Nach beag a tha an saoghal – 7

Le GunChleoc

Leth uair nas anmoiche, chunnacadh dithis thaistealaichean sgìthe a’ siubhal nan cabhsairean baile beag taobh a deas na Gearmailte. ’S ann trang a bha na cabhsairean, làn dhaoine a’ dèanamh an gnòthaich agus a’ sealltainn air uinneagan mòra nam bùithtean. Gun a bhith a’ gluasad. Sheall an Dotair orra gu mionaideach, sgriubhaire fuaimneach na làimh. “Plastaig a‑rithist; na h‑uile fear aca”, dhearbhaich e.

“Seall na fhuair mise!” dh’osnaich Donna is leig i i fhèin tuiteam air being air beulaibh cafaidh. Chuir i a casan suas. “Saoil am faigh mi glainne uisge an-seo, air neo bobhla math brot?” thuirt i gu fochaideach. Chaidh càr seachad orra. “’S dòcha gun fhaigh sinn lioft?”

“Abair smuain”, bheachdaich an Gallifreyach, “ach dè an dòigh air a bhios daoine plastaig a’ stiùireadh chàraichean, agus càite an tèid iad?” Choisich e gu solas trafaige is sheas e ri a thaobh. An ceann greis, thionndaidh an solas gu dearg agus stad càr air a bheulaibh. Dh’fheuch an Dotair an doras fhosgladh, ach cha robh an làmh-dhorais ag obrachadh.

“Uill, chan fhaigh sinn lioft gu àite sam bith air an inneal a tha seo!” thug e barail. Na chrùban, thionndaidh e a bhas chun an làir agus stad e, a shùilean dùinte. “’m biodh? Cha, chan urrainn… bheil?”

– “Doctor?” chuala e a charaid ag èigheachd.

– “Ist!”

– “Doctor!”

– “A Dhonna, ist greiseag, feumaidh mi sàmhchair,” dh’iarr an Dotair le inntinn ann an saoghal eile.

Chum e a làmh air an làr gus an do dh’fhalbh an càr agus an solas-trafaig air a thionndadh gu uaine. “Tha!” thuirt e làn toileachais-inntinn. Dh’fhosgail e a shùilean agus sheall e suas far am faca e uabhas de cheò a’ stialladh nan speuran. Chualadh dùdaichean air astar.

“Saoil dè tha na theine a‑nis?” dh’fhaighnich a charaid. “Greas ort is seall!”

Bha i na seasamh aig ceann eile an rathaid is mìog air a h‑aodann. Thug an Dotair a chasan leis airson tighinn air a charaid fhad ’s a ruith innealan guthmhor nan sùilean gorma seachad air. Agus abair caisteal na theine mar bhogha-frois. “’S truagh nach eil popcorn againn,” bheachdaich Donna ri glag-ghàire. “Popcorn!” dh’aontaich an Tighearna-Tìme, “Rachamaid àiteigin far am faighear fear an ath-thuras. Siùcar no salainn?” Thug an dithis sùil ri càch a’ gàireachdainn.

Chaidh na solasan dheth.

~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~ Briathrachas ~~~•∞•≈•≤☼≥•≈•∞•~~~

barail (nf) ~~~ conjecture, opinion, surmise
bas (nf) ~~~ palm
beachdaich (v) ~~~ observe, speculate
being (nf) ~~~ bench
cabhsair (nm) ~~~ pavement
crùban (nm) ~~~ crouching, sitting squat
dearbhaich (v) ~~~ verify
dùdach (nf) ~~~ siren
fochaideach (a) ~~~ mocking, scoffing
glag-ghàire (nf) ~~~ guffaw
làmh-dhorais (nf) ~~~ door handle
mìog (nf) ~~~ smirk
osnaich (v) ~~~ sigh
sàmhchair (nf) ~~~ silence, tranquility
stialladh (nm) ~~~ streaking, striping, scourging
taistealaiche (nm) ~~~ traveller
toileachas-inntinn (nm) ~~~ delight, aesthetic pleasure


Tadhail air Cànanaiche Craicte

Powered by WPeMatico

An Tuirc agus Canan na Cruinne

Le Costello

‘S ann amharasach a bha mi ‘smi deanamh mo slighe don Tuirc. Chan ann mu chultar an duthaich fhein ach mu nadur na fir. Gu ruige sin, cha robh eolas agam air Mic an Tuirc ach ann an da dhoigh. Bha mo charaid, Serhat, leis an robh mi a siubhail air bhith fuireach leam an Lunnainn fad am bliadhna ud agus se daoine gasda da rireabh a bh’ann. Thilleadh aireasan s’ann trobhn’ iomhaigh a bha am Bocsa Telebhisean a dearsadh nam shuilean am sam bith a bha sgioba ball-coise Breatannach mi-fhortunach gu leor thighinn an aird an aghaidh sgioba Turcach – agus gu h-araidh Galatasaray an Istanbul – a bha mi eolach air sluagh na duthcha. Ar-a-mach agus sabaisd agus muirt. “Failte do dh’Ifrinn” a bhiodh na brataich ag radh nuair a bhiodh luchd-taic a cuir failte air sgioba choigreach ’siad a deanamh an t-slighe bhon port-adhar a-steach dom baile.

Mu bha iad cho mi-chaoimhneal ri balaich bhoigheach am Premiership Sasannach de an seorsa naimhdeas diabhailte a dh’fhairicheadh iad dhomhsa – fear mor, reamhar le feusag agus droch haircut o na h-Eileain!
Ach, mur thachair, cha robh aca nan nadurr ach cairdeas agus gaire mar is tric air naodainn. Agus gu dearbh nach ann feumail a bha am began foghlam a th’agam mu eachdraidh ball-coise san duthaich ud. S’iomadach turas a bha deagh chomhradh agam le Tuirceach – agus iad gun facal Beurla agus mi fhein gun facal Turcais – ’s sinn a deanamh a chuis le 9 facail abhainn: Graeme Souness, Glasgow, Celtic, Rangers, Galatasaray, Fenerbahce, Scotland agus cora-uair ‘Nakamura’.

Gu dearbha cha bu choir dhomh bhith air iongnadh sam bith fhairacainn mu’n cuis seo – dh’ionnsaich mi thairis air na bliadhnachan chuir mi seachad an Lunnainn gur e ball-coise, seach Beurla, am fior chanain eadar-naiseanta. Suigh sios aig boird le cuid bho duthchanan cho sgaipte ri Paraguay, Canada, Iapan, an Eiphit, na Frainge, an Eadailt agus Kenya agus gun teagamh cho luath sa tha sibh air faighneachd agus freagairt “De an t-ainm a thoirt?” agus “Co as a tha sibh?” tionndaidhidh an comhradh gu ball-coise. “Co bhios tu leanntainn?” “Seadh, nach truagh mar a thachair ri metatarsal Beckham?” “Bheil sibh am beachd gun dean sgioba sam bith a chuis air Barcelona am bliadhna?” agus mar sin air adhart.

Ged nach biodh moran cliu aig cluchaidear na bhaile fhein an duthaich bheag gun ainm faodar bhith cinnteach, mu theid e a chluich thall-thairis, gun tig an t-am nuair a bhios deagh chairdeas steidhichte air ainm nuair choinneachas fear san rioghachd aige fhein ri fear bhon duthaich gu na ghluais e.


Tadhail air Costello

Powered by WPeMatico

Cruinneachadh aig Taigh Sheumais

Le Bun is Bàrr

Air an 14mh agus 15 là dhen Dùbhlachd thàinig sinn uile còmhla aig taigh Sheumais a rithist. Mar as àbhaist, rinn sinn rudan làitheal tro mheadhan na Gàidhlig mar tha a’deasachadh bìdh, obair an taighe agus a’ dol dhan stòr.

Thug sinn seachad treis ag obair air cuspairean a bha gun a bhi dèante air a’ chlàr-ghnìomhachais againn. Mar eismplear, bhruidhinn sinn air an t-sìde agus àmannan sònraichte dhen là. Seo cuid dhe na h-abairtean agus faclan ùra a dh’ionnsaich sinn:

Àmannan dhen a’ Là

● Àm éirigh na gréineadh
● An t-soillearachd
● Beul na h-oidhicheadh
● Àm cromadh na gréineadh

An t-sìde

● Là gailleanach
● Cuithe sneachda
● Cur `s cathadh
● Spìondagan sneachda
● Sligeanach
● Sneachda mòr, sneachda beag, sneachda beag,
sneachda mòr
● Cho caochlaideach ris a’ ghaoith

Bho`n a tha sinn a’ fas deiseal gus Bun is Barr a leudachadh amach, rinn sinn liosta dhe na rudan a ghabhas dèanadh còmhla ri fileantaich agus luchd ionnsachaidh eile gus cothromannan sóisealta a chuir air bhonn. Seo cuid dhen a bheachdan againne:

Diubhair do Chaidreibh
● Caidreabh òran
● Caidreabh cloinne
● Caidreabh seanchais
● Caidreabh ciùird
● Caidreabh creideimh

Thug sinn seachad treis ag obair air naidheachan agus dh’fheuch sinn uile naidheachd no dhà a ghabhail. Ghabh Sé naidheachd mu dheidhinn duine aig a robh casan salach agus ghabh mi fhìn té a chuala mi aig Oighrig NicFhraing.


Tadhail air Bun is Bàrr

Powered by WPeMatico

Tar-sgrìobhadh a h-Aon

Le Bun is Bàrr

Fhads a bha sinn ag obair còmhla, chuir sinn sùil air Sruth nan Gaidheal gu tric. Fhuair sinn faidhleachan ann agus `s ann aig an taigh `s bha sinn ag obair orra. Rinn sinn amach gu robh iad gu math cuideachail dha `n ar cuid Gàidhlig. Dar a chuireamaid crìoch air na tar-sgrìobhaidhean, bhitheamaid a bruidhinn mu `n deoghainn. Thug sinn suim mhór asta. Seo agaibh fear dhiubh. Carson nach dean sibhse feuch air an aon obair? An ceann greis, cuiridh sinn suas na rinn sinne.

Tar-sgrìobhadh a h-aon:

Maighstir Iain agus am Baingeir ann an Ì Chaluim Chille
Singer/Storyteller: MacNeil, John Dan
Contributor: Shaw, John William, Collector;
MacDonald, Paul, Converted reel-to-reel tapes to digital.
Subject: Story – Humorous
Source: Cape Breton Gaelic Folklore Collection: Tape No: 193, Item On Tape: A 08
Publisher: St. Francis Xavier University
Place: Canada – Nova Scotia – Cape Breton County – Barra Glen, Sydney
Date Recorded: 1979-02-15
Copyright: Department of Canadian Heritage

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn / Cape Breton Gaelic Folklore Collection


Tadhail air Bun is Bàrr

Powered by WPeMatico

Gurkhas

Le Costello

An deidh miosan far nach fhaca sinn luchd Westminster anns na naidheachdan airson adhbhar sam bith nach robh ceangailte ri mi-onair, truailleachd no cuis-naire air choirigein tha cuid – 267 dhiubh co-dhiu – air sealltainn dhuinn gu bheil amanan ann far a bheil ceartas nas cudthromach dhaibh na ordughan sam bith a thig bhon Priomh-mhinistear agus na gillean-cuip (na “whips”) aig a bheil coir na buill-parlamaid a riaghladh gus deanamh cinnteach nach teid iad an aghaidh am partaidh.

Tha mar a bhios an Rioghachd Aonaichte a deiligeadh le na Gurkhas, na sar-shaighdearan a bhios sinn a tarraing a treubhan Nepal, air a bhith na chuis-naire airson uine. Tha iomairt air a bhith dol airson cothrom a thoirt dhaibh fuireach ann am Breatainn fad bliadhnachan ach san anns an greiseag bheag a chaidh a tha e air tighinn gu aire a mhor t-sluaigh agus iad a faighinn taic bho leithid Joanna Lumley agus iomadach neach eile. Bha dochas ann gun deanadh Gordon Brown agus am Partaidh Laborach an rud ciallach – tha fhios gur ann ainneamh a thachaireas sin! – agus na riaghailtean atharrachadh agus leigeal le na gaisgich a chuir seachad iomadach bliadhna a sabaist airson Breatainn cumail oir le’m beatha anns an rioghachd seo fhein. Ach an aite sin se chuir iad air adhart an de ach poilisidh ur a dheanadh cinnteach nach fhaigheadh ach gle bheag – mu 4,600 a reir an riaghaltas ach direach 100 am beachd a h-uile duine eile – den 36,000 Ghurkha a bha nan saighdearan san Arm Breatannach ro 1997.

Am miosg na breugan aig Brown air an cuspair seo nochd aon pios dhan fhirinn – gu bheil e gu h-araidh an aghaidh na Gurkhas agus na teaghlaich aca a leigeal a steach don duthaich air fad seach nach eil e airson an airgead a dh’fheumadh e a thoirt dhaibh a chosg oir. Seo an duine a cheith barrachd de dh’airgead an t-sluagh fhads a bha na seannsalair, agus a nis na phriomh-mhinistear, na duine sam bith eile ann an eachdraidh an duthaich. Seo againn an duine a tha deonach tax amaideach a chuir air doigh a ni cinnteach gum bith nas lugha de dh’airgead a tighinn a steach direach gus an urrainn dha beagan “class warfare” a thoiseachadh le na Tories:

Chancellor defends 50p Tax

Seo againn an riaghaltas a tha air cothrom a thoirt do na ceudan de mhilltean, mu nach eil milleanan, de choigrich a thighinn a dh’fhuireach san rioghachd gun diofar an robh grainn aca air an duthaich. Ceithidh iad airgead gus feuchainn ri laimh an uachdar fhaighinn ann an co-fharpais phoileataigs. Fosglaidh iad na borders ris a h-uile seors neach. Ni iad na rudan seo ach nuair a thig e gu aite thoirt do dhaoine treun a tha air pairt a ghabhail anns a h-uile cogadh anns an robh Breatainn an sas airson coir is 200 bliadhna cha d’thoir iad cail dhaibh ach breugan agus dimheas.

Mar sin faodaidh sinn bhith taingeil gu bheil iomadach neach a miosg na backbenchers aig Brown fhein a tha smaoineachadh gu bheil an cuis a cheart cho suarach sa tha leithid Nick Clegg, Daibhidh Cameron agus Joanna Lumley. Chaidh am poilisidh a chuir gu bhot an diugh agus chaidh a mhor chuid de luchd na Commons an aghaidh an riaghaltas.

Reaction to Government defeat:Clegg, Lumley, Cameron

Chan ann tric a nochdas adhbhar-iomairt a dh’fhagas duine bhon a h-uile partaidh aonaichte nam beachdan ach ’s e seo aon dhiubh.


Tadhail air Costello

Powered by WPeMatico

Naidheachdan às tuath

Le Uppundir

Tha mi air tadhal air Innis Tìle o chionn goirid. ‘B e trì bliadhna nach robh mi air a bhith an sin, ach nuair a tàinig mi gu h-eilean, dh’fhairich mi gun robh mi air a fhàg an-dè. ‘S e rudan beaga a tha air atharrachadh ann an Innis Tìle, a-mhàin cuid dè thaighean ùra a tha air togalach an àiteigin. Ach tha a an nadur Tìleach a’ coimhead mar a bha e o chionn mìle bliadhna (mar bu chòir dha coimhead).

Cha do thog mi dealbhan ùra an sin, thug mi mo chamara digiteach do mo mhàthair ach cha do cheannaich mi fear èile fhathast. Tha mi a’ dol a dhèanamh a dh’aithghearr, ach an dràsda ’s urrainn dhuibh na dealbhan fhaicinn a daoine èile (na càirdean agam) a tha air togail:
(bùthaibh an seo gus a chiad dhealbh gun teacsa fhaicinn)


Tadhail air Blòg Gàidhlig beag

Powered by WPeMatico

A’ Leughadh Sgeulachdan

Le Liam

Bha aoighean à Alba againn o chionn ghoirid – Seumas Greumach agus Kirsteen Nic Dhomhnaill, dithist sheinneadair Gàidhlig. Bha iad san sgìre seo airson Mòd Naiseanta Aimearagaidh, agus fhuair iad fàilte agus furan aig Taigh Mhic an Ultaigh fhad’s an robh iad ann.

We had guests from Scotland recently – James Graham and Kirsteen MacDonald, two Gaelic singers. They were in the area for the U.S. National

Mòd

, and they got a big welcome at the McNulty house as long as they were here.

Leugh Kirsteen leabhar Gàidhlig do Lorien agus Aoife – abair gun robh iad toilichte. Bha iad mar a chuir i fo gheasan iad!

Kirsteen read Gaelic books to Lorien and Aoife – they were really pleased. It was as if they were spellbound!

Tha Kirsteen agus Seumas a’ fuireachd ann an Glaschu – tha sinn toilichte gun tàinig iad gu Washington. Ceud mìle taing!

Kirsteen and James live in Glasgow – we’re delighted they came to Washington. A hundred thousand thanks!


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Chaidh Sinn dhan Tràigh

Le Liam

Chaidh a h-uile duine dhan tràigh as t-samhradh. Abair gun do chòrd an turas rinn – gu h-àraidh an clann. Rinn Arbory agus Aoife an dealbh seo le ainmean rudan a gheibhear air an tràigh. A’ bheil sibh eòlach orra uile gu lèir?

Everyone went to the beach this summer. We really enjoyed it – especially the kids. Arbory and Aoife made this picture with names of things that are found on the beach. Do you know all of them?

Faoileag, Faoileagan = Seagull, Seagulls

Cearban = Shark

Crosgag = Starfish (gheibhear crisgein-craisgein, croise na tràghad agus reannag na mara cuideachd)

Leumadair-mara = Dolphin (muc-bhiorach, cuideachd)

Muc-mhara, Mucan-mhara = Whales

Taigh-Solais = Lighthouse

Giomach, Giomaich = Lobster, Lobsters

Slige, Sligeachan = Shell, Shells

Bucaid, Bucaidean = Bucket, Buckets

Sluasaid = Shovel

Bàta, Bàtaichean = Boat, Boats

Muir = Sea

Meal ur naidheachd, Aoife agus Arbory – ’s math a rinn sibh!


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico