig àm nuair a bha BR cho falamh ri sporan an Sgìtheanaich agus bha BR comasach air tòrr loidhnichean beaga a chumail a’ dol mar thoradh orra. Ach, cha robh an luchd-siubhail measail orra. Sa chiad dol a-mach, cha robh ach ceithir cuibhle orra an àite ochd (ann an dà bhògaidh) agus mar sin, cha robh iad math air lùban san trac agus rinn iad fuaim uabhasach. Agus a bharrachd air seo, bha seataichean bus ann agus cha robh iad ro chomhartail is bha droch suspension ann. ’S e Nodding Donkeys a bh’ aig daoine orra mar thoradh air seo.
Chaidh an toirt à seirbheis eadar 2019 agus 2021 leis an trèna mu dheireadh a’ ruith air an lìonra nàiseanta san Ògmhios 2021 agus chaidh grunn aca a ghlèidheadh. Bha e caran neònach a bhith a’ ruith air trèana ghlèidhichte a bha dìreach air tighinn à seirbheis bho chionn beagan làithean. Agus dhomhsa, ’s e trèanaichean ùra a th’ annta fhathast oir tha deagh chuimhne agam nuair a chaidh an toirt a-steach sna 1980an.
Ach leis gur e trèana meadhanach ùr a bh’ innte, bha e a’ sealltainn mar a bhiodh cùisean nan robh seirbheisean trèana cunbhalach a’ ruith air an loidhne airson còmhdhail phoblach a-rithist.
Tha an loidhne mu mhìle gu leth a dh’fhaid aig an àm seo agus thathar a’ togail stèisean aig Drochaid Greenrigg a tha mu letheach slighe eadar Alnwick agus Alnmouth.

Tha an stèisean cha mhòr deiseil agus nuair a dh’fhosglas e, bidh e comasach coiseachd gu Alnmouth. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an latha sin!
Tha an loidhne a’ dol tro achaidhean is coilltean a tha gu math àrd agus pìos air falbh bho na rathaidean agus mar sin, ged a tha i goirid, tha i brèagha.
Tha mi air a bhith air iomadh loidhne ghlèidhchte thar nam bliadhnaichean, agus tha na saor-thoilich daonnan laghach ach bha na saor-thoilich seo gu sònraichte laghach air an loidhne seo.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Le Gordon Wells
Independent Gaelic consultant Kirsty Macdonald, from Claddach Illeray in North Uist, talks to Gordon Wells.
Patronymics (and a DNA test) reveal a long Gaelic-speaking lineage on her father’s side, while her mother first moved to Uist to learn the language, then marrying and settling down. From a family of teachers, Kirsty had a difficult relationship with education in her school years, but found her passion for Gaelic ignited when she left Uist to study, first at Sabhal Mòr Ostaig, and then Edinburgh University.
Talking to Gordon, she also fleshes out some of her memories and thoughts recently published in her very popular article on “Getting closer to home from a journey away” in the West Highland Free Press, highlighting the treasures of Tobar an Dualchais, and the importance in her eyes of discussing and addressing the concerns of Gaelic speakers in the vernacular community – a topic of current debate.
YouTube “closed caption” videos are enabled here, so viewers have the choice of reading the Gaelic subtitles while they watch and listen. You can also, if you wish, get automatic machine translations of these into English and many other languages through the Settings menu.
A wordlinked transcript with embedded video is available on Clilstore via this link: https://multidict.net/cs/9629.
This is part of the Stòras Beò nan Gàidheal project in which the UHI Language Sciences Institute with Sabhal Mòr Ostaig and Soillse, together with Irish partners, record the natural speech of Irish and Scottish Gaelic speakers in their own communities with user-friendly equipment and techniques. Alasdair MacDonald, Kirsty’s dad, is already on the Stòras Beò site, but Kirsty’s final words indicate there’s yet more to come from that quarter… Watch this space!
Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean
Powered by WPeMatico
Le lasairdhubh
Bha mi air mo dhòigh ghlan a chluinntinn gun deach Tinte na Fairge Duibhe a chur ris an geàrr-liosta dhan duais Gradam de Bhaldraithe am bliadhna aig Oireachtas na Gaeilge (am Mòd ann an Èirinn). ’S e Gradam de Bhaldraithe an duais aca dhan leabhar eadar-theangaichte as fheàrr agus mealaibh-ur-naidheachd air an eadar-theangaichear, Eoin P. Ó Murchú, agus air an fhoillsichear, Darach Ó Scolaí, aig Leabhar Breac. Nach math a rinn iad!!
Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico