An Buailteoir, Lofa an Iongantais agus an Teadaidh anns an Daingeann

Le alasdairmaccaluim

Bha mi ann am Manchester bho chionn ghoirid agus fhad ’s a bha mi ann, chunnaic mi Thumper, Wonderloaf, Teddy Bear, Rat, Hoover, Gronk, Whistler, Tractor, Warship agus Western!

A bheil fhios agad dè a th’ annta?

Trèanaichean! Diofar sheòrsaichean locothan. Airson adhbhar air choireigin, bidh trainspotters a’ cur far-ainmean orra uile.

Agus a bharrachd air an fheadhainn a dh’ainmich mi gu h-àrd, tha Grids, Sheds, Supergronks, *MacRats, Deltics, Baby Deltics, Peaks, Bones, Bodysnatchers, Cromptons agus Duffs.

Bha mi air turas dhan East Lancashire Railway airson an latha fosgailte aca aig deireadh an Fhaoillich. A bharrachd air cothrom a dhol air na trèanaichean, bha tursan threòraichte ann agus bha mi airson dà rud fhaicinn gu sònraichte – an Wonderloaf agus an Thumper.

’S e an wonderloaf an Clas 28 agus airson adhbhar air choireigin, tha grunn diofar ainmean air – Wonderloaf, Co-Bo, Condor agus Metro-vick.

Tha Wonderloaf a’ tighnn bho chruth na trèana a tha caran coltachd ri lofa. Tha Condor air a chionn ’s gum biodh na 28s uair a tarraing trèana-bathair luath leis an ainm Condor gach oidhche. Chaidh dealbh ainmeile a tharraing de 28 air a’ Chondor leis an ainm “Night Freight”.  Chaidh an loco dhèanamh leis a’ chompanaidh Metropolitan Vickers agus tha trì sheataichean de chuibhlichean air aon cheann dheth (Co-) agus dà aig a’ cheann eile (Bo-) – sin as adhbhar gu bheil “Metro-vick” agus Co-bo air.

Chan eil mi cinnteach carson a tha an uiread de dh’fhar-ainmean air an Clas 28 oir cha robh mòran aca ann – dìreach mu 20 – agus tha iad mì-chliùiteach mar fhear de na seòrsaichean loco as miosa riamh aig BR!  Cha robh iad ro shoirbheachail agus cha robh iad ann an seirbhis ach fad 10 bliadhna. Gu fortanach, mhair aon chlas 28 a chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna gus caraistean a bhlàthachadh leis a’ ghoileadair aige sa mhadainn mus tòiseachadh iad ann an seirbheis.

Chaidh an Clas 28 a shàbhaladh ach cha do ruith e fad cha mhòr 50 bliadhna agus mar sin, tha tòrr obair a dhìth! Bha e math fhèin fhaicinn.

An Clas 28, D5707, Bury, East Lancashire Railway

Tha an 28 ga sgeadachadh le buidheann de shaor-thoilich a tha cuideachd a’ sgeadachadh an Clas 15 mu dheireadh. Bha an aon seòrsa eachdraidh aig na 15s, cha robh iad ro shoirbheachail is cha do mhair iad ro fhada ach chaidh cuid aca a chleachdadh gus trèanaichean a bhlàthachadh.

Bha an Clas 15 san t-seada cuideachd is bha cothrom fhaicinn.

Class 15, East Lancashire Railway
Class 15

Tha an East Lancs Railway am measg nan rathaidean-iarainn glèidhte  as cudromaiche agus as fheàrr ann an Sasainn. Tha e gu math fada – c12 mìle uile gu lèir agus tha e ann an àite le sluagh mòr agus a tha faisg air cathair baile. Tha e suidhichte ann am Bury, ann am Mòr-sgìre Manchester agus tha e furasta a ruigsinn air an trama à meadhan Mhanchester.

Agus tha cruinneachadh fìor mhath de thrèanaichean dìosail aige cuideachd. Tha tòrr rathaidean-iarainn ann a tha a’ cur fada a bharrachd cuideam air smùid, ach aig an ELS, tha fear de na cruinneachaidhean as motha de shean thrèanaichean dìosail san dùthaich.

San t-seada, chunnaic sinn cho mòr is cho math ’s a tha an cruinneachadh agus chunnaic mi Western agus Warship airson a’ chiad turas – trèanaichean anns an robh ùidh agam bho bha mi nam bhalach bheag ach nach fhaca mi roimhe a chiohnn ’s gun robh iad stèidhichte ann an Iar-dheas Shasainn agus sa Chòrn fhad ’s a bha iad ann an seirbheis.

Tha ùidh mhòr agam ann an trèanaichean Èireannach cuideachd agus bha fios agam gu bheil Thumper 80 Class aig Rathaidean-iarainn Èirinn a Tuath aca. Chaidh seo a cheannaich airson pàirtean a bhiodh air an cleachdadh airson trèanaichean eile agus cha ghabh a ruith ann an Sasainn co-dhiù leis gu bheil gèidse eadar-dhealaichte aca. Tha e ga chleachdadh mar bhothan leis na daoine a tha ag obair air na trèanaichean diosail. Tha e taobh a-muigh an t-seada agus ged nach robh e slighe an turais, bha an saor-thoileach a bha a’ gabhail an turais na ghaisgeach agus thug e mi gus sùileag a thoirt oirre agus dealbh fhaighinn.

NIR 80 Class Thumper

Bha na trèanaichean gan ruith le Class 14 – Teddy Bear cuideachd.

Class 14 – Teddy Bear

Às dèidh an turais agam, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Còmhdhail Bury a tha ri taobh an rathaid-iarainn agus far a bheil tòrr carbadan rathad agus rèile eachdraidheil.  

Taigh-tasgaidh Bury
Drey rèile aig BR – nach biodh e math nan robh an leithid ann a-rithist!

Mus deach mi air ais gu Manchester air an trama, chaidh mi airson cofaidh agus chunnaic mi an soidhne seo sa chafè!

Mar sin, ’s e an Daingean a tha e a’ ciallachadh, coltach ri Daingean Uí Chúis ann an Èirinn!

Gu h-iongantach, bha fear a’ suidhe faisg orm sa chafè a bha na mhac-shamhail de dh’Aonghas Pàdraig Caimbeul ach mus do thoisich mi bruidhinn ris mu litreachas na Gàidhlig, mhothaich mi gun robh blas Manchester seach blas Uibhisteach air.

Mholainn an East Lancashire Railway gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Salad gun chrìoch! Turas dhan Stephenson Railway, Tyne and Wear

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ dol air safari rèile gu loidhne nach fhaca mi riamh roimhe gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr. Tha mi air a dhol gu Wrecsam is Liverpool, Barrow in Furness, Lunnainn, Manchester, Contae an Dùin is eile thar nam bliadhnaichean.

Blyth Harbour Commissioners Number 2, 0-4-0ST, Taigh-tasgaidh/Rathad-Iarainn Smùid Stephenson, An Caisteal Nuadh

Am-bliadhna, chuir mi romham a dhol gu Rathad-iarainn Stephenson (no an North Tyneside Railway) beagan a tuath air a’ Chaisteal Nuadh. 

Gu fortanach, tha an loidhne seo furasta a ruigsinn air còmhdhail phoblach.

Bha trioblaidean ann le droch thìde agus bha an trèana agam eadar Glaschu is Carlisle le TPE air a chur dheth, ach bha e ceadaichte a dhol ann slighe eile, le ScotRail/LNER taobh Dhùn Èideann agus mar a thachair e, bha sin na bu luaithe co-dhiù. Mar sin, chan fhada gus an robh mi sa Chaisteal Nuadh far an do ghlac mi am bus gu North Shields far a bheil an rathad-iarainn.

Air an t-slighe ann, chaidh sinn tro Wallsend far a bheil soidhnichean dà-chànanach ann air an t-slighe a-steach dhan bhaile – ann am Beurla agus Laidinn – a’ comharrachadh eachdraidh Ròmanach na sgìre.

Tha eachdraidh inntinneach aig Rathad-iarainn Stephenson cuideachd. ‘S e rathad-iarainn fìor aosta a tha seo, agus ’s e slighe-carbad no wagonway a bh’ ann mus robh trèanaichean smùid ann.

Chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna airson obair guail is gnìomhachais ach ann anns na 1970an, chaidh a chleachdadh airson rud gu math eadar-dhealaichte – bha e na thrac deuchainn airson an Tyne and Wear Metro nuair a bhathar a’ togail an t-siostaim, a dh’fhosgail ann an 1980.

Mapa de mhetro Tyne is Wear agus de loidhne ùr Northumberland

Nuair a dh’fhosgail am meatro is nuair a bha na trèanaichean ùra uile deiseil airson seirbheis, dhùn an loidhne deuchainn ach rinneadh taigh-tasgaidh agus rathad-iarainn glèidhte de na seadaichean agus den trac. Tha fòcas sònraichte air an sgìre fhèin agus air eachdraidh shòisealta is gnìomhachais an àite.

 Tha an taigh-tasgaidh beag ach fìor mhath. Tha eisimpleirean de shunteran den t-seòrsa a bha gan cleachdadh anns na mèinnean agus loco bho 1816 nuair a bha Ear-thuath Shasainn aig cridhe nan rathaidean-iarainn. Seo Billy, a tha cha mhòr 10 bliadhna nas sine na Stephenson’s Rocket. Seo an treas loco maireannach as sine san t-saoghal.

Billy, Taigh-tasgaidh Stephenson

A bharrachd air seann thrèanaichean smùid, tha gu leòr trèanaichean dealanach ann cuideachd mar an loco seo a chaidh a thogail ann an 1909.

Loco dealanach E4 bho 1909

Às dèidh dhomh sùil a thoirt air an taigh-tasgaidh, bha an t-àm ann a dhol air an trèana. Air an t-slighe dhan stèisean aig Middle Engine Lane, mhothaich mi gu bheil an rathad-iarainn tòrr nas spaideile na tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte eile a chunnaic mi. Tha e follaiseach gu bheilear a’ coimhead às a dheth gu math leis an t-seada is an stèisean agus na beingean is na feansaichean uile ann am fìor deagh staid agus air am peantadh gu math. Agus gu sònraichte, bha na locotohan uile a’ coimhead air leth spaideil.

Shunterean dìosail aig Rathad-iarainn Stephenson

Tha an loidhne mu dhà mhìle a dh’fhaide agus tha i gu math diofraichte ri rathaidean-iarainn glèidhte àbhaisteach. An àite a bhith a-mach air an dùthaich, tha e ann an ionad gnìomhachais is ionad bhùithean – càr coltach ris the Fort ann an Glaschu.

A’ chiad rud a chì thu bhon trèana smùid nuair a a dh’fhàgas tu an stèisean, ’s e meur de Phizza Hut. Saoilidh mi gur e deagh rud a bhiodh ann salad gun crìoch ithe bhon t-salad bar aca agus a bhith a’ dèanamh beagan trainspotting aig an aon àm!

‘S e talamh post-industrial a tha seo agus aig taobh-tuath na loidhne, tha ionad gnìomhachais is ionad bhùithean agus an uair sin taighean-bathair is an uair sin taighean ùra. Leis an taigh-tasgaidh agus an turas trèana, chì thu na h-atharrachaidhean uile sa chomann shòisealta agus san eaconamaidh bho na 1980an air adhart.

Ma tha thu eòlach air Glaschu, tha e car coltach ri bhith a’ dèanamh rathad-iarainn glèidhte den t-seann rathaid-iarainn ri taobh an slip-road eadar an M8 agus Braehead a tha an uair sin a’ dol tron ionad-gnìomhachais!

Bha an trèana air a tharraing le einnsean smùid beag dearg agus bha i loma-làn de phàrantan is seann-phàrantan a bha airson rudeigin spòrsail a dhèanamh le an cuid chloinne eadar an Nollaig agus Oichche Challainn. Agus bha e follaiseach gunh robh turas air trèana smùid a’ còrdadh ris an fheadhainn bheaga.

Cha bhi an loidhne seo a’ faighinn mòran sanasachd agus is bochd sin oir tha i sgoinneil agus furasta a ruigsinn bho Alba.

Mholainn Rathad-iarainn agus Taigh-tasgaidh Stephenson gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean