Bho chionn ghoirid, bha mi ann an Lunnainn airson taistealachd roc is rèile – le beagan fortea cuideachd!
Às dèidh dhomh tadhal air Sràid nan Càball, rinn mi air Stèisean Aldgate an Ear gus an Underground a ghlacadh agus stad mi air an t-slighe aig comharra ionadail suaicheanta – the Aldgate Pump.


Gu h-eachdraidheil, bha am pumpa air fhaicinn mar a’ chrìoch eadar Cathair Lunnainn agus Lunnainn an Ear. Nas cudromaiche na sin, tha deagh sgeulachd ann mu dheidhinn!
A rèir Wiki:
Served by one of London’s many underground streams, the water was praised for being “bright, sparkling, and cool, and of an agreeable taste”. These qualities were later found to be derived from decaying organic matter from adjoining graveyards, and the leaching of calcium from the bones of the dead in many new cemeteries in north London through which the stream ran from Hampstead
’S ann a bha muinntir an àite ag òl sùgh nan zombie!
Tha ceann madadh-allaidh air a’ phumpa cuideachd oir a rèir beul-aithris, ’s ann an seo a chaidh am madadh-allaidh mu dheireadh ann an Lunnainn a mharbhadh – ged nach eil luchd-eachdraidh a’ smaoineachadh gu bheil seo fìor idir.
Leis a sin bha an t-àm ann a dhol air safari rèile an latha. Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn san RA agus a rèir na làraich-lìn viaduct.world, tha mi air 52% den lìona a dhèanamh gu ruige seo (a’ gabhail a-steach Alba agus Èirinn a Tuath air fad agus mu 50% den Chuimrigh). Tha mi a’ feuchainn ris a h-uile rathad-iarainn a dhèanamh ann an Lunnainn a-nis agus tha mi air an Underground agus London Tramlink air fad a dhèanamh agus tha mi a-nis a’ cur crìoch air an Overground.
Chaidh ainmean ùra a chur air na loidhnichean Overground bho chionn ghoirid. Bha mi a’ dol air an loidhne air an robh am far-ainm “The Goblin line” roimhe – Gospel Oak – Barking Line”. A-nis, ‘s e an Suffragette Line a th’ oirre

Bha molaidhean eile agam airson ainmean nan loidhnichean, stèidhichte air a’ Chlash agus Big Audio Dynamite (an còmhla aig Mick Jones às dèidh a’ Chlash) ach cha deach gabhail riuth gu mì-fhortanach!

Bha mi ag èisteachd ris a’ Chlash air an trèana nuair a rinn mi air Gospel Oak gus an trèana Overground a ghlacadh.
Cha robh mi riamh air Loidhne nan Suffragette (no Loidhne Topper Headon mar a th’ agam air) roimhe agus bha ùidh mhòr agam san loidhne leis gun deach a leudachadh bho chionn bliadhna no dhà.
B’ àbhaist dhan loidhne a bhith a’ crìochnachadh ann am Barking, ach chaidh a leudachadh gu stèisean ùr Barking Riverside a dh’fhosgail ann an 2022.
Bha stèisean ùr a dhìth oir thathar a’ togail nam mìltean de thaighean ùra ann, air talamh fàs far an robh stèisean cumhachd Barking uair. Tha an rathad-iarainn ùr uile air drochaid àrd leis gum feum e a dhol thairis air a’ phrìomh rathad-iarainn aig Barking.


Bha mi letheach slighe tron latha agus bha mi airson stad airson cofaidh ach a rèir coltais, tha meadhan a’ bhaile piosag air falbh bhon stèisean. Tha soidhnichean mòra air feadh an àite le “A place to be, become and belong” agus tha mi cinnteach gum bi sinn fìor uair no uaireigin ach an-dràsta, tha e a’ faireachdainn nach eil e idir deiseil agus tha e caran coltach ri baile spaideil ùr ann am meadhan Inbhir Ghrèinnse!
Leis gun robh e fuair is fliuch, chaidh mi air ais dhan stèisean agus fhuair mi an trèana gu Gospel Oak, far an do ghlac mi trèana eile gu Clapham Junction agus tè eile gu Barnes.
‘S ann ann am Barnes a chaidh an rionnag roc Marc Bolan a mharbhadh ann an 1977 ann an tubaist càr. Tha carragh-chuimhne a-nis ann far an d’ fhuair am Bolanach bàs agus ’s e “the Bolan Rock Shrine” a chanar ris air na soidhnichean agus air google maps.


Bha mi riamh deidheil air T-Rex, gu h-àraid nuair a bha iad rocmhor! Tha sinn builteach a bhith a’ smaoineachadh air a’ Bholanach mar sgrìobhadair òrain seach mar chluicheadair giotàir ach seall air a’ bhideo seo gus faicinn cho math ‘s a bha e!
’S e àite snog a th’ ann an le tiodhlacan beaga a dh’fhàg luchd-leantainn T-Rex à air feadh an t-saoghail, gu sònraichte ealachan (“Ride a White Swan”) agus losgannan (bhon òran “New York City”: “Did you ever see a woman coming out of New York City/With a frog in her hand?”)
Nis, bidh fios aig daoine a tha a’ leantainn a’ bhloga seo nach eil mi idir air an Kool Aid òl a thaobh AI. Dhearbhaich Marc Bolan fhèin gu bheil mi ceart a bhith amharrasach mu dheidhinn aon uair eile!
Ciamar? Bha an cluicheadair giotàr cliùiteach Peter Green (1946-2020) a stèidhich Peter Green’s Fleetwood Mac mun aon aois ri Bolan, bha an dithis aca à Lunnainn an Ear agus bha an dithis aca nan Iùdhach agus iad an sàs ann an cèol sa bhaile aig an aon àm.
Ghooglaich mi “Did the musicians Marc Bolan and Peter Green know each other”.
Thuirt freagairt AI Google “There is no recorded evidence to suggest that Marc Bolan and Peter Green knew each other but they were involved in the London music scene at the same time so may have known each other”.
Bha trioblaid agam leis a’ choimpiutair is bha agam ri reboot a dhèanamh. Chuir mi an aon cheist a-staigh a-rithist agus thuirt freagairt AI Google:
“Yes, the musicians Marc Bolan and Peter Green did know each other…..” agus bha fiosrachadh a bharrachd ann mun dàimh eadorra.
A-steach dhan mhuir le AI.
Às dèidh cnuasachadh air Bolan is cho cudromach ’s a bha e dhomh, agus do chomhlain roc air a bheil mi dèidheil, ghlac mi an trèana gu Waterloo airson beagan spòrs mion-chànanach!
Air an t-slighe, fhuair mi an Waterloo and City Line, “an drèana” – loidhne bheag ach brèagha – gu Bank, is choisich mi gu Cannon Street gus an trèana a ghlacadh gu Blackheath. Tha “an drèana” car coltach ri Subway Ghlaschu, beag agus quirky.

Às dèidh dhomh coiseachd eadar Bank agus stèisean Cannon Street, ghlac mi an trèana gu Blackheath.
Carson a bha mi a’ dol an sin? Gus eachdraidh na Cùirne a chomharrachadh!
‘S ann an sin a rinn arm Shasainn a’ chùis air Ar-a-mach Còrnach 1497 agus chaidh plac a chur an àirde gus a chomharrachadh ann an 1997 gus 500 bliadhna a chomharrachadh.
Tha e a’ comharrachadh tachartas bronach ach tha e math Còrnais fhaicinn agus tha e daonnan na bhrosnachadh dhomh cho math ’s a tha ath-bheòthachadh na Còrnais a’ dol.
A’ bruidhinn air mion-chànanan, bha mi airson a dhol gu Twickenham far an do rugadh Dwelly gus dealbh a thogail den taigh san do rugadh e. Cheannaich mi lethbhreac den teisteanas breith aige agus rugadh e ann an Crown Crescent. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha b’ urrainn dhomh a lorg idir. Chan eil e ann tuilleadh a rèir coltais ach cha b’ urrainn dhomh a lorg air seann mhapaichean OS nas motha – ged a tha Crown Street agus taigh-seinnse “the Crown” ann. Feumaidh mi beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh!
Choisich mi tro phàirc àlainn Greenwich an uair sin a’ smaoineachadh air Dwelly agus Còranis agus ghlac mi an trèana air ais gu meadhan a’ bhaile airson biadh deochag agus an trèana dhachaigh.
Abair latha is abair turas!
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
