Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Trusaiche blogaichean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Bidh fios aig luchd-leughadh cunbhalach gu bheil mi beò-ghlaicte le Loidhne a’ Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa.
Chaidh mi air turas eile ann tràth san Iuchar airson a dhol gu stèisean Allt nam Breac ann an Gallaibh a tha air ùr fhosgladh às dèidh dha a bhith dùinte far còrr is bliadhna.
Agus fhad ’s a bha mi aig tuath, chuir mi turas air dòigh thairis air a’ chrìch ann an Cataibh gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhors an-Àird, àite a tha air a bhith air an liosta-bhucaid agam fad bhliadhnaichean.
Thòisich an turas agam le moch-èirigh Dihaoine gus am bus a ghlacadh dhan bhaile aig 6:15 airson trèana 7:07 gu Inbhir Nis agus trèana 10:40 gu Allt nam Breac. Chuir mi crìoch air beagan obair eadar-theangachaidh a bh’ agam ri dhèanamh agus an uair sin bha norrag-chumhachd agam agus chan fhada gus an robh sinn ann an Inbhir Nis.
Dh’fhalbh sinn air an uair air loidhne a’ chinn a tuath. Tha mi air a siubhal oirre gu math tric bho chionn ghoirid ach chan fhàs mi sgìth dhì uair sam bith. Tha an loidhne air fad dìreach àlainn le seallaidhean nach gabh a chreidsinn, eadar talamh àiteachas còmhnard, beanntan, lochan, seallaidhean den mhuir agus na flobhaichean (the flow country).
’S e rud sònraichte leis an loidhne gu bheil i a’ dol a-steach dhan tìr ann an taobh tuath Chataibh is Ghallaibh air slighe eadar-dhealaichte bhon rathad agus gum faic thu àiteachan nach fhaicear bhon chàr no bus, nam measg stèiseanan Fors an-Àird agus Allt nam Breac.
Chaidh mi gu Allt nam Breac an tòiseach. ’S e stèisean beag is iomallach a tha seo. Chanar gu math tric gur e Coire Odhar air loidhne na Gàidhealtachd an Iar an stèisean as iomallaiche an Alba ach ged nach eil ceangal rathaid dhan àite, tha taigh-òsta spaideil ann. Ann an Allt nam Breac, chan eil ceangail rathaid ann nas motha agus chan eil ach 4 no 5 taighean sgaipte ann agus gun rud sam bith eile ann!
’S e stad air iarrtais a th’ ann. Feumaidh tu innse do stiùiriche na trèana gu bheil thu airson ’s gun stad an trèana ann agus ma tha thu airson an trèana a ghlacadh ann an Allt nam Breac, feumaidh tu do ghàirdean a chur a-mach mar a dhèanadh tu le bus. Mur a dèan thu sin, cha stad an trèana ann.
Cha deach an stèisean a thogail gus coimhearsnachd no fiù ’s taigh-òsta a fhrithealadh ach a chionn ’s gun robh feum air tùr-uisge do na trèanaichean smùid agus air lùb seachnaidh gus am faigheadh na trèanaichean seachad air a’ chèile. Chuir e rud beag iongnadh air stiùiriche an trèana gun robh mi gu bhith a’ tighinn far na trèana aig stèisean cho iomallach.
Bha mi caran draghail mu bhith a’ tadhal air an stèisean oir dhùin i fad 18 mìosan mar thoradh air eus-aonta eadar na daoine leis a bheil an taigh ri taobh an stèisein agus Network Rail mu bhith a’ faighinn dhan àrd-ùrlar airson obair càraidh. Tha cùisean sìobhalta agus cùisean eucoireach air a bhith ann mun chùis.
Cha robh duilgheadas sam bith agam, ge-tà. Chaidh mi a-mach às an stèisean agus shìos an rathad agus choisich mi sìos gu Loch Dubh. Bha mi air planadh coiseachd na b’ fhaide ach ’s ann a bha e anabarrach fhèin teth. Feumaidh gun robh e mu 28c agus cha robh fiù ’s oiteag gaoithe ann agus glè bheag de dh’fhasgadh. Cha do smaoinich mi air “grian-dìon” no suntan lotion a thoirt leum nas motha – oir mar as trice cha bhi feum air a leithid ann an Gallaibh.
Chunnaic mi gu leòr air an turas ge-tà, a’ gabhail a-steach taigh treigte brèagha agus loidse Loch Dhuibh agus eile.
Chaidh mi air ais dhan stèisean às dèidh uair no dhà oir bha e fada ro theth. Chaidh mi a-staigh gu bothan an stèisein ach bha e fada ro theth an sin cuideachd! Shuidh mi sìos fo chraobh le leabhar ach ged a bha e na b’ fhuaire an sin, bha fada chus chuileagan ann. ’S e an superpower agam nach bi meanbh-chuileagan gam bhìdeadh idir agus bha sin feumail ach gu mì-fhortanach, tha creithleagan nan each (clegs) a cheart cho dèidheil orm ’s a tha iad air a h-uile duine eile agus bha gu leòr aca ann…
Chan eil trèanaichean cho pailt ann an Allt nam Breac agus bha dà uair a thìde ri feitheimh gus an tigeadh an ath thrèana gu tuath.
Shuidh mi sìos air a’ bheing air san stèisean agus thàinig an tè a tha a’ fuireach ann an taigh an stèisean gus bruidhinn rium agus thug i deoch fuar dhomh is bha mi fada na comain.
Thàinig a cearcan a-mach airson bruidhinn rium cuideachd.
Às dèidh sinn, dh’èist mi ri podcast no dhà gus an tàinig an trèana.
Bha an trèana gu bhith ann aig 17:20 ach cha robh sgeul oirre. Bidh na trèanaichean gu tric air dhèireadh air loidhne a’ Chinn a Tuath ach bha mi ann an stèisean gun clàr fiosrachaidh no siognal airson fòn làimh. Gu fortanach, tha fòn ann gus fios a chur gu ScotRail agus thog mi e is thuirt iad gun robh an trèana mu 25 mionaidean air dheireadh. Bha mi toilichte cluinntinn gun robh i air an t-slighe oir cha bhiodh an ath thrèana ann gu 21:50!
Às dèidh oidhche ann an Inbhir Theòrsa, ghlac mi an 08:34 gu deas agus ràining mi Fors an-Àird aig 09:13.
‘S e stèisean gu math iomallach is beag a th’ ann ach tha e cudromach oir tha lùb seachnaidh ann agus ’s ann an seo a bhios na trèanaichean eadar tuath is deas a’ dol seachad air a’ chèile.
‘S e stèisean àlainn a th’ ann cuideachd, le taigh an stèisean a-nis na ionad tadhail airson Tèarmann Nàdair Nàiseanta Flobhaichean Fhors an-Àird agus tha flùraichean gu leòr ann.
Fhuair mi beachd airson còmhlan roc ann an Ionad an RBPB cuideachd:
“Hallò Cleveland, is sinne:
Agus seo a’ chiad òran bhon chlàr concept dùbailte againn:
Tha ionad nam Flobhaichean fìor mhath le gu leòr mu cho cudromach ’s a tha iad dhan àrainneachd agus mun obair a tha iad a’ dèanamh gus cur às do na craobhan a chaidh a chur ann sna 1980an a tha a’ drèanadh nam flobhaichean agus a’ leigeil CO2 a-mach.
Tha e fìor mhath ath-bheòthachadh nam flobhaichean fhaicinn.
Tha ceum-coiseachd ùr ann le tùr le seallaidhean matha den sgìre agus pannalan fiosrachaidh mu nàdar anns na boglaichean.
Aon rud a bhuail orm, ’s e nach robh Gàidhlig ri fhaighinn ann an soidhnichean no eadar-mhìneachadh ach a-mhàin ach a-mhàin an rud gu h-àrd (“Blazing knitting needles”).
Airson Tèarmann Nàdar Nàiseanta, tha e neònach nach eil soidhnichean Gàidhlig ann idir. Chan eil mi a’ utigsinn carson nach eil barrachd cuideam air a’ Ghàidhlig anns na tèarmainn nàdair nàiseanta. Dh’fhàg mi nòta ann an an leabhran an luchd-tadhail mu dheidhinn.
Chaidh mi airson srùbag ann an seòmar-tì Loidse Fors an-Àird agus nuair a thill mi dhan stèisean, chunnaic mi gun deach mo thrèana gu deas a chur dheth is gum biodh trì uairean gu leth ann dhan ath thrèana. Chuir mi fios gu ScotRail air a’ fòn aca air an àrd-ùrlar agus thuirt iad nach biodh e comasach còmhdhail eile a chur air dòigh. Leis gun robh e air leth teth agus gun robh mi ann na àite gu math iomallach gun ghioreasan, mhol iad gum bu chòir dhomh an ath thrèana gu tuath a ghlacadh gu Inbhir Ùige is air ais oir ’s e sin an ath thrèana a bhiodh a’ dol gu deas co-dhiù.
Mar sin, bha latha fada agam ach fhuair mi leisgeul a dhol air ais a dh’Inbhir Ùige air an trèana!
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Tha mi gu math dèidheil air a’ chomapanaidh coidse eadar-chathrach Albannach Ember.
Thoisich iad le seirbheis eadar Dùn Dè agus Dùn Èideann agus an uair sin eadar Dùn Dè is Glaschu agus tha iad air leudachadh gu tòrr a bharrachd diofar àiteachan bhon uair sin.
Tha seirbheisean coidse eadar-chathrach againn gu leòr againn ann an Alba, nam measg Scottish Citylink, Megabus, Flixbus agus eile.
‘S e an t-eadar-dhealachadh as motha gu bheil na busaichean aig Ember uile dealanach. Agus a bharrachd air a bhith uaine, tha iad cuideachd a’ cur cuideam air seirbheisean custamair agus tha busaichean spaideil ùr aca.
‘S e an rud eile a tha fìor mhath mun deidhinn gu bheil na faraidhean gu math reusanta agus gu math sìmplidh. Agus nas cudromaiche buileach, chan atharraich na prìsean a rèir iarrtais (’s e sin ri ràdh nach eil “dynamic pricing” ann). Mar sin, tha an aon phrìs air an aon slighe fad an t-siubhail.
Tha mi air a dhol gu Dùn Dè agus gu Sruighlea le Ember gu ruige seo. Chosg e £9.60 a dhol eadar Glaschu agus Dùn Dè agus £4.30 eadar Glaschu is Sruighlea – prìsean gu math reusanta.
Agus ma tha thu airson am bus agad atharrachadh gu latha no àm eile, gabhaidh sin a dhèanamh gu sìmplidh gun chosgais.
Tha seirbheisean air-loidhne aig cridhe obair na companaidh. Tha na tiocaidean uile air-loidhne agus faodar na busaichean a leantainn air-loidhne cuideachd air mapa eadar-obrachail. Ma tha dàil no duilgheadas sam bith ann, thèid brath a chur thugad.
Tha tòrr bhailtean agus stadan a tha beagan far an rathaid-mhòr agus cha tèid am bus ann idir mur eil dhuine sam bith air clàradh ro làimh gu bheil iad airson a dhol air no far a bhus ann. Sàbhalaidh sinn tòrr tìde.
Rud eile a tha a’ còrdadh rium mun t-seirbheis, ’s e gu bheil tòrr de na busaichean a’ ruith tron oidhche, rud a tha air leth feumail – gu sònraichte ann an dùthaich far nach eil a’ chiad trèana gu Inbhir Nis à Glaschu no Dùn Èideann a’ faighinn a-steach gu 10:20 sa mhadainn.
Seo na slighean uile aca a-nis:
E1 – Dùn Èideann – Obar Dheathain taobh Dùn Dè
E2 – Glaschu – Dùn Dè
E3 – Dùn Dè – Dhùn Dè an Ear
E4 – Dùn Èideann – An Gearasdan
E5 – Glaschu – An Gearasdan
E6 – Inbhir Nis – Inbhir Theòrsa/Scrabasdal
E7 – Inbhir Nis – Obar Dheathain
Chaidh an E6 a tha a’ ceangal Inbhir Theòrsa/Scrabasdal agus Inbhir Nis a chur air dòigh bho chionn dà sheachdain agus nuair a bha mi ann an Gallaibh air safari rèile bho chionn ghoirid, ghabh mi am bus Ember ùr eadar Inbhir Theòrsa is Inbhir Ùige is air ais.
Tha mi air leth toilichte gu bheil an t-slighe ùr seo ann. Tha 4 busaichean san latha gach taobh, a bhios a’ stad aig Scrabasdal, Inbhir Theòrsa, Inbhir Ùige, Dùn Bheathadh, Brura, Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis. Tha bus eadar Inbhir Nis is Inbhir Theòrsa a’ cosg £14.50. Tha Ember an dùil barrachd stadan a chur ann fhathast – is mar sin, dh’fhaodte gum faic sinn Ember ann am Bun Ìlidh, Goillspidh, Dòrnach, Inbhir Ghòrdain is Alanais fhathast.
Tha a h-uile bus air an t-slighe a’ dol fad na slighe gu Scrabasdal, rud a tha air leth feumail leis nach eil mòran de na busaichean a th’ ann mar-thà a’ dol cho fada sin agus tha e ro-chudromach gum bi ceangal math ann ri aiseag Arcaibh. Aig an ìre seo, chan fhaod thu tiocaid a cheannaich eadar Inbhir Theòrsa agus Scrabasdal le Ember, ach tha mi an dòchas gun tèid sin a chur ceart fhathast gus an urrainn do dhaoine a thig gu tuath air an trèana a chleachdadh gus am bàta fhaighinn.
Chuir mi an tiocaid agam air dòigh bho Inbhir Thèorsa agus chùm mi sùil air a’ bhus air an làraich-lìn aca. Bha e air an uair agus nuair a chaidh mi air bòrd, bha an dràibhear uamhasach laghach agus bha fàileadh “càr ùr” air a’ bhus. Bha e gu math glan agus bha a/c ann – rud air leth feumail leis gun robh e mu 26c air an taobh a-muigh gun oiteag gaoithe ann. Tha na suidheachain gu math cofhurtail agus tha gu leòr rùm ann cuideachd.
Bu mhise an aon neach-siubhail air a’ bhus fad na slighe agus bha e mar limosine spaideil a bhith agam fhèin. Ach math is ged a bha seo, b’ fheàrr leam gum biodh barrachd dhaoine air bòrd!
Ràinig mi Inbhir Ùige air an uair agus chaidh mi dhan Cho-Op is thog mi dealbhan aig an stèisean mus d’ fhuair mi am bus air ais. Cha robh ach aon neach eile air a’ bhus.
Bha an turas gach slighe dìreach àlainn leis na bailtean beaga agus seallaidhean sgoinneil de Loch Bhatain agus Loch Scarmlate (Sgarmalaid).
Tha mi an dòchas gu mòr gun soirbhich leis an t-slighe seo. Chan eil na seirbheisean bus a th’ ann mar-thà san sgìre math no pailt gu leòr nam bheachd agus mar sin, tha mi an dòchas gum bi fèill mhòr air an busaichean Ember agus gun cuidiche e an eaconamaidh is gun cuidiche e le glèidheadh sluaigh ann an Gallaibh. ’S e an aon dragh a th’ orm gun toir am bus air falbh luchd-cleachdaidh bhon trèana – sgrìobhaidh mi barrachd air sin ann am post bloga eile.
Mholainn seirbheisean bus Ember gu mòr – math dhan àrainneachd, prìsean reusanta agus deagh sheirbheisean custamair.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Bha tòrr sna pàipearan bho chionn ghoirid mu “extreme day-trips”. Sin nuair a tha daoine a’ dol air turas fada fada air plèana agus air ais san aon latha.
Thug mi sùil air bhideo no dhà bho chionn ghoirid le daoine a’ dol eadar Glaschu agus bailtean leithid Baile Atha Cliath agus an Spàinn, an Fhraing, A’ Ghearmailt agus fiù ’s Morocco agus air ais ann an latha.
Bha mi a’ feuchainn ri Gàidhlig a chur air extreme day-trip “turas-latha anabharrach” is dòcha?
Seo far am bi mi a’ dol air an turas latha mòr agam!
By Main Street, Hawes by Alan Murray-Rust, CC BY-SA 2.0,
Tha na daoine a tha dèidheil air tursan den leithid ag ràdh gu bheil iad a’ toirt cothrom do dhaoine aig nach eil mòran tìde saor, no aig nach eil cus airgid an tìde agus an t-airgead a bhiodh iad air cosg air oidhche ann an taigh-òsta a shàbhaladh.
Tuigidh mi sin ceart gu leòr, ach dhomhsa, tha aon turas tro phort-adhair gu leòr ann an latha agus nas cudromaiche, tha na h-eimiseanan CO2 às an dol a-mach seo dìreach gun chiall.
Nis, tha an teaghlach agam gu bhith air falbh aig deireadh na h-ath sheachdain. Tha Jenny agus Eva a’ dol gu Lunnainn agus tha Ciorstaidh a’ dol air falbh air le a caraidean.
Mar sin, shaoil mi gur e deagh leisgeul a bhiodh ann turas-latha mòr a dhèanamh.
Cha robh mi idir a’ dol a dhol air turas-latha anabharrach air plèana ach a dh’aindeoin sin shaoil e gum biodh e inntinneach beagan rannsachaidh a dhèanamh feuch an gabhadh a dhèanamh.
Choimhead mi air an Liosta Bucaid agam airson àiteachan a bha faisg gu leòr agus is dòcha far am b’ urrainnear deagh bhlas fhaighinn den àite ann an latha. Thàinig dà àite a-staigh orm – Gibraltar agus Monaco (is toil leam dùthchannan beaga is neo-àbhaisteach!)
Fhuair mi a-mach nach gabh turas latha a chur air dòigh gu Gibraltar – chan eil tursan-adhair ann à Alba a rèir coltais agus bhiodh agam ri dhol a Manchester an toiseach. Airson Monaco, tha seirbheisean adhair ann eadar Dùn Èideann agus Nice, am port-adhair às fhaisg air Monaco agus tha iad aig deagh àm. Bha e coltach an tòiseach gun gabhadh a dhèanamh – ach cha b’ urrainn dhomh faighinn air ais san aon latha…
Thèid mi ann latha de na làithean, ach nì mi air trèana e – ma bhios an tìde no an t-airgead agam (trèana caideil Glaschu-Lunnainn, Lunnainn-Paris, trèana caideil Lunnainn – Nice, Nice-Monaco).
Ach mar a thuirt mi, tha mi a’ smaoineachadh gur e beachd faoin is cunnartach dhan àrainneachd a th’ ann an tursan-latha anabharrach air plèana co-dhiù.
Ach turasan-latha fada air trèana? Sin gu tur eadar-dhealaichte! Tha mi air a dhol gu Lunnainn, Sheffield, Doncaster, Wrexham is iomadh àite eile is air ais ann an latha. Agus le prìsean nan taighean-òsta tha sin a’ dèanamh ciall.
Mar sin, chaidh mi air ais dhan liosta agam airson coimhead air àiteachan a ruigear air an trèana no air bus ann an ùine nach eil ro fhada.
Thug mi sùil air an liosta de dh’àiteachan far a bheil mi ag iarraidh a dhol agus an uair sin air na fòraidhean trèana no bus.
Bha seo uile mu mìos gu leth air thoiseach air an turas agus mar sin, bha tiocaidean advance rim faighinn – ach bha iad air a bhith rim faighinn fad mìos gu leth agus mar sin bha na fàraidhean saora air falbh airson cuid de na slighean is amannan mar-thà.
B’ e seo an liosta agam:
Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Locomotion ann an Shildon, Co Durham
Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Mhàd (Maud railway museum), Schd Obar Dheathain
Eilean Ghiogha
Taigh-tasgaidh nan Yorkshire Dales, Hawes
Thug mi sùil air an trèana/bus gu Màd an tòiseach ach fhuair mi a-mach nach biodh an taigh-tasgaidh – agus am meanbh-rathad-iarainn aca fosgailte air an latha sin agus gum biodh agam ri dhol ann taobh Baile nam Frisealach is mar sin, gum biodh e doirbh a dhol ann is air ais san aon latha co-dhiù.
An uair sin, thug mi sùil air Locomotion ach ged a bha trèanaichean gu leòr ann agus gun gabhadh a dhèanamh gu furasta ann an latha, bha na prìsean air fàs fìor dhaor.
Ghabhadh Giogha a dhèanamh ann an latha air a’ bhus eadar Glaschu is Ceann Loch Chille Chiarain agus bha na prìsean reusanta gu leòr, ach nuair a rinn mi beagan rannsachaidh air an eilean, bha mi den bheachd gun robh barrachd tìde a dhìth gus an t-eilean fhaicinn gu ceart.
Gu fortanach, ghabhadh turas latha a dhèanamh eadar Glaschu agus Hawes a dhèanamh ann an aon latha agus air prìs reusanta. Seo turas thairis air an Settle is Carlisle gu Garsdale agus an uair sin bus gu Hawes.
Ach carson a bha mi airson a dhol gu Hawes?
Mìnichidh mi san ath phost bloga agam.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Air ais san Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is rèile gu Lunnainn.
Às dèidh dhomh a’ cholaiste far an do choinnich triùir à Pink Floyd fhaicinn, bha an t-àm ann a dhol gu àite co-cheangailte ri ceòl rud beag eadar-dhealaichte – punc!
Mar a bhios fios aig leughadairean cunbhalach a’ bhloga seo, tha mi gu math dèidheil air a’ Chlash is air Big Audio Dynamite. Mar sin, b’ e an ath cheum agam dèanamh air an àite far an robh Mick Jones a’ fuireach nuair a bha e anns a’ Chlash.
Às dèidh turas air an Underground, bha mi ann an Westbourne Park. B’ e cha mhòr a’ chiad rud a chunnaic mi nuair a thàinig mi far na trèana an Westway. Tha tòrr iomraidhean cultarach ann mun rathad sin – òran London’s Burning, film Don Letts mun Chlash From the Westway to the World is tòrr a bharrachd. Tha e air còmhdach “Tighten Up Vol 88”, LP sgoinneil le B.A.D cuideachd.
Bha mi rud beag draghail mu bhith a’ dol dhan àite seo oir, mar a sgrìobh Mick Jones is Joe Strummer san t-sàr-òran Beyond the Pale aig Big Audio Dynamite “If you don’t know where I come from, you better stay clear of my trail, from the dark side of London, that’s way beyond the pale”.
Ach sna làithean seo, tha an t-àite air fàs gu math uaslaichte (gentrified) a rèir coltais. Is fìor thoil leam Lunnainn agus tha mi toilichte gu bheil an t-àite nas spaideile ach ’s e ana-ceartas mòr a th’ ann gu bheil Lunnainn – agus gu dearbha, Dùn Èideann, air fàs cho daor is nach eil e furasta do dhaoine àbhaisteach fuireach ann tuilleadh is gu bheil dròbhan a’ gluasad a-mach às a’ bhaile.
Fhuair mi deagh dhealbh den Tùr – bha Mick a’ fuireach air an 18mh làr. Ma tha thu air bhideo Sightsee MC le B.A.D fhaicinn, tha an tùr a nochdadh ann agus tha e cuideachd sna dealbhan sanasachd a rinn BAD nuair a bha thàinig an còmhla air ais còmhla ann an 2011 airson turas. (B’ e an gig aca ann an Glaschu an cuirm-ciùil a b’ fheàrr a chunnaic mi nam bheatha!)
Dh’fheuch mi ri dealbh a thogail san aon àite.
Choisich mi sìos gu Ladbroke Grove – a tha cuideachd a’ nochdadh anns an t-sàr òran Battle of All Saints Road le BAD.
“A couple of years ago down Ladbroke Grove…..”
An uair sin, ghlac mi an t-Underground gu Paddington (far an deach an radaigeach Èireannach Michael Davitt a chur an greim ann an 1870) agus ghlac mi loidhne Elizabeth airson a dhol gu West Ealing.
Gu mi-fhòrtanach, chaidh mi air an trèana cheàrr is chaidh mi seachad air an stèisean agam is landaig mi ann an Southall (far an robh mòr-thubaist rèile ann an 1997 a bha mar phàirt den adhbhar airson Network Rail a bhith a’ dol air ais dhan roinn phoblaich!) Ach ged a chaidh mi dhan àite cheàrr, tha mi toilichte gun deach mi ann oir chunnaic mi na soidhnichean dà-chànanach Punjabi-Beurla ann.
Fhuair mi an ath thrèana gu West Ealing an uair sin. Bha dà adhbhar ann airson turas gu Ealing. Sa chiad dol a-mach, bha mi an dòchas gum faicinn UFO no taibhse no a leithid – oir ’s ann an sin a bha na Sarah Jane Adventures suidhichte.
Agus tha meur-loidhne goirid ann eadar West Ealing agus Greenford. Is e loidhne gu math goirid a tha seo agus chan eil i air a dealanachadh fhathast. Chan eil àireamhan ro mhòr a’ cleachdadh na loidhne is mar sin, chan eil planaichean ann gus an loidhne a dhealanachadh le uèirean ach an àite sin, tha deuchainnean a’ dol air adhart air trèanaichean bataraidh a bhios a’ tearrdseadh aig na stèiseanan eadar-tursan. ’S e seann thrèanaichean D-stock at London Underground a th’ annta ach chaidh an ùrachadh le bataraidhean.
Cha robh na trèanaichean dealanach a’ ruith an latha sin ach bha iad rim faicinn agus fhuair mi cothrom a dhol air trèana diosail. Chaidh mi air ais an uair sin agus mi a’ dèanamh air Deptford far an robh Dire Straits a’ fuireach uair….
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Air ais anns an Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is safari rèile gu Lunnainn.
Thòisich an latha leis an trèana caidil eadar Glaschu is Euston. Cha d’ fhuair mi mòran caidil oir bha mi ri eadar-theangachadh gus pàigheadh airson an turais!
Ach aig a’ cheann thall, ràinig mi Lunnainn gu slàn sàbhailte agus às dèidh dhomh tòrr mòr caffeine fhaighinn, rinn mi air a’ chiad rathad-iarainn ceart san t-saoghail.
Faisg air stèisean Euston an latha an-diugh, chaidh rathad-iarainn a thogail leis an innleadair Chòrnach ainmeil Richard Trevethick (1771-1833). Thog e cearcall beag de thrac ann an 1808 airson loco air an robh “Catch mi who can” agus b’ urrainn do dhaoine sam bith an teicneòlas sgoileil ùr seo fhaicinn agus a dhol air turas air an loidhne seo air an robh an “Steam Circus” air prìs tastain.
Bha Trevythick air a bhith an sàs ann an leasachadh einnseanan smùid gus mèinnean a dhrèanadh. Chruthaich e a’ chiad càr smùid cuideachd agus tagsaidh smùid agus bha e an sàs ann an diofar rathaidean-iarainn airson bathair ach b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn riamh do luchd-siubhail.
Seo dealbh den rathad-iarainn. Fad bhliadhnaichean, bhathar an dùil gun deach a dhèanamh aig toiseach an 19mh linn , ach thathar a-nis den bheachd gun deach a dhèanamh san 20mh linn.
Agus seo dealbh den trèana fhèin. Agus faodar modail obrachail fhaicinn dhì aig rathad-iarainn Severn Valley ann an Sasainn.
Cha do mhair “Circus na Smùid” ach mu dhà mhìos – bha an talamh gu math bog agus bhris rèile agus gum mì-fhortanach, cha robh airgead gu leòr aig a’ Chòrnach gus a chàradh. A dh’aindeoin na h-obrach uile a rinn Trevythick, chaochail e ann am bochdainn aig a’ cheann thall.
Ach ’s ann a dhearbhaich Trevythick gun obraicheadh rathaidean-iarainn do luchd-siubhail agus chan fhada gus an robh an Stockton is Darlington agus an Liverpool is Manchester ann.
Ged nach d’ fhuair e aithne rè a bheatha, ge-tà, tha cliù aige a-nis agus tha plac ann far an robh Circus na Smùid uair.
Thog mi dealbh no dhà agus an uair sin, rinn mi air Regent Street gus Oilthigh Westminster fhaicinn far an do choinnich Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters air cùrsa ailtireachd aig Regent Street Polytechnic, mar a bh’ air aig an àm – an triùr a chur Pink Floyd air dòigh còmhla ri Syd Barrett. Gu mi-fhortanach, thathar ag obair air an togalach agus bha sgafalachd ann agus mar sin, cha robh am plac ri fhaicinn.
Feumaidh mi a dhol ann a-rithist – agus tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil plac ann do Syd Barrett ann an Lunnainn cuideachd – thèid mi ann an ath thuras!
Seo dhealbh den phlac bhon eadar-lìon.
Ri leantainn … Big Audio Dynamite, Dire Straits, New Cross and New Cross Gate, meur-loidhne Greenford agus tram-bhusaichean.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Tha e a’ còrdadh ri YouTubairean nan rathad-iarainn agus ri trainspotters san fharsaingeachd a bhith a’ tadhal air stèisean beaga iomallach agus air stèisean nach bi mòran dhaoine a’ cleachdadh (least used stations).
Gach bliadhna, bidh Oifis na Rèile is nan Rathaidean a’ cur a-mach figearan airson luchd-cleachdaidh gach stèisean ann am Breatainn.
Aig mullach na liosta, tha na stèiseanan mòra mòra leithid Paddington agus Waterloo ann an Lunnainn leis na milleanan de luchd-cleachdaidh gach bliadhna agus na mìltean gach latha. Aig ceann eile na liosta, tha stèisean leithid Berney Arms ann an Norfolk agus Allt nam Breac ann an Gallaibh le aonan no dithis gan cleachdadh air latha trang. Uile gu lèir bidh mu 200-250 a’ dol air no far trèana sa bhlaidhna ann an Allt nam Breac.
Tha stèiseanan a tha an dà chuid gun mòran luchd-cleachdaidh AGUS iomallach a’ còrdadh gu sònraichte ri daoine – agus chan eil mòran àiteachan ann a tha cho iomallach ri Allt nam Breac oir chan eil rathad ceart ann dhan bhaile. Feumar a dhol ann air frith-rathaidean coilltearachd nach eil ann an staid ro mhath.
Chan eil ann an Allt nam Breac ach trì no ceithir taighean agus thathar a’ creidsinn gun deach an stèisean a thogail an seo a chionn’s gun robh feum air tùr-uisge agus lùb seachnaidh ar am faigheadh na trèanaichean seachad air a chèile.
Thog mi ùidh san stèisean an toiseach bliadhnaichean air ais nuair a bha comhairlichean ann an Gallaibh a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus iad ag ràdh nach robh Gàidhlig sam bith riamh san sgìre – “dè mu dheidhinn Allt nam Breac”, bhithinn daonnan ag ràdh! (Agus gu dearbha – tha na ceudan de dh’ainmean Gàidhlig eile ann an Gallaibh cuideachd ach leis gu bheil an t-ainm seo air stèisean, tha e na fhìor dheagh eisimpleir).
An uair sin, leugh mi an sàr-leabhar Tiny Stations le Dixe Wills.
Am measg nan stèiseanan beag biodach air an do thadhail e, bha Allt nam Breac, agus abair gun robh turas inntinneach aige ann! Choisich e gu loch faisg air an stèisean far a bheil taigh mòr – Loidse Loch Dubh a bha uair na thaigh-òsta. Thàinig am fear leis a bheil an taigh a-mach airson bruidhinn ris agus thug e cuireadh do Dixe tighinn a-staigh airson srùbag.
A rèir coltais, bha fear an taighe gu math neònach agus bha an t-ùghdar a’ faireachdainn gu math ain-fhoiseil agus an uair sin, chaidh cuireadh a thoirt dha coimhead air an t-seilear. Bha sarcophagi agus stuth neònach eile ann agus bha eagal a bheatha air Dixe agus rinn e leisgeul is theich e. Chuir e an t-ainm fallsa “Brian” air an neach san leabhar.
Ach tha fios againn uile a-nis cò a th’ ann am “Brian” às dèidh dhan naidheachd ghrod seo tighinn am bàrr: https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cqlyd7gpyl3o. A rèir coltais, bha Dixe Wills ceart eagal a bhith air..
Agus ann an 2023, bha Allt nam Breac anns na naidheachdan aon uair eile. Chaidh an stèisean a dhùnadh rè ùine mar thoradh air eus-aonta eadar ùghdarrasan nan rathaidean-iarainn agus na daoine leis a bheil taigh an stèisein mu bhith a’ faighinn cothrom air àrd-ùrlar an stèisein gus a chumail suas. Bha gu leòr anns na pàipearan naidheachd mun chùis.
Cha chan mi an còrr mu dheidhinn seo oir tha mi a’ tuigsinn gu bheil cùisean lagha sub judice a’ dol air adhart mun chùis an-dràsta. ‘S e an rud as cudromaiche dhomh gu bheil an stèisean air ath-fhosgladh – ged a thuirt ScotRail gur e e ceum sealach a bha seo, bha an stèisean dùinte eadar an t-Samhain 2023 agus an Giblean 2025 mar thoradh air seo uile.
Nuair a dh’fhosgail e as ùr, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh dhan àite neònach seo! Ach saoilidh mi gum bi agam ri bhith gu math faiceallach fhad ’s a bhios mi ann…. Saoil an lorg mi an t-allt agus am faic mi breac sam bith?
Tha mi gu mòr airson a dhol gu ionad RSPB nam Flobhaichean ann an Fors an-Àird – an stèisean a deas air Allt nam Breac. Tha e mu 15 mìle air falbh agus bha mi a’ beachdachadh air coiseachd ann, a’ coimhead air an teàrmann nàdair agus a’ glacadh na trèana a-rithist aig Fors an-Àird ach cha robh clàr-ama nan trèanaichean freagarrach gu mì-fhortanach. Air an adhbhar sin, tha mi a’ dol a dhol air cuairt ann an Alt nam Breac, tha mi a’ dol a dh’Inbhir Theòrsa agus tha mi a’ dol air an trèana gu Fors an-Àird an ath latha air an t-slighe air ais gu deas.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
24 Giblean 2025, 6.30f, Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell. An Dr Petra Johana Poncarová & an Dr Tòmas MacAilpein (Oilthigh Ghlaschu): Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill (1925-1987): Sgrìobhadair, Riochdaire, Neach-deasachaidh
A’ coinneachadh gus meòrachadh mu dhualchas, litreachas, òrain is eachdraidh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd – tro mheadhan na Gàidhlig. Gach coinneamh ann an Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell, oidhche Dhiardaoin, 6.30f. Ri fhaighinn air-loidhne tro ‘Teams’ cuideachd – cuiribh fios gun rùnaire airson ceangal-lìn, dà latha ron àm <a_maccoinnich@hotmail.com>.
Meeting monthly on Thursday nights (6.30), Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, to discuss various aspects of Gaelic and Highland language, culture and history. All talks in Gaelic. Meetings accessible remotely via teams. E-mail the secretary, address above, two days before the meeting.
Fàilte chridheil oirbh uile / All welcome.
Ballrachd bliadhnail a’ Chomainn, £25; ballrachd teaghlaich, £30. Faodaidh aoighean £5 a phàigheadh rèir an toil. Oileanaich is sgoilearan – an asgaidh.
Annual membership, £25, family membership, £30, guests, suggested contribution, £5. Students and schoolchildren free.
Le taing gu Glaschu Beò airson an taic ann bhith a’ cleachdadh Leabharlann Mitchell
Powered by WPeMatico
Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu
Nuair a bha mi òg sna 1980an, bha mi beò glaicte le leabhar air an robh “British Electric Trains in Camera”.
Bha tòrr thrèanaichean ann a ghlac m’ aire agus nuair a dh’fhàs mi suas, chur mi romham na trèanaichean a b’ fheàrr leam san leabhar fhaicinn.
‘S e seann leabhar a th’ ann, còrr is 40 bliadhna a dh’aois a-nis agus tha a’ mhòr-chuid de na trèanaichean ann air tighinn à seirbheis, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn a bha ùr nuair a chaidh an leabhar fhoillseachadh!
Mar sin, tha mi air a bhith trang a’ dol gu taighean-tasgaidh, rathaidean-iarainn glèidhte is eile gus am faicinn.
Gu ruige seo, tha an taistealachd seo air mo thoirt gu Depot Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn, Taigh-tasgaidh Trèanaichean Dealanach Coventry (nach maireann), Manchester, Eilean Wight agus barrachd.
An turas seo, tha mi air turas a chur air dòigh gu Buckinghamshire gus trèana gu math sònraichte fhaicinn.
Tha mi air turas a chur air dòigh san Lùnastal gu Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire faisg air Aylesbury.
’S ann an sin a tha trèana CO/CP aig London Underground, trèanaichean sònraichte a chaidh a thogail goirid ron dàrna cogadh a bha ann an seirbheis gu tòiseach nan 1980an.
Dealbh: Oxyman, CC BY-SA 3.0 http://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0/, via Wikimedia Commons
Thog mi ùidh sna trèanaichean mòra dearga seo leis gu bheil coltas art-deco sgoinneil orra agus bha mi gu mòr airson am faicinn.
Dhomhsa, tha Aylesbury ainmeile airson Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire ach cuideachd airson ceòl, oir ‘s ann as a’ bhaile sin a tha an còmhlan prog ainmeil Marillion agus bidh mi a’ fuireach ri taobh Ceàrnag a’ Mhargaidh – a tha ainmeil bhon òran “Market Square heroes”.
A rèir coltais, tha Aylesbury ainmeile airson tunnagan cuideachd oir ’s ann an sin a chaidh tunnagan dachaigheil geala den t-seòrsa a chithear air tuathanasan a bhriodaigeadh an tòiseach.
Bidh mi a’ dol ann air an trèana oidhche gu Lunnainn agus an uair a’ gabhail na trèana eadar Lunnainn Marelybone agus Aylsbury.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean