Gurkhas

Le Costello

An deidh miosan far nach fhaca sinn luchd Westminster anns na naidheachdan airson adhbhar sam bith nach robh ceangailte ri mi-onair, truailleachd no cuis-naire air choirigein tha cuid – 267 dhiubh co-dhiu – air sealltainn dhuinn gu bheil amanan ann far a bheil ceartas nas cudthromach dhaibh na ordughan sam bith a thig bhon Priomh-mhinistear agus na gillean-cuip (na “whips”) aig a bheil coir na buill-parlamaid a riaghladh gus deanamh cinnteach nach teid iad an aghaidh am partaidh.

Tha mar a bhios an Rioghachd Aonaichte a deiligeadh le na Gurkhas, na sar-shaighdearan a bhios sinn a tarraing a treubhan Nepal, air a bhith na chuis-naire airson uine. Tha iomairt air a bhith dol airson cothrom a thoirt dhaibh fuireach ann am Breatainn fad bliadhnachan ach san anns an greiseag bheag a chaidh a tha e air tighinn gu aire a mhor t-sluaigh agus iad a faighinn taic bho leithid Joanna Lumley agus iomadach neach eile. Bha dochas ann gun deanadh Gordon Brown agus am Partaidh Laborach an rud ciallach – tha fhios gur ann ainneamh a thachaireas sin! – agus na riaghailtean atharrachadh agus leigeal le na gaisgich a chuir seachad iomadach bliadhna a sabaist airson Breatainn cumail oir le’m beatha anns an rioghachd seo fhein. Ach an aite sin se chuir iad air adhart an de ach poilisidh ur a dheanadh cinnteach nach fhaigheadh ach gle bheag – mu 4,600 a reir an riaghaltas ach direach 100 am beachd a h-uile duine eile – den 36,000 Ghurkha a bha nan saighdearan san Arm Breatannach ro 1997.

Am miosg na breugan aig Brown air an cuspair seo nochd aon pios dhan fhirinn – gu bheil e gu h-araidh an aghaidh na Gurkhas agus na teaghlaich aca a leigeal a steach don duthaich air fad seach nach eil e airson an airgead a dh’fheumadh e a thoirt dhaibh a chosg oir. Seo an duine a cheith barrachd de dh’airgead an t-sluagh fhads a bha na seannsalair, agus a nis na phriomh-mhinistear, na duine sam bith eile ann an eachdraidh an duthaich. Seo againn an duine a tha deonach tax amaideach a chuir air doigh a ni cinnteach gum bith nas lugha de dh’airgead a tighinn a steach direach gus an urrainn dha beagan “class warfare” a thoiseachadh le na Tories:

Chancellor defends 50p Tax

Seo againn an riaghaltas a tha air cothrom a thoirt do na ceudan de mhilltean, mu nach eil milleanan, de choigrich a thighinn a dh’fhuireach san rioghachd gun diofar an robh grainn aca air an duthaich. Ceithidh iad airgead gus feuchainn ri laimh an uachdar fhaighinn ann an co-fharpais phoileataigs. Fosglaidh iad na borders ris a h-uile seors neach. Ni iad na rudan seo ach nuair a thig e gu aite thoirt do dhaoine treun a tha air pairt a ghabhail anns a h-uile cogadh anns an robh Breatainn an sas airson coir is 200 bliadhna cha d’thoir iad cail dhaibh ach breugan agus dimheas.

Mar sin faodaidh sinn bhith taingeil gu bheil iomadach neach a miosg na backbenchers aig Brown fhein a tha smaoineachadh gu bheil an cuis a cheart cho suarach sa tha leithid Nick Clegg, Daibhidh Cameron agus Joanna Lumley. Chaidh am poilisidh a chuir gu bhot an diugh agus chaidh a mhor chuid de luchd na Commons an aghaidh an riaghaltas.

Reaction to Government defeat:Clegg, Lumley, Cameron

Chan ann tric a nochdas adhbhar-iomairt a dh’fhagas duine bhon a h-uile partaidh aonaichte nam beachdan ach ’s e seo aon dhiubh.


Tadhail air Costello

Powered by WPeMatico

Naidheachdan às tuath

Le Uppundir

Tha mi air tadhal air Innis Tìle o chionn goirid. ‘B e trì bliadhna nach robh mi air a bhith an sin, ach nuair a tàinig mi gu h-eilean, dh’fhairich mi gun robh mi air a fhàg an-dè. ‘S e rudan beaga a tha air atharrachadh ann an Innis Tìle, a-mhàin cuid dè thaighean ùra a tha air togalach an àiteigin. Ach tha a an nadur Tìleach a’ coimhead mar a bha e o chionn mìle bliadhna (mar bu chòir dha coimhead).

Cha do thog mi dealbhan ùra an sin, thug mi mo chamara digiteach do mo mhàthair ach cha do cheannaich mi fear èile fhathast. Tha mi a’ dol a dhèanamh a dh’aithghearr, ach an dràsda ’s urrainn dhuibh na dealbhan fhaicinn a daoine èile (na càirdean agam) a tha air togail:
(bùthaibh an seo gus a chiad dhealbh gun teacsa fhaicinn)


Tadhail air Blòg Gàidhlig beag

Powered by WPeMatico

A’ Leughadh Sgeulachdan

Le Liam

Bha aoighean à Alba againn o chionn ghoirid – Seumas Greumach agus Kirsteen Nic Dhomhnaill, dithist sheinneadair Gàidhlig. Bha iad san sgìre seo airson Mòd Naiseanta Aimearagaidh, agus fhuair iad fàilte agus furan aig Taigh Mhic an Ultaigh fhad’s an robh iad ann.

We had guests from Scotland recently – James Graham and Kirsteen MacDonald, two Gaelic singers. They were in the area for the U.S. National

Mòd

, and they got a big welcome at the McNulty house as long as they were here.

Leugh Kirsteen leabhar Gàidhlig do Lorien agus Aoife – abair gun robh iad toilichte. Bha iad mar a chuir i fo gheasan iad!

Kirsteen read Gaelic books to Lorien and Aoife – they were really pleased. It was as if they were spellbound!

Tha Kirsteen agus Seumas a’ fuireachd ann an Glaschu – tha sinn toilichte gun tàinig iad gu Washington. Ceud mìle taing!

Kirsteen and James live in Glasgow – we’re delighted they came to Washington. A hundred thousand thanks!


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Chaidh Sinn dhan Tràigh

Le Liam

Chaidh a h-uile duine dhan tràigh as t-samhradh. Abair gun do chòrd an turas rinn – gu h-àraidh an clann. Rinn Arbory agus Aoife an dealbh seo le ainmean rudan a gheibhear air an tràigh. A’ bheil sibh eòlach orra uile gu lèir?

Everyone went to the beach this summer. We really enjoyed it – especially the kids. Arbory and Aoife made this picture with names of things that are found on the beach. Do you know all of them?

Faoileag, Faoileagan = Seagull, Seagulls

Cearban = Shark

Crosgag = Starfish (gheibhear crisgein-craisgein, croise na tràghad agus reannag na mara cuideachd)

Leumadair-mara = Dolphin (muc-bhiorach, cuideachd)

Muc-mhara, Mucan-mhara = Whales

Taigh-Solais = Lighthouse

Giomach, Giomaich = Lobster, Lobsters

Slige, Sligeachan = Shell, Shells

Bucaid, Bucaidean = Bucket, Buckets

Sluasaid = Shovel

Bàta, Bàtaichean = Boat, Boats

Muir = Sea

Meal ur naidheachd, Aoife agus Arbory – ’s math a rinn sibh!


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Tha flat ùr agam!!!!

Le Eli

WHOOO HOOO!!!!!! Tha flat ùr agam! Agus beatha ùr agam cuideachd.Tha e snog! Tha e dha rùm ann agus “balcony”.Bha mo bhean agus mise a’ sgar agus bidh sinn faigh “disolution”. Bha sinn lànan airon 14 bliadhnachan a’ dh’aois, agus phosda sinn airson dha bliadhna a’ dh’aois.Bha mi a’ leòinte, ach a-nis,tha mi a’leigheas. Fàilidh!


Tadhail air Tha mi a bhith ag ionnsachadh …

Powered by WPeMatico

CroileaganDC air Bhideo

Le Liam

Rinn sinn bhideo nuair a chruinnich sinn an àm mu dheireadh – tha sinn an dòchas gun còrd e ribh! Seo mar a thoisich sinn a h-uile cròileagan, a’ seinn “Ciamar a tha thu? Tha mi gu math” …

We made a video when we gathered the last time – we hope you enjoy it! This is is how we start every cròileagan, singing “Ciamar a tha thu? Tha mi gu math” …

Agus chì sibh pìos beag còmhla ri Aoife aig deireadh an bhideo …

And you’ll see a little bit with Aoife at the end of the video …


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Cròileagan DC air a’ BhBC!

Le Liam

“’S tric san là a th’ ann a gheibhear iongnadh ann an saoghal na Gàidhlig.”

“There are plenty of surprises today in the world of Gaelic.”

Sin tòiseachadh airteagal a sgrìobh Teàrlach Quinnell aig a’ BhBC ann an Alba mu dheidhinn CròileaganDC. Fhuair Liam iognadh nuair a leugh e na sgrìobh Teàrlach. Bhruidhinn Liam ri neach-naidheachd aig Radio nan Gàidheal mu dheidhinn na tha sinn a’ dèanamh, agus sgrìobh Teàrlach airteagal as dèidh sin.

That’s the beginning of an article written by Teàrlach Quinnell at the BBC in Scotland about CròileaganDC. Liam was surprised when he read Teàrlach’s article. He spoke with a reporter at Radio nan Gàidheal about what we’re doing, and Teàrlach wrote an article after that.

Chòrd an naidheachd rinn gu fìor. Dh’fhaodadh a leughadh aig:

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naidheachdan/story/2008/05/080513_washington.shtml

We really enjoyed the story. It may be read at the link above. Or just click on the headline.


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Earrach Trang, Làithean Sona

Le Liam

Abair gun robh sinn trang as t-earrach. Choinnich sinn anns a’ Ghearran, ann am Màirt agus anns a’ Ghiblean, agus cruinnichidh sinn a-rithist airson cròileagain a dh’aithghearr. Seo Scott agus na pàisdean: Autumn (na seasamh), Aoife, Lucas agus Lorien (beagan dheth, cò-dhiubh!).

We’ve had a busy spring. We met in February, in March and in April. We’ll be meeting again for a playgroup soon. Here’s Scott and the children: Autumn (standing), Aoife, Lucas and Lorien (a little bit of him, anyway!)

Anns a’ chròileagan, tha sinn ag ionnsachadh faclan agus abairtean mu dheidhinn an taighe, an teaghlach, ciamar a tha sinn a’ fearachdainn agus pàirt dhen chorp. Thoisich sinn cur-seachadan ùra. Seo “Matman” neo “Fear a’ Bhrat.” Dh’fhaodadh dhan chloinn Fear a’ Bhrat a chur ri chèile pìos air phìos: dà shùil, sròn, beul, cluasan, gairdeanan, casan agus mar sin air adhart.

In the playgroup, we’re learning words and expressions about the home, the family, how we feel and parts of the body. We’ve started new activities. This is “Matman” or “Fear a’ Bhrat.” The children assemble Fear a’ Bhrat piece by piece: two eyes, a nose, a mouth, ears, arms, legs and so on.

Seo Lucas agus a charaid. Cha robh Fear a’ bhrat glè-thoilichte, a rèir coltais.

Here’s Lucas and his friend. Matman wasn’t very happy, it seems.

Aig deireadh a’ Ghiblein, chaidh sinn dhan fhèis Cheilteach – The Southern Maryland Celtic Festival, mar a chanadh iad. Chòrd sin gu mòr ris a h-uile duine. Dh’ionnsaich Aoife beagan mu dheidhinn na pìoba agus ciamar a tha iad ag obrachadh. Chì sibh Seumas, a h-athair, a’ cluich an giotar agus Ed “MacFhearghais” Bradshaw a’ cluich air a’ phìob bheag.

At the end of April, we went to a Celtic festival – The Southern Maryland Celtic Festival. Everyone enjoyed it greatly. Aoife learned a bit about the bagpipes and how they work. That’s James, her father, playing the guitar and Ed “MacFhearghais” Bradshaw playing the small pipes.


Tadhail air Cròileagan DC: Washington’s Gaelic Playgroup

Powered by WPeMatico

Balach Seoras!

Le Sgleog


Tha manaidsear ùr aig sgioba ball-coise na h-Alba!

Shoighnig George Burley airson dà bhliadhna gu leth a stiùireadh an sgioba nàiseanta againn! Woo!! Tha sinn an dòchas gun deàn e cho math sa rinn e nuair a bha e shuas a seo a stiùireadh Hearts ach nach tig Romanov faisg air Hampden! Cha leigeadh Seoras a steach tron doras co dhiù!

Na chuicheadair cluich Burley airson Ipswich, Sunderland, Gillingham, Motherwell, Ayr agus Falkirk agus ann an 1982 chaidh e dhan World Cup leis an sgioba nàiseanta. Anns an sgioba sin gu ta bha cluicheadairean mar Alan Hansen, Graeme souness agus Gordon Strachan… chan robh fiùs aite anns a chiad sgioba airson cluicheadairean mar Kenny Dalglish aig an àm a bha sin ach bha e ag ionnsachadh fad na h-uine bho na cluicheadairean as fhearr anns an dùthaich agus bho Jock Stein cuideachd a bhuannaich an Cùpa Eòrpach le Celtic ann an 1967 le cluicheadairean a bha uileag a fuireach taobha staigh air cearcal do dhà mìle mun chuairt air Parkhead.

Dh’ionnsaich e a gheama bho na daoine as ainmeille ann am Ball-coise Breatannach agus nuair a bha e fhathast a cluich ann an 1991 thug e air an seann obair aig Ally MacLeod a stiùireadh gnothaichean aig Ayr United. As deidh sin stiùir e Colchester United, Ipswich Town, Derby County, Heart of Midlothian Southampton agus a nis, air 24mh Am Faoilleach 2008 tha e air toiseachadh a stiùireadh an sgioba nàiseanta Albannach.

As dèidh cho math sa rinn Alex McLeish agus Walter Smith tha an uallach air a bhith buannachadh tòrr gheamanan mòra ach ge bith dè thachras tha an dùthaich air do chùlaibh a Sheorais!!

ALBA GU BRATH!!


Tadhail air SGLEOG BLOG

Powered by WPeMatico

Ciurm-dhealbh 1945

Le Ru-ra

Bha mi aig cuirm-dhealbh 1945 ann an talla a’ bhaile bhig an t-seachdain seo chaidh. Bha e math fhèin. Choimhead sinn air dà dealbhan-àbhachdais bho 1945, film-naidheachd bho 1945 agus “I know where I’m Going” – film mòr, dèante ann am Muile ann an 1945 agus roghainn film Beathag (dèan sùil air a’ bhlog aice anns an Giblean 2006). Bha cuimhne aig cuid anns an talla aig an àm nuair a rinneadh an film. Dh’innis iad rinn mu dheidhinn an inneil-cheò mhòir agus an sgioba-film mhòir agus an ullachaidh-bìdh. Bha eadar-ama am meadhan an fhilm airson srùpag. Bha sin math cuideachd.

Bha an talla làn agus chòrd e ris a h-uile duine gu mòr.


Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico