Bho chionn 18 bliadhna, fhuair mi an trèana eadar Glaschu agus Dùn Èideann agus an uair sin, trèana eile gu Bathgate.
Bha latha fada gu bhith agam agus mar sin, thug mi leum ceapairean, deoch agus m’ ipod. Bha latha fada gu bhith agam is mi gu bhith a’ coiseachd air làrach an t-seann rathaid-iarainn eadar Bathgate ann an Lodainn an Iar agus an t-Àrd Ruigh ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.
Bha an rathad-iarainn air a bhith dùinte do sheirbheisean luchd-siubhail bho 1956 agus chaidh a dhùnadh uile gu lèir ann an 1982. Chaidh an trac a thoirt air falbh aig toiseach nan 80an agus rinneadh slighe-coiseachd/baidhsagal dheth.
Carson a bha mi ann air an latha sin agus carson a bha cabhag air a’ chùis?
Bha an t-slighe coiseachd gu bhith a’ dùnadh gu bràth an t-seachdain às dèidh sin.
Mar as trice, bhithinn brònach gun robh slighe coiseachd no baidhg chudromach a dùnadh, ach chan ann an turas seo oir bha an rathad-iarainn gu bhith a’ fosgladh as ùr agus bha slighe baidhc eile gu bhith ann na h-àite.
Chaidh cuid den loidhne ath-fhosgladh do luchd-siubhail anns na 80an aig gach taobh – eadar Dùn Èideann agus Bathgate ann an 1986, agus aig ceann eile na loidhne, an t-Àrd Ruigh agus Druim Gailleach ann an 1989.
Bha na h-ath-fhosglaidhean sin gu math soirbheachail agus bha miann ann airson barrachd obair leasachaidh oir bha e fhathast gu math doirbh a dhol eadar Bathgate agus Glaschu no eadar an t-Àrd Ruigh agus Dùn Èideann. Leis gu bheil an M8 gu math trang agus gur e sgìrean gu math bochd a th’ ann an Lodainn an Iar agus Schd Lannraig a Tuath, cho-dhùin Pàrlamaid na h-Alba gun robh iad ag iarraidh an loidhne ath-fhosgladh.

Nuair a bha an loidhne ann mu dheireadh, ’s e loidhne shingilte a bh’ ann, air a ruith le trèanaichean smùid. Chan ann mar sin a bhiodh an loidhne ùr idir. Chaidh co-dhùnadh gur e loidhne dhealanach, dhùbailte a bhiodh ann.
Bha stèiseanan gu bhith air a thogail ann an Armadal, An Druim Dubh agus Caldercruix agus bha na stèiseanan ann am Bathgate agus Druim Gailleach gu bhith air an gluasad gus am biodh stèiseanan nas motha as nas fheàrr ann.
Mus tachradh sin, ge-tà, bha mi gu bhith a’ coiseachd air slighe na seann loidhne. Ged a bha mi air dràibheadh eadar an dà bhaile iomadh turas (bha caraid agam ann am Bathgate nuair a bha mi a’ fuireach ann an Glaschu, agus caraid anns an Àrd Ruigh nuair a bha mi a’ fuireach ann an Dùn Èideann!) agus làrach is drochaidean na seann loidhne fhaicinn iomadh turas, cha do choisich mi oirre riamh.
Thòisich an turas gu math. Thàinig mi far na trèana aig seann stèisean Bathgate agus rinn mi air meadhan a’ bhaile, a’ gabhail iongnadh ciamar a rachadh an loidhne a thogail tron bhaile leis gun robh tòrr rudan anns an rathad.
Air m’ iPod, bha ceòl sgoinneil – tha mi anabarrach dèidheil air a’ chòmhlan prog It Bites, à Cumbria. Dhealaich iad nuair a bha mi san sgoil ann an 1990 às dèidh trì clàran air leth. Thàinig iad còmhla a-rithist ann an 2008 agus beagan làithean ron dàna-thuras seo, bha iad air clàr ùr fhoillseachadh – the Tall Ships, a tha air leth math. Dh’èist mi ris a’ chlàr ud fad an latha, agus feumaidh gun do dh’èist mi ris an dà òran as fheàrr air – The Wind that Shakes the Barley agus Oh my God co-dhiù 10 turasan an urra!
Seo It Bites a’ cluich the Wind that Shakes the Barley beò.
Tha It Bites air aon de na còig còmhlan as fheàrr leam. Tha iad a’ measgachadh meur-chlàr caiseach le guitar trom discordant agus roc cruaidh agus pop bubblegum. Mholainn gu mòr iad!
Chan fhada gus an robh mi a-mach air an dùthaich, pìos air falbh bho taighean is rathaidean agus ann an leth-uair a thìde no mar sin, bha mi ann an Armadal, a tha mu 2.5 mìle air falbh.
Air an t-slighe ann, chunnaic mi grunn obraichean ealain air an t-slighe a tha a’ comharrachadh eachdraidh na sgìre.
Às dèidh sin, eadar Armadal agus an Druim Dubh bha sinn a-mach air a’ mhonadh gun chraobhan no thaighean no rathaidean no dad eile agus bha cùisean a’ faireachdainn gu math iomallach. Tha e nas coltaiche na Raineach no na Flobhaichean ann an Cataibh na meadhan na h-Alba.
Bha mi toilichte nuair a ràinig mi an Druim Dubh no Blackridge. Bha airson greis co-dhiù gus an do ràinig mi an soidhne ann: Blackridge – a handgun free town.
Na tuig mi ceàrr, tha mi toilichte nach robh gunnaichean ann ach ma chanas tu nach eil gunnaichean ann gun co-theacsa sam bith, tha e caran a’ toirt ort a bhith a’ smaoineachadh gu bheil adhbhar ann airson gunnaichean a bhith ann, ma tha thu gam thuigsinn! Carson eile a chanadh tu sin?
Fhuair mi a-mach gun deach an inbhe sin a thoirt dhan bhaile goirid às dèidh mòr-mhuirt Dhùn Bhlàthain agus gun robh muinntir a’ bhaile airson inbhe mar bhaile gun ghunnaichean fhaighinn mar phàirt den iomairt gus casg a chur air gunnaichean-làimh ann am Breatainn – agus tha mi ag aontachadh gu mòr leis a’ chasg a tha sin.
Bha an t-uisge a’ dòrtadh mun àm sin agus lean e gu Caldercruix no mar sin. Bha ùidh agam san ainm – chan ann cho tric a gheibh thu X ann an ainm-àite! A rèir coltais, tha e a’ tighinn bho Calder Crooks – leis gun robh lùban san abhainn.
Agus tha gu leòr uisge ann an Caldercruix – bha tuil aig làrach an t-seann stèisean agus tha e cuideachd ri taobh Loch-tasgaidh Hillend a chaidh a thogail gus Canàl nam Monklands agus Canàl Fhoirthe is Chluaidh a fhrithealadh sna 1790an.
Gu h-annasach, bha Derryland air a sgrìobhadh air an drochaid os cionn na loidhne. Saoil an e baile le coimhearsnachd làidir de dhaoine le freumhan Èireannach/Caitligeach a th’ ann? (Rinn mi googleadh luath a th’ ann agus a rèir coltais, ‘s e “gun chreideimh” a’ bhuidheann as motha sa bhaile agus mar atheist a tha dèidheil air Doire, tha mi toilichte sin fhaicinn!)
Ach nuair a tha mi a’ smaoineachadh air Caldercruix, bidh mi a’ smaoineachadh air boireannaich a bha a’ gearan sna pàipearan mun stèisean ùr. “Chì daoine sa ghàrradh mo bhon drochaid fhad ’s a bhios mi a’ gabhail na grèine”. Tha NIMBYachd cumanta gu leòr – ach cò idir a bhios a’ dèanamh sunbathing ann an Caldercrux??
Lean mi air adhart seachad air an loch agus a dh’ionnsaigh Plains. Bha stèisean aig Plains gu h-eachdraidheil ach gu mì-fhortanach, cha deach ath-thogail leis an loidhne ùir.
Bha daoine ri òl-latha aig a’ phàirc far an robh an stèisean uair agus bha na daoine a’ gabhail mo naidheachd is dh’fhaighnich fear laghach air an robh lèine-t Newcastle United an robh mi ag iarraidh beagan Buckie. Dhiùlt mi ach bha iad laghach!
Air a’ phìos mu dheireadh gu Druim Gailleach, bha mi ann an cutting agus nuair a ruig mi drochaid, bha balaich ag òl Buckie air an drochaid agus cha robh iad buileach cho càirdeil ri muinntir Plains agus thilg iad clachan orm. Cha deagh mo bhualadh ge-tà agus chan fhada gus an robh mi aig stèisean Druim Gailleach air iomall an Àrd Ruigh.
Ghlac mi an trèana agus aig a’ chiad stad (An Àrd Ruigh), thàinig triùir dheugairean air bòrd. Bha botailean Buckie aca agus shuidh iad mu mo choinneimh agus dh’fhaighnich iad “a bheil e OK ma dh’òl sinn buckie?”
“Stiall ort, òl siar e” thuirt mi! Agus chuir e iongnadh orm gun robh iad cho modhail sin!
An uair sin, thuit mi nam chadal às dèidh cuairt de 13 no 14 mìle agus cha do dhùisg mi gus an stad agam aig Staid na Banrigh. Bha mi caran rag agus goirt air a’ chuairt air an t-slighe gu stèisean a’ mheadhain gus an trèana a ghlacadh air ais dhan Dùn Bhreac agus gu Ciorstaidh, Jenny agus na cait!
Abair deagh latha!
Nas lugha na dà bhliadhna às dèidh sin, chaidh mi air turas rèile airson a dhol air an loidhne beagan làithean mus do dh’fhosgail i dhan t-sluagh. Tha mi air an t-slighe a chleachdadh grunn thursan bhon uair sin agus ’s e pìos bunstructair nàiseanta fìor chudromach a th’ ann a tha air a bhith gu math soirbheachail agus tha mi mothachail gu bheil tòrr thaighean agus gnìomhachasan ann ri taobh na loidhne a chaidh a chur an comas leis an rathad-iarainn.
Tha sinn air loidhnichean ùra fhaicinn do na Crìochan agus do Lìobhainn bhon uair sin – an dòchas gum faic sinn an aon rud an àiteachan eile fhathast – gu sònraichte ann an Hawick!
Air cuspair eile, bha an stèisean ùr ann an Druim Gailleach sna naidheachdan air adhbhar gu math neònach bliadhna no dhà às dèidh dhan loidhne ath-fhosgladh – chaidh boireannach a thoirt am bruid agus a ghlasadh ann an ciste càir fad naoi latha taobh faisg air an stèisean. Nurse Held Prisoner in her car for nine days!
Alasdair
Air m’ ipod: It Bites, the Tall Ships (10/10)
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean





