“Glac mi co ’s as urrainn” – busaichean, trèanaichean punc is prog ann an Lunnainn 1

Le alasdairmaccaluim

Air ais anns an Fhaoilleach, chaidh mi air taistealachd roc is safari rèile gu Lunnainn.

Thòisich an latha leis an trèana caidil eadar Glaschu is Euston. Cha d’ fhuair mi mòran caidil oir bha mi ri eadar-theangachadh gus pàigheadh airson an turais!

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain
An Cadalaiche, Stèisean a’ Mheadhain – Lunnainn 400 mìle

Ach aig a’ cheann thall, ràinig mi Lunnainn gu slàn sàbhailte agus às dèidh dhomh tòrr mòr caffeine fhaighinn, rinn mi air a’ chiad rathad-iarainn ceart san t-saoghail.

Faisg air stèisean Euston an latha an-diugh, chaidh rathad-iarainn a thogail leis an innleadair Chòrnach ainmeil Richard Trevethick (1771-1833). Thog e cearcall beag de thrac ann an 1808 airson loco air an robh “Catch mi who can” agus b’ urrainn do dhaoine sam bith an teicneòlas sgoileil ùr seo fhaicinn agus a dhol air turas air an loidhne seo air an robh an “Steam Circus” air prìs tastain.

Bha Trevythick air a bhith an sàs ann an leasachadh einnseanan smùid gus mèinnean a dhrèanadh. Chruthaich e a’ chiad càr smùid cuideachd agus tagsaidh smùid agus bha e an sàs ann an diofar rathaidean-iarainn airson bathair ach b’ e seo a’ chiad rathad-iarainn riamh do luchd-siubhail.

Seo dealbh den rathad-iarainn. Fad bhliadhnaichean, bhathar an dùil gun deach a dhèanamh aig toiseach an 19mh linn , ach thathar a-nis den bheachd gun deach a dhèanamh san 20mh linn.

Circus na Smùide - Euston, Lunnainn

Agus seo dealbh den trèana fhèin. Agus faodar modail obrachail fhaicinn dhì aig rathad-iarainn Severn Valley ann an Sasainn.

Cha do mhair “Circus na Smùid” ach mu dhà mhìos – bha an talamh gu math bog agus bhris rèile agus gum mì-fhortanach, cha robh airgead gu leòr aig a’ Chòrnach gus a chàradh. A dh’aindeoin na h-obrach uile a rinn Trevythick, chaochail e ann am bochdainn aig a’ cheann thall.

Ach ’s ann a dhearbhaich Trevythick gun obraicheadh rathaidean-iarainn do luchd-siubhail agus chan fhada gus an robh an Stockton is Darlington agus an Liverpool is Manchester ann.

Ged nach d’ fhuair e aithne rè a bheatha, ge-tà, tha cliù aige a-nis agus tha plac ann far an robh Circus na Smùid uair.

Plac de Richard Trevithick, Euston, Lunnainn

Thog mi dealbh no dhà agus an uair sin, rinn mi air Regent Street gus Oilthigh Westminster fhaicinn far an do choinnich Nick Mason, Rick Wright agus Roger Waters air cùrsa ailtireachd aig Regent Street Polytechnic, mar a bh’ air aig an àm – an triùr a chur Pink Floyd air dòigh còmhla ri Syd Barrett. Gu mi-fhortanach, thathar ag obair air an togalach agus bha sgafalachd ann agus mar sin, cha robh am plac ri fhaicinn.

Feumaidh mi a dhol ann a-rithist – agus tha mi air faighinn a-mach bhon uair sin gu bheil plac ann do Syd Barrett ann an Lunnainn cuideachd – thèid mi ann an ath thuras!

Seo dhealbh den phlac bhon eadar-lìon.

Ri leantainn … Big Audio Dynamite, Dire Straits, New Cross and New Cross Gate, meur-loidhne Greenford agus tram-bhusaichean.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Allt nam Breac – an stèisean as craicte ann an Alba?

Le alasdairmaccaluim

Tha e a’ còrdadh ri YouTubairean nan rathad-iarainn agus ri trainspotters san fharsaingeachd a bhith a’ tadhal air stèisean beaga iomallach agus air stèisean nach bi mòran dhaoine a’ cleachdadh (least used stations).

Gach bliadhna, bidh Oifis na Rèile is nan Rathaidean a’ cur a-mach figearan airson luchd-cleachdaidh gach stèisean ann am Breatainn.

Aig mullach na liosta, tha na stèiseanan mòra mòra leithid Paddington agus Waterloo ann an Lunnainn leis na milleanan de luchd-cleachdaidh gach bliadhna agus na mìltean gach latha. Aig ceann eile na liosta, tha stèisean leithid Berney Arms ann an Norfolk agus Allt nam Breac ann an Gallaibh le aonan no dithis gan cleachdadh air latha trang. Uile gu lèir bidh mu 200-250 a’ dol air no far trèana sa bhlaidhna ann an Allt nam Breac.

Rob Faulkner from Leeds, United Kingdom, CC BY 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by/2.0, via Wikimedia Commons

Tha stèiseanan a tha an dà chuid gun mòran luchd-cleachdaidh AGUS iomallach a’ còrdadh gu sònraichte ri daoine – agus chan eil mòran àiteachan ann a tha cho iomallach ri Allt nam Breac oir chan eil rathad ceart ann dhan bhaile. Feumar a dhol ann air frith-rathaidean coilltearachd nach eil ann an staid ro mhath.

Chan eil ann an Allt nam Breac ach trì no ceithir taighean agus thathar a’ creidsinn gun deach an stèisean a thogail an seo a chionn’s gun robh feum air tùr-uisge agus lùb seachnaidh ar am faigheadh na trèanaichean seachad air a chèile.

Thog mi ùidh san stèisean an toiseach bliadhnaichean air ais nuair a bha comhairlichean ann an Gallaibh a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus iad ag ràdh nach robh Gàidhlig sam bith riamh san sgìre – “dè mu dheidhinn Allt nam Breac”, bhithinn daonnan ag ràdh! (Agus gu dearbha – tha na ceudan de dh’ainmean Gàidhlig eile ann an Gallaibh cuideachd ach leis gu bheil an t-ainm seo air stèisean, tha e na fhìor dheagh eisimpleir).

An uair sin, leugh mi an sàr-leabhar Tiny Stations le Dixe Wills.

Am measg nan stèiseanan beag biodach air an do thadhail e, bha Allt nam Breac, agus abair gun robh turas inntinneach aige ann! Choisich e gu loch faisg air an stèisean far a bheil taigh mòr – Loidse Loch Dubh a bha uair na thaigh-òsta. Thàinig am fear leis a bheil an taigh a-mach airson bruidhinn ris agus thug e cuireadh do Dixe tighinn a-staigh airson srùbag.

A rèir coltais, bha fear an taighe gu math neònach agus bha an t-ùghdar a’ faireachdainn gu math ain-fhoiseil agus an uair sin, chaidh cuireadh a thoirt dha coimhead air an t-seilear. Bha sarcophagi agus stuth neònach eile ann agus bha eagal a bheatha air Dixe agus rinn e leisgeul is theich e. Chuir e an t-ainm fallsa “Brian” air an neach san leabhar.

Ach tha fios againn uile a-nis cò a th’ ann am “Brian” às dèidh dhan naidheachd ghrod seo tighinn am bàrr: https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cqlyd7gpyl3o. A rèir coltais, bha Dixe Wills ceart eagal a bhith air..

Agus ann an 2023, bha Allt nam Breac anns na naidheachdan aon uair eile. Chaidh an stèisean a dhùnadh rè ùine mar thoradh air eus-aonta eadar ùghdarrasan nan rathaidean-iarainn agus na daoine leis a bheil taigh an stèisein mu bhith a’ faighinn cothrom air àrd-ùrlar an stèisein gus a chumail suas. Bha gu leòr anns na pàipearan naidheachd mun chùis.

Cha chan mi an còrr mu dheidhinn seo oir tha mi a’ tuigsinn gu bheil cùisean lagha sub judice a’ dol air adhart mun chùis  an-dràsta. ‘S e an rud as cudromaiche dhomh gu bheil an stèisean air ath-fhosgladh – ged a thuirt ScotRail gur e e ceum sealach a bha seo, bha an stèisean dùinte eadar an t-Samhain 2023 agus an Giblean 2025 mar thoradh air seo uile.

Nuair a dh’fhosgail e as ùr, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh dhan àite neònach seo! Ach saoilidh mi gum bi agam ri bhith gu math faiceallach fhad ’s a bhios mi ann…. Saoil an lorg mi an t-allt agus am faic mi breac sam bith?

Tha mi gu mòr airson a dhol gu ionad RSPB nam Flobhaichean ann an Fors an-Àird – an stèisean a deas air Allt nam Breac. Tha e mu 15 mìle air falbh agus bha mi a’ beachdachadh air coiseachd ann, a’ coimhead air an teàrmann nàdair agus a’ glacadh na trèana a-rithist aig Fors an-Àird ach cha robh clàr-ama nan trèanaichean freagarrach gu mì-fhortanach. Air an adhbhar sin, tha mi a’ dol a dhol air cuairt ann an Alt nam Breac, tha mi a’ dol a dh’Inbhir Theòrsa agus tha mi a’ dol air an trèana gu Fors an-Àird an ath latha air an t-slighe air ais gu deas.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

24 Giblean 2025: Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill aig 100

Le comanngaidhligghlaschu

24 Giblean 2025, 6.30f, Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell. An Dr Petra Johana Poncarová & an Dr Tòmas MacAilpein (Oilthigh Ghlaschu): Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill (1925-1987): Sgrìobhadair, Riochdaire, Neach-deasachaidh

Clàr-ama slàn 2024/25

A’ coinneachadh gus meòrachadh mu dhualchas, litreachas, òrain is eachdraidh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd – tro mheadhan na Gàidhlig. Gach coinneamh ann an Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell, oidhche Dhiardaoin, 6.30f. Ri fhaighinn air-loidhne tro ‘Teams’ cuideachd – cuiribh fios gun rùnaire airson ceangal-lìn, dà latha ron àm <a_maccoinnich@hotmail.com>.

Meeting monthly on Thursday nights (6.30), Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, to discuss various aspects of Gaelic and Highland language, culture and history.  All talks in Gaelic. Meetings accessible remotely via teams. E-mail the secretary, address above, two days before the meeting.

Fàilte chridheil oirbh uile / All welcome.

Ballrachd bliadhnail a’ Chomainn, £25; ballrachd teaghlaich, £30. Faodaidh aoighean £5 a phàigheadh rèir an toil. Oileanaich is sgoilearan – an asgaidh.

Annual membership, £25, family membership, £30, guests, suggested contribution, £5. Students and schoolchildren free.

Le taing gu Glaschu Beò airson an taic ann bhith a’ cleachdadh Leabharlann Mitchell

Powered by WPeMatico


Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Market Square Heroes! Prog, tunnagan agus trèanaichean tiùb ann an tòn Shasainn

Le alasdairmaccaluim

Nuair a bha mi òg sna 1980an, bha mi beò glaicte le leabhar air an robh “British Electric Trains in Camera”.

Bha tòrr thrèanaichean ann a ghlac m’ aire agus nuair a dh’fhàs mi suas, chur mi romham na trèanaichean a b’ fheàrr leam san leabhar fhaicinn.

‘S e seann leabhar a th’ ann, còrr is 40 bliadhna a dh’aois a-nis agus tha a’ mhòr-chuid de na trèanaichean ann air tighinn à seirbheis, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn a bha ùr nuair a chaidh an leabhar fhoillseachadh!

Mar sin, tha mi air a bhith trang a’ dol gu taighean-tasgaidh, rathaidean-iarainn glèidhte is eile gus am faicinn.

Gu ruige seo, tha an taistealachd seo air mo thoirt gu Depot Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn, Taigh-tasgaidh Trèanaichean Dealanach Coventry (nach maireann), Manchester, Eilean Wight agus barrachd.

An turas seo, tha mi air turas a chur air dòigh gu Buckinghamshire gus trèana gu math sònraichte fhaicinn.

Tha mi air turas a chur air dòigh san Lùnastal gu Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire faisg air Aylesbury.

’S ann an sin a tha trèana CO/CP aig London Underground, trèanaichean sònraichte a chaidh a thogail goirid ron dàrna cogadh a bha ann an seirbheis gu tòiseach nan 1980an.

Dealbh: Oxyman, CC BY-SA 3.0 http://creativecommons.org/licenses/by-sa/3.0/, via Wikimedia Commons

Thog mi ùidh sna trèanaichean mòra dearga seo leis gu bheil coltas art-deco sgoinneil orra agus bha mi gu mòr airson am faicinn.

Dhomhsa, tha Aylesbury ainmeile airson Ionad Rathaidean-iarainn Buckinghamshire ach cuideachd airson ceòl, oir ‘s ann as a’ bhaile sin a tha an còmhlan prog ainmeil Marillion agus bidh mi a’ fuireach ri taobh Ceàrnag a’ Mhargaidh – a tha ainmeil bhon òran “Market Square heroes”.

A rèir coltais, tha Aylesbury ainmeile airson tunnagan cuideachd oir ’s ann an sin a chaidh tunnagan dachaigheil geala den t-seòrsa a chithear air tuathanasan a bhriodaigeadh an tòiseach.

Bidh mi a’ dol ann air an trèana oidhche gu Lunnainn agus an uair a’ gabhail na trèana eadar Lunnainn Marelybone agus Aylsbury.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn

Le Oifigear Gàidhlig

Comataidh a’ rannsachadh taic Riaghaltas na h-Alba agus bhuidhnean poblach airson Cànan Soidhnidh Bhreatainn Deich bliadhna às dèidh Achd Cànan Soidhnidh Bhreatainn (Alba) tighinn gu bith, thèid sgrùdadh a dhèanamh le comataidh aig Taigh an Ròid air na rinn Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach gus dèiligeadh ris na cnapan-starra a tha mu choinneamh luchd-cleachdaidh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Beachdan gan sireadh air Cànan Soidhnidh Bhreatainn

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Suirbhidh com-pàirteachais

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh beachdan an t-sluaigh air mar a tha iad a’ gabhail pàirt san obair againn. Ma tha thu thu air a bhith an sàs ann an obair na Pàrlamaid roimhe, cò ris a bha e coltach? Mur eil thu air a bhith an sàs ann roimhe, dè tha gad chumail … Leugh an corr de Suirbhidh com-pàirteachais

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Calling Gaelic learners and supporters. New Parliament Gaelic newsletter launched!

Le Oifigear Gàidhlig

Are you a Gaelic speaker or learner or are you interested in the language? The Scottish Parliament is piloting a new fortnightly Gaelic newsletter. This will cover what’s happening in the Parliament in Gaelic for fluent readers, but also provide material in English for those learning the language. We’ll include some other resources for those curious … Leugh an corr de Calling Gaelic learners and supporters. New Parliament Gaelic newsletter launched!

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

An ath choinneamh – An Dr Michel Byrne

Le comanngaidhligghlaschu

Comann Gàidhlig Ghlaschu

2024 – 2025

A’ coinneachadh gus meòrachadh mu dhualchas, litreachas, òrain is eachdraidh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd – tro mheadhan na Gàidhlig. Gach coinneamh ann an Seòmar Bhlythswood, Leabharlann Mhitchell, oidhche Dhiardaoin, 6.30f. Ri fhaighinn air-loidhne tro ‘Teams’ cuideachd – cuiribh fios gun rùnaire airson ceangal-lìn, dà latha ron àm <a_maccoinnich@hotmail.com>.

Meeting monthly on Thursday nights (6.30), Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, to discuss various aspects of Gaelic and Highland language, culture and history.  All talks in Gaelic. Meetings accessible remotely via teams. E-mail the secretary, address above, two days before the meeting.

       
  10 Dàmhair   Raghnall Macilledhuibh Oilthigh Dhùn Èideann     Iain Mac an Deòir (1802–72): Eachdraidh Ìle, Dhiùra ’s Cholasa o Bheul nan Daoine  
  21 Samhain      Ceit Fhoirbeis, BPA; Leas-Phrìomh-mhinisteir is Ministear na Gàidhlig     Bile nan Cànan Albannach .  
  12 Dùbhl’d     An Oll. Roibeard Ó Maolalaigh Oilthigh Ghlaschu   Ainmean-àite Gàidhlig ann an Carraig Shiorrachd Àir    
  16 Faoill’ch       Mgr Dòmhnall Moireasdan BBC Naidheachdan     Fred MacAmhlaigh: an duine, an tùsaire craolaidh, an sgoilear agus am bàrd  
  13 Gearr’     An Dr Michel Byrne Oilthigh Ghlaschu     ‘Co-chruinneach’ 1831: duanaire Peairteach  
  20 Màrt       Beth Frieden Glaschu     Bàrdachd agus còmhradh
  24 Gibl’n           An Dr Petra Poncarová & an Dr Tòmas MacAilpein, Oilthigh Ghlaschu     Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill (1925-1987): Sgrìobhadair, Riochdaire, Neach-deasachaidh
    15 Cèit’n         Coinneamh Bhliadhnail   / AGM  

Fàilte chridheil oirbh uile / All welcome.

Ballrachd bliadhnail a’ Chomainn, £25; ballrachd teaghlaich, £30. Faodaidh aoighean £5 a phàigheadh rèir an toil. Oileanaich is sgoilearan – an asgaidh.

Annual membership, £25, family membership, £30, guests, suggested contribution, £5.

Students and schoolchildren free.

Le taing gu Glaschu Beò airson an taic ann bhith a’ cleachdadh Leabharlann Mitchell

Powered by WPeMatico


Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Fios naidheachd – Stiùiriche neo-ghnìomhach ùr do Sgrùdadh Alba air ainmeachadh

Le Oifigear Gàidhlig

Chaidh stiùiriche ùr neo-ghnìomhach ainmeachadh do Sgrùdadh Alba às dèidh farpais fastaidh fhosgailte. Tòisichidh Pàdraig Bartlett, an tagraiche soirbheachail, air bòrd Sgrùdadh Alba air 22 Faoilleach 2025.  Tha an dreuchd airson teirm stèidhichte de thrì bliadhna, le cothrom air ùrachadh.  Feumar 24 latha sa bhliadhna a chaitheamh san dreuchd agus is e am pàigheadh làitheil … Leugh an corr de Fios naidheachd – Stiùiriche neo-ghnìomhach ùr do Sgrùdadh Alba air ainmeachadh

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Aplacaidean Anaragach V: a h-uile stèisean!

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ cumail liosta den a h-uile stèisean rèile far an do ghlac mi trèana riamhh oir is e sàr anarag a th’ annam!

Gu ruige seo, tha mi air tadhal air 300 stèisean anns an RA.

Bha mi riamh airson mapa a dhèanamh de na stèiseanan uile sin agus a-nis tha mi air làrach-lìn a lorg a nì dìreach sin!

Seo am mapa air fad leis a h-uile stèisean.

Agus faodar sùmadh a-steach. Seo a’ Chuimrigh:

Agus seo Èirinn a Tuath

Agus seo Meadhan na h-Alba:

Agus seo meadhan Lunnainn leis na termini uile:

Chan eil an làrach-lìn foirfe oir chan eil a h-uile stèisean air airson adhbhar air choireigin, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn as ùire – ach is e fìor dheagh spòrs a th’ ann!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean