Mo Mhàthair, Am Madadh-Allaidh

Le Alistair Paul

Sgeulachd Aotrom Mu Throm-Inntinn

Ged nach i mo mhàthair ’s dòcha an tè as fhasa dèiligeadh rithe; aidichidh mi sin; chan eil duine ann as aithne dhomh nach canadh gur e tè inntinneach a th’ innte. Nuair a thig e gu aon is gu dhà cha chrèid mi nach b’ fheàrr leam màthair inntinneach na tè fhurasta. Na tog ceàrr mi; chan e ’s nach canainn gur e deagh-mhàthair a bh’ innte, oir b’ e agus dhomhsa nam òigridh riochdaich i a -huile rud a bu chòir a bhith ann am màthair; blàths, gaol, tèarainteachd.

Agus ’s e sin a th’ ann am pàrant dhuinn nuair a tha sinn òg, nach e; samhla dha na rudan bunaiteach sin? ‘S iongantach mar gur e ar pàrantan na daoine as fhaisge oirnn ach às lugha as fhìosraich dhuinn. Air corra uair gheibhinn plathadh gun robh pearsa a’ tàmh am broinn an t-samhla mhàthaireil. Sin nuair a shuidheadh i le cupan teatha air a beulaibh is i a’ leigeil seachad a h-uallaichean màthaireil tamall beag. Bhiodh i na suidhe casan bac air oiteig na slacs is lèine polo, aodaich a bha san fhasan aig an àm oir b’ e tè a bh’anns mo mhàthair a chùmadh an àirde ri fasan fad a beatha. S’ ainneamh a smogadh i ach aig na tamallan seo lasadh i toitean is dh’èiricheadh na fàinneachan toite às a beul os ar cionn dha na speuran; riombaill an tòir air ainglean. Fhathast nar cuideachd gu fìosaigeach, na h-inntinn bha i a’ siubhal gu làithean a h-òige gan toirt beò às ùr na seanchas. An turas a dhràibhig i bho Thoronto gu New York an am Chevy Bel Air, am partaidh aig a’ flat aig Duke Ellington, an neach-saidheans às an t-Suain aig an robh sùil innte is a dh’ainmich boiteag pharasait às a dèidh. Is beag an t-iongnadh nach do dh’obraich a’ phlòigh sin. Air corra uair shnàigeadh nathair an dròch-chuimnhe às na faileasan a chuir sgleò air an t-seanchas; mar a thàinig sgaradh san teaghalch bheag aice aig àm a’ chogaidh nuair a chaidh ise is a màthair a chur gu tuath bho Lunnainn nam fògarraich cogaidh, is bho seo a-mach mar a thigeadh atharrachadh aithgheàrr air sunnd a màthar; no an droch-dhìol a fhuair i aig an sgoil. Tha e duilich a chreidsinn san latha a th’ann gun rachadh nighneag a casg bho bhith a sgrìobhadh leis a’ chearraig no a cur ann an clas fa leth do chloinn nach seasadh gu dìreach. Ach sin mar a thachair. Stobadh i an toitean aice an uair sin dhan t-soitheach-luaithre a smàladh a cuimhne leis an tombaca.

Seo an nighean dhiùid aonranach a bhiodh air a leantail le cuilean mas fhìor a dh’fhàs gu bhith na h-oileanach dàna ann an Lunnainn agus an uair sin na neach-saidheans ann an Canada. Aon uair ’s gun robh clann aice; sin mise is am bràthair is a’ phiuthar agam; chuir i dùbhlan eile roimhpe is chaidh i an sàs ann a bhith a’ cur air bhonn Comann Nan Cròileagan ann an Alba. Nuair a dh’fhàs sinn suas beagan chaidh i na neach-obrach shòisealta. B’ e tòrrr rudan inntinneach is neo-àbhaisteachd a bh’anns mo mhàthair.

An oidhche ud bha i na madadh-aillidh. Nuair a dh’fhosgail i doras a’ flat bhig aice dhomh anns a’ chomhnaidh dìdeanach dheàrrs a sùilean dearga orm tro doilleireachd na trannsa. Bhoillsg na fiaclan mòra orm gu h-aithgheàrr ’s i a’ dèanamh snodha-gàire rium. Nuair a thionndaidh i gu mo threòrachadh a-steach nochd ceann earbaill bho bonn na dreasa aice is e a’ tulgadh air ais is air adhart. Bhuail e orm cho neònach ’s a bha e a bhith a’ faicinn madadh-allaidh air èideadh an trusgan cailliche.

Thuit i a-steach dhan chathair-uilne aice is ghabh mi fhèin an suidheachan gnàthach agam ri taobh. Bha i a’ sioftadh gu h-an-fhoiseil san t-sèithir, is i a’ feuchainn ri i fhèin a dhèanamh cofhurtail. ‘Earball an donais!’ thuirt i ‘Cho buaireanta ’s a tha e, fhìos agad.’ Air a beulaibh bha an teilidh air mar a bhiodh e fad an t-siubhail. ‘Leig leam coimhead gu deireadh a’ phrògraim is bruidhnidh mi riut an uair sin, a ghràidh.’ Thug i an t-sùil aice a dh’innse dhomh; ‘Na bi ag argamaid rium!’ Bha làn fhìos agam nach robh dòigh air talamh a chuirinn stad oirre bho bhith a’ coimhead gu deireadh Pointless is chaidh mi a-steach dhan mheanbh-chidsin aice gus cupa teatha a dhèanamh dhan dithist againn. Chàraich mi an tè aice ri taobh is theann mi air slupaireachd às an tè agam fhèin.

‘Cus fuaim!. Tha thu a’ dèanamh cus fuaim.’ Thug i sùil orm a bha eagalach a’ toirt grad- shealladh dhomh de na fiaclan biorach aice. Abair deireadh a bhiodh ann; a bhith air d’ithe le do mhàthair fhèin! Co-dhiù cha deach m’ithe oir thill aire mo mhàthar dhan telebhisean. Theann i ri brunndail mu na co-fharpaisich. Cho gòrach ’s a bha iad, cho gòrach ’s a bha an cuid aodaich, cho gòrach ’s a bha na ceistean, cho gòrach ’s a bha na preasantairean. Cha robh teagamh gun robh rudeigin a’ cur oirre. Mu dheireadh cha sheasadh i na b’ fhaide ris a’ ghòrachd is chuir i dheth am bogsa.

B’ e faochadh a bh’ann dhomh gun robh smig aotrom oirre is gleans aighearach na sùilean nuair a thionndaidh i rium an turasa.

‘An do dh’innis mi dhut gu bheil mi air a dhol nam mhadadh-allaidh?’ thuirt i rium.

‘Mhothaich mi dha sin.’

‘Ciamar a thug e cho fada dhomh m’ ainmhidh spioradail fhaighinn aig sealbh a tha brath. Ach seo mi a-nis. Dè do bheachd uh?

‘Cha do bhean thu ri do thì. Bidh i a’ fàs fuar.’ Thuirt mi rithe gu meata ‘An cuir mi sa mhicrowave i?’

Na bi cho amaideach! Am faca tu a-riamh madadh-allaidh ag òl tì?

Bha greis de shàmhchair ann eadarainn a chaidh a’ lìonadh le gearanan an t-seann bhoiler anns a’ phreas.

‘S e Bob as coireach.’

‘Bob?’

‘Seagh Bob. Is esan mo sheuman.’

‘Seuman?’

‘Aig na clasaichean, fhìos agad. Clasaichean spioradalachd. An tuirt mi riut gu robh mi a’ dol do na clasaichean sin; aig Partick Burgh Halls? Gach feasgar Dihaoine. Thuirt Bob; duine gasta a th’ ann; rium gun robh fìos aige bhon chiad triop a thachair sin ri chèile gur e seuman a th’ annam cuideachd, sin nan cuirinn eòlas air m’ ainmhidh spioraid. Sin an seòrsa duine a th’ ann, duine lèirsinneach. Duine cho laghach sa ghabhas. Agus bha e ceart.’

Bha i air leumadh gu a casan is bha i a’ spaidsearachd air ais is air adhart, air ais is airdhart.

‘Tha mi air a bhith a’ deànamh tòrr leughaidh; mu spioradalachd is a lethid. Tha ainmhidh spioradail aig gach uile duine. Bidh fear agads. ‘S còir dhomh am boiler buaireanta sin a chàradh. ‘S doch’ gun sgrìobh mi fhèin leabhar; eachdraidh beatha a bhios ann; Mo Bheatha mar Mhadadh-Allaidh. Rudeigin mar ‘Tha Fhìos Agam Carson a Nì am Madadh-Allaidh Saor Ulfhart’, ‘Fèin-Eachdraidh de Mhadadh X’, ‘Thugad am Madadh-Allaidh!’ Cuiridh mi fòn dhan phlumair sa mhadainn, Trobhad; tha rudeigin agam ri sealltainn dhut!’

Chaidh i a-null gu doras a’ chidsin is thug i spìonadh dhan làmhrachan ga fhòsgladh. An àite a’ chidsin bhig, bhìodaich leis na cupannan-tì san t-sinc is an dinnear aice deiseil air a’ chunntair is còmhdach cling film air b’ e raon mòr farsaing feurach a bha far comhair is a e na shìneadh gach taobh dhinn chun na fàire. Thug mo mhàthair leum aiste is sin i na deann ruith thairis air an raon is mise air a tòir a’ feuchainn ri cumail suas rithe. Bho àm gu àm stadadh i, ach mun robh anail agam nam uchd sin i air falbh a-rithist. Thàinig sin an uair sin gu coille. Ged a bha mo mhàthair a-nis fada air thòiseach orm ghlacadh mo shùil aiteal dhen fhaileas aice eadar na craobhan is chluinnin bragail briseadh nan geug is mar sin chaidh agam air a leantainn air èiginn. Shiubhail sinn mòinteach is shiubhail sinn cladach is thàinig sinn gu beinn. Aig mullach na beinne stad mo mhàthair mu dheireadh thall.

Bha i na seasamh gu direach beagan astar bhuam is i air a soillearachadh an aghaidh an speura ghuirm. Thòc a broilleach is leig i donnal aiste a bha eagalach is a chuir crith san talamh fomham.

‘Leumsa sin!’ Bha i a’ sìneadh a làmh thar a’ mhòinteach a laighe foidhpe is an cuan farsaing a laighe romhmpe. ‘Uile! ………. Ach; am faic thu e?’

Bha mi ri taobh a-nis ach cha robh de dh’anail agam nam uchd a leigeadh leum freagairt a thoirt dhi. Bha sgothan a’ cruinneachadh air an fhàire is na faileasean aca a’ cluich air uachdar na mara. Mhothaich mi gun robh sùilean mo mhàthar dian-ghlachte leis na faileasan sin ’s iad gan leantainn gu frionasach.

‘Am faic thu e? An rud a tha mi a’ lorg?’

Thàinig sgleò na sùilean. ‘Tha mi rud beag sgìth.’ thuirt i. ‘Cha chreid mi nach gabh mi cupa tì a-nis’

Thionndaidh i is i a’ cur cùl ri beinn is mòinteach is muir is thill i dhan t-seòmar-suidh. Chuir mi air a’ choire is ghlan mi aon de na cupannan san t-sinc. Nuair a thill mi dhan t-seòmar -suidhe fhuair mi boireannach an-fhann na sìneadh an sin is an teilidh air gu h-àrd. Cha robh sgeul air cluasan fada no fiaclan biorach no earball a chuireadh dragh oirre.

Chàrich mi an ti aice ri taobh is pòg air a gruaidh. Rinn mi gus falbh.

‘Mus fhalbh thu a ghràidh’ thuirt i ‘an dùin thu doras a’ chidsin? Tha oiteag fhionnar a’ tighinn troimhe’.

 

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

An Dearbhair Beag ann am MacOS

Le Crìstean MacMhìcheil

Tha an Dearbhair Beag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha e air a fhilleadh ann an tionndaidhean Gàidhlig de na prògraman LibreOffice, OpenOffice agus Firefox o thùs. Is e adhbhar am post seo ge-tà sealltainn dhut mar a ghabhas a chleachdadh le taghadh nas fharsainge de phrògraman ann am MacOS.

Leugh an còrr de “An Dearbhair Beag ann am MacOS”

Tàladh Na Mara

Le Alistair Paul

Sgeulachd goirid le Alistair

Dh’iarr i air luchd frithealaidh an àite an t-seithir aice a chur mu choinneamh na h-uinneige is chuireadh i seachad na h-uairean a’ coimhead a-mach an sin gu muir, na sùilean aice ag obair thar fàire is stuagh; air ais air adhart; air ais is air adhart. ‘Seo na pileachan agaibh Mhòr m’eudail.’ chanadh na nursaichean. Ghnogadh i a ceann gun a sùilean a thoirt far an t-seallaidh roimhpe. No; ‘An e mince no iasg a ghabhas sibh an dùigh?’ ‘Iasg a ghabhas mi.’ Dhèanadh i faite-ghàire gun fhacal eile a radh. Cha b’ e gun robh i mì-mhodhail, dìreach gun robh i fa leth na dòigh bho chàch. B’ ainneamh a bhiodh i an cuideachd nan luchd còmhnaidh eile.

‘Mam. Tha mi an seo’. B’ e a nighean, Ruth, aig dòras an t-seòmair aice. Chiadh Ruth a-null gu a màthair is shuidhe i air an t-seatheir ri taobh. Airson tiotan thàinig Mòr air ais gu làthearachd an rùim bhig. Thog i a sùilean. ‘Ruth!’ A-mach às na trì pàistean a bh’ aice na beatha; sin mac is dithis nighean; b’ e Ruth an aon dhiubh a thadhailadh air Mòr gu cunbhalach. B’ ise a b’ fhaisge dhi. B’ ise a bu choltaiche rithe. Dh’fhan an dithis an uair sin nan tost greis a’ coimhead a-mach air an uinneig gun fhacal eadorra.

Thug Ruth am fòn aice a-mach às a pòcaid. ‘Tha Tòmas air toiseachadh aig an oilthigh.’ thuirt i. Sheall Mòr air dealbh a h-ogha air a fòn; esan air a chuairteachadh le daoine òga eile, uile le smigean air am beòil is boillsgeadh nan sùilean. ‘Tha coltas toillichte air.’ Thuirt i. Bha na bloighean de chòmhradh sin, eadar nighean is màthair, nam boinneagan solais anns an dubharachd; seudan; mar na meanbh chreutairean bruichneach a nochdas am maise tiotan ann an doimhneachd a’ chuain mus meath iad dhan dorachadas às ùr.

Bha tòrr faileasan gam falach san dorchadas. B’ e athair Thòmais fear dhiubh sin; fear a thàinig is a ghin leanamh ann an broinn Ruth, ach nuair a thàinig suarachas an duine am bàrr fhuair i cuidhteas e. B’ e sinn an seòrsa tè a bh’ínnte; tè laidir na h-inntinn nach seasadh ri droch-dhìol. Bha i mar a màthair san t-seagh sin. Carson a-rèiste a sheas a mathar ri 40 blidhna de shuarachas bho h-athair; faileas eile. A rèir na mòr-chuid b’ e athair math a bh’ anns an duine aig Mòr; fear a chuir seachad a bheatha a’ cosnadh do a theaghlach. Ach s’ e an fhirinn gur e fear eudach a bh’ann a chum fo smachd teann a bhean is gun do chuir ise seachad a beatha posda fo bhràighdeanas dha. Cha robh ceist gum biodh i an cuideachd fireannach eile uair sam bith gun esan a bhith còmhla rithe. Bu ghann a gheibheadh i fiù’s cead a dhol a mach còmhla ri a caraidean.

Neònach, bu tric a smaoinicheadh Ruth, mar gur e ar pàrantan na daoine as fhaisge oirnn ach gur iad as lugha as aithne dhuinn. B’ e seanchas na màthar an aon sgeul a lean ri Mòr cho fhàd ’s a b’ aithne do Ruth, tè a dh’fhritheil feumlachdan a teaghlaich. An robh a màthair ann fiù ’s mus robh i posda. Nan robh cha b’ aithne do Ruth cò i. Ro fhadalach airson faighneachd.

‘Tha mi air a bhith a’ clìoradh cuid dhen stuth san ataig’. Bha Ruth air a guth a thogail.

‘Cha fheum thu èigheachd Ruth!’

Thog Ruth poca phlaistig bon làr is chàraich i ri taobh a màthar e. ‘Seall na fhuair mi. Seann chòta no rudeigin. Chaidh fhalach an sin fo bhrat. Carson a dh’fhalaicheadh cuideigin an sin e?’ Thug Ruth pòg do a màthair i thog i oirre a dh’íonnsaigh an dorais.

Thàinig guth fann a màthar às a dèidh: ‘Tapadh leat a ghraidh. Is tus an aon duine a thuig cò mi.’

‘Cha bu luaithe a bha Ruth a-mach air an doras na shìn Mòr a corragan a-steach dhan phòca gus an do bhean iad ris a’ bhian mhìn na bhroinn.

********

B’ e an ath mhadainn a fhuair Ruth an gairm don dachaigh-cùraim. Thug an nurs a-steach i. ‘Am bu mhath leibh ur màthair fhaicinn?’ thuirt i ri Ruth.

‘Bu mhath’.

An sin, air an leabaidh, bha a’ bhodhaig na sìneadh, ach cha b’ e Mòr a bh’ ann ach craiceann falamh. Thog Ruth am poca plastaig falamh bhon làr is chuir is na pòcaid e. Chaidh a-null dhan chladach is sheas i an sin a’ coimhead a-mach gu muir. Thog i dòrnag. Dh’fhairicheadh i suailichean a` luasgadh is sruthan a’ cuairteachadh. Dh’fhairicheadh i blàthachadh gathan na grèine. Dh’fhairicheadh i tarraing na gealaich. Bha Ruth cotlach ri a màthair. Chunnaic i faileas san uisge. Tonn a’ leum. ‘S dòcha. Creutair a’ mireadh san fhairge. ‘S dòcha.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Boris MacIain agus Bòrd na Gàidhlig – saoil a bheil iad càirdeach?

Le Neil McRae

Hey a chàirdean, is fhada bhon uair sin!

Bithidh fios agaibh uile, tha Gilleasbuig deimhinne às, gu bheil prìomh mhinistear ùr againn a tha cosnadh cliù nach beag is àrd-mholadh às leth na Rìoghachd Aonaichte.

Fear a tha uabhasach comasach air na meadhanan sòisealta a chur gu feum, tha e coltach. Ach bhuail e Gilleasbuig gu bheil an teachdaireachd aige a’ coimhead caran familiar na


Tadhail air Gilleasbuig Aotrom

Powered by WPeMatico

Gaoth a Tuath

Le Alistair Paul

Duanag a fhreagras air an ràith.

Chaidh tìr fo gheas dhut
Reòth thu talamh
Reòth thu tìm
Gun fhiosta dhomh
Bha thu nam chuideachd
Èaladh air mo chùl
Meòir air m’ amhaich
Biorg nam chraicreann
Bheòthaich thu m’ aigne
Le cagar nam chluasan
Gealladh a’ gheamhraidh
Seanachas na faiche bàine
Mac-shamhla macanta
Do fhìor ghnè
Flinn riaslach
Mu mo chasan
Eòin air am pasgadh
Ris na creagan
Bileag a’ lubadh
Ro d’anail chranndaidh
Mac-talla na dìthreibh
Deò bhiastan cèin
Cuan glas-chridheach
Coigreach an fhàsaich
Air allaban gu deas
A chaidh air dìochùimhne
Bhon uiridh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico