“An rud nach fhaic sùil, cha ghluais i cridhe” – iomairt airson Gàidhlig ann an Stèisean Bus Ghlaschu

Le alasdairmaccaluim

Tha mi fada den bheachd gu bheil faicsinneachd na Gàidhlig air leth cudromach. Tha e a’ togail mothachadh air a’ Ghàidhlig am measg luchd na Beurla agus tha e a’ toirt misneachd do luchd na Gàidhlig. Agus le ainmean-àite, tha faicsinneachd nas cudromaiche buileach, ag innse dhuinn mu eachdraidh agus gu tric a’ sealltainn na tha na h-ainmean a tha gar cuairteachadh a’ ciallachadh.

Tha na soidhnichean Gàidhlig air na rathaidean-iarainn air tòrr a dhèanamh gus ìomhaigh na Gàidhlig a chur am follais barrachd. Ach chan eil an aon rud air tachairt le comhdhail phoblach san fharsaingeachd.

Bus dealanach Ember aig ceann na slighe, Dùn Dè

(Bus dealanach Ember an Dùn Dè – ghlac mi ann an Glaschu e ach cha d’ fhuair mi dealbh aig stèisean nam bus!)

‘S e call mòr a tha seo oir cha bhi a h-uile duine a’ cleachdadh trèanaichean agus nam biodh Gàidhlig ri fhaicinn ann an stèiseanan bus, chitheadh tòrr a bharrachd dhaoine i.

Tha cothrom againn aig an àm seo rudan a ghluasad air adhart rud beag .

Tha SPT (Strathclyde Partnership for Transport) a’ dèanamh co-chomhairle an-dràsta mu ath-leasachadh Stèisean Bus Bhochannan ann an Glaschu – an stèisean bus as motha ann an Glaschu, agus mur e h-eil mi air mo mhealladh, ann an Alba air fad.

Tha iad a’ beachdachadh air atharrachaidhean mòra air an stèisean fhèin agus air an sgìre anns a bheil e, mar eisimpleir, a’ togail rudan os a chionn no timcheall air.

Tha a’ cho-chomhairle seo a’ toirt dhuinn cothrom a ràdh gu bheil feum air soidhnichean Gàidhlig ann an stèisean nam busaichean ann am baile mòr nan Gàidheal.  

Tha àireamhan le Gàidhlig ann am Mòr-sgìre Ghlaschu a’ sìor dhol an àirde agus le cho làidir sa tha FtG agus àireamhan luchd-ionnsachaidh tha e cudromach gun cuirear ri faicsinneachd a’ chànain cuideachd.

Seo am fiosrachadh mun cho-chomhairle. Thig i gu crìch air 11/12/2025 agus cha toir e ach 5 mionaid gus a lìonadh.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach IV: a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh!

Le alasdairmaccaluim

Sa cheathramh bloga san t-sreath a’ coimhead air goireasan air-loidhne mu rathaidean-iarainn is còmhdhail san fharsaingeachd, tha an t-àm ann airson beagan eachdraidh!

Tha e furasta gu leòr mapaichean a cheannach den a h-uile rathad-iarainn a th’ againn ann am Breatainn is Èirinn. Bu choir lethbhreac den Rail Atlas of Great Britain and Ireland le SK Baker a bhith aig a h-uile duine a tha deidheil air trèanaichean.

Tha gu leòr mapaichean eachdraidheil ann cuideachd, a tha a’ sealltainn nan rathaidean-iàrainn uile a bh’ ann riamh – cuid aca a’ dèanamh coimeas eadar an latha an-diugh agus an suidheachadh eachdraidheil.

Ach gu math tric, tha an sgèile gu math mòr agus tha e doirbh obrachadh a-mach buileach far a bheil rudan.

Ann an suidheachaidhean mar sin, tha làrach-lìn air leth math ann: Railmaponline.

Faodaidh tu coimhead air rathaidean-iarainn mar a tha iad an-diugh no a’ coimhead orra san àm a dh’fhalbh.

Seo rathaidean-iarainn Glaschu san latha an-diugh mar eisimpleir.

Agus seo a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh sa bhaile!

Faodar sùmadh a-steach cuideachd airson faicinn dìreach far an robh na seann rathaidean-iarainn.

Bha mi ann am Baile na Drochaide ann an Glaschu bho choinn ghoirid agus bha mi airson faicinn far an robh an rathad-iarainn dhan t-seann stèisean Bridgeton Central a tha a-nis dùinte. Air a’ mhapa seo, chiì thu far an robh an loidhne (ann an dearg)- air mapa a tha a’ sealltainn na tha ann an-diugh.

Làrach-lìn sgoinneil!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach III – Maurauders Map nan trèanaichean!

Le alasdairmaccaluim

Ma tha thu deideil air sgeulachdan Harry Potter, mar a tha mi fhèin, bidh thu eòlach air a’ Mhaurauders Map – mapa de Hogwarts a tha a’ sealltainn far a bheil a h-uile duine.

Ach an robh fhios agad gu bheil mapa rathaid-iarainn ann mar sin?

Feuch Signalbox – Live Train Maps agus chì thu far a bheil a h-uile trèana a tha a’ gluasad air an lìonra nàiseanta!

Trèanaichean ann an Glaschu, bho Signalbox

A bharrachd air na trèanaichean air an lìonra nàiseanta, tha an aon seòrsa làrach-lìn ann airson London Underground:

Trèanaichean London Underground (ann am buidhe)

Ach coltach ri Harry Potter, tha cunnart ann gun tèid do chall ann an saoghal fantasaidh ma bheir thu seachad cus tìde a choimhead air na mapaichean agus gum bi thu a’ sìor-choimhead air trèanaichean air Loidhe a’ Chinn a Tuath an àite a bhith ag obair, ag ithe no a’ coimhead às do dhèidh fhèin!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach II – tursan plèana

Le alasdairmaccaluim

Sa phost bhloga mu dheireadh, thug mi sùil air Railmiles is Busmiles, prògraman a bhios a’ clàradh a h-uile turas a nì thu air bus no trèana.

Ach a bheil dòigh ann gus tursan plèana a chlàradh?

Tha fios gu bheil!

Air an làrach-lìn Our Airports,is urrainn dhut a h-uile port-adhair far an ghabh thu turas-adhair a chlàradh. Tha i an-asgaidh agus tha fios agam a-nis gu bheil mi air a 26 puirt-adhair a chleachdadh thar nam bliadhnaichean, bho Chobhasa gu Moscow!

A h-uile port-adhair far an do ghabh mi turas-adhair riamh, bhon làrach-lìn “Our Airports”.

Nì e mapa beag dhut a’ sealltainn dè na puirt-adhair as fhaide a tuath, a deas, an iar is an ear anns an robh thu.

Agus a bharrachd air a bhith a’ clàradh na puirt-adhair a chleachd thu, gabhaidh na tursan-adhair uile agad a chlàradh air https://myflightpath.club/. Tha e cuideachd ag innse dhut cia mheud mìle a shiubhail thu. A rèir coltais, rinn mi 21,787 mìle ann an 60 flights bho 2007.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach I – Railmiles is Busmiles

Le alasdairmaccaluim

Ma tha thu gu bhith nad fhìor trainspotter feumaidh na h-apps ceart a bhith agad! San t-sreath ùr seo, bheir mi sùil air cuid de na h-aplacaidean as fheàrr.

Tha app sgoinneil ann air a bheil Railmiles a chlàraicheas a h-uile turas rèile a nì daoine.

Seo an duilleag agam fhèin air Railmiles.

Tro Railmiles, tha fios agam gu bheil mi air 8942 mìle a dhèanamh air trèanaichean am-bliadhna gu ruige seo, 1255 mìle san Dàmhair agus gun d’ rinn mi 127,004 mìltean rèile bho thòisich mi air an làraich-lìn bho chionn 10 bliadhna.

Tha e ag innse dhomh cuideachd, gur e an turas as bithcheanta a bhios agam An Dùn Breac-Glaschu Mheadhan, air a leantainn le Glaschu gu Dùn Èideann agus gur e an turas a b’ fhaide a rinn mi riamh Glaschu Mheadhain-Bristol Temple Meads (486 mìle).

Agus tha lìog ann cuideachd airson faicinn cò rinn an àireamh as motha de mhìltean rèile sa bhliadhna. Chan eil mi ach aig àireamh 359 aig an àm seo – tha an neach aig àireamh 1 air 113,898 mìle a dhèanamh – feumaidh gur e dràibhear no geàird a th’ ann!

Abair spòrs!

Agus dh’ionnsaich mi bho chionn ghoirid gu bheil an aon seòrsa prògram ann airson busaichean – busmiles. A bharrachd air seo, tha e an-asgaidh!

 

Chan eil mi idir cho deidheil air busaichean ‘s a tha mi air trèanaichean, ach le duilgheadasan a thaobh cunbhalachd agus cosgaisean nan trèanaichean, tha mi air na busaichean nas trice na bha agus mar sin, tha e math cothrom a bhith agam na miltean bus agam a chlàradh!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fios naidheachd: Fiosrachadh mu chosgaisean BPA airson 2023/24 air fhoillseachadh air-loidhne

Le Oifigear Gàidhlig

Tha am fiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam BPA air fad air fhoillseachadh air an eadar-lìon an-diugh.  Tha cosgaisean cairteil 4 bhon bhliadhna ionmhais 2023/24 a-nis rim faighinn air-loidhne tro ghoireas rannsachaidh stòr-dàta na Pàrlamaid. Tha pàipear-ullachaidh a tha ag innse cosgaisean iomlan ceann-bliadhna air fhoillseachadh an-diugh cuideachd. Is e £25,359,035 an àireamh iomlan … Leugh an corr de Fios naidheachd: Fiosrachadh mu chosgaisean BPA airson 2023/24 air fhoillseachadh air-loidhne

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

“Your wee happy Broc“– busaichean air a’ bhlog!

Le alasdairmaccaluim

Chan eil ach aon bhuidheann aig a bheil droch chliù nas miosa na daoine a tha dèidheil air trèanaichean – sin daoine a tha dèidheil air busaichean!

(Gu h-àrd Wee Happy Bus Shrath Chluaidh. Connadh nan trom laighe!)

Is iad nas bus-spotters an aon bhuidheann san t-saoghal as urrainn do trainspotters coimhead sìor air!*

Ach leis an fhìrinn innse, ged nach eil cus ùidh agam anns na busaichean fhèin, is toil leam a bhith a’ siubhal orra agus tha mi gan cleachdadh barrachd na bha cuideachd.

Nuair a bha an clàr-ama sealach aig ScotRail bha 2 uair a thìde eadar trèanaichean air an loidhne agam (Loidhne Canàl Phàislig) feasgar agus bha e na b’ fhàsa bus fhaighinn dhachaigh. Agus cuimhnich cuideachd gu bheil clàr-ama nan rathaidean-iarainn fhathast nas miosa na bha e ro Chovid.

Bidh mi gu tric a’ dol air tursan rèile gu math tràth sa mhadainn no a’ tilleadh gu math anmoch agus mar sin, chan eil an Subway no loidhne a’ Chanàl a’ ruith agus tha e nas fhasa bus fhaighinn.

B’ àbhaist dhomh a bhith a’ faighinn tagsaidhean dhan stèisean airson trèanaichean fìor thràth sa mhadainn no anmoch air an oidhche. Ach tha fàraidhean tagsaidh air a dhol suas gu mòr bho chionn ghoirid agus tha e a’ fàs ro dhaor a-nis agus mar sin, tha am bus nas fheàrr. Tha mi feumach air barrachd eacarsaich cuideachd agus tha stad nam bus airson a’ mhòr-chuid de na busaichean agam 10 mionaidean air falbh air chois.

Stad nam Bus, Eilean nam Beathach, Saoil

(Stad nam Bus, Eilean nam Beathach, Saoil)

Co-dhiù, leis gu bheil mi a’ dol air busaichean nas trice na bha, is dòcha gun sgrìobh mi mu mo chuid thursan bus an seo bho àm gu àm. Tha turas no dhà a bu toil leam a ghabhail, gu sònraichte a’ chiodse dhealanach leis a’ chompanaidh Ember eadar Glaschu/Dùn Èideann agus Dùn Dè.

Tha Ember air sealltainn gun gabh seirbheisean coidse astar fada le prìsean reusanta a ruith le busaichean làn-dhealanach agus tha iad air impis seirbheis ùr a thòiseachadh eadar Glaschu/Dùn Èideann agus Obar Dheathain. Tha mi an dùil is an dòchas gun dì-charbonaich seirbheisean coisde eadar-chathrach gu luath san aon dòigh ‘s a thachair le busaichean ionadail.

Agus a bharrachd air tursan mar seo, tha gu leòr tursan bus do dh’àiteachan nach eil air an lìonra rèile a tha fìor mhath – chaidh mi gu Ceann Loch Chille Chiarain air a’ bhus an uiridh mar eisimpleir.

Mar sin, cùm sùil air a’ bhloga seo airson naidheachdan mu thursan bus. Agus is dòcha gun sgrìobh mi mu phoileasaidhean is naidheachdan mu chòmhdhail bus uaireannan cuideachd.

Mar eisimpleir, rud a tha a’ còrdadh rium gu mòr mu bhusaichean, gu sònraichte ann an Glaschu, s e cho luath ’s a tha iad a’ dì-chàrbonachadh. Chanainn gu bheil mòr-chuid de na busaichean sa bhaile dealanach a-nis. Tha iad nas uaine, nas luaithe agus nas sàmhaiche.

Bus dealanach air an t-seirbheis eadar-stèiseanan, Glaschu

Nis, ged nach e bus-spotter a th’ annam (air m’ onar!), tha mi gu math dèidheil air seann bhusaichean den t-seòrsa a bha ann nuair a bha mi òg agus chaidh mi dhan latha fhosgailte aig Urras Seann Charbadan Ghlaschu (Glasgow Vintage Vehicles Trust) bho chionn ghoirid a tha stèidhichte ann an seann gharaiste bhusaichean Bhaile na Drochaide.

Chunnaic mi tòrr de na busaichean den t-seòrsa a bha cumanta nuair a bha mi òg, Atlanteans is Fleetlines is Leopards, oh my!

Atlanteanan Ghlaschu, Garaiste Bhusichean Bhaile na Drochaide, Glaschu

(Corpy Atlanteans, GVVT)

Bidh an GVVT uaireannan a’ ruith tursan sòisealta agus chaidh mi gu Beamish is Blackpool is Siorachd Aonghais is eile còmhla riutha san àm a dh’fhalbh – is dòcha gun tèid mi air cuid de na tursan aca a-rithist agus gun aithris mi orra an seo.

Alasdair

*Na gabh dragh, chan eil mi a’ ciallachadh seo an da-rìribh – chan eil dad ceàrr air daoine a tha dèidheil air busaichean. Cha chuir mi sìos air na cur-seachadan aig daoine – ach a-mhàin ball-coise!

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fios naidheachd – Dìth aonta mu mhaoineachadh air cur ri dàil an A9 

Le Oifigear Gàidhlig

Chuir dìth aonta air an uiread agus an seòrsa maoineachaidh a bha ri fhaighinn gu mòr ris an adhbhar nach deach targaid 2025 airson dùblachadh an A9 a ruigsinn.   Seo buil aithisg ùire bho Chomataidh Com-pàirteachadh Shaoranach agus Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil a’ Chomataidh fhathast iomagaineach … Leugh an corr de Fios naidheachd – Dìth aonta mu mhaoineachadh air cur ri dàil an A9 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

James MacLetchie in Conversation

Le Gordon Wells

Sollas school photoIn conversation with Gordon Wells, James MacLetchie from Sollas reflects on his life to date in North Uist, the island he’s called home since first coming here as a child from a mainland care setting, paying particular attention to the special natural and cultural environment to which he’s been exposed from a young age through the Gaelic community language.

Here’s the full conversation, unfiltered and unsubtitled.

We’ve also cut the conversation up into smaller chunks and added subtitles and Clilstore transcriptions to help learners or non-speakers of Gaelic get a sense of how James feels about his connection to North Uist. (You can use the YouTube settings wheel to slow the speed or to get auto-translations of the subtitles into many other languages, including English. Clilstore transcriptions have the video embedded and also offer one-click dictionary translation of any words you don’t know.)

In Part 1, James tells Gordon the story of his earliest childhood memories of coming to live on the island and meeting his new parents. He paints a vivid picture of his first impressions, and goes on to describe his acquisition of Gaelic in its natural community context. He doesn’t remember actively learning it. It came to him. (Clilstore unit: https://multidict.net/cs/12159)

In Part 2, James identifies his parents through their traditional patronymics and explains how their family and community connections in both North Uist and Harris enabled his own seamless integration into local networks and cèilidh culture. He talks about his own relationship with Gaelic, his life being unimaginable without it, and how he feels it opens doors to other cultures, illustrated by a story of a chance encounter with Native Americans in the USA. (Clilstore unit: https://multidict.net/cs/12160)

In Part 3, speaking about his particular interest in the environment, James explains how he grew up with friends and neighbours who passed on knowledge and lore about local flora and fauna. Returning to the island after being briefly wrenched away, he found his greatest comfort from any underlying insecurity in the physical environment around him. He liked to read what he could on related topics, and eventually found work as a ranger. (Clilstore unit: https://multidict.net/cs/12161)

jamesAge7In Part 4, with his work as a tour guide frequently taking him off-island, James meditates on what “dachaigh” (home) means to him, and its associations with “buinteanas” (connection). In so doing he name-checks many school-friends and other community members, and highlights the natural familiarity that connects them through Gaelic. This stands in awkward contrast with imported changes to the language that he also perceives, and he clings to the memory of his father’s mastery of old poetry. (Clilstore unit: https://multidict.net/cs/12162)

In Part 5, James develops some thoughts and explanation about his own writing of poetry and songs, and some of the influences on that, and he acknowledges the increasing difficulty of passing on to new generations the kind of knowledge he acquired through community interaction in Gaelic that is now much weakened. Yet he takes positive inspiration from others like him who were fostered into the community, and who found true value in the language and have worked to support the culture. (Clilstore unit: https://multidict.net/cs/12163)

This work is supported by the CIALL project at the University of the Highlands and Islands Language Sciences Institute.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Comataidh phàrlamaideach ag iarraidh dàileachadh air cruthachadh choimiseanairean ùra

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid ag iarraidh dàileachadh air cruthachadh Choimiseanairean ùra ann an Alba Tha Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich aig Taigh an Ròid air dàileachadh iarraidh air cruthachadh choimiseanairean ùra sam bith no buidhnean den leithid ann an Alba. Tha a’ chomataidh ag ràdh gun cuala iad fianais làidir … Leugh an corr de Comataidh phàrlamaideach ag iarraidh dàileachadh air cruthachadh choimiseanairean ùra

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba