Fo-thiotalan – Subtitles

Le Garrett Anderson

Hallo a dhuine ’s a mhnathan uaisle! Tha mi a’ sgrìobhadh dhuibh an diugh airson fiosrachadh a thoirt dhuibh mu’m chàraid a tha ag obair air fo-thiotalan Gaeilge. Mar a Ghàidhlig bidh a’ chuid mhòr de na meadhanan anns a’ Ghaeilge a’ tighinn le fo-thiotalan anns a’ Bheurla. Well, tha mo chàraid a’ cur fho-thiotalan Gaeilge an àite na Beurla air bhideothan Gaeilge. Tha e an dòchas gum bi na bhideothan aige cuideachail do dhaoine a tha a’ foghlam a’ chànain. Gliog an seo airson tuilleadh fhaicinn: Fo-Thiotalan Gaeilge

Hello ladies and gentlemen! I am writing to you all today to tell you about my friend who is working on Irish subtitles. Like Scottish Gaelic, the majority of mass media in Irish comes with subtitles in English. Well, my friend is putting Irish subtitles in place of the English on Irish videos. He hopes that his videos will be helpful to people who are learning the language. Click here for more information: Irish Subtitles


Tadhail air Sìr mi, Alba! – Hire me, Scotland!

Powered by WPeMatico

Às mo chiall?!

Le Anndra Cook-Jolicoeur

Ro àm dìnnearach chuir mi romham a dhol a-mach airson sgrìob a ghabhail. Tha e math airson slàinte dhaoine beagan eacarsaich fhaighinn.

Ach bha an teothachd timcheall air -20°C. Smaoinich! Dè do bheachd? An robh mi às mo chiall?
Ach bha mi air a bhith a’ fuireach aig an taigh fad an latha an-diugh, co-dhiù gu ruige sin, ‘s cha b’ urrain dhomh an còrr dhen latha a chur seachad gun a bhith a’ dol a-muigh air neo chuireadh seo mi às mo chiall!

Gu nàdarrach chuir mi aodach blàth orm. Fiu ‘s fo-aodach a’ gheamhraidh, ‘s e sin ri ràdh le casan fada, gam chumail ro-blàth. ‘S mar sin thug mi an t-sràid orm.
Nuair a bha mi a’ coiseachd, chunna mi solais na Nollaige a tha fhathast ann air taobh a-muigh nan taighean. Mar a chì thu, stad mi mionaid gus dealbh neo dhà a thogail. Air an làimh chlì, shuas, solais na Nollaig air neo a’ gheamhraidh le solas trafaig.

Cha deach mi ro fhada. Ach ràinig mi Talla a’ Bhaile le Craobh na Nollaig ‘s solais eile air taobh a-muigh an togalaich. Abair sealladh!
‘S ged a bha mi air mo reothadh leis an fhuachd thug mi dealbh eile. Seo Talla a’ Bhaile.











Bha mi gu tur toilichte a bhith air ais aig an taigh an dèidh sin. Bha dìnnear mhath agam.: iasg agus sliseagan. Ach tha mi a’ dèanamh fiughair ris an t-earrach a-nis.

Tadhail air Eadar 2 Sgeul

Powered by WPeMatico

Oidhche Shamhna 2010 (do Jane Adams)

Le guthannagaidhlig

Cha b’ e ach faclan dealanach a bh’ annad
ach thàinig an latha a thug mi an cuan orm
gu eilean siar
far an d’fhuair mi fàilte shunndach.
Dh’fhàs thu beò nam shaoghal dhomh.

‘S e neart nam anam a th’ annad
agus thàinig an latha a thug thu an cuan ort
gu eilean siar.
Mairidh tu beò nam chridhe dhomh.
Gum faigheadh tu fàilte shunndach.

Catrìona NicUilleim


Tadhail air Guthan na Gàidhlig

Powered by WPeMatico

Ceithir rudan so-dhèanta, ’s aon do-dhèanta

Le

Faodadh duine gleac cailis òr

bhon greim iarann Macaibh Mór,

no gaisgeach an rùn a tha e a’ sanntachadh

siolc bho na searr-fhiacal uilhbheist a-mach,

no troimh tòinean mion-chorrach

diùlannach snàmh thar a’ chuan onfhadhach,

no bho ceann na h-ìompireachd

air a sglaim crùn-òr leis am propaireach,

ach cha b’urrainn dhut riamh atharrachadh

beachd na h-amadan rag-mhuinealach.


Tadhail air

‘S ann an seo far a bheil mo chridh’

Powered by WPeMatico

Faire chlaidh

Le

Cha dìochuimhnidh mi an h-oidhche Samhain

nuair a bha mi am measg a’ chlachain

air a chuairteachadh le leacan

’s nuair a bha a’ ghealach a deàlrachadh

air na craobhan ’s na duilleagan

a bha a’ crochadh bho na meanglan

soillseachadh mar bloighean na teine,

’s s’ ann air mo bheulaibh —

a h-aodann mhaiseachadh bàn

’s fiamh-ghàire air a tharraing

sgaoilteach dearg leathann

bho cluas gu cluas,

lethcheann gu lethcheann —

a bha bana-cleasaiche na seasamh

mar tè shluaigh a’ chruinn’ eile.

Ghoid mi phòg bhuaip’ an uair sin

mus do theich i air falbh.

Ach, na dìochuimhneam seo riamh!


Tadhail air

‘S ann an seo far a bheil mo chridh’

Powered by WPeMatico

ban-dia caoch — màthair mhic-dhuine

Le

A’ mhàthair dhaoine le feusag atharnach
’s bilean fiamh-ghàireach ’s meal-shùil mìlseach —
doras neo-theann lèapagach liùsbach fuasgailteach
bana-mhaighstir an dòigh, bhànrigh thaibhsearachd,

tha thu ceart nach leigeil d’aoradairean a-steach
ach ann uidh air ’n uidh, seach fear seach,
’s gad shealladh fhein a-mhain nuair an t-eòlas
a tha e a’ call ann an lasraichean a fheòla-se.

‘S ann le boltrach àrd èiridh gu geisneach
bho air cùlaibh dhìth-chealtair nan slèisne
reamhar a falachas tu rùn-dìomhair
an-còmhnaidh bho sùilean do phrìomhair .

‘S rinn na draoidhean aosmhòr na dealbhan naomh
sna priomh-eaglais ann an doimhneachd nan uaimh
’s s’ ann an moladh ’s caithream ort
thog na h-aois-dan’ òrain adhraidh air àrd.


Tadhail air

‘S ann an seo far a bheil mo chridh’

Powered by WPeMatico