Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain

Le Unknown

Àras, Muile far an deachaidh am Peutanach a chéilidh air MacIlleEathainn

Tha Clann Mhic Bheatha, lighiche do Rìghrean Innse Gall agus Rìghrean nan Albannach ainmeil airson sàr-obair léighe thar nam bliadhnaichean. Tha e fìor gu bheil ainmean Mhic Bheatha ri leughadh air clàr nan oileanaich aig feadhainn de na h-oilthighean as motha ann an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, Salerno, Bologna, Monte Casino agus Montpellier nam measg.

Aig aon àm, ri linn sàr-obair Chlann Mhic Bheatha, bha a’ Ghàidhlig, aon de na trì cànanan eile, Laideann, Greugais agus Arabais a bhiodhte ga h-ùisneachadh airson sgrìobhainnean léighe.

Bhiodh Clann Mhic Bheatha a’ measgachadh sàr ionnsachadh léigh nam Meadhan Aoisean agus seann eòlas Gàidhealach nan luibhean. Ach a-réir coltais, cha chuireadh dòighean-obrach neo-ghnàthach dragh air feadhainn den Chlann, cho fhad ’s a thoireadh iad toraidhean.

Latha a bha seo, latha a bha siud, bha bodach MacIlleEathain na leabhaidh fo bhuaidh tinneis. Thigheadh càirdean, companaich agus coimhearsnaichean a chéilidh air. 

Roimhe cheann fhada, dh’fhàs e seach searbh sgìth den tinneas agus an uiread de dhaoine a bhitheadh a’ tighinn a-staigh. “Cà’ bheil am Peutanach? Cuir fios air Mac Bheatha agus innis dha gu bheil mi nam leabaidh fo bhuaidh tinneas na galla seo!” Ars’ MacIlleEathain.

Sin na rinn iad. B’ ann á Àras ann am Muile a bha m bodach a bha seo agus le sin, b’ e Seumas Mac Bheatha, an leighiche a tháinig fhaicinn. Dar a chaidh an lighiche don leabaidh thubhairt MacIlleEathain “O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha an léighe! Tha pian mhór nam bhrù. Nach leighis sibh mi ma tha sibh comasach ri dhèanadh?”

Ceann tacain, dh’innse Mac Bheatha do MhacIlleEathainn gun robh fhios aige na bha ceàrr air. Bha othras na bhrù. Thubhairt Mac Bheatha gum biodh e comasach a leighis, ach bhitheadh aige ri falbh agus tilleadh ceann beagan làithean.

“O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha, leis a’ phian mhór seo nam bhrù agus sluagh aig cois mo leapa, chan faigh mi cadal samhach. Feumaidh gu bheil thu comasach rudeigin a dhèanamh?” Arsa MacIlleEathain.

“Nist.” Arsa Mac Bheatha. “Tha aona rud ann, ach bhitheadh agam ri tilleadh ceann beagan làithean fhathast.” “Ceart” Arsa MacIlleEathain. “Dèanaibh na dh’fheumas sibh” Agus sin na rinn Mac Bheatha.

Sheas Mac Bheatha air beulaibh an teine agus chuir a chùl ris a’ ghealbhan mhór agus rinn e cac. Theas Mac Bheatha an cac anns an teine gus nach robh ann ach pùdar dubh. Chruinnich an lighiche am pùdar agus chuir e ann am measair dubh e agus chroch e e air leabaidh MhicIlleEathain.

“Ceart” Ars’ am Peutanach. “Tillidh mi ceann beagan làithean agus fhad ’s a chrochas am measair seo air bhur leabaidh, théid bhur leighis, agus fàsaidh sibh nas làidir.” Agus dh’fhàg an lighiche.

An ath latha, mar as àbhaist, tháin’ an sluagh, tháin’ na càirdean, caraidean agus coimhearsnaichean a chéilidh air a’ bhodach bhochd. Dh’iarr fear dhiuch air a’ bhodach “Dé am pùdar dubh anns a’ mheasair dhubh seo a tha a’ crochadh air bhur leabhaidh MhicIlleEathain?”

“O” Arsa MacIlleEathain “Chan e ach leighis a th’ ann. Thug Seumas Mac Bheatha, an lighiche, e dhomh agus thubhairt e gun téid mo leighis agus gum fàs mi nas làidir.” Dh’aithnich am fear an t-ainm Seumas Mac Bheatha, leis cho ainmeil ’s a bha comas an teaghlaich. Bha annas aige den ‘léigh’ a bha seo cho làidir, ghabh e blasad dheth. 

Mhothaich am bodach na rinn e agus rinn e fìor ghaire mhór ris an duine. Bha e a’ ghàire cho làidir, bhrist am bodach othras na bronn agus dh’fhalbh a’ phian mhór. 

Roimhe cheann tacain, mar a gheall e dha, thill Mac Bheatha. Dar dh’innse am bodach dha na thachair cha tubhairt an lighiche ach “Nach b’ i an fhìrinn a dh’innis mi dhuibh?” agus dh’fhalbh e.



Tadhail air Air an Dara Làimh

Powered by WPeMatico