Marc Bolan agus sùgh nan Zombie!

Le alasdairmaccaluim

Bho chionn ghoirid, bha mi ann an Lunnainn airson taistealachd roc is rèile – le beagan fortea cuideachd!

Às dèidh dhomh tadhal air Sràid nan Càball, rinn mi air Stèisean Aldgate an Ear gus an Underground a ghlacadh agus stad mi air an t-slighe aig comharra ionadail suaicheanta – the Aldgate Pump.

Gu h-eachdraidheil, bha am pumpa air fhaicinn mar a’ chrìoch eadar Cathair Lunnainn agus Lunnainn an Ear. Nas cudromaiche na sin, tha deagh sgeulachd ann mu dheidhinn!

A rèir Wiki:

Served by one of London’s many underground streams, the water was praised for being “bright, sparkling, and cool, and of an agreeable taste”. These qualities were later found to be derived from decaying organic matter from adjoining graveyards, and the leaching of calcium from the bones of the dead in many new cemeteries in north London through which the stream ran from Hampstead

’S ann a bha muinntir an àite ag òl sùgh nan zombie!

Tha ceann madadh-allaidh air a’ phumpa cuideachd oir a rèir beul-aithris, ’s ann an seo a chaidh am madadh-allaidh mu dheireadh ann an Lunnainn a mharbhadh – ged nach eil luchd-eachdraidh a’ smaoineachadh gu bheil seo fìor idir.

Leis a sin bha an t-àm ann a dhol air safari rèile an latha. Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn san RA agus a rèir na làraich-lìn viaduct.world, tha mi air 52% den lìona a dhèanamh gu ruige seo (a’ gabhail a-steach Alba agus Èirinn a Tuath air fad agus mu 50% den Chuimrigh). Tha mi a’ feuchainn ris a h-uile rathad-iarainn a dhèanamh ann an Lunnainn a-nis agus tha mi air an Underground agus London Tramlink air fad a dhèanamh agus tha mi a-nis a’ cur crìoch air an Overground.

Chaidh ainmean ùra a chur air na loidhnichean Overground bho chionn ghoirid. Bha mi a’ dol air an loidhne air an robh am far-ainm “The Goblin line” roimhe – Gospel Oak – Barking Line”. A-nis, ‘s e an Suffragette Line a th’ oirre

Bha molaidhean eile agam airson ainmean nan loidhnichean, stèidhichte air a’ Chlash agus Big Audio Dynamite (an còmhla aig Mick Jones às dèidh a’ Chlash) ach cha deach gabhail riuth gu mì-fhortanach!

Bha mi ag èisteachd ris a’ Chlash air an trèana nuair a rinn mi air Gospel Oak gus an trèana Overground a ghlacadh.

Cha robh mi riamh air Loidhne nan Suffragette (no Loidhne Topper Headon mar a th’ agam air) roimhe agus bha ùidh mhòr agam san loidhne leis gun deach a leudachadh bho chionn bliadhna no dhà.

B’ àbhaist dhan loidhne a bhith a’ crìochnachadh ann am Barking, ach chaidh a leudachadh gu stèisean ùr Barking Riverside a dh’fhosgail ann an 2022.

Bha stèisean ùr a dhìth oir thathar a’ togail nam mìltean de thaighean ùra ann, air talamh fàs far an robh stèisean cumhachd Barking uair. Tha an rathad-iarainn ùr uile air drochaid àrd leis gum feum e a dhol thairis air a’ phrìomh rathad-iarainn aig Barking.

Trèana Overground aig Barking Riverside deiseil airson a dhol air ais gu Gospel Oak

Bha mi letheach slighe tron latha agus bha mi airson stad airson cofaidh ach a rèir coltais, tha meadhan a’ bhaile piosag air falbh bhon stèisean. Tha soidhnichean mòra air feadh an àite le “A place to be, become and belong” agus tha mi cinnteach gum bi sinn fìor uair no uaireigin ach an-dràsta, tha e a’ faireachdainn nach eil e idir deiseil agus tha e caran coltach ri baile spaideil ùr ann am meadhan Inbhir Ghrèinnse!

Leis gun robh e fuair is fliuch, chaidh mi air ais dhan stèisean agus fhuair mi an trèana gu Gospel Oak, far an do ghlac mi trèana eile gu Clapham Junction agus tè eile gu Barnes.

‘S ann ann am Barnes a chaidh an rionnag roc Marc Bolan a mharbhadh ann an 1977 ann an tubaist càr. Tha carragh-chuimhne a-nis ann far an d’ fhuair am Bolanach bàs agus ’s e “the Bolan Rock Shrine” a chanar ris air na soidhnichean agus air google maps.

Bha mi riamh deidheil air T-Rex, gu h-àraid nuair a bha iad rocmhor! Tha sinn builteach a bhith a’ smaoineachadh air a’ Bholanach mar sgrìobhadair òrain seach mar chluicheadair giotàir ach seall air a’ bhideo seo gus faicinn cho math ‘s a bha e!

’S e àite snog a th’ ann an le tiodhlacan beaga a dh’fhàg luchd-leantainn T-Rex à air feadh an t-saoghail, gu sònraichte ealachan (“Ride a White Swan”) agus losgannan (bhon òran “New York City”: “Did you ever see a woman coming out of New York City/With a frog in her hand?”)

Nis, bidh fios aig daoine a tha a’ leantainn a’ bhloga seo nach eil mi idir air an Kool Aid òl a thaobh AI. Dhearbhaich Marc Bolan fhèin gu bheil mi ceart a bhith amharrasach mu dheidhinn aon uair eile!

Ciamar? Bha an cluicheadair giotàr cliùiteach Peter Green (1946-2020) a stèidhich Peter Green’s Fleetwood Mac mun aon aois ri Bolan, bha an dithis aca à Lunnainn an Ear agus bha an dithis aca nan Iùdhach agus iad an sàs ann an cèol sa bhaile aig an aon àm.

Ghooglaich mi “Did the musicians Marc Bolan and Peter Green know each other”.

Thuirt freagairt AI Google “There is no recorded evidence to suggest that Marc Bolan and Peter Green knew each other but they were involved in the London music scene at the same time so may have known each other”.

Bha trioblaid agam leis a’ choimpiutair is bha agam ri reboot a dhèanamh. Chuir mi an aon cheist a-staigh a-rithist agus thuirt freagairt AI Google:

“Yes, the musicians Marc Bolan and Peter Green did know each other…..” agus bha fiosrachadh a bharrachd ann mun dàimh eadorra.

A-steach dhan mhuir le AI.

Peter Green’s Fleetwood Mac, “Rattlesnake Shake”, 1970

Às dèidh cnuasachadh air Bolan is cho cudromach ’s a bha e dhomh, agus do chomhlain roc air a bheil mi dèidheil, ghlac mi an trèana gu Waterloo airson beagan spòrs mion-chànanach!

Air an t-slighe, fhuair mi an Waterloo and City Line, “an drèana” – loidhne bheag ach brèagha – gu Bank, is choisich mi gu Cannon Street gus an trèana a ghlacadh gu Blackheath. Tha “an drèana” car coltach ri Subway Ghlaschu, beag agus quirky.

Trèana Waterloo and City

Às dèidh dhomh coiseachd eadar Bank agus stèisean Cannon Street, ghlac mi an trèana gu Blackheath.

Carson a bha mi a’ dol an sin? Gus eachdraidh na Cùirne a chomharrachadh!

‘S ann an sin a rinn arm Shasainn a’ chùis air Ar-a-mach Còrnach 1497 agus chaidh plac a chur an àirde gus a chomharrachadh ann an 1997 gus 500 bliadhna a chomharrachadh.

Tha e a’ comharrachadh tachartas bronach ach tha e math Còrnais fhaicinn agus tha e daonnan na bhrosnachadh dhomh cho math ’s a tha ath-bheòthachadh na Còrnais a’ dol.

A’ bruidhinn air mion-chànanan, bha mi airson a dhol gu Twickenham far an do rugadh Dwelly gus dealbh a thogail den taigh san do rugadh e. Cheannaich mi lethbhreac den teisteanas breith aige agus rugadh e ann an Crown Crescent. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha b’ urrainn dhomh a lorg idir. Chan eil e ann tuilleadh a rèir coltais ach cha b’ urrainn dhomh a lorg air seann mhapaichean OS nas motha – ged a tha Crown Street agus taigh-seinnse “the Crown” ann. Feumaidh mi beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh!

Choisich mi tro phàirc àlainn Greenwich an uair sin a’ smaoineachadh air Dwelly agus Còranis agus ghlac mi an trèana air ais gu meadhan a’ bhaile airson biadh deochag agus an trèana dhachaigh.

Abair latha is abair turas!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

“Chan fhaigh iad seachad” – Ceòl, burgairean, ana-faisisteachd agus trèanaichean ann an Lunnainn

Le alasdairmaccaluim

“Ring! Ring! It’s 7:00 A.M.! Move yourself to go again”

’S ann mar sin a thòisicheas an t-òran the Magnificent Seven leis a’ Chlash. Agus bha an LP air a bheil e air m’ aire nuair a ruig mi Lunnainn aig 7:00m bho chionn beagan làithean air an trèana oidhche.

Bha mi air taistealachd roc is rathaid-iarainn mar thoradh air faraidhean saora aig a’ Chaledonian Sleeper gus suidheachaidhean (agus leapannan!) a lìonadh aig àm den bhliadhna nuair nach eil t-iarrtas cho àrd. Aig £35, ’s e bargan a bh’ ann.

An Cadalaiche, Euston, 7m

Cha robh mi gu bhith ann ach fad latha oir bha mi a’ dol air ais air an trèana air an aon oidhche agus bha gu leòr agam ri dhèanamh – safari rèile, taistealachd roc agus beagan ana-faisisteachd!

Tha mi air leth deidheil air a’ Chlash. Fhuair mi teip bho mo charaid Michael san sgoil air an robh measgachadh de dh’òrain bho the Clash (1977) agus bhon chlàr mu dheireadh aca Combat Rock (1982)* agus chòrd a h-uile rud air rium gu mòr – an stuth tràth puncach, an roc àbhaisteach agus an stuth neònach aca le rap is dub is eile. 

Chan fhada gus an do cheannaich mi London’s Calling (1979) agus Give em Enough Rope (1978) – dà chlàr air leth fhèin math. Agus an uair sin, cheannaich mi Sandinista! (1980) clàr nach eil idir cho math – ’s e LP triopailte a th’ ann ach chan eil de dh’òrain matha air ach gus is dòcha aon LP a lìonadh – no fiù’s EP!

Ach tha na h-òrain air a tha math fìor mhath – leithid Magnificent Seven, Police on My Back agus Someone Got Murdered.

Chaidh mi a lorg an àite far an deach dealbh còmhdaich Sandinista a thogail. Agus bha mi ag èisteachd ri LP London Calling fhad’s a bha mi air an t-slighe. Ach an àite a bhith Lost in the Supermarket, bha mi air call air cùlaibh stèisean St Pancras!

Lorg mi an t-àite aig a’ cheann-thalla agus a rèir coltais, tha e nas glaine, soilleire, sàbhailte na bha e ann an 1980.

Nis, bha an Clash daonnan a’ seasamh gu daingeann an aghaidh gràin-cinnidh agus faisisteachd. Gu dearbha, tha òran air a’ chuspair sin air Sandinista fhèin.

They say the immigrants steal the hubcaps, of respected gentlemen, they say it would be wine and roses if England were for Englishmen again

Agus sgrìobh Mick Jones agus Joe Strummer bhon Chlash sàr-òran eile còmhla a’ moladh ioma-chultarachd dhan chòmhlan eile aig Mick – Big Audio Dynamite. Ann am Behond the Pale, tha Mick ag innse sgeulachd a sheann phàrantan air taobh a màthar, a bha nan Iùdhach a theich bho na pograman san Ruis agus a rinn dachaich dhaibh fhèin ann an Lunnainn.

Tha loidhnichean matha ann, leithid:

Saint George used his sword on the immigrant poor ‘cause he can’t kill no dragon, agus:

Don’t anybody know that this city was made of immigrant blood and money?

Seo fear de na h-òrain as fheàrr leam agus chunnaic mi BAD ga chluich beò ann an Glaschu ann an 2011.

Bha seo uile gu math iomchaidh oir b’ e an ath stad agam Sràid nan Càballan, Cable Street, ann an Lunnainn an Ear far an deach ruag a chur air na faisistich aig Mosely ann an 1936. Mar sin, rinn mi air Lunnainn an Ear – comin by bus or underground, hurrah, tra-la, mar a chanadh an Clash fhèin san òran English Civil War!

Ach an tòiseach, bha an t-àm ann airson beagan bìdh. Agus mar a thachair e, fhuair mi a-mach gun robh Wimpy faisg air Sràid nan Càballan. Bha mi gu math dèidheil air Wimpy nuair a bha mi òg, agus tha am biadh gam thoirt air ais do làithean sona m’ òige sna 1980an!

Bha luchd-obrach a’ Wimpy a’ bruidhinn ann am Bengali, cànan a tha gu math làidir san sgrìre.

Tha cuid de na soidhnichean anns a’ cheàrnaidh seo de Lunnainn an Ear dà-chànanach. Seo soidhne ann am Brick Lane mar eisimpleir. Dh’ionnsaich mi, ge-tà, nach e eadar-theangachadh air Brick Lane a th’ anns an sgrìobhadh Bengali idir ach Brick Lane (‘Brik Len’) sgrìobhte ann an dòigh-sgrìobhaidh Bengali. ’S e sin ri ràdh, nam biodh iad air Gàidhlig a chur air san aon dòigh, an àite a bhith a’ sgrìobhadh Slighe nam Briogaichean no rudeigin mar sin, s e Briog Lèin a bhiodh air. Tha e a’ cur nam chuimhne mar a bhios Tim Armstrong a’ cur litreachadh na Gàidhlig air a’ Bheurla sna leabhraichean sci-fi aige!

Às dèidh deagh bhiadh sa Wimpy, rinn mi air Sràid nan Càballan gus an dealbh balla agus plac fhaicinn mu Bhlar Sràid nan Càballan far an deach Mosely agus na Blackshirts a chur a-mach às an sgìre.

Cha d’fhuair iad seachadh – agus chan fhaigh iad seachad.

Às dèidh sin, bha an t-àm ann a dhol gu taobh eile a’ bhaile gus balach eile à Lunnainn an Ear a chomharrachadh – Mark Feld, no Marc Bolan mar as fheàrr a dh’aithnichear e!

Ri leantainn…. An ath thuras: Marc Bolan, zombie soup, Ar-a-mach Còrnach 1497 agus an Suffaragette Line

Alasdair

Ag èisteachd ri: “London’s Calling”, the Clash (1979), 10/10, “Sandinista!”, the Clash (1980), 1/10.

Air mo Khobo: “Rossa’s Recollections, 1838, 1898”, O’ Donovan Rossa

*Cha chanainn gu bheil Cut the Crap (1985) canonical leis nach robh Mick no Topper air, agus nas cudromaiche, a chionn ‘s nach eil e uabhasach math nas motha (ged a tha òran no dhà ann a tha math).  

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Loidhne a’ Chinn a Tuath – Big Audio Dynamite na Gàidhealtachd!

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math dèidheil air a’ chòmhlan roc Big Audio Dynamite a stèidhich Mick  Jones ann am meadhan nan 1980an às dèidh dha an Clash fhàgail. Ged a tha mi air leth dèidheil air a’ Chlash, bha mi ro òg a bhith ag èisteachd riutha fhad ’s a bha iad fhathast còmhla.

Ach nuair a bha mi nam dheugaire aig deireadh nan 1980an bha B.A.D còmhla agus a’ cur a-mach deagh cheòl. Bha na clàran singilte mòra agam – E=MC2 agus V13 agus C’ Mon every Beatbox. Cheannaich mi an treas LP aca Tighten Up Vol 88 nuair a thàinig e a-mach agus abair gur e clasaig a bh’ ann. Chòrd e rium mar a bhiodh iad a’ measgachadh diofar ghnèithean ciùil – reggae, punc is roc is eile le giotàr binn brèagha Mick Jones. B’ iad a’ chiad chòmhlan a chleachd sampailean cuideachd. Bhiodh iad a’ seinn mu rudan cudromach cuideachd – a’ moladh ioma-chultarachd is a’ cur an aghaidh gràin-cinnidh is mar sin air adhart. Agus sgrìobh Joe Strummer cuid de na h-òrain còmhla ri Mick – is  mar sin, ’s e òrain a’ Chlash a bh’ annta gu ìre!

B.A.D ann an 2011: clì-deas: Greg Roberts, Don Letts, Mick Jones, Leo E-zee Kill Williams, Dan Donovan

Ged is e meatailt, punc agus prog as motha a tha a’ còrdadh rium, tha mi air leth deidheil air Big Audio Dynamite agus fhuair mi cothrom am faicinn beò ann an 2011 nuair a thàinig iad air ais còmhla airson turas. B’ e an t-aon gearan a bh’ agam air ais sna 1980an gun robh an ceòl aca air a chlàradh ann an dòigh caran ro 1980s – ach ann an 2011 chluich iad a h-uile rud le giotàr trom agus bha an ceòl dìreach mar a bu choir dhaibh a bhith air a chlàradh sa chiad dol a-mach!

Ach ‘s e an rud mu Big Audio Dynamite gu bheil iad underrated. Chan eil gu leòr daoine air an cluinntinn no a’ tuigsinn dè cho cudromach ‘s a tha iad. Agus bho chunnaic mi beò iad ann an 2011, tha e air a bhith na mhisean dhomh daoine iompachadh gu ceòl B.A.D.

Seo iad a’ cluich Beyond the Pale ann an Glaschu – sàr òran mu ioma-chultarachd agus eilthireachd!

Bha mi ag èisteachd ri B.A.D air an turas agam air Loidhne a’ Chinn a Tuath bho chionn ghoirid agus smaoinich aig an àm gur bheil an loidhne agus an còmhlan gu math coltach ri chèile.

 Tha mi den bheachd gum bu choir a h-uile duine èisteachd ri Big Audio Dynamite co-dhiù aon turas nam beatha agus tha mi fada den bheachd cuideachd gum bu choir a h-uile duine an Alba a dhol air loidhne na Gàidhealtachd a Tuath co-dhiù aon turas nam beatha. Coltach ri B.A.D cuideachd, cha d’ fhuair an loidhne riamh an cliù air a bheil e airidh.

Tha a h-uile duine eòlach air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar eadar Glaschu, an t-Òban, an Gearasdan is Malaig, loidhne a tha daonnan a’ buannachadh dhuaisean leis cho brèagha sa tha e le beanntan, lochan, mòinteach agus drochaid Harry Potter. Tha Loidhne a’ Chaol gu math ainmeil cuideachd. Ma chumas mi orm leis a’ mheatafor, is e an Clash a th’ anns an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus stuth solo aig Joe Strummer a th’ ann an Loidhne a’ Chaoil!

Le Loidhne a’ Chinn a Tuath, ‘s e coimiutairean gu Inbhir Nis as motha a tha a’ cleachdadh taobh deas na loidhne, agus chan eil gu leòr daoine a’ cleachdadh taobh tuath na loidhne idir. Chan eil fhios aig a’ mhòr-chuid de luchd-turais gu bheil e fiù’ s ann agus ‘s e glè bheag de dh’Albannaich a tha air cluinntinn mun loidhne nas motha.

Georgemas – an ceann-rèile as fhaide a tuath ann an Alba – Inbhir Theòrsa gu tuath agus Inbhir Ùige dhan ear

Chithear an diofar eadar na trì loidhnichean mòra Gàidhealach bho fhigearan an luchd-cleachdaidh:

Stèisean Àireamh Luchd-siubhail (2022/23)
An t-Òban 186,000
An Gearasdan 146,000
Malaig 71,692
Caol Loch AIllse 46,634
Inbhir Theòrsa 31,446
Inbhir Ùige 14,924

Chanadh cuid gu bheil an loidhne a’ toirt ro fhada is gu bheil e a’ toirt nas fhaide na an rathad ma tha thu a’ dol fad na slighe gu Gallaibh, ach cha bhi sin a’ cur bacadh air daoine bho bhith a’ dol air loidhne na Gàidhealtachd an Iar far a bheil an aon rud fìor.

Tha an loidhne fada ceart gu leòr – 161 mìle agus 4.5 uairean a thìde eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige ach tha an turas eadar Glaschu is Malaig gu math fada cuideachd – 5 uair a thìde agus 162 mìle a dh’fhaid.

‘S e an fhìrinn a th’ ann gur e loidhne anabarrach brèagha a th’ innte agus gum biodh i air gach sanas TBh is catalog aig VisitScotland mur a robh loidhne na Gàidhealtachd an Iar againn mar-thà. Chanainn gu bheil i nas fheàrr na loidhne sam bith ann an Sasainn no sa Chuimrigh mar eisimpleir – ged a tha an Settle and Carlisle agus an Cambrian Coast aca.

Tha a h-uile rud aig Loidhne a’ Chinn a Tuath –  bailtean snoga ri taobh na mara, An Caol Catach, na Flobhaichean (the flow country) agus tòrr a bharrachd. Tha na seallaidhean gu math Gàidhealach ach caran eadar-dhealaichte ri taobh siar a Gàidhealtachd oir tha na beanntan agus na seallaidhean eile a chithear nas coltaiche ris a’ Chuimrigh no ri Èirinn. Tha a’ phàirt mu dheireadh den loidhne a-staigh dhan tìr agus air falbh bhon rathad agus tha na Flobhaichean dìreach air leth. Cho còmhnard, cho lom agus cho eadar-dhealaichte ri rathad-iarainn sam bith eile.

Agus nuair a ruigeas tu ceann na loidhne, tha Taigh Iain Ghròt, Rubha Dhunait (an t-àite as fhaide a tuath air tìr mòr na h-Alba), Arcaibh agus tòrr a bharrachd.

Ach na gabh ris an rud a thuirt mi – rach air loidhne a’ Chinn a Tuath! Agus èist ri B.A.D!

San dealachadh, ’s e rud eile mu B.A.D gu bheil iad a’ sìor bhrosnachadh ioma-chultarachd – a’ measgachadh ceòl Shasainn, Ameireagaidh agus Iameuga. Tha Gallaibh caran mar sin – a’ toirt còmhla cultar ioma-chànanach na Gàidhlig, na Lochlannais agus na Scots!

Sodom and Gomorrah? This is Thurso governor!”

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico