Feòil, feòil, feòil

Le monanicleoid

Leugh mi ann an iris bìdh gun do dh’ ith na Gearmailtich 20 kg feòil circe gach duine sa bhliadhna 2013. Anns na 1950an b’ àbhaist dhaibh 2 kg ithe gach duine gach bliadhna. Àiteigin eile leugh mi gum biodh daoine a’ cosg 1.6 % a’ chosnaidh mhìosail (àbhaistich) airson 1 kg feòil mhuice anns na 1950an, agus 0.28 % ann an 2002.

As-dèidh dhomh tachairt air na h-àireamhan seo, bha mi ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh fhaighinn agus rinn mi beagan rannsachaidh. Fhuair mi a-mach gu bheil na Gearmailtich ag ithe 60 kg feòil gu léir gach duine gach bliadhna. Mo chreach sa thàinig, tha sin a’ ciallachadh 5 kg gach mìos, barrachd na cileagram gach seachdain! Agus le mu 5 % nan Gearmailteach nam feòil-sheachnairean, agus gun teagamh daoine eile nach ith ach beagan feòla, feumaidh gu bheil daoine ann a dh’ itheas tòrr air bharrachd.

Chan eil biadh gu leòr airson nam beathaichean sin a’ fàs anns an dùthaich. Feumaidh tuathanaich tòrr arbhair a cheannachd à dùthchannan eile, gu h-àraidh à Aimeireaga a Deas, far an tèid 130.000 km2 a chleachdadh gus biadh fhàs do bheathaichean anns an Roinn-Eòrpa. Cleachdar barrachd air 40% an arbhair air feadh an t-saoghail airson biadh bheathaichean. Bidh tuathanaich ann an Aimeiraga a Deas a’ fàs tòrr phònairean sòighea gus an reic do na dùthchannan beartach an Tuath, agus tha sin gu math dona dhan àrainneachd an sin.

Bhiodh e fada nas fhasa arbhar is glasraich gu leòr fhàs do na daoine ann an dùthchannan bochda mura cleachdte an t-àite airson biadh bheathaichean. Feumar barrachd na 15.000 liotair uisge gus cileagram feòil mairt fhaighinn. Bhiodh sin gu leòr airson a dheich uiread de buntàta no a cheud uiread de curranan! Tha cunnart mòr ann cuideachd bho na cungaidhean a thèid a chleachdadh gus na beathaichean a chumail beò, bhon na puinnseanan a thèid a chleachdadh air na h-achaidhean, agus bhon gin-atharrachadh a tha a’ cosnadh beartas do-chreidinneach do chompanaidhean mar Monsanto agus a’ milleadh structaran tuathanachais dhùthchasaich.

Nise, dè tha mi a-mach air? Chan eil mi ag ràdh gum feum a h-uile duine feòil a sheachnadh. Tha mi a’ tuigsinn gu bheil feòil a’ còrdadh ri mòran daoine, agus tha beagan feòla nas fheàrr na cus aran is rudan milis. Ach nan itheadh daoine anns an Roinn-Eòrpa dìreach, can, leth-chuid an fheòla a tha iad ag ithe an-diugh, bhiodh sin fada nas fheàrr don àrainneachd is do chinne-daonna.


Tadhail air an claidheamh is an fheàrsaid

Powered by WPeMatico