“We’re the Kids of the Tyne and Wear” – Turas dhan Tanfield Railway

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ dol air safari rèile gach bliadhna eadar a’ bhliadhna ùr agus an Nollaig. Thar nam bliadhnaichean, tha mi air a dhol gu Cumbria, Manchester, Dùn Pàdraig, Liverpool, Lunnainn agus eile.

Airson splaoid na Nollaig 2025, bha mi air ais ann an Ear-thuath Shasainn far a bheil tòrr mòr rathaidean-iarainn inntinneach is eachdraidheil. An-uiridh bha mi aig an North Tyneside Railway ach an turas seo, bha mi air taobh eile na h-aibhne aig an Tanfield Railway.

Stèisean Sunniside, Tanfield railway

Ann an 2025, tha sinn air a bhith a’ comharrachadh 200 bliadhna de na rathaidean-iarainn ach ann an Tanfield, ’s ann a tha iad a’ comharrachadh 300 bliadhna!

Ged nach robh rathad-iarainn ceart ann le locothan an uair sin, bha wagonway ann le eich gus carbadan guail a ghualain eadar mèinnean agus am port air an Tyne.

Bha lìonra mòr ann de dhiofar rathaidean-iarainn a’ frithealadh nam mèinnean air feadh na sgìre uair ach dhùin iad mean air mhean ach dh’fhàg iad dìleab rèile chudromach a tha rathaidean-iarainn glèidhte an North Tyneside Railway, am Bowes Railway, Taigh-tasgaidh Beamish agus gu dearbha fhèin, an Tanfield a comharrachadh.

Às dèidh dhomh an trèana fhaighinn eadar Glaschu agus an Caisteal Nuadh, ghlac mi am bus bho thaobh a-muigh stèisean a’ Chaisteil Nuaidh. Tha seirbheis bus math is luath ann agus chan fhada gus an robh mi air an X30 a’ dèanamh air an rathad-iarainn eachdraidheil.

Bha am bus aig Go North East luath agus air deagh phrìs (£2.50 airson turas fada gu leòr) agus bha clàraidhean claisneachd ann mu gach stad bus. Bha an dràibhear càirdeil cuideachd. B’ e an aon ghearan a bh’ agam gun robh diofar ainmean air an stad bus a bha mi ag iarraidh air a’ chlàr ama, air an làrach-lìn agus air a’ chlàradh fuaim air a’ bhus! Mar chuideigin nach eil eòlach air an sgìre, cha robh sin na chuideachadh. Ach aig a’ cheann thall, fhuair mi an stad ceart agus tha e dìreach taobh a-muigh prìomh stèisean an Tanfield – Andrews House – not to be confused with St Andrew’s House, àrd-oifis Riaghaltas na h-Alba!

B’ e a’ chiad rud a mhothaich mi mun rathad-iarainn cho proifeiseanta ’s a tha e. Tha an togalach far am faigh thu tiocaidean ùr is spaideil agus tha pannalan fiosrachaidh matha ann agus tha togalach an stèisean gu math spaideil cuideachd.

Bha an rathad-iarainn air fad mar sin leis a h-uile rud glan is snasail eadar na locothan is carbadan agus na toglaichean is fiù ’s seadaichean nan einnseannan!

B’ e am Mince Pie Express a bh’ ann an latha sin agus chaidh mi sìos dhan àrd-ùrlar gus a ghlacadh. Bha shunter smùid snog ann agus carbadan Bhictorianach – rud nach eil ro chumanta air rathaidean-iarainn glèidhte.

Stèisean Andrews House

Tha Andrews house ann am meadhan na loidhne, is mar sin chaidh sinn gu tuath an toiseach gu stèisean Sunniside (not to be confused with Coatbridge Sunnyside!) agus  chaidh an loco timcheall air an trèana gus ar toirt gu deas, a’ dol tro Andrews House a-rithist gun a bhith a’ stad agus air adhart gu stèiseanan Causey Arch agus gu ceann na loidhne aig East Tanfield.

Tha seallaidhean na loidhne gu math diofraichte. Aig taobh deas na loidhne, thathar a’ dol tro thalamh post-industrial nach eil ro bhrèagha, ach aig ceann eile na loidhne, tha thu a’ dol tro choilltean agus talamh àrd le seallaidhean brèagha den Chausey Burn (cha robh fhios agam gun robh burns aca ann an ceann a tuath Shasainn cuideachd!) Bha e gu math coltach ris a’ choille ann am pàirce Chatelherault faisg air Hamaltan ann an Schd Lannraig nam bheachd.

Faisg air stèisean Causey Arch, tha an drochaid a thug dha ainm, a’ chiad drochaid rathad-iarainn cloiche san t-saoghal.

Fad na slighe bha daoine air na ceuman coiseachd ri taobh an rathaid-iarainn a-mach airson cuairt às dèidh na Nollaig le clann is coin agus tha tòrr slighean-coiseachd ann ri taobh na loidhne, agus air làraichean seann rathaidean-iarainn nach eil ann tuilleadh.

Saoildh mi gum biodh e comasach coiseachd eadar an Caisteal Nuadh, am Bowes Railway agus Beamish ann an aon latha nan robh thu airson sin a dhèanamh – coltach ri pub crawl airson rathaidean-iarainn!

Aig ceann na loidhne ann an East Tanfield, tha togalach stèisean mòr àlainn ann le cafè aig bheil deagh roghainn de bhiadh veggie. Dh’fhàg mi an trèana an sin agus fhuair mi greim bìdh gus an tàinig an ath thrèana,

’ S e trèana gu math sean bho na 1890s air an robh Twizzel a bh’ anns an ath loco a thug air ais gu Andrews House mi.

Twizell, East Tanfield

Bha an t-àm ann an uair sin a dhol gu seada nan einnsean – Seada Marley Hill. Tha e gu math faisg air an stèisean agus tha e fosgailte dhan phoball. Mar an rathad-iarainn air fad, bha an togalach gu math glan, sgiobalta agus ann an deagh staid – rud nach fhaicear ro tric aig rathaidean-iarainn.

Tha cruinneachadh mòra de locothan dìosail is smùid aig an Tanfield, a’ mhòr-cuid aca ceangailte ri iar-thuath Shasainn. Nas inntinneach buileach, tha loidhnichean ann taobh a-muigh nan seadaichean de sheann locothan is caraistean ann an droch staid agus bha e fìor inntinneach am faicinn!

Is toil leam rathaidean-iarainn nuair a tha cothrom agad sùil a thoirt air rudan air cùl gnothaichean agus a bhith a’ coiseachd mun cuairt.

Agus leis a sin, bha an t-àm ann am bus a ghlacadh dhachaigh, agus air an t-slighe mi ag èisteachd ris na Toy Dolls agus an cover aca den òran Kim Wilde “Kids in America” air a bheil “We’re the Kids in Tyne and Wear”! 

Tha an Tanfield proifeiseanta, àlainn, air a dheagh ruith agus rud beag eadar-dhealaichte bho rathaidean-iarainn glèidhte eile agus mholainn gu mòr e.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean