Big Game Dìosail ann an Eaglais Bhreac Shasainn! Turas dhan Severn Valley Railway

Le alasdairmaccaluim

Gach bliadhna, thèid mi air safari rèile eadar an Nollaig agus a’ Bliadhna Ùr. Am-bliadhna, tha mi a’ dol a lorg big game aig gala diosail an Severn Valley Railway ann an Warwickshire.

Cho-dhùin mi a dhol ann a chionn ’s nach robh mi aig an rathad-iarainn roimhe agus a chionn’s gum bi locothan dìosail mòra ann – Deltic agus Peak (Clas 46) am measg eile. A bharrachd air sin, tha e a’ toirt dhomh leisgeul a dhol air a’ Chadalaiche – an Caledonian Sleeper – gu Birmingham, seirbheis a thòisich aig toiseach 2026.

Deltic ann an Inbhir Theòrsa
Deltic ann an Inbhir Theòrsa

Tha an SVR a’ ruith eadar Kidderminster agus Bridgnorth le ceangal ann ris an lìonra nàiseanta agus Kidderminster. Tha e air aon de na rathaidean-iarainn glèidhte as fhaide (c14 mìle) agus as clùitiche ann an Sasainn.

Tha rèile-beinne ainmeil ann am Bridgenorth cuideachd agus tha mi airson sin fhaicinn cuideachd.

Dealbh: Drmalverntipping, Wiki COmmons

Thug mi sùil air duilleag Wiki Kidderminster feuch an robh rud sam bith ri fhaicinn no ri dhèanamh ann no an robh eachdraidh inntinneach aig a’ bhaile. Às dèidh dhomh a leughadh, tha e coltach nach eil dad inntinneach, cudromach no eachdraidheil mun bhaile idir. Feumaidh gur e Eaglais Bhreac Shasainn a th’ ann!

A’ bruidhinn air bailtean gun tur, bidh agam ri dhol gu Dail Mhòr gus an Cadalaiche a ghlacadh gu deas. ‘S e Cadalaiche na Gàidhealtachd a-mhàin a tha a’ dol gu Birmingham agus mar sin, ma tha thu ag iarraidh a dol eadar Glaschu is Birmingham, feumaidh tu a dhol air bòrd ann an stèisean eile nas fhaide a tuath. ’S e Sruighlea no an Dail Mhòr as fhaisg agus as fhasa. Cha robh rùm sam bith air fhàgail ann an Sruighlea air an t-slighe ann agus bha e tòrr na bu daoire air an t-slighe air ais is mar sin, tha mi a’ dol ann taobh na Dalach Mòire.*

Tha An Dail Mhòr daonnan a’ toirt orm gaireachdainn mar thoradh air ainm. Nuair a chaidh soidhnichean Gàidhlig a chur suas air loidhine na Gàidhealtachd an iar an tòiseach anns na 90an, ‘s e Dail Mhoire a bh’ air. An uair sin, dh’atharraich Ainmean-àite na h-Alba an t-ainm dhan Dail Mhòr nuair a chaidh na soidhichean ùrachadh. Bha an co-dhùnadh stèidhichte air rannsachadh air tùs an ainm ach ma bha thu riamh faisg air stèisean Dail Mhòr (a tha air iomall Bruach Chluaidh ann an àite garbh am measg flataichean high rise) bidh fios agad nach eil coltas naomh air an àite idir! Gu dearbha, ’s e an seòrsa àite a th’ ann far nach biodh tu airson a bhith nad shuidhe a’ feitheamh ri trèana caidil anmoch air oidhche dhorcha fhuar mar a bhios mi fhèin a dh’aithghearr!

Duilich do bhròinean/bròineag sam bith a tha a’ leughadh seo san Eaglais Bhric!

Alasdair

* Cha bhi an aon trèan a’ dol tron Dàil Mhòr agus Sruighlea. Tha aon mheur den trèana a’ tighinn às a’ Ghearasdan, le meur eile a’ tighinn a’ Inbhir Nis agus meur eile à Obar Dheathainn. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an D.È agus an uair sin a’ dol sìos gu Lunnainn mar aon trèana. Bha rùm air an trèana às a’ Ghearasdan ach chan ann air an trèana à Inbhir Nis.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean