Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Bidh fios aig daoine a tha a’ leughadh a’ bhloga seo gu tric gu bheil mi uamhasach deidheil air busaichean-tràilidh (trolleybuses).
’S e a th’ ann am bus-tràilidh ach bus dealanach a tha a’ ruith air dealain bho uèirean. B’ àbhaist dhaibh a bhith gu math cumanta san RA, a’ gabhail a-staigh siostaman ann an Glaschu, Caerdydd, Beal Feirste, Lunnainn agus tòrr shiostaman ann am meadhan agus thaobh a tuath Shasainn.
Ged nach eil siostam sam bith air fhàgail an seo a-nis, tha iad fhathast gu math cumanta ann am meadhan agus taobh an ear na h-Eòrpa.
Tha busaichean-tràilidh nas uine na busaichean dealanach àbhaisteach oir chan fheum iad bataraidhean troma.
Ach dè th’ ann an làraichean-tràilidh?
Anns a’ Ghearmailt, tha deuchainn a’ dol air adhart air làraidhean-tràilidh. ’S e a th’ annta ach làraidhean a tha a’ ruith air uèirean os cionn nan rathaidean-mòra. Is urrainn dhaibh ruith air an dealan agus bataraidhean a teàirrdseadh cuideachd.
Seo bhideo a rinn an YouTubaiche Tom Scott mun chuspair.
Tha mi an dòchas gun obraich an deuchainn seo agus gum faic sinn làraichean dealanach den t-seòrsa seo – agus gu dearbha busaichean-tràilidh an seo ann na Alba ann an ùine nach bi fada.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tha tòrr dhaoine air a bhith ag ràdh air na meadhanan sòisealta na bu toil leotha fhaicinn bho ChOP26. Seo na beachdan agam air na ceuman còmhdhail a bu toil leam fhaicinn.
Sa bhad:

Sa mheanan-ùine:
Dè bu toil leat fhèin fhaicinn?
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Fad iomadh bliadhna, bha luchd-iomairt na rèile anns a’ Chuimrigh mì-thoilichte nach robh trèana dhealanach sam bith san dùthaich. Tha seo a-nis air atharrachadh le loidhne costa a deas na Cuimrigh a-nis air a dhealanachadh bho Chaerdydd chun na crìch le Sasainn agus le planaichean mòra gus na loidhnichean sna glinn a dhealanachadh cuideachd.
Agus mur a robh sin uile math gu leòr, tha an London Underground gu bhith a’ ruigsinn Sir Gaerfyrddin/Siorrachd Carmarthen a dh’aigthhearr. Seadh, Siorrachd Carmarthen!

Chan eil Transport for London gu bhith a’ leudachadh an Northern Line dhan Chuimrigh no dad mar sin, ach tha e coltach gum bi cothrom aig daoine a dhol air trèana tiùb an sin co-dhiù ann an ùine nach bi ro fhada.
Bidh fios aig leughadairean a’ bhloga seo gu bheil mi gu math deidheil air London Transport 1938 stock. Às dèidh beatha-obrach fada ann an Lunnainn, bha dàrna beatha aca ann an Eilean Wight eadar 1989 agus 2021.

Nuair a chaidh na trèanaichean a-mach à seirbheis às dèidh 80 bliadhna de sheirbheis na bu thràithe am-bliadhna, chaidh a mhòr-chuid aca a ghleidheadh agus tha dà sheata gu bhith a’ dol gu Rathad-iarainn Llanelli agus Mynydd Mawr. Tha iad gu bhith air an sgeadachadh agus tha dùil aig an loidhne a bhith gan ruith a’ cleachdadh cumhachd bho bhataraidhean.
’S e loidhne ghlèidhte gu math ùr is gu math lèirsinneach a th’ anns an Llanelli is Mynydd Mawr agus feumaidh mi a dhol ann latha de na làithean!
Agus chan ann a-mhàin anns a’ cheann a deas a bhios trèanaichean tiùb a’ dol – tha trèanaichean tiùb suas-chuairtiche (upcycled) gu bhith a’ ruith air an loidhne eadar Wrecsam agus Bidston cuideachd. Chaidh na ceudan de thrèanaichean D-stock bhon District Line a cheannach agus a sgeadachadh leis a’ chompanaidh VivaRail airson cleachdadh air an lìonra nàiseanta – dòigh shaor, uaine gus barrachd trèanaichean fhaighinn.
Tha na trèanichean rim faighinn ann an cruth diosail, dealanach no hybrid agus tha an fheadhainn sa Chuimrigh gu bhith hybrid. Bidh feadhann dealanach a’ ruith nan seirbheisean rèile ùra ann an Eilean Wight bhon ath-mhìos cuideachd.
Mar sin, an ath thuras a bhios tu sa Chuimrigh:
Thoir an aire gan bheàrn! Gwyliwch rhag y bwlch!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Nuair a thòisich mi am bloga seo bho choinn fhada air an t-saoghal, b’ e an t-amas a bh’ agam a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – beag is mòr.
Nis, tha e meadhanach furasta a dhol air gach rathad-iarainn mòr (ma tha an tìde agad) ach chan eil e idir cho furasta a dhol air gach rathad-iarainn beag. Bidh meanbh-rathaidean-iarainn (miniature railways) a’ tighinn is a’ falbh meadhanach tric agus tha e gu math doirbh fios fhaighinn mu na làithean is uairean fosglaidh aca cuideachd.
Bha mi air beagan meanbh-rathaidean-iarainn nach eil ann tuilleadh, mar eisimpleir Kerr’s Miniature Railway ann an Obar Bhrothaig agus Rathad-iarainn Mhuile ach tha gu leòr ann a tha gu math ùr cuideachd.
Dh’fhosgail trì loidhnichean ùra sa bhliadhna no dhà mu dheireadh. Air a’ Ghàidhealtachd, tha loidhne ùr ann am Baile nan Granndach ann an seann Stèisean Bhaile nan Granndach an Ear. Cha robh cothrom agam a dhol air fhathast, ach tha e air an liosta!
Seo bhidio a lorg mi den loidhne ge-tà:
Ann an Siorrachd Lannraig, tha loidhne ùr ann an Clyde Valley Family Park ann an Crossford. ’S e pàirc do theaghlaichean a tha seo le go-carts is àiteachan cluich is beathaichean is eile. Mus do dh’fhosgail a’ phàirc seo ann an 2019 no mar sin, b’ àbhaist dhan Valley International Park a bhith ann – làrach le bùitean beaga agus soft play is eile aig an robh rathad-iarainn. Dhùin a’ phàirc – agus an loidhne – mu 10 bliadhna air ais. Bha an loidhne ann an cruth “dumb bell” – loidhne dhìreach agus lùb tionndaidh aig gach ceann. Anns a’ phàirc ùr, chaidh cuid de làrach na loidhne a chumail ach a-nis ’s e cearcall a th’ ann. Rud eile a tha inntinneach, ‘s e gur e trèana bataraidh a th’ ann seach trèana diosail.
Mar a bha:
Mar a tha:
Agus ann an Siorrachd Air, dh’fhosgail loidhne bheag ùr anns an Heads of Ayr farm Park is mar sin, chaidh mi ann leis na nighnean agam gus sùil a thoirt oirre.
’S e pàirc do theaghlaichean a th’ ann le dreallagan is trampoilinichean agus bàtaichean is beathaichean gu leòr bho chaoraich is gobhairean gu emu-than agus càmhalan. Tha an rathad-iarainn ann an cruth lùb le stèisean mòr, drochaid agus bogsa-siognail. Coltach ri loidhne Clyde Valley Family Park, tha an loco dealanach seach diosail.
‘S e an Tam O’Shanter express an t-ainm a th’ air an trèana agus ged nach fhacas Auld Nick no Mons Meg no duine sam bith eile bhon dàn, ’s e turas snog a bh’ ann!
Agus tha mi dìreach air ionnsachadh gu bheil loidhne ùr gu bhith a’ fosgladh ann an Ayton sna Crìochan ann an ùine nach bi fada cuideachd. Tha sin a’ dol air an liosta cuideachd.
Is math gu bheil an uiread de loidhnichean beaga ùra ann.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Chan ann tric a thig na prìomh rudan anns a bheil ùidh agam còmhla.
Tha loidhne tiub agus stèisean ùr gu bhith a’ fosgladh ann an Lunnainn aig deireadh na mìos seo – leudachadh air an Northern Line gu Battersea Power Station.
Tha mi daonnan toilichte nuair a dh’fhosglas rathaidean-iarainn ùra ach tha ceangal sònraichte aig seo ri ceòl roc.

Fiù’s mur eil thu air Animals le Pink Floyd (1977) a chluinntinn, tha mi cinnteach gum faca tu an còmhdach – fear de na dealbhan còmhdaich LP as suaicheanta riamh!

San dealbh, chithear muc plastaig os cionn stèisean cumhachd Battersea. ‘S e muc a bh’ ann a chionn ’s gun robh an clàr stèidhichte air an leabhar Animal Farm le George Orwell, (a tha a-nis ri fhaighinn sa Ghàidhlig – taing Aonghas Phàdraig Caimbeul!)
Leis an fhìrinn innse, chan e clàr sona a th’ ann idir – tha an cuspair gu math dorcha, tha an ceòl gu math gruamach agus aig an àm, is gann gun robh Roger Waters agus David Gilmour, prìomh sgrìobhadairean òrain a’ chòmhlain fiù’s a’ bruidhinn ri chèile. Ach aig an aon àm, tha an ceòl cho math is gu bheil e daonnan a’ toirt togail dhomh, gu h-àraid an t-òran Dogs – air a bheil fear de na solothan giotàir as fheàrr riamh.
Dhùin an stèisean cumhachd ann an 1983 ach thathar a-nis a’ togail flataichean is oifisean san togalach agus tha feum air deagh sheirbheis còmhdhail dhan sgìre.
Nis, tha an dà chuid an clàr agus an stèisean cumhachd fhèin cho suaicheanta is gu bheil mi an dùil is an dòchas gum bi muc ainmeil Pink Floyd a’ nochdadh san stèisean ann an dòigh air choireigin! Mural le mucan ann is dòcha?
Chì mi nuair a thèid mi ann!
Tha mi gu bhith a’ dol gu Lunnainn air an ath mhìos agus thèid mi air an loidhne ùr fhad ’s a bhios mi ann is sgrìobhaidh mi mu dheidhinn an seo.
Agus fhad’s a bhios mi ann, tha mi an dùil fear de na tursan rèile as ainmeile am measg nan trainspotters a dhèanamh. Seo an Kennington Loop – turas goirid is toirmisgte ach gu math mòr-chòrdte do dh’aficionados Underground Lunnainn! Tha i cho ainmeil is gu bheil lèine-t fiù’s ann airson innse dhan t-saoghal gun do rinn thu e!
Dè th’ anns an lùib?
Bidh a’ mhòr chuid de na trèanaichean air meur-loidhne Charing Cross an Northern Line a’ crìochachadh ann an Kennington. Bidh na daoine a fàgail na trèana agus bidh an trèana an uair sin a’ tionndadh air lùb Kennington agus a’ dol gu tuath a-rithist bho stèisean Kennington. Chan eil e ceadaichte do luchd-siubhail a dhol timcheall air an lùib – ach bidh gu leòr dhaoine ga dhèanamh co-dhiù,
Feuchaidh mi ri a dhèanamh (ged a bhios an t-eagal orm gun tèid mo shadail dheth leis an dràibhear!) agus ma bhios mi soirbheachail, ceannaichidh mi an lèine-t!

Alasdair
Air m’ fòn làimh: Pink Floyd, Animals (1978), 8/10; Big Audio Dynamite, Live in Glasgow 2011 (bootleg – bha mi ann!) 9.5/10 – còmhlan cho Lunnainneach sa ghabhas!
A’ leughadh an-dràsta: Lonely Planet guide to Aboriginal Australia and the Torres Strait Islands (2001)
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico