Naire mor na h-Alba: 1707-2007

Le Gath Clag

De tha an naire as motha air an duthaich seo an diugh? Uill, tha taghadh farsaing ann – eucoir, cogadh ann an Iorac is Afghanistan, brùidealachd (den gach seorsa), /sectarianism/, truailleadh, cealgaireachd poileatagach… neo eadhon an telebhisean againne?

Nam bheachdsa, tha naire mor aig na h-Albannaich, ged nach eil iad uile ga mhothachadh. Sin an “Aonadh”, eadar Alba agus Sasainn (san fhirinn, chan e direach na h-Albannaich agus Sasannaich, ach na Cuimrich, cuid de na h-Eireannaich, agus Cornaich cuideach).

Ann an Alba, tha muinntir bochd, neo-fhallain gun foghlam math againne, agus tha cuid a’ creidsinn gur e rud math a tha ann. Is docha, tha eagal orra air atharrachadh sam bith, agus is urrainn dhuinn uile a thuigsinn. Ach, tha atharrachadh a’ tachairt gach latha – gach mionaid – air an saoghal seo. Deich bliadhna air ais – cha robh blogaichean sam bith, mar eiseimpleir, agus cha robh telebhisean digiteach againne, neo Parlamaid na h-Alba. Atharraichidh Alba co-dhiu. Ach a bheil na h-Albannaich a’ dol a taghadh atharrachadh bochd Breatannach, neo atharrachadh math a bhios aig Alba neo-eiseimealach?

Chan e aisling gorach a tha ann, neo seorsa /utopia/. Gun teagamh, bidh trioplaidean gu leor againne, an deidh neo-eiseimleachd na h-Alba. Feumaidh sinn a’ coimhead air duthchannan eile, seachad am BBC Breatannach, neo na paipearan Breatannach sna bailtean mora na h-Alba. Tha Lochlainn sa suidheachadh fada, fada nas fhearr na suidheachadh againne. Tha na Lochlannaich beart, foghlamaichte agus dochasach. Chan eil iad bochd, agus aineolach ma tha moran daoine ann an Alba an diugh. Agus, ann an Eirinn, chi sinn fein-earbsa sa phoblachd a tha a dhith air Alba fhein.

Tha na duthchannan beaga seo nas fhearr, agus nas beartaiche as deidh neo-eiseimleachd againne bhon Ruis, a’ Ghearmailt agus Breatann. Carson nach eil sinn cho glic?


Tadhail air Deò-grèine

Powered by WPeMatico

Cànan an Aodainn

Le Bard a’ Bhroadband

An Laideann
Bidh sexus ri lorg eadar serratus agus sica, eagaichte agus biodag

An Eadailtis
Bidh sesso ri lorg eadar serpente agus sfoggiare, nathair agus taisbean

An Frangais
Bidh sexe ri lorg eadar servilité agus simulacre, daorsa agus coltas

An Gearmailtis
Bidh sex ri lorg eadar seuche agus sicherheit, galar-sgaoilte agus sàbhailteachd

An Beurla
Bidh sex ri lorg eadar sewage agus shackle

An Albais
Bidh tail-toddle ri lorg eadar tade agus talent, gartan agus miann

An Gàidhlig
Bidh feise ri lorg eadar fèis agus feiseag


Tadhail air tha feum agam oirbh uile

Powered by WPeMatico

Paris ann an croiteas-aigh!

Le oinseach mhor

An Gàidheal Òg
Paris Hilton – Am Beatha Shìmplidh – Shìos air a’ chroit.

Tha mise (Paris) a’ dol a chuir seachad dà bhliadhna còmhla ri Dolina Màiri Nic Coinnich air croit (croft) ann an Croit-easaigh (eilean far a’ bheil na daoine dèidheil air croitearachd) agus gheibh thusa a-mach ciamar a tha cùisean a’ dol anns a’ cholbh mìorbhaileach agam.

Faclair

Monadhmoorland, peatbog neapraig-tissue marag -pudding fallain -healthy meud neo-nì– size zero air bhiodan –on tip-toe / excited droch thream – bad mood Clobhd-sgùraidh – cleaning cloth, made up of old rags sgailc– slap
Bliong Bliong – Bling Bling cho reamhar ri ròn– as fat as a seal.

Nuair a ràinig mi cha b’urrainn dhòmhsa mo shùilean a chreidsinn oir càite bheil sinn? air a ghealaich? Chan eil sian air an eilean na mallachd seo ach monadh agus droch aimsir, bha e dìreach cho coltach ris a “Wife Swap” Leòdhasach a rinn teanal a 4. Thachair mi ri Dolina Màiri. Rug i air làimh orm agus thug i pòg dhomh. B’eudar dhomh m’aodann a shuathadh le neapraig nuair a fhuair mi a-staigh oir tha eagal orm gun glac mi galair air choireigin. Thug Dolina dhomh marag, ga brith dè tha siud a’ ciallchachadh. Gach madainn tha Dolina a’ cur bracaist air mo bheulaibh. Dà mharag dhubh, dà mharag gheal, dà ugh, dà isbean. Tha ise ag ràdh nach eil mi a’ coimhead fallain agus gu bheil mi ro chaol. Tha mi air clach gu leth a chuir orm ann an dà sheachdain agus chan urrainn dhomh an cuideam a chumail dhiom. Feumaidh gu bheil rudeigin neònach anns an eadhar air an eilean seo oir tha Nicole air fàs cho reamhar ri ròn. Bha an dithis againn a’ faighinn a-staigh gu meud neo-nì. Agus a-nis se meud 14 a th’orm a-nis. Tha mi air bhiodan faighinn air ais gu LA ach am faigh mi “Colonic Irrigation.” An latha reamhaid b’eudar dhomh glanadh bàthach Dòmhnall Eardsaidh ach bhiodh esan a’ tighinn a-staigh a h-uile darna mionaid, a’ coimhead orm agus ag ràdh “Chan eil bean agam. Carson nach pòs sin?”

Bha Nicole ann an droch thream oir dh’ iarr e oirrese na caoraich a dhupadh (deagh fhacal Gàidhlig) nuair a chluich mi fhìn ‘s e fhèin Falach-fead sa bhàthach. An ath sheachdain tha mi a’ dol a dh’iarraidh air balaich a’ Bhaile Mhòir an Ride aige a’ Phimpadh oir tha mi seachd searbh a’ coimhead aire-san anns an t-seann bhan uaine ud agus cù-chaora aige anns an toiseach. Bhiodh e dìreach glan cuideachd nan tigeadh “Cribs” a choimhead air taigh Dolina. Tha an taigh aicese nas fhèarr na taigh “50 Cent” Tha dreasair alainn aice sa sitting-room agus Jacuzzi.. Bha mi dìreach cho feargach ge-tà nuair a chleachd i an dreasa a thug Donatella Versace dhomh airson na h-Oscars airson an ùrlar a ghlanadh. “Gabh mo leisgeul a ghràidh” thuirt i, “bha mi a’smaoineachadh gur e clobhd-sgùraidh a bh’ann.” Clobhd-sgùraidh! Chosg an dreasa sin $50,000! Thug mi dhi deagh sgailc oir dè an t-eòlas a th’aicese air rudan fasanta? Tha ise a’ smaoineachadh gu bheil seacaid clòimh air muin boilersuit fasanta. Cò-dhiù, sin agad e bhuamsa. An ath sheachdain tha mi a’ dol shealg agus tha Nicole a’ dol sa bhogadh leis an tractair. (Tha mi a’ dol a dh’ iarraidh air mo mhanaidsear agam Bliong Bliong a chuir thugam ach an tig mi a-mach air an deoch le Dòmhnall Eardsaidh )
Chun na h-ath thuras! Paris x x x


Tadhail air An Gaidheal Og

Powered by WPeMatico

Dùbhlachd dubh

Le Slèite

Abair droch shìde! Tha i stoirmeil agus fliuch, no bog-fhliuch agus dorch fad na h-ùine. Ach ’s e oidhche bhrèagha a bh’ ann a-raoir. Bha a’ ghealach làn agus chòisich mi dhan chlas Ghearmailtis agam ann an solas na gealaich. Cha robh feum agam air solas eile idir. Co-dhiù, tha an taigh agam a’ fàs blàth a-nis agus tha e uabhasach comhfhurtail. Bidh an teine (’s e Bruce an t-ainm a tha air) a’ gabhail gu sunndach leis a’ ghaoith sin. Rinn mi aran Gearmailteach a bhon-dè agus nì mi mòran còcaireachd. Bha mi ag ionndrainn sin nuair a bha mi a’ fuireach aig a’ cholaiste.
Tha obair ùr agam cuideachd. tha mi ag obair an an ionad-fhàilte na colaiste a-nis. Uill, seo leth-sgeul. Bidh mi ann dà latha na seachdaine agus 3 làithean sa chidsin fhathast. Ach chì sinn dè thachras. Is dòcha gum bidh mi ann làn-ùine a dh’aithgheàrr.

Tadhail air Saoghal Gàidhlig aig Janni

Powered by WPeMatico

Taibhse air a’ phrìomh shràid

Le Graisg

Uaireannan chì thu taibhse air a’ phrìomh shràid. Gach turas a bhios bùth air choreigin a’ faighinn ath-nuadhachadh chì thu boillsgeadh den àm a dh’fhalbh. ‘S e bùth air leth a bh’ ann an Rose Brothers agus bha e fhathast a’ dol nuair a thàinig mi gu Inbhir Narann ann an 1980. Aig an àm ud bha a h-uile bathair agus goireas ri fhaighinn anns a’ bhaile agus cha robh feum agad a dhol gu Inbhir Nis idir. Abair dà latha. ‘S e bùth grosaireachd agus Delicatessen a bh’ann. A nis gheibh thu brògan na bhroinn.

Tadhail air Dealbhan Inbhir Narann

Powered by WPeMatico