Dùn Èideann, Diciadain, 18 an t-Samhainn

Le lasairdhubh

Ma tha sibh a’ fuireach faisg air Dùn Èideann, bidh mi a’ bruidhinn mun nobhail ùr agam An Luingeas Dorcha air Fàire agus ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig san fharsaingeachd anns an Writing Room, Teviot Union, 13 Bristo Place, Dùn Èideann, air Diciadain, an 18mh latha dhen t-Samhain, aig 7f.

Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, agus faodar clàradh an seo air Eventbright. Tha e an asgaidh!

Powered by WPeMatico


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba

Le Unknown



Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad’ air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e.  Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.


Chan eil cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais.  Tha prògraman ann de uair no dhà a dh’fhaid is iad làn de cheòl roc, punk, ska, reggae, pop, indie, rap is eile le gach òran sa Bhasgais. Cha tèid an seann chultar an diochuimhn ge-tà agus chìthear e a’ nochdadh air ùrlar ùr ann cuid de bhideothan aca, mar aig Itziarren Semeak an-seo.

Bidh Itziarren Semeak a’ tadhal air Alba airson a’ chiad turas agus cluichidh iad an Dùn Eideann air Didomhnaich 27 Màirt. Coltach gu bheil an cuirm saor san-asgaidh cuideachd. S math as fhiach e uair no dhà den oidhche agad.




Tadhail air Taigh na Croiche

Powered by WPeMatico