Glòr-shùileach

Le Bloigh Gràmair

Bha Suki glòr-shùileach, mar a chithear san dealbh a rinneadh lem mhac aig aois a deich, .i. walled-eyedsa Bheurla san t-seagh seo, an dàrna brìgh aig an OED: ‘having one or both eyes of an excessively light colour, so that the iris is hardly distinguishable from the white … having eyes of a different colour, having eyes or an eye streaked or partcoloured … having a divergent squint which exposes an excessive proportion of the white of the eye’. Sna faclairean Gàidhig, gheibhear sùil-leusach, geal-shùileach, sgiath-shùileach, glòr-shùileach, glòir-fhionn, glòirionn agus toicheleis a’ bhrìgh ‘wall-eyed’. Gabhaidh sùil-leusachtuigsinn agus leus ‘solas’ ag amas air gilead no bàinead na sùla; an dearbh rud aig geal-shùileach. Tha sgiath-shùileacha’ toirt air duine smaoineachadh air ‘wall-eyed with astonishment’, .i. balg- no clach-shùileach agus sgiath ag amas air cruinnead na sùla. ’S ann a tha GA glòrà SG glór ‘fìorghlan, soilleir, deàlrach’ ag amas air bàinead na sùla mar an ceudna (coim. GE glór-shúileach). Saoilear gum math dh’fhaodte gur h-e cruth nas tràithe aig glúair (coim. Dwelly gluair) a th’ ann an glór (DIL). ’S e riochd teasgaichte (geàrrte) a th’ ann glòirionn à glòir-fhionn agus brìgh a’ bhuadhair glòr air a dùblachadh leis a’ bhuadhair fionn ‘geal, bàn’. Is dòcha gur h-e mearachd air toichd a th’ ann an toiche (Shaw 1780, nach cleachd stràcan), .i. tòichd coim. tòc no tòchd ‘at; atadh’; Dwelly tòc ‘galar nan sùilean, gu seach àraidh ann an caoraich’; Uibhist a Deas tòchd‘galar ann an sùilean cruidh’ (An t-Athair Ailean MacDhòmhnaill); cuideachd, Dwelly ‘pink eye in horses [.i. conjunctivitis]’ ag amas air a’ bhrìgh ‘cruinn, air atadh, air brùchdadh’, mar a bhios sgiath.

Chan eil dàimh aig a’ bhuadhair glòr ri glòr f. ‘cainnt’ no ri glòirb. ‘greadhnachas’. (Gidheadh, tha glòr f. air tuiteam còmhla ri glòir b. cuideachd san Nuadh-Ghàidhlig.)


Tadhail air Bloigh Gràmair

Powered by WPeMatico