Tramaichean Phollaig? Moladh bho 1984

Le alasdairmaccaluim

Bha mi a’ dèanamh rud beag rannsachaidh air rathaidean-iarainn ann am Baile a’ Ghobhainn an-diugh agus fhad ’s a bha mi ri sin, lorg mi criomag naidheachd air cuspair gu tùr eadar-dhealaichte anns an iris Scottish Transport bho 1984: tramaichean eich airson Pàirce Phollaig ann an Glaschu!

Trama eich, Doolish, Eilean Mhanainn

Seo a’ criomag air fad:

“On 19th November 1984, Glasgow district Council’s Parks and Recreation Committee approved in principle a plan by its Convener Cllr Hugh Macrae to introduce horse drawn trams in Pollok park to carry visitors to and from the Highly successful Burrell Gallery.

The proposed fare for the trip from the Pollockshaws Road entrance to the Gallery is £1. Assuming the initial groundwork has been properly prepared, the whole scheme stands or falls on commercial sponsorship, details of which have yet to be discussed with any interested party.”

Tha mi a’ fuireach ann an Glaschu a deas agus ’s ann tric a bhios mi ann am Pàirc Phollaig agus sa Bhurrell agus cha robh mi air cluinntinn mu dheidhinn seo riamh roimhe. Is bochd nach deach am plana air adhart aig a’ cheann thall!

Tha a’ phàirc ainmeil airson eich cairt agus gu tric bhiodh iad a’ tarraing luchd-tadhail air cairtean is mar sin, ’s e deagh bheachd a bha seo. Tha mi a’ dol a dhèanamh rud beag rannsachaidh air seo feuch an urrainn dhomh barrachd fhaighinn a-mach!

Ma tha fiosrachadh sam bith agaibh mu dheidhinn seo, leig fios!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Slighe-trama Innis Tùir, Siorrachd Pheairt #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Thug sinn sùil air slighe-trama gu math neo-àbhaisteach ann an Èirinn – meur-loidhne ann am Fionntamhnach (Fintona) ann an Contae Tír Eoghain.

Bha an stèisean mu mhìle air falbh bhon bhaile fhèin agus mar sin, thog iad meur-loidhne eadar an stèisean agus meadhan a’ bhaile. Ach leis gur e baile beag a bh’ ann is gun robh an loidhne gu math goirid, chleachd iad trama eich air an loidhne seach trèana.

Nuair a bha mi a’ dèanamh beagan rannsachadh air Fionntamhnach, fhuair mi a-mach gun robh loidhne den aon sheòrsa againn ann an Alba uair.

Trama Innis Tùir, Siorrachd Pheairt, Dealbh bho Wikimedia Commons

B’ e seo slighe-trama Innis Tùir (Beurla: Inchture) ann an Siorrachd Pheairt ann an Cars Ghòbhraidh. Bha stèisean Innis Tùir air an loidhne eadar Peairt is Dùn Dè mu mhìle gu leth a deas air a’ bhaile agus mar sin, chaidh meur-loidhne a thogail gu meadhan a’ bhaile fhèin. Dh’fhosgail an loidhne ann an 1849 agus b’ e an Inchture Express no an Railway Car am far-ainm a bh’ aig muinntir a’ bhaile air an trama eich.

Coltach ri Fionntamhnach, bhiodh an trama eich a’ ruith do luchd-siubhail ach bhiodh loco àbhaisteach a’ dol ann gus bathair a thogail bho fhactaraidh bhricichean is thaidhlichean a’ bhaile.

Dhùin an loidhne bheag seo ann an 1916 agus chaidh na rèilichean a thogail airson a chleachdadh sa Chogadh Mhòr. Chaidh stèisean Innis Tùir a dhùnadh ann an 1956.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico