Le Rody Gorman
Powered by WPeMatico
Tadhail air Gormanaich
Trusaiche blogaichean
Le Rody Gorman
Powered by WPeMatico
Tadhail air Gormanaich
Tha an lìonra sòisealta sin fo smachd an luchd-cleachdaidh fhèin seach companaidhean mòra agus ’s urrainn do dhuine sam bith frithealaiche a chur air dòigh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air co-shaoghal.net no ’s urrainn dhut ballrachd fhaighinn sa bhad le ceangal cuiridh gu Mastodon a tha coltach ri Twitter. Chruthaich mi frithealaiche PeerTube cuideachd a tha coltach ri YouTube ach chan eil e fosgailte do chlàraidhean aig an àm seo. Tha a’ video gu h-àrd air PeerTube cuideachd.
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico
‘S urrainn dhut iomadh struth video is fuaime a chur ri chèile. Glac uinneag, camara-lìn ’s a bharrachd…
Tha measgachadh fuaime cho furasta ’s a ghabhas.
Tha tòrr plugain agus roghainnean aig a’ phrògram.
Source: Fòram na Gàidhlig
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico
‘S e atharrais air fìor-inntinn fhuadain a th’ ann an Endgame: Singularity. Teich on dàrna choimpiutair dhan choimpiutair eile fhad ’s a bhios an saoghal gu lèir an toir ort. Cùm ’nad fhalach feuch am bi teans agad.
Faigh e saor ’s an-asgaidh!
Source: Fòram na Gàidhlig
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico
Source: Fòram na Gàidhlig
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico
Tha rudeigin grànnda a’ tathaich ann am faileasan eachdraidh Ghlaschu.

Glaswegian, no Weegie mar a chanas muinntir an àite fhèin e. Sin cò mise. Bha mi riamh moiteil gur ann às baile mòr na smùide a bha mi oir nam cheann b’ e àite a bha air a dhlùth cheangal le buadhan ionmholta. Baile le freumhan sa chlas obrach a thogadh air saothair ar sinnsearan; nach e sin Glaschu? Baile a tha làn daoine le deagh-ghean is fealla-dhà daonnan deiseil air am beòil. ”S iad na daoine a’ nì Glaschu,’ no ‘Glasgow smile’s better,’ mar a chanas an sanasachd. Tha mo shinnsearachd fhèin mar shamhla air dualchas a’ bhaile is iad an sàs ann an togail shoithichean is mèinnearachd. Sin co-dhiù an seanchas a chaidh a thoirt dhomh is mi a’ fàs suas.
Cha robh adhbhar agam teagamh a chuir san teachdaireachd bhlàth, chofhurtail seo oir, gu simplidh, chòrd e rium. Ach, o chionn beagan bhliadhnaichean, tha e air a bhith a’ drùidheadh a-steach orm gu bheil taobh eile aig sgeul Ghlaschu; taobh nach eil a cheart cho càilear. Bha rudeigin grànnda a’ tathaich an sin sna faileasan eadar ar n-eachdraidh aithnichte. Tha ainm aig an rud sin; tràilleachd. Thàinig an t-àm nuair nach b’ urrainn dhomh dearmad a dhèanamh air tuilleadh nan robh mi airson fios ceart a bhith agam air cò às an tàinig mi. Cho luath ’s a dh’fhosgail mi mo shùilean bu lèir dhomh gun robh am fianais air a bhith aig bàrr mo shròine fad na h-ùine. Tha e air a sgrìobhadh anns na h-ainmean-àite leithid Jamaica Street, Virginia Street is Tobago Street. Tha e ri fhaicinn sna h-ìomhaighean is na h-aitreabhan a thog na duine a bha an sàs ann am malairt thràillean leithid an taigh mòr a thog an tighearna tombaca William Cunninghame a tha a-nis na dhachaigh do Ghailearaidh na Nua-ealaine ann an Ceàrnag an Royal Exchange. Innsidh an teachdaireachd sgrìobhte air an ìomhaigh aig John Moore ann an Ceàrnag Sheòrais dhut gun deach a thogail leis a cho-shoathranaich. Chan innse e dhut mar a chuir e sìos gu cruaidh air ar-a-mach nan tràillean ann an St Kits nuair a bha e na sheanalair an sin.

B’
urrainn dhomh am fianais àicheadh mar a rinn mòran romham le bhith
ag ràdh nach robh am baile againn an sàs gu dìreach ann am
malairt-thràillean aig an aon ìre sa bha can Bristol no Liverpool.
Ach ’s e an fhirinn nach gabh àicheadh gun deach soirbheachas a’
bhaile a thogail air muin na malairt seo. Mus do ghabh marsantan
tombaca Ghlaschu brath air slighean malairt ùra na h-Atlantaig cha
robh ann an Glasgow ach baile beag na ghuraban mun chathair eaglais
is allt a’ Mholendinar. B’ e an saoibhreas ana-cuimseach a thruis
iadsan air taobh thall a’ chuain san 18mh linn a chruthaich
bun-stèidh a’ bhaile mar as aithnichear e san latha an-diugh is a
leig leis fàs gu bhith na dhàrna bhaile dhan impire san 19th
linn.
Ged a chrìon malairt an tombaca ro dheireadh an 18mh linn mhair an dlùth cheangail a bh’ aig Glaschu ri tràilleachd. ‘S iomadh fear às Alba a thug an cothrom airgead math a dhèanamh dha fhèin le bhith ag imrich a-null do dh’Aimeireaga gu bhith na shealbhadair no na mhanaidsear planntachais. An sin bha iad gu bhith air an fheadhainn a bu mhìosa a thaobh droch-dhìol is dubh-shaothrachaidh. Sa chumantas cha mhaireadh tràill ach ceithir bliadhna bhon latha a chaidh e, no i, a dh’obair do mhaighstir Albannach. Cha bu bheag an t-airgead a shruth air ais dhan bhaile ri linn na malairt nimheile seo. B’ e am fear a bu bheartaiche a bha an sàs ann an gnìomhachas an t-siùcair fear Ewing a bhuineadh do Ghlaschu, is rinn companaidhean leithid Tate and Lyle airgead thar tomhais às a’ ghnìomhachas. Sin dìreach da eisimpleir am measg iomadh fear eile.
Ri ùine dhrùidh an t-airgead a-steach do smior a’ bhaile chun na h-ìre ’s gun canadh tu gu bheil e ann an gach breig is clach. Tha e anns na h-oilthighean sna h-eaglaisean againn cho math ris an ailtearachd is na gnìomhasan. Nuair a chaidh mo thogail sa bhaile bha e fiù ’s anns na dòighean smaoineachaidh mu uachdarachd cinnidh is ar n-àite san t-saoghal; ’s dòcha gu bheil fhathast gu ìre. Chanadh cuid nach eil an sgeulachd gu tùr dubhach oir bha Albannaich cuideachd gu mòr an sàs anns an iomairt gus cur às do thràilleachd ach cha tèid aig am beagan dìcheall a bh’ againn aig deireadh linn an uamhais air na rinn sinn mar shluagh roimhe ath-shlànachadh.
Aon uair ’s gun tàinig am mothachadh seo orm cha rachadh agam air a chur dhan dàrna taobh tuilleadh. Ach b’ i a’ cheist; dè dhèanainn leis an eòlas? Ciamar a rèitichinn seo leis an fhèin-aithne a chaidh a thoirt dhomh is mi a’ fàs suas? Leis an fhirinn innse chan eil mi cinnteach. ‘S e an aon rud a tha cinnteach nach gabh an t-àm a chaidh seachad atharrachadh. Ach chan eil sin a ciallachadh nach eil leasanan rin ionnsachadh bho ar n-eachdraidh. Le bhith ag aithneachadh peacaidhean an ama a dh’fhalbh, bidh co-dhiù cothrom againn saoghal nas cothromaiche a chruthachadh san àm ri teachd.
Powered by WPeMatico
Ann an 1765 chaidh dealbh a pheantadh dhen teaghlach aig a’ mharsanta tombaca
John Glassford. Lorgar fìor bhrìgh na h-ìomhaighe anns na rudan nach fhaicear.
Naoi aodannan aibhseach
Air an aiseig ann am frèam oir
Sùilean nan dubh linneachan
Gun annta fiamh aigne
Ìomhaigh dhachaigheil
A roghnaicheadh dhomh
Tro faileasan fada tìm
Teachdaireachd sheòlta
Aig gach suathadh-bruis mìn
Soirbheachas bheatha
Torrachas: toirbheartas
Saoibhreas: sealbhachas
Ach, cò an sgeul nach deach innse
A tha am falach anns an duibhre?
Co na taibhsean nach do nochdadh
Ag èigheachd gu sàmhach an sgeòil?
Maoidheadh fhiachan is misge
Cagar mnà is cloinne a dh’eug
Cràdh-chaoineadh thràillean
An cuimhne air ìobairt do bhreug
Powered by WPeMatico
Seo òran molaidh a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ moladh a’ bhaile Laisgir, faisg air Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, far a bheil e air a bhith a’ fuireach o 2018. ‘S e baile beag a th’ ann, le aon rathad beag a’ co-shìneadh ris an rathad mhòr agus a’ tighinn gu ceann aig clachan-coiseachd a-null gu Slighe Choinnich (neo an Dràibh mar as fhèarr a dh’aithnichear i), agus ’s dòcha nach saoileadh mòran gur e baile a bhiodh airidh air moladh a th’ ann.
Òran Laisgir
Thig a-nall air a’ chlachan
Gu baile nan cnocan ’s nam bàgh,
Baile Laisgir fo chaol-shràid
Loch Baghasdail air cladach an t-sàile;
Ged nach mòr mo chuid eòlais
Gun chòmhnaidh ach bliadhna no dhà,
Chuirinn rannan gu òran
Gu moladh a bhòidhchead do chàch.
Chì mi ’m Meall Dubh le caoraich
Gan sgaoileadh ’s gan trusadh le cù,
Leum nam feannagan-taomaidh
’S an cìobair gan saodachadh dlùth;
Air an taobh thall tha Pabaigh –
A bha leis na clèirich fad ùin’,
Agus Taobh Deas na Ceòlraidh
A-mach chun an t-Sròim chìte sùil.
Chì mi sgorran Beinn Choinnich
A’ stobadh gu corrach bhon cheò,
Bidh mi meòrachadh daonnan
Air imrich nan daoine fo sheòl,
Dh’fhàg gu deòraidh an dùrachd
Ri dùthaich an dùthchais ’s an òig’ –
Do shliochd Uibhist mar chrùisgean
Tha a’ bheinn ud na iùl dhaibh air chòrs’.
Siud an cala tha sàbhailt’
Gun chunnart ro bhàrcadh nan tonn
Ged a thigeadh an doineann
A ghonadh ’s a chreachadh am fonn
Beag a mhaoidheadh an strùladh
Leis an lùth ga mhùthadh na cheann
Bhiodh na sgothan gan tèarnadh
Ro ghàbhadh na mara ’na greann.
Chì mi eathar na cnàmhlach,
Mar sgàthan air làithean a bhà:
Far an robh uair na bodaich
Sa phort ud le dìcheall na spàirn’
A’ cur tearra air grìosadh
A’ tilleadh gu dìonachd an stràc,
Gu latha bogaidh gach bliadhna
Is saothair an iasgaich gun tàmh.
Far an tàlaidh a’ chuthag
An coilleag an rubha sa Mhàigh;
Far an sealbhaich an dreathan
A’ freastal seang-chòsag nan càrn;
Far an cluinnte am brìdean
A’ bìgeil ’s a’ sgiathlaich mun bhàgh,
’S corra-ghritheach na crùban
A’ rùrach san lìonadh a sàth.
Nuair a thig sochair samhraidh
’S gum buaint’ às an talamh am bàrr,
Saidhbhreas taisgte an earraich
An sreathan gu gorma a’ fàs
Bidh buntàta is uinnean
Is currain bheag’ bhuidhe is càl,
’S sgaoilidh ròsan a’ ghàrraidh
Am fàileadh glan cùbhraidh fo bhlàth.
Powered by WPeMatico