CroileaganDC air Bhideo

Le Liam

Rinn sinn bhideo nuair a chruinnich sinn an àm mu dheireadh – tha sinn an dòchas gun còrd e ribh! Seo mar a thoisich sinn a h-uile cròileagan, a’ seinn “Ciamar a tha thu? Tha mi gu math” …

We made a video when we gathered the last time – we hope you enjoy it! This is is how we start every cròileagan, singing “Ciamar a tha thu? Tha mi gu math” …

Agus chì sibh pìos beag còmhla ri Aoife aig deireadh an bhideo …

And you’ll see a little bit with Aoife at the end of the video …


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Cròileagan DC air a’ BhBC!

Le Liam

“’S tric san là a th’ ann a gheibhear iongnadh ann an saoghal na Gàidhlig.”

“There are plenty of surprises today in the world of Gaelic.”

Sin tòiseachadh airteagal a sgrìobh Teàrlach Quinnell aig a’ BhBC ann an Alba mu dheidhinn CròileaganDC. Fhuair Liam iognadh nuair a leugh e na sgrìobh Teàrlach. Bhruidhinn Liam ri neach-naidheachd aig Radio nan Gàidheal mu dheidhinn na tha sinn a’ dèanamh, agus sgrìobh Teàrlach airteagal as dèidh sin.

That’s the beginning of an article written by Teàrlach Quinnell at the BBC in Scotland about CròileaganDC. Liam was surprised when he read Teàrlach’s article. He spoke with a reporter at Radio nan Gàidheal about what we’re doing, and Teàrlach wrote an article after that.

Chòrd an naidheachd rinn gu fìor. Dh’fhaodadh a leughadh aig:

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/story/2008/05/080513_washington.shtml

We really enjoyed the story. It may be read at the link above. Or just click on the headline.


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Earrach Trang, Làithean Sona

Le Liam

Abair gun robh sinn trang as t-earrach. Choinnich sinn anns a’ Ghearran, ann am Màirt agus anns a’ Ghiblean, agus cruinnichidh sinn a-rithist airson cròileagain a dh’aithghearr. Seo Scott agus na pàisdean: Autumn (na seasamh), Aoife, Lucas agus Lorien (beagan dheth, cò-dhiubh!).

We’ve had a busy spring. We met in February, in March and in April. We’ll be meeting again for a playgroup soon. Here’s Scott and the children: Autumn (standing), Aoife, Lucas and Lorien (a little bit of him, anyway!)

Anns a’ chròileagan, tha sinn ag ionnsachadh faclan agus abairtean mu dheidhinn an taighe, an teaghlach, ciamar a tha sinn a’ fearachdainn agus pàirt dhen chorp. Thoisich sinn cur-seachadan ùra. Seo “Matman” neo “Fear a’ Bhrat.” Dh’fhaodadh dhan chloinn Fear a’ Bhrat a chur ri chèile pìos air phìos: dà shùil, sròn, beul, cluasan, gairdeanan, casan agus mar sin air adhart.

In the playgroup, we’re learning words and expressions about the home, the family, how we feel and parts of the body. We’ve started new activities. This is “Matman” or “Fear a’ Bhrat.” The children assemble Fear a’ Bhrat piece by piece: two eyes, a nose, a mouth, ears, arms, legs and so on.

Seo Lucas agus a charaid. Cha robh Fear a’ bhrat glè-thoilichte, a rèir coltais.

Here’s Lucas and his friend. Matman wasn’t very happy, it seems.

Aig deireadh a’ Ghiblein, chaidh sinn dhan fhèis Cheilteach – The Southern Maryland Celtic Festival, mar a chanadh iad. Chòrd sin gu mòr ris a h-uile duine. Dh’ionnsaich Aoife beagan mu dheidhinn na pìoba agus ciamar a tha iad ag obrachadh. Chì sibh Seumas, a h-athair, a’ cluich an giotar agus Ed “MacFhearghais” Bradshaw a’ cluich air a’ phìob bheag.

At the end of April, we went to a Celtic festival – The Southern Maryland Celtic Festival. Everyone enjoyed it greatly. Aoife learned a bit about the bagpipes and how they work. That’s James, her father, playing the guitar and Ed “MacFhearghais” Bradshaw playing the small pipes.


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Balach Seoras!

Le Sgleog


Tha manaidsear ùr aig sgioba ball-coise na h-Alba!

Shoighnig George Burley airson dà bhliadhna gu leth a stiùireadh an sgioba nàiseanta againn! Woo!! Tha sinn an dòchas gun deàn e cho math sa rinn e nuair a bha e shuas a seo a stiùireadh Hearts ach nach tig Romanov faisg air Hampden! Cha leigeadh Seoras a steach tron doras co dhiù!

Na chuicheadair cluich Burley airson Ipswich, Sunderland, Gillingham, Motherwell, Ayr agus Falkirk agus ann an 1982 chaidh e dhan World Cup leis an sgioba nàiseanta. Anns an sgioba sin gu ta bha cluicheadairean mar Alan Hansen, Graeme souness agus Gordon Strachan… chan robh fiùs aite anns a chiad sgioba airson cluicheadairean mar Kenny Dalglish aig an àm a bha sin ach bha e ag ionnsachadh fad na h-uine bho na cluicheadairean as fhearr anns an dùthaich agus bho Jock Stein cuideachd a bhuannaich an Cùpa Eòrpach le Celtic ann an 1967 le cluicheadairean a bha uileag a fuireach taobha staigh air cearcal do dhà mìle mun chuairt air Parkhead.

Dh’ionnsaich e a gheama bho na daoine as ainmeille ann am Ball-coise Breatannach agus nuair a bha e fhathast a cluich ann an 1991 thug e air an seann obair aig Ally MacLeod a stiùireadh gnothaichean aig Ayr United. As deidh sin stiùir e Colchester United, Ipswich Town, Derby County, Heart of Midlothian Southampton agus a nis, air 24mh Am Faoilleach 2008 tha e air toiseachadh a stiùireadh an sgioba nàiseanta Albannach.

As dèidh cho math sa rinn Alex McLeish agus Walter Smith tha an uallach air a bhith buannachadh tòrr gheamanan mòra ach ge bith dè thachras tha an dùthaich air do chùlaibh a Sheorais!!

ALBA GU BRATH!!


Tadhail air SGLEOG BLOG

Powered by WPeMatico

Ciurm-dhealbh 1945

Le Ru-ra

Bha mi aig cuirm-dhealbh 1945 ann an talla a’ bhaile bhig an t-seachdain seo chaidh. Bha e math fhèin. Choimhead sinn air dà dealbhan-àbhachdais bho 1945, film-naidheachd bho 1945 agus “I know where I’m Going” – film mòr, dèante ann am Muile ann an 1945 agus roghainn film Beathag (dèan sùil air a’ bhlog aice anns an Giblean 2006). Bha cuimhne aig cuid anns an talla aig an àm nuair a rinneadh an film. Dh’innis iad rinn mu dheidhinn an inneil-cheò mhòir agus an sgioba-film mhòir agus an ullachaidh-bìdh. Bha eadar-ama am meadhan an fhilm airson srùpag. Bha sin math cuideachd.

Bha an talla làn agus chòrd e ris a h-uile duine gu mòr.


Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

“is thog iad àiteachan parcaidh”

Le Cam

A bheil cuimhne agad Bob Dylan neo Joni Mitchell a’ seinn, “They paved paradise and put up a parking lot”? Ann an Champaign, Illinois, bidh iad a’ leagail leabhar-lann is an uairsin bidh iad a’ togail àiteachan parcaidh. Carson a tha sinn uile air ar togail? Uill, airson aon bhiadhna tha iad air a bhith a’ togail leabhar-lann ùr ri taobh an leabhar-lann aosda. Mu dheireadh thall, tha an leabhar-lann ùr gu bhith deiseil. Thèid na leabhraichean a ghluasad dhan leabhar-lann ùr ann am meadhan na Dùbhlachd is an uairsin thèid an leabhar-lann aosda a leagail. Anns an àite sin bidh iad a’ togail mòran àiteachan parcaidh. Tha an togalach làthaireach aosda, ro bheag dhuinn-sa is uamhasach grannda. Bidh sinn uile, na daoine a bhios ag obair anns an leabhar-lann is na daoine a’ fuireach ann an Champaign, gu math toilichte nuair a bhios an leabhar-lann ùr againne fosgailte. (an leabhar-lann ùr,clì; am fear aosda, deas)


Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Òrain Luaidh aig a’ Mhòd ann an America

Le Liam

A charaidean, ciamar a tha ur beò?

Tha mi gu math trang, mar is àbhaist, ach tha mi a’ dèanamh mo dhìchioll a h-uile sian a chumail a’ dol.

Chaidh mi fhìn agus sgioba Ghaelcast chun a’ Mhòid Naiseanta Aimearagaidh ann an Ligonier, Pennsylvania, o chionn ghoirid, agus rinn sinn bhideo neo dhà ann. Seo a’ chiad tè dhiubh – “Seinneadairean Gàidhlig nan Lochan Mòra” à Ohio aig a’ bhòrd luaidh.



Bha iad gu math beòthail – mar a chì sibh. Tha seo aig Gaelcast cuideachd.


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Faire gu math beòthail

Le Liam

Uill, a charaidean, fada bhon uair sin, nach eil?

Ged bha an ciste dùinte airson mìosan, tha mi beò fhathast, agus tha mi air n-ais le pìos mu dheidhinn film gu math goirid a thàinig a-mach air DVD mu dheireadh, “Faire Chaluim Mhic Leòid,” film ann an Gàidhlig bho Eilean Cheap Breatainn.

Cha mhair “Faire Chaluim” ach sia mionaidean, ach theirinn gun do chuir iad tuilleadh anns na sia mionaidean na gheibh thu ann an iomadh film fada nas fhaide.

Tha “Faire Chaluim” suidhichte ann an Ceap Breatainn. An toiseach, thachair sinn ri Calum nuair a bha e na dhuine òg, aig innse sgeulachdan mu dheidhinn Baran Mòr na Gaoithe dhan chloinn aige. Ach thionndaidh an t-suidheachadh ann an dìog gus an latha an-diugh. Tha Calum a-nist na bhodach (mar a tha e ’san dealbh seo). Tha a chlann sgapte, mar a thuirt e, “fad is farsaing,” agus tha e na ònar.

Oidhche dhorcha, stormeil a th’ann agus tha Calum a’ gearan leis a’ Bharan.

“Dè am feum a th’ann an sgeul,” a tha e ga fhoighneachd, “gun luchd-èisteachd?”

Geallaidh Calum gun stad e ’g innse sgeulachdan — “tha mi deis le innse sgeulachdan,” tha e ag ràdh — agus an uair a chanas e sin, stad a chridhe — diùltaidh a chridhe a bhualadh — agus thuit e marbh air an ùrlar.

Agus sin toiseach an fhilm!

Thig a chlann air ais gu Ceap Breatainn agus an t-seann dachaidh, agus chì sinn Seumas, Uilleam agus Mòrag a’ tighinn dhachaidh airson fàire a’ bhodaich bhochd. Ach chuir iad car anns an sgeul nach innis mi dhuibh … chuir e clisg orm nuair a chunnaic mise e. Dh’fhaoidte gu bheil sibh cho glic ’s gum faic sibh e a’ tighinn, ach cha chan mise an còrr.

Dè am feum a th’ann an sgeulachd? ’S dòcha gu bheil feum ann fhathast, à rèir coltais.

’S math an obair a rinn iad nuair a chuir iad an DVD seo ann an cruth. Tha fo-thiotalan ann anns a’ Bheurla agus ann an Gàidhlig cuideachd. Tha tuilleadh do dh’fhiosrachaidh ann mu dheidhinn an fhilm, Gàidhlig, cultar agus ceòl Gàidhealach ann an Ceap Breatainn. Chuir iad na storyboards ann, agus bha iad gu math inntinneach.

Cò-dhiubh, bha “Faire Chaluim” ’gam chòrdadh gu mòr, mòr. Meal ur naidheachd dhan a h-uile duine a bha a’ sàs anns an fhilm, gu h-àraidh Aonghas Mac Leòid — “Calum.”

Chan eil ach an aon gearan agam — ’s gun robh e ro-ghoirid. Dh’fhaoidte gum faic sinn tuilleadh filmichean mar seo a’ tighinn a-mach — à Ceap Breatainn neo à Alba.

Agus cha bu chòir dhomh an ceòl dhìochuimhneachadh – tha ceòl uamhasach math bho Mhàiri Sìne Lamond anns an fhilm, agus fìdhleireachd bho Eòs Peadar MacIllEathain.

Ma’s toigh leibh “Faire Chaluim Mhic Leòid” fhaicinn agus a cheannach, rachaibh gu www.gaelicbooks.com, an làrach-lìn aig Sìol Enterprises ann an Alba Nuaidh. Tha an DVD ri reic an sin airson seachd deug dollar Aimearaigeanach, mu fhichead dollar Canaideanach. Tha fiosrachadh eile mu dheidhinn an fhilm ri fhaotainn aig www.wakeofcalummacleod.ca.

Agus thèid agad an lèirmheas seo agus tuillidh ri chluinntinn ann am Beag is Beag! aig Gaelcast. Bithidh prògram ùr ri fhaotainn a dh’aithghearr.

Mar sin leibh an dràsda!


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….

Le Mìcheal Klevenhaus

Chriochnaich am pròiseact Opra Hiort an-raoir nuair a bha coinneamh ann an Düsseldorf còmhla ri stiùirichean a’ phròiseict.
Chuir Frank Schultz – riochdaire Theater Kontrapunkt fàilte air Calum MacIlleathain à Steornabhagh, Lew Bogdan à Valenciennes, Tatiana Stepantchenko à Mons sa Bheilg agus Ferdinand Götz às an Ostair.
Bha an còisir agus na cleasaichean à Düsseldorf agus an càraidean an lathair cuideachd agus nuair a bha e dorch gu leòr choimhead sinn air dealbhan nam pròiseactan san bailtean eadar-dhealaichte is fhuair sinn athisg mar a chaidh cùisean an-sin.
Chaidh aontachadh gur e fìor phròiseact miorbheallach a bh’ ann agus tha sinn uile toilichte gun robh a leithid de chothrom againne gun robh sinn a’ gabhail pàirt ann. Sgrìobh na pàipearan an aon rud agus mar sin faodaidh sinn a bhith toilichte gun deach cùisean cho math.
Chaidh òraid neo dhà a thoirt seachad, sheinn sinn òrain na h-opra airson an turas mu dheireadh agus chunnacas deòir neo dhà nuair a bha e soilleir gum bitheadh am pròiseact seachad. Tha e neonach a bhith nam aonar a-rithist as dèidh dhuinn a bhith ag obair cho cruaidh còmhla son 5 seachdainean.

“Tha sinn cho brònach is beag an t-ionadh oir tha sinn cianail an-diugh air fògradh
tha an cuan an Iar le cuid thonnan fiadhaich gar sgàradh cian bhon ar n-aite còmhnaidh…..”

Ach le dannsa is bufaidh Gàidhealach bha sinn uile air an dòigh a-rithist.
Dh’ fhàg mi an t-àite mu 2 uair sa mhadainn ach is e toiseach ùr dhomhsa oir bidh mi a’ sgrìobhadh an trachdais agam mun phròiseact seo. Di-Haoine bidh mi air a’ bhàta do dh’ Alba agus feuchaidh mi ri dol gu Hiort airson latha. Feumaidh mi an t-àite fhaicinn.

Uill, sin e anns a’ bhlog a tha seo. Seach’s gu bheil an opra seachad stadaidh am blog an-seo.
Tha mi an dóchas gun do chòrd e ruibh. Chòrd e glan rium a bhith anns an opra seo – cha bhi mi ga dìochuimheachadh fad’s a bhitheas mi beò

leis na h-uile beannachdan

Mìcheal Klevenhaus
Die Insel der Vogelmenschen – MacTalla nan Eun

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….


Tadhail air Hiort

Powered by WPeMatico