Nuair a bha mi òg, bha mi beò-ghlaichte le leabhar air an robh British Electric Trains in Camera. Chaidh fhoillseachadh aig toiseach nan 1980an agus leugh mi ann am meadhan nan 1980an e nuair a bha mi mu 12 bliadhna a dh’aois no mar sin.
Bha tòrr diofar sheòrsaichean trèana ann agus mar a bhiodh tu an dùil, bha tòrr dhiubh ann an Lunnainn. Agus abair gun robh cuid dhiubh gu math exotic – trèanaichean treas rèile (third rail) nam measg agus tòrr trèanaichean tiùb cuideachd. Agus a bharrachd air seo, chuir e iongnadh orm gun robh an uiread de thermini sa bhaile.
Ann an Glaschu, cha robh againn ach Sràid na Banrighinn agus Stèisean a’ Mheadhain (agus gu 1967, St Enoch agus Sràid Bhochannan cuideachd) ach ann an Lunnainn bha còrr is 10 ann.
Bha fios agam air Kings Cross, Liverpool Street, Fenchurch Street agus Marylebone bho Monopoly ach fhuair mi a-mach bho na leabhraichean gun robh tòrr a bharrachd ann! Mar a chithear air a’ mhapa seo, tha co-dhiù 13 ann – agus tha cuid a’ meas Moorgate – stèisean a tha tòrr nas lugha – mar àireamh 14. (Agus bha Stèisean Broad Street ann cuideachd gus an deach a dhùnadh ann an 1986 – faic am post bloga agam an seo).

Nuair a bha mi òg, bha mi airson a dhol air turas gu Lunnainn gus na diofar stèiseanan fhaicinn. Shabhail mi airgead fad 2 no 3 bliadhna ach aig a’ cheann thall, chaill mi m’ ùidh ann an trèanaichean is chleachd mi mo chuid airgead airson clàran roc is geamaichean coimpiutair.
Ach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha mi air a bhith a’ feuchainn ris na trèanaichean sònraichte agus cuid de h-àiteachan bhon leabhar British Electric Trains in Camara fhaicinn, turas a tha air mo thoirt gu Lunnainn, Coventry, An Caisteal Nuadh, agus Eilean Wight am measg àiteachan eile gu ruige seo.
Tha mi a-nis a’ beachdachadh air an turas a ghabhail gu Lunnainn nach do rinn mi air ais anns na 1980an. Tha mi air trèanaichean a ghlacadh ann an tòrr de na termini tro na bliadhaichean – Kings Cross is Euston gu sònraichte ach shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri dhol thuca uile ann an aon latha. Cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street, Charing Cross no Cannon Street agus tha mi gu mòr airson an làn seata de thermini fhaighinn!
Sin an seòrsa rud a bha mi a’ dol a dhèanamh ann an 1986 ach bha mi dìreach an dùil a dhol ann airson coimhead air na trèanaichean anns gach stèisean is dealbh no dhà a thogail. Ann an 2022, cha dèanadh sin a’ chùis idir. Bhiodh agam ri rudan nas inntinniche is nas motha is nas gòraiche a dhèanamh! Mar sin, shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri trèana fhaighinn a-mach no a-steach gu/bho gach terminus ann an aon latha. Bhiodh e furasta gu leòr a dhol eadar na stèiseanan mòra air an Underground ceart gu leòr ach bhiodh sin RO FHURASTA, is mar sin, chuir mi romham a bhith ga dhèanamh gun a bhith a’ dol air an Underground no air busaichean!
Shaoil mi gum biodh e furasta gu leòr. Tha tòrr de na stèiseanan ceangailte ri chèile – air a’ mhapa seo, mar eisimpleir, chithear gu bheil Charing Cross, Cannon Street, Blackfriars, London Bridge, Waterloo (East) agus Euston uile ceangailte ri chèile. Agus tha e furasta a dhol eadar Waterloo agus Victoria cuideachd taobh Clapham Junction.

Ach an uair sin, dh’fhàs rudan na bu dhoirbhe. Bha e meadhanach furasta a dhol eadar gach stèisean – gus an tàinig e gu Paddington is Marylebone. Airson a dhol eadarra, tha e coltach gum biodh agad ri dhol gu Oxford agus air ais air loidhnichean eadar-dhealaichte! Agus tha e doirbh a dhol eadar Marylebone agus stèisean sam bith eile gun a bhith a’ dol air an Underground no bus no co-dhiù a bhith a’ coiseachd.
Aig a’ cheann thall, saoilidh mi gu bheil e do-dhèanta mur a dèan thu co-dhiù beagan coiseachd eadar stèiseanan an siud is an seo. Ach bu toil leam a dhèanamh co-dhiù, fiù’s mur a gabh e dèanamh gun a bhith a’ dol air cois, bus no fo-thalamh!
Dè ur beachd? Am bu chòir dhomh a dhèanamh?
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico



Sna seachdainnean mu dheireadh aig a’ phròiseact
“Winta jos a ton ina spring ina di Outer Hebrides, we de pan Scotland wes kuos. Di priti plies dem mek yu memba se dem ailan ya suun fulop a piipl we lef dem yaad an kom pan alidie ina di at mont dem we suun riich, bot rait ya nou wan gruup a luokal piipl a go pan a chrip pan di Naatwes kuos a Ireland. Bak ina di diez, dem wuda chavl bai waata an wuda go fram ailan tu ailan ina dis lang schring a komyuuniti we piipl ongl chat Gaelic. Bot nou-a-diez Benbecula ierpuot gi piipl wan iiziya an muo komfatebl wie fi go bout dem bizniz…” (
“Tá an tEarrach ag teacht sna hOileáin Siar amach ó chósta thiar na hAlban. Cuireann na radharcanna áille i gcuimhne dúinn go mbeidh neart turasóirí ag triall ar na hoileáin seo sna míonna teo atá le teacht. Ach san am i láthair tá buíon oileánach ag imeacht ar thuras go cósta Iarthuaiscirt na hÉireann. Blianta ó shin is turas farraige a bheadh ann, ag imeacht ó oileán go hoileán i slabhra de phobail Ghaeltachta. Ach anois cuireann Aerfort Bheinn A Faoghla modh níos áisiúla taistil ar fail…” (