Rathaidean-iarainn Arainn!

Le alasdairmaccaluim

Tha ùidh mhòr agam ann an rathaidean-iarann eileanach agus tha mi air sùil a thoirt air tramaichean ann an Eilean Bhòid agus air meanbh-rathaidean iarainn ann am Bòd agus Cumaradh. Cha robh leisgeul agam coimhead air Eilean Arainn gu ruige seo, ge-tà,  oir cha robh rathad-iarainn riamh ann.

Ach tha mi air làithean-saora ann an Traigh a’ Chaisteil agus lorg mi leabhar san taigh sa bheil mi a’ fuireach– the Arran Bus Book (1983) – a tha ag aithris air plana a bh’ ann uair gus rathad-iarainn a thogail ann an taobh a deas an eilein.

Mapa den mholadh airson rathad-iarainn ann an Arainn

Bha na molaidhean seo mar phàirt de dh’aithisg Phàrlamaideach Report of the Rural Transport (Scotland) Committee 1919. Chaidh seo a mholadh gus piseach a thoirt air eaconomaidh agus còmhdhail taobh a deas an eilein agus mar phàirt de dh’iomairt gus còmhdhail nas fheàrr a chur air dòigh eadar Àird Rosain, Arainn, Ceann Tìre agus Ìle.

Cha tàinig na planaichean gu buil mar ach tha e fìor inntinneach gun robhar fiù ’s a bruidhinn air an leithid.

Agus chuir seo uile nam chuimhne gun robh pròiseact ann uair gus Taigh-tasgaidh Còmhdhail fhosgladh ann an Cladach, ann an Arainn sna 80an. Chan eil mi cinnteach an do dh’fhosgail an taigh-tasgaidh riamh. Leugh mi gun deagh seann trèana subway à Glaschu a thoirt dhan eilean mar phàirt de seo ach gun deach fhàgail taobh a-muigh sabhal ann an Coire Ghoill (Corriegills) gus an do thuit e às a’ chèile. Cha d’ fhuair mi riamh greim air dealbh den charbad ann an Arainn gu mì-fhortanach.

Fear de na carbadan tusail aig Subway Ghlaschu (ann an seirbheis 1896-1977). Chaidh fear dhiubh gu Eilean Arainn a rèir coltais – saoil a bheil dealbh sam bith aig duine sam bith?

A rèir coltais, b’ e ùghdar an Arran Bus Book, fear Berni Mitchell-Luker, a bha air cùl nam planaichean gus taigh-tasgaidh a stèidheachadh san eilean. Rinn mi beagan rannsachadh air-loidhne agus lorg mi iomradh-bàs Mhgr Mitchell-Luker san Arran Banner (10/3/2018)

Bha seo ann:

B’ e seo an càr subway. Agus a rèir an aon artagail, ’s ann ann an Taigh nam Bàtaichean ann an Cladach a bha an Taigh-tasgaidh agus bha e ann goirid às dèidh dhan leabhar tighinn a-mach.

A bheil barrachd fiosrachaidh aig duine sam bith mun chàr subway ann an Arainn? Bhiodh e uamhasach math dealbh fhaicinn dheth!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Ceithir Bliadhna Deug

Le Oifigear Gàidhlig

Tha an t-oifigear foghlam againn le Gàidhlig Mairead NicEacharna gu bhith a’ leigeil dhi a dreuchd a dh’aithghearr. San artaigil seo, tha i a’ coimhead air cuid de na h-àiteachan a chunnaic i tron obair aice. Ma tha Gàidhlig agad agus tu airson a bhith nad oifigear foghlaim còmhla ruinn, faic am fiosrachadh seo. Às … Leugh an corr de Ceithir Bliadhna Deug

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh #SeachdainNaGaidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

A bheil thu a’ coimhead air adhart ri Seachdain na Gàidhlig? Tha sinne! Bidh “tanc-smaoineachaidh” Pàrlamaid na h-Alba, Fòram Alba air Thòiseach no Scotland’s Futures Forum a’ gabhail pàirt le sreath de bhlogaichean Gàidhlig a choimisean iad a dh’aona-ghothach.   A’ sealltainn nas fhaide na cuairt nan taghaidhean a h-uile còig bliadhna agus air falbh … Leugh an corr de Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh #SeachdainNaGaidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week – Census #cleachdi #gàidlhig

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is Census – Cunntas sluaigh. You may recently have received … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – Census #cleachdi #gàidlhig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Taigh an Ròid ri Cathraiche ùr air Coimisean Chòraichean Daonna a chur ann an dreuchd

Le Oifigear Gàidhlig

08-03-2022 Thèid aonta a chur ri suidheachadh Ian Duddy mar Chathraiche ùr Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba leis Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo. Is e an obair a th’ aig Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba mothachadh, tuigse, agus meas farsaing air còraichean daonna a chur air adhart. Tha dùil gun tig Mgh. Duddy an … Leugh an corr de Fios naidheachd: Taigh an Ròid ri Cathraiche ùr air Coimisean Chòraichean Daonna a chur ann an dreuchd

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid a’ gairm rannsachadh air Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba

Le Oifigear Gàidhlig

01-03-2022 Tha Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba gu bhith na chuspair air rannsachadh ùr – Bho Àrd-mhiann gu Gnìomh – le Comataidh an Ionmhais agus Rianachd Phoblaich aig Taigh an Ròid. Air a thoirt a-steach an toiseach ann an 2007, tha am frèam-obrach a’ mìneachadh rùintean an riaghaltais airson a’ chomainn-shòisealta agus ‘dè seòrsa … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid a’ gairm rannsachadh air Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh soirbheachas ‘cheannardan a’ cinneachadh’ bho na mion-choimhearsnachdan eitnigeach

Le Oifigear Gàidhlig

23-02-2022 Chaidh trì-deug ‘ceannardan a’ cinneachadh’ (‘emerging leaders’) bho luchd-obrach Seirbheis Pàrlamaid na h-Alba (SPS) aithneachadh an-diugh aig tachartas teisteanais air a chumail leis an Oifigear Riaghlaidh. B’ iad an luchd-obrach a’ chiad bhuidheann a fhritheil cùrsa ùr a chruthaich Colaiste Dhùn Èideann agus Comann Luchd-foghlaim Mion-chinnidh na h-Alba (SAMEE). Bidh an cùrsa a’ toirt … Leugh an corr de Fios naidheachd: Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ comharrachadh soirbheachas ‘cheannardan a’ cinneachadh’ bho na mion-choimhearsnachdan eitnigeach

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week Blog – Cù – dog #gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is dog – cù. This week we’ll be looking at … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week Blog – Cù – dog #gàidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Molaidhean gus bacadh a chur air cleasan-teine gu bhith gan sgrùdadh le Buill

Le Oifigear Gàidhlig

11.02.2022 Thèid planaichean a nochd Riaghaltas na h-Alba gus bacadh a chur air cleachdadh chleasan-teine leis a’ phoball a bheachdachadh le Comataidh Ceartais Eucoraich Pàrlamaid na h-Alba. Tha gairm airson bheachdan ga cur air bhog an-diugh gus beachdan a thional mu na molaidhean bhon phoball agus bho luchd-ùidhe. Thèid toraidhean na h-obrach seo a chur … Leugh an corr de Fios naidheachd: Molaidhean gus bacadh a chur air cleasan-teine gu bhith gan sgrùdadh le Buill

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Pàrlamaid do na h-Uile

Le Oifigear Gàidhlig

11.02.2022 Tha an t-Oifigear Riaghlaidh aig Taigh an Ròid air sgrùdadh a chur air bhog a nì ath-bhreithneachadh air riochdachadh agus com-pàirteachadh bhoireannach ann am Pàrlamaid na h-Alba. Stèidhichte air obair a chaidh a leasachadh an dà chuid leis an Aonadh Eadar-Phàrlamaid agus Comann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis, bidh na pàrtaidhean aig Taigh an Ròid air … Leugh an corr de Fios naidheachd: Pàrlamaid do na h-Uile

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico