An Trianaid ann am Birmingham!

Le alasdairmaccaluim

Tha tòrr air a bhith sna naidheachdan bho chionn ghoirid mun Chaledonian Sleeper agus mar a tha e gu bhith a’ stad ann am Birmingham a dh’aithghearr.

Dealbh sanasachd aig Caledonian Sleeper

Leugh mi na h-aithrisean sna meadhanan mu dheidhinn ach bha e follaiseach nach robh an luchd-naidheachd builleach a’ tuigsinn na tha gu bhith a’ tachairt.

Mar sin, seo rud beag a bharrachd fiosrachaidh mun Chadalaiche.

Tha dà thrèana ann gach oidhche a tha a’ dol eadar Alba agus Lunnainn agus dà thrèana a’ dol an taobh eile eadar Lunnainn agus Alba. Bidh iad a’ ruith gach latha den t-seachdain ach a-mhàin oidhche Shathairne.

Uill, nuair a chanas mi thrèana, ’s ann a tha mi a’ cialleachadh còig trèanaichean.

Tha an Highland Sleeper ann agus an Lowland Sleeper.

Tha an Highland Sleeper – Cadalaiche na Gàidhealtachd – car coltachd ris an Trianaid – tha aon trèana ann agus tha trì trèanaichean ann aig an aon àm. Tha trèana a’ fàgail a’ Ghearasdain gach oidhche, le trèana eile a’ fàgail Inbhir Nis agus trèana eile a’ fàgail Obar Dheathain. Tha iad a’ dol gu deas mar thrèanaichean fa leth agus a’ coinneachaidh ann an Dùn Èideann far am bi na carbadan gan cur ri chèile airson a dhol air adhart gu Lunnainn còmhla.

Bidh an Lowland Sleeper – Cadalaiche na Galldachd – a’ dèanamh an aon rud, ach a-mhàin nach eil ann ach dà thrèana. Tha aon trèana a’ fàgail Glaschu agus trèana eile a’ fàgail Dùn Èideann. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an Caisteal Tarrais agus a’ dol gu deas còmhla.

Mar sin, tha e simplidh gu leòr. Agus tha an caochladh a’ tachairt air an t-slighe gu tuath.

Tha suaicheantas a’ Chadalaiche a’ rìochdachadh nan còig trèanaichean seo – le trì puingean air a’ chabar-fèidh air aon taobh agus dà air an taobh eile.

Suaicheantas a’ Chaledonian Sleeper

Mar sin, dè bhios a’ tachairt le Birmingham?

Bidh Cadalaiche na Gàidhealtachd a’ stad ann am Birmingham. Cha bhi Cadalaiche na Galldachd a’ dol ann idir.

Roimhe seo, bhiodh cadalaiche na Gàidhealtachd a’ dol faisg air Birmingham, no tro Bhirmingham ach cha bhiodh e daonnan a’ dol air na h-aon loidhnichean tro na Midlands gus am biodh barrachd sùbailteachd ann a thaobh pathing. Ach bho seo a-mach, thèid e tro Bhirmingham gach turas agus stataidh gach trèana ann am Birmingham Eadar-nàiseanta.

Stèisean Birmingham Eadar-nàiseanta far am bi an Cadalaiche a’ stad

‘S e deagh rud a tha seo – ach dè mu dheidhinn daoine air a’ Ghalldachd a tha ag iarraidh a dhol a Bhirmingham?

Ged a tha trèana a’ Ghearasdain a’ dol tro Ghlaschu Sràid na Banrigh (Ìre Iosail) agus ged a tha Cadalaiche na Gàidhealtachd air fad a’ tighinn ri chèile ann an Dùn Èideann, chan fhaodar a dhol air bòrd ann. Tha mi a’ tuigsinn seo oir nam biodh e ro fhurasta an trèana a ghlacadh aig deas, tha cunnart ann nach biodh tiocaidean gu leòr air fhàgail airson daoine a bha airson an trèana a ghlacadh aig tuath. Tha e cudromach gum bi cothrom na Fèinne aig muinntir na Gàidhealtachd agus Obar Dheathain.

ACH faodar tiocaidean a chur air dòigh bho Shruighlea (no bhon Dàil Mhòr ann am prionnsabal – cha b’ urrainn dhomh tiocaid sam bith fhaicinn bhon Dàil Mhòr air-loidhne). Mar sin, ma tha thu airson an cadalaiche fhaighinn eadar Glaschu no Dùn Èideann agus Birmingham, chan fheum thu ach trèana fhaighinn gu Sruighlea agus tha trèanaichean ScotRail ann a tha a’ ruigsinn Sruighlea ann an deagh àm gus an cadalaiche a ghlacadh.

Am bi trèana na Gàidhealtachd a’ dol gu Lunnainn fhathast?

Bidh.

Cuine a bhios an trèana a’ ruigsinn/A’ fagail Birmingham?

Bidh i a’ fàgail aig àmannan gu math goireasach – 22:42 gu tuath agus 06:20 gu deas.

A bheil suidheachain ann no am feum mi leabaidh fhaighinn?

Tha an dà chuid ann. Tha leapannan gu math daor ach tha pris nan suidheachan gu math reusanta. Gabhaidh iad ri tòrr cairtean-rèile cuideachd.

Am bi an trèana air an uair mar as trice?

Tha trèana na Galldachd air an uair mar as trice – agus gu math tric bidh i tràth. Le trèana na Gàidhealtachd, bidh dàil oirre nas trice, ach cuimhnich air seo – ’s e Delay is Repay do charaid! Ma tha thu còrr is 30 air dheireadh, gheibh thu 50% den tiocaid shingilte air ais agus ma bhios tu còrr is uair a thìde air dheireadh, mar as trice, gheibh thu an t-airgead air fad air ais. Agus ma tha thu air trèana a bhios a’ ruighinn Birmingham tràth tràth sa mhadainn co-dhiù, is dòcha gum biodh dàil goireasach!

OK – mas e an Trianaid a th’ anns ann Highland Sleeper, à-mach à trèanaichean Inbhir Nis, a’ Ghearasdain no Obar Dheathain cò an t-athair, cò am mac agus an cò an spiorad naomh?

Chan eil fhios agam!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Iomairt bheag – Caledonian Sleeper

Le alasdairmaccaluim

Gach turas a bhios mi a’ dol a Lunnainn, ’s e an trèana-oidhche, an cadalaiche “The Caledonian Sleeper” a bhios mi a’ faighinn.

Tha mi air sgrìobhadh mu dheidhinn an seo iomadh turas roimhe – ag ràdh gu bheil an trèana is an t-seirbheis sgoinneil ach gu bheil na prìsean cho àrd is nach eil an trèana idir cho practaigeach ’s a bha uair.

Fhuair mi ceisteachan air-loidhne bhon Chaledonian Sleeper an-diugh: Help shape the future of the Caledonian Sleeper.

Seo na sgrìobh mi aig an deireadh:

I’d like to see a reform of the fares. Before the new trains, travel was reasonable whether travelling by seat or having a berth. My whole family used to use it. Since the new trains came in, the fares have become too expensive for berths and it’s now too expensive for the whole family to go or for me to get a berth while travelling individually. I only now use it seated as having a berth is now more expensive than getting a day train and a hotel.

The Caledonian Sleeper needs to get the right balance between being a luxury experience for tourists and being a public transport service. Even business travel by berth is likely to be discouraged by the high costs, particularly in this post-Covid world. Given that it is subsidised by the Government, having it serve mostly as a luxury experience for tourists may make it more difficult to justify in the long term. The social and environmental benefits are more important. I’m not saying it shouldn’t be a luxury experience too, just that some reasonably priced berths should be made available again.

It would also be good to have a Saturday night service. With business being less of a key driver, I’m sure there would be no trouble filling it!

As a Gaelic speaker, I would also like to see the Caledonian Sleeper make some use of Gaelic in its branding and communications – particularly now that the Scottish Languages Bill has been passed.

Mas e is gum faigh thu an ceisteachan bhon Chaledonian Sleeper, bhiodh e sgoinneil nan toireadh tu iomradh air a’ Ghàidhlig ann cuideachd. Togar càrn mòr bho chlachan beaga!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

“Glac mi co ’s as urrainn” – busaichean, trèanaichean punc is prog ann an Lunnainn 1

Le alasdairmaccaluim

Air ais anns an Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is safari rèile gu Lunnainn.

Thòisich an latha leis an trèana caidil eadar Glaschu is Euston. Cha d’ fhuair mi mòran caidil oir bha mi ri eadar-theangachadh gus pàigheadh airson an turais!

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain
An Cadalaiche, Stèisean a’ Mheadhain – Lunnainn 400 mìle

Ach aig a’ cheann thall, ràinig mi Lunnainn gu slàn sàbhailte agus às dèidh dhomh tòrr mòr caffeine fhaighinn, rinn mi air a’ chiad rathad-iarainn ceart san t-saoghail.

Faisg air stèisean Euston an latha an-diugh, chaidh rathad-iarainn a thogail leis an innleadair Chòrnach ainmeil Richard Trevethick (1771-1833). Thog e cearcall beag de thrac ann an 1808 airson loco air an robh “Catch mi who can” agus b’ urrainn do dhaoine sam bith an teicneòlas sgoileil ùr seo fhaicinn agus a dhol air turas air an loidhne seo air an robh an “Steam Circus” air prìs tastain.

Bha Trevythick air a bhith an sàs ann an leasachadh einnseanan smùid gus mèinnean a dhrèanadh. Chruthaich e a’ chiad càr smùid cuideachd agus tagsaidh smùid agus bha e an sàs ann an diofar rathaidean-iarainn airson bathair ach b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn riamh do luchd-siubhail.

Seo dealbh den rathad-iarainn. Fad bhliadhnaichean, bhathar an dùil gun deach a dhèanamh aig toiseach an 19mh linn , ach thathar a-nis den bheachd gun deach a dhèanamh san 20mh linn.

Circus na Smùide - Euston, Lunnainn

Agus seo dealbh den trèana fhèin. Agus faodar modail obrachail fhaicinn dhì aig rathad-iarainn Severn Valley ann an Sasainn.

Cha do mhair “Circus na Smùid” ach mu dhà mhìos – bha an talamh gu math bog agus bhris rèile agus gum mì-fhortanach, cha robh airgead gu leòr aig a’ Chòrnach gus a chàradh. A dh’aindeoin na h-obrach uile a rinn Trevythick, chaochail e ann am bochdainn aig a’ cheann thall.

Ach ’s ann a dhearbhaich Trevythick gun obraicheadh rathaidean-iarainn do luchd-siubhail agus chan fhada gus an robh an Stockton is Darlington agus an Liverpool is Manchester ann.

Ged nach d’ fhuair e aithne rè a bheatha, ge-tà, tha cliù aige a-nis agus tha plac ann far an robh Circus na Smùid uair.

Plac de Richard Trevithick, Euston, Lunnainn

Thog mi dealbh no dhà agus an uair sin, rinn mi air Regent Street gus Oilthigh Westminster fhaicinn far an do choinnich Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters air cùrsa ailtireachd aig Regent Street Polytechnic, mar a bh’ air aig an àm – an triùr a chur Pink Floyd air dòigh còmhla ri Syd Barrett. Gu mi-fhortanach, thathar ag obair air an togalach agus bha sgafalachd ann agus mar sin, cha robh am plac ri fhaicinn.

Feumaidh mi a dhol ann a-rithist – agus tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil plac ann do Syd Barrett ann an Lunnainn cuideachd – thèid mi ann an ath thuras!

Seo dhealbh den phlac bhon eadar-lìon.

Ri leantainn … Big Audio Dynamite, Dire Straits, New Cross and New Cross Gate, meur-loidhne Greenford agus tram-bhusaichean.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sightsee MC – turas na Bliadhna ùire a Lunnainn

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math dèidheil air a’ Chaledonian Sleeper eadar Alba agus Lunnainn. Mar sin, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh ann am fèill-reic na Nollaig.

Fhuair mi tiocaidean eadar Glaschu agus Lunnainn air £37 gach slighe airson seataichean– abair bargan!

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain

Tha mi a’ dol ann air Diardaoin 9 Faoilleach agus a’ tighinn air ais Dihaoine 10 Faoilleach (bhithinn air a dhol ann Disathairne ach chan eil an trèana a’ ruith Disathairne airson adhbhar air choireigin).

Tha tòrr agam ri dhèanamh fhad ’s a bhios mi ann.

Tha mi a’ dol ann airson safari rèile, mar a bhiodh tu an dùil, a’ dol air loidhnichean nach do dh’fheuch mi roimhe, ach tha mi cuideachd a’ dèanamh beagan turasachd ciùil.

Tha mi gu math dèidheil air a’ Chlash agus air Big Audio Dynamite, an còmhlan aig Mick Jones às dèidh làimh. Mar sin, tha mi ag iarraidh an Trellick Tower, far an robh Mick Jones a’ fuireach uair fhaicinn. Tha an tùr ri fhaicinn sa bhideo aig B.A.D airson Sightsee MC, ann an grunn dealbhan sanasachd aig a’ chomhlan agus cuideachd air dealbh comhdach an LP TIghten Up Vol 88 aca, ann an dealbh a pheant Paul SImonon (cluicheadair beus a’ Chlash) dhaibh.

Tighten up Vol 88 – chithear an Westway agus an Trellick Tower.

Air taobh deas na h-aibhne, tha mi airson a dhol a dh’fhaicinn beagan a bharrachd eachdraidh ciuìl – am plac air a’ flat ann an Deptford far an robh David Knopfler agus John Illsley a’ fuireach agus far an do stèidhich iad Dire Straits còmhla ri Mark Knopfler. Còmhla ri iomadh rocair eile, bha Dire Straits nan gateway drug dhomh a-steach gu ceòl roc cruidh is meatailt!

Agus ann am meadhan a’ bhaile tha mi a’ dol gu Sràid Regent far a bheil plac ann a’ comharrachadh gun robh Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters nan oileanaich ann aig Regent Street Poly (Oilthigh Westminster a-nis) nuair a stèidhich iad Pink Floyd. 

A thaobh còmhdhail, tha mi airson a dhol air meur-loidhne Greenford far a bheil iad a’ dèanamh deuchainnean air trèanaichean bataraidhean-dealanach.

Agus tha mi airson an uiread ‘s a ghabhas den Overground a dhèanamh a-nis. Am measg àiteachan eile, tha mi a’ dol gu Chrystal Palace far a bheil busaichean dealanach ùra a tha a’ coimhead coltach ri tramaichean.

Abair turas math a bhios ann! Nì mi aithris an seo air mar a chaidh dhomh às dèidh làimh.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Le èiginn ar n-èirigh às ar suain – aiseirigh na “leabaidh-trèana”?

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghiorid gum bi an Cadalaiche Caileanach – an Caledonian Sleeper – a’ tighinn air ais dhan roinn phoblaich a dh’aithghearr.

An Caledonian Sleeper, Glaschu Mheadhain (GLC)

Dè th’ anns a’ Chadalaiche agus dè dh’fhaodadh seo a bhith a’ ciallachadh?

Dè th’ anns a’ Chadalaiche? ’S e a th’ ann ach trèana oidhche a bhios a’ dol eadar Alba agus Lunnain. Tha dà thrèana eadar-dhealaichte ann – Cadalaiche na Galldachd (à Glaschu is Dùn Èideann) agus Cadalaiche na Gàidhealtachd (à Obar Dheathain, Inbhir Nis is an Gearastan). Bidh na trèanaichean a’ ruith a h-uile oidhche ach a-mhàin Disathairne.

Cò tha a’ ruith a’ Chadalaiche? Tha dà fhranchise rèile eadar-dhealaichte ann an Alba – ScotRail agus Caledonian Sleeper. Tha an Cadalaiche ga ruith le Serco agus tha ScotRail a-nis ga ruith leis an stàit.

Bha an Cadalaiche na phàirt de ScotRail suas ri 2015 agus an uair sin, rinneadh franchise fa-leth dheth. Bha na trèanaichean aosta agus bhathar a’ faireachdain aig an àm gum biodh franchise fa leth na b’ fheàrr gus tasgadh fhaighinn ann an trèanaichean ùra agus gus dèanamh cinnteach nach sìoladh an Cadalaiche às mean air mhean.

Dè thachair an uair sin? Chaidh cur às do na “Bargain Berths” – beagan leabannan saora do dhaoine a  bha luath gu leòr. A bharrachd air seo, cha do dh’atharraich mòran fad beagan bhliadhnaichean. An uair sin, chaidh trèanaichean spaideil ùra a thoirt a-steach leis na trèanaichean ùra uile ann an seirbheis ann an 2019.

Dè na duilgheadasan? Bha trioblaidean tòiseachaidh ann leis na trèanaichean ùra (mar a bhios leis a h-uile trèana ùr) agus tha droch dhaimh air a bhith ann eadar luchd-obrach agus luchd-stiùiridh. Ach nas cudromaiche na sin, nuair a thàinig na trèanaichean ùra a-steach, chaidh na prìsean an àird gu mòr.

Leis an t-seann chadalaiche, bha an trèana na bu shaoire na bhith a’ faighinn trèana agus taigh-òsta. Bhiodh tu a’ sàbhaladh ùine agus airgead. Leis a’ chadalaiche ùr, is dòcha gu bheil e fhathast rud beag nas saoire a bhith a’ dol air a’ chadaliche ma gheibh thu suidheachan seach leabaidh, ach mar as trice, bi e nas daoire leabaidh fhaighinn air a’ Chadalaiche na a bhith a’ faighinn trèana latha agus taigh-òsta.

A bharrachd air sin, tha margaidheachd na trèana uile mu chàileachd le èideadh fìor spaideil air an luchd-obrach agus biadh is deoch spaideil. Thathar a’ reic na trèana mar “luxury experience” seach mar dòigh-chòmhdhail àbhaisteach.

Bha an trèana riamh ag amas air luchd-gnìomhachais le airgead ach bha rùm ann cuideachd do dhaoine àbhaisteach roimhe. Leis na prìsean mar a tha iad a-nis, tha iad ro dhaor airson daoine àbhaisteach – co-dhiù ma tha iad ag iarraidh leabaidh.

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain

Tha an trèana a’ faighinn subsadaidh mòr bhon Riaghaltas. Tha e ceart is iomchaidh gum faigh seirbheisean rèile cudromach tasgadh mar seo gus an cumail a’ dol ma tha feum orra air adbharan sòisealta, àrainneachdail no eaconamach. Ach ma tha iad ag amas air luchd-turais beartach sa mhòr-chuid seach air daoine àbhaisteach no fiù ’s luchd-gnìomhachais, togaidh e tòrr cheistean.

Dè a-nis?

Leis a’ Chadalaiche a’ tighinn a-steach dhan roinn phoblaich a-rithist, tha cothrom ann ceangal nas fheàrr a dhèanamh le seirbheisean rèile eile an Alba agus gus smaoineachadh às ùr air faraidhean is adhbhar bith na seirbhis – agus gus seirbheisean Disathairne a chur air dòigh!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico