Tramaichean Smùid Bhaile a’ Ghobhainn #gàidhlig #cleachdi

Le alasdairmaccaluim

Tha Glaschu ainmeil fhathast airson a tramaichean, ged a dh’fhalbh iad cha mhòr 60 bliadhna air ais. Ach an robh fhios agad gun robh siostam trama fa leth ann am Baile a’ Ghobhainn mus robh an sgìre na pàirt de Ghlaschu?

Bha slighe-trama ann leis an ainm caran mòr-chùisean The Vale of Clyde Tramway. (“Càite bheil thu  a’ fuireach?” “The Vale of Clyde?” “Oooh, spaideil!”)

Bha an loidhne seo mu 2 mhìle gu leth a dh’fhaid, a’ ruith air Rathad Bhaile a’ Ghobhainn bho Linthouse san iar gu Paisley Road Toll san ear far an robh ceangal ann le tramaichean Ghlaschu.

’S e an rud a bha inntinneach mun loidhne seo gur e tramaichean smùid a bh’ aca. Dh’fhosgail an loidhne le tramaichean-eich ann an 1873 ach bho 1877 gu toiseach nan 1893, b’ e tramaichean smùid a bh’ aca. B’ e seo a’ chiad siostam trama smùid anns an RA air fad.

Bha tramaichean smùid tòrr na bu shaoire ri ruith na tramaichean eich agus ged is e locothan smùid a bh’ annta, bha riaghailtean teann ann a thaobh fuaim agus smùid agus bha iad tòrr na bu shamhaiche is na bu ghlaine na trèanaichean smùid air na rathaidean iarainn.

Trama smùid Bhaile a’ Ghobhainn. Chan eil na toglaichean san dealbh ann tuilleadh.

Ma leugh thu leabhraichean Thomas the Tank Engine nuair a bha thu beag, bidh cuimhne agad air Toby the Tram Engine. Bha na tramaichean smùid ann am Baile a’ Ghobhainn gu math coltach ri Toby – einnsinnean beaga a bha car coltach ri seada no bothan hot-dog air cuibhlean. Bhiodh an loco a’ tarraing trèilear do luchd-siubhail.

Choisich mi slighe na loidhe trama air fad bho chionn goirid mar a’ chuairt lockdown agam air an latha sin, a’ tòiseachadh aig Paisley Road Toll is a’ coiseachd fad na slighe gu Linthouse.

Clì: Paisley Road Toll an-diugh. Deas: san 19mh linn. Trama Vale of Clyde air an làimh dheis

Às dèidh coiseachd seachad air an Drochaid Squinty, chaidh mi seachad air stiùdiothan STV agus a’ BhBC agus Ionad an t-Saidheans agus uair sin, ràinig mi Talla-baile Bhaile a’ Ghobhainn, far robh Comhairle Bhaile a’ Ghobhainn suidhichte uair agus far an deach na co-dhùnaidh mòra a dhèanamh mu thramaichean san sgìre.

Tha an rathad an uair sin a’ dol air lùb seachad air Docaichean a’ Phrionnsa agus a-steach gu meadhan Bhaile Ghobhainn far a bheil Crois Bhaile a’ Ghobhainn, stèisean an t-Subway agus na bùithean.

Às dèidh sinn, leanaidh an t-slighe air adhart seachad air toglaichean Gàradh Bhàtaichean Fairfield. Bha rathad-iarainn ainmeil ann am Fairfield uair agus bheir sinn sùil air seo ann am post bloga eile. An uair sin, thèid an rathad seachad air Pàirc Elder agus os cionn beul Tunail a’ Chluaidh gu Linthouse far an robh deireadh na loidhne. Tha seo gu math faisg air Rionnag a’ Bhàis (’S e The Queen Elizabeth University Hospital Glasgow an t-ainm oifigeil a th’ air ach ’s e Rionnag a’ Bhàis a th’ aig a’ mhòr-chuid air oir tha e nas fhasa cuimhneachadh agus tha coltas an Death Star air!).

Seo mapa den t-slighe air fad.

Slighe Vale of Clyde Tramway, Baile Ghobhainn

Chan eil rud sam bith air fhàgail den t-slighe trama a-nis agus gu mì-fhortanach, chan eil mòran dealbhan ann nas motha. Chan fhaca mi riamh ach trì dealbhan de thamaichean smùid Bhaile a’ Ghobhainn agus tha dà dhiubh sa phost-bloga seo!

Luchd-obrach Vale of Clyde Tramways, depot Fairfield, Baile a’ Ghobhainn

Bha tramaichean smùid ann an tòrr bhailtean san RA. Ann an Alba, bha iad ann am Baile a’ Ghobhainn agus Dùn Èideann ach ’s ann an Dùn Dè a bha iad a bu shoirbheachaile agus iad a’ ruith siostam nan tramaichean air fad bho 1884 gu 1902 nuair a ghabh tramaichean dealanach thairis na slighean uile.

A rèir an leabhair History of the Steam Tram, bha 50 siostam trama smùid ann am Breatainn is Èirinn uile gu lèir: 7 dhiubh ann an Èirinn, 3 an Alba, 1 anns a’ Chuimrigh, 1 ann an Gearnsaidh agus an còrr ann an Sasainn. Bha an siostam a bu mhotha ann am Birmingham.

Bha tramaichean smùid tòrr na bu shaoire na tramaichean eich ach cha do mhair na tramaichean smùid ro fhada oir cha robh ach mu 15 bliadhna eadar toiseach nan tramaichean smùid agus cruthachadh an teicneòlais airson tramaichean dealanach, a bha na bu shaoire, na bu luaithe agus na bu shàbhailte cuideachd.

Seo an t-slighe a-steach gu Tunail a’ Chluaidh, Linthouse. Bha ceann na loidhne trama dìreach air taobh eile na drochaid seo.

Ged nach do mhair na tramaichean smùid ro fhada ann an Alba, ge-tà, tha grunn thramaichean smùid glèidhte fhathast a’ ruith ann an dùthchannan eile. Seo eisimpleir de thrama smùid ann am Bern, An Eilbheis.

Bidh trèanaichean, tramaichean is tràilidhean air ais ann am Baile a’ Ghobhainn na Grèine/“Vale of Clyde” a dh’aithghearr gus sùil a thoirt air barrachd rathaidean-iarainn inntinneach!

Alasdair

S


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico