An Trianaid ann am Birmingham!

Le alasdairmaccaluim

Tha tòrr air a bhith sna naidheachdan bho chionn ghoirid mun Chaledonian Sleeper agus mar a tha e gu bhith a’ stad ann am Birmingham a dh’aithghearr.

Dealbh sanasachd aig Caledonian Sleeper

Leugh mi na h-aithrisean sna meadhanan mu dheidhinn ach bha e follaiseach nach robh an luchd-naidheachd builleach a’ tuigsinn na tha gu bhith a’ tachairt.

Mar sin, seo rud beag a bharrachd fiosrachaidh mun Chadalaiche.

Tha dà thrèana ann gach oidhche a tha a’ dol eadar Alba agus Lunnainn agus dà thrèana a’ dol an taobh eile eadar Lunnainn agus Alba. Bidh iad a’ ruith gach latha den t-seachdain ach a-mhàin oidhche Shathairne.

Uill, nuair a chanas mi thrèana, ’s ann a tha mi a’ cialleachadh còig trèanaichean.

Tha an Highland Sleeper ann agus an Lowland Sleeper.

Tha an Highland Sleeper – Cadalaiche na Gàidhealtachd – car coltachd ris an Trianaid – tha aon trèana ann agus tha trì trèanaichean ann aig an aon àm. Tha trèana a’ fàgail a’ Ghearasdain gach oidhche, le trèana eile a’ fàgail Inbhir Nis agus trèana eile a’ fàgail Obar Dheathain. Tha iad a’ dol gu deas mar thrèanaichean fa leth agus a’ coinneachaidh ann an Dùn Èideann far am bi na carbadan gan cur ri chèile airson a dhol air adhart gu Lunnainn còmhla.

Bidh an Lowland Sleeper – Cadalaiche na Galldachd – a’ dèanamh an aon rud, ach a-mhàin nach eil ann ach dà thrèana. Tha aon trèana a’ fàgail Glaschu agus trèana eile a’ fàgail Dùn Èideann. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an Caisteal Tarrais agus a’ dol gu deas còmhla.

Mar sin, tha e simplidh gu leòr. Agus tha an caochladh a’ tachairt air an t-slighe gu tuath.

Tha suaicheantas a’ Chadalaiche a’ rìochdachadh nan còig trèanaichean seo – le trì puingean air a’ chabar-fèidh air aon taobh agus dà air an taobh eile.

Suaicheantas a’ Chaledonian Sleeper

Mar sin, dè bhios a’ tachairt le Birmingham?

Bidh Cadalaiche na Gàidhealtachd a’ stad ann am Birmingham. Cha bhi Cadalaiche na Galldachd a’ dol ann idir.

Roimhe seo, bhiodh cadalaiche na Gàidhealtachd a’ dol faisg air Birmingham, no tro Bhirmingham ach cha bhiodh e daonnan a’ dol air na h-aon loidhnichean tro na Midlands gus am biodh barrachd sùbailteachd ann a thaobh pathing. Ach bho seo a-mach, thèid e tro Bhirmingham gach turas agus stataidh gach trèana ann am Birmingham Eadar-nàiseanta.

Stèisean Birmingham Eadar-nàiseanta far am bi an Cadalaiche a’ stad

‘S e deagh rud a tha seo – ach dè mu dheidhinn daoine air a’ Ghalldachd a tha ag iarraidh a dhol a Bhirmingham?

Ged a tha trèana a’ Ghearasdain a’ dol tro Ghlaschu Sràid na Banrigh (Ìre Iosail) agus ged a tha Cadalaiche na Gàidhealtachd air fad a’ tighinn ri chèile ann an Dùn Èideann, chan fhaodar a dhol air bòrd ann. Tha mi a’ tuigsinn seo oir nam biodh e ro fhurasta an trèana a ghlacadh aig deas, tha cunnart ann nach biodh tiocaidean gu leòr air fhàgail airson daoine a bha airson an trèana a ghlacadh aig tuath. Tha e cudromach gum bi cothrom na Fèinne aig muinntir na Gàidhealtachd agus Obar Dheathain.

ACH faodar tiocaidean a chur air dòigh bho Shruighlea (no bhon Dàil Mhòr ann am prionnsabal – cha b’ urrainn dhomh tiocaid sam bith fhaicinn bhon Dàil Mhòr air-loidhne). Mar sin, ma tha thu airson an cadalaiche fhaighinn eadar Glaschu no Dùn Èideann agus Birmingham, chan fheum thu ach trèana fhaighinn gu Sruighlea agus tha trèanaichean ScotRail ann a tha a’ ruigsinn Sruighlea ann an deagh àm gus an cadalaiche a ghlacadh.

Am bi trèana na Gàidhealtachd a’ dol gu Lunnainn fhathast?

Bidh.

Cuine a bhios an trèana a’ ruigsinn/A’ fagail Birmingham?

Bidh i a’ fàgail aig àmannan gu math goireasach – 22:42 gu tuath agus 06:20 gu deas.

A bheil suidheachain ann no am feum mi leabaidh fhaighinn?

Tha an dà chuid ann. Tha leapannan gu math daor ach tha pris nan suidheachan gu math reusanta. Gabhaidh iad ri tòrr cairtean-rèile cuideachd.

Am bi an trèana air an uair mar as trice?

Tha trèana na Galldachd air an uair mar as trice – agus gu math tric bidh i tràth. Le trèana na Gàidhealtachd, bidh dàil oirre nas trice, ach cuimhnich air seo – ’s e Delay is Repay do charaid! Ma tha thu còrr is 30 air dheireadh, gheibh thu 50% den tiocaid shingilte air ais agus ma bhios tu còrr is uair a thìde air dheireadh, mar as trice, gheibh thu an t-airgead air fad air ais. Agus ma tha thu air trèana a bhios a’ ruighinn Birmingham tràth tràth sa mhadainn co-dhiù, is dòcha gum biodh dàil goireasach!

OK – mas e an Trianaid a th’ anns ann Highland Sleeper, à-mach à trèanaichean Inbhir Nis, a’ Ghearasdain no Obar Dheathain cò an t-athair, cò am mac agus an cò an spiorad naomh?

Chan eil fhios agam!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean