An Buailteoir, Lofa an Iongantais agus an Teadaidh anns an Daingeann

Le alasdairmaccaluim

Bha mi ann am Manchester bho chionn ghoirid agus fhad ’s a bha mi ann, chunnaic mi Thumper, Wonderloaf, Teddy Bear, Rat, Hoover, Gronk, Whistler, Tractor, Warship agus Western!

A bheil fhios agad dè a th’ annta?

Trèanaichean! Diofar sheòrsaichean locothan. Airson adhbhar air choireigin, bidh trainspotters a’ cur far-ainmean orra uile.

Agus a bharrachd air an fheadhainn a dh’ainmich mi gu h-àrd, tha Grids, Sheds, Supergronks, *MacRats, Deltics, Baby Deltics, Peaks, Bones, Bodysnatchers, Cromptons agus Duffs.

Bha mi air turas dhan East Lancashire Railway airson an latha fosgailte aca aig deireadh an Fhaoillich. A bharrachd air cothrom a dhol air na trèanaichean, bha tursan threòraichte ann agus bha mi airson dà rud fhaicinn gu sònraichte – an Wonderloaf agus an Thumper.

’S e an wonderloaf an Clas 28 agus airson adhbhar air choireigin, tha grunn diofar ainmean air – Wonderloaf, Co-Bo, Condor agus Metro-vick.

Tha Wonderloaf a’ tighnn bho chruth na trèana a tha caran coltachd ri lofa. Tha Condor air a chionn ’s gum biodh na 28s uair a tarraing trèana-bathair luath leis an ainm Condor gach oidhche. Chaidh dealbh ainmeile a tharraing de 28 air a’ Chondor leis an ainm “Night Freight”.  Chaidh an loco dhèanamh leis a’ chompanaidh Metropolitan Vickers agus tha trì sheataichean de chuibhlichean air aon cheann dheth (Co-) agus dà aig a’ cheann eile (Bo-) – sin as adhbhar gu bheil “Metro-vick” agus Co-bo air.

Chan eil mi cinnteach carson a tha an uiread de dh’fhar-ainmean air an Clas 28 oir cha robh mòran aca ann – dìreach mu 20 – agus tha iad mì-chliùiteach mar fhear de na seòrsaichean loco as miosa riamh aig BR!  Cha robh iad ro shoirbheachail agus cha robh iad ann an seirbhis ach fad 10 bliadhna. Gu fortanach, mhair aon chlas 28 a chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna gus caraistean a bhlàthachadh leis a’ ghoileadair aige sa mhadainn mus tòiseachadh iad ann an seirbheis.

Chaidh an Clas 28 a shàbhaladh ach cha do ruith e fad cha mhòr 50 bliadhna agus mar sin, tha tòrr obair a dhìth! Bha e math fhèin fhaicinn.

An Clas 28, D5707, Bury, East Lancashire Railway

Tha an 28 ga sgeadachadh le buidheann de shaor-thoilich a tha cuideachd a’ sgeadachadh an Clas 15 mu dheireadh. Bha an aon seòrsa eachdraidh aig na 15s, cha robh iad ro shoirbheachail is cha do mhair iad ro fhada ach chaidh cuid aca a chleachdadh gus trèanaichean a bhlàthachadh.

Bha an Clas 15 san t-seada cuideachd is bha cothrom fhaicinn.

Class 15, East Lancashire Railway
Class 15

Tha an East Lancs Railway am measg nan rathaidean-iarainn glèidhte  as cudromaiche agus as fheàrr ann an Sasainn. Tha e gu math fada – c12 mìle uile gu lèir agus tha e ann an àite le sluagh mòr agus a tha faisg air cathair baile. Tha e suidhichte ann am Bury, ann am Mòr-sgìre Manchester agus tha e furasta a ruigsinn air an trama à meadhan Mhanchester.

Agus tha cruinneachadh fìor mhath de thrèanaichean dìosail aige cuideachd. Tha tòrr rathaidean-iarainn ann a tha a’ cur fada a bharrachd cuideam air smùid, ach aig an ELS, tha fear de na cruinneachaidhean as motha de shean thrèanaichean dìosail san dùthaich.

San t-seada, chunnaic sinn cho mòr is cho math ’s a tha an cruinneachadh agus chunnaic mi Western agus Warship airson a’ chiad turas – trèanaichean anns an robh ùidh agam bho bha mi nam bhalach bheag ach nach fhaca mi roimhe a chiohnn ’s gun robh iad stèidhichte ann an Iar-dheas Shasainn agus sa Chòrn fhad ’s a bha iad ann an seirbheis.

Tha ùidh mhòr agam ann an trèanaichean Èireannach cuideachd agus bha fios agam gu bheil Thumper 80 Class aig Rathaidean-iarainn Èirinn a Tuath aca. Chaidh seo a cheannaich airson pàirtean a bhiodh air an cleachdadh airson trèanaichean eile agus cha ghabh a ruith ann an Sasainn co-dhiù leis gu bheil gèidse eadar-dhealaichte aca. Tha e ga chleachdadh mar bhothan leis na daoine a tha ag obair air na trèanaichean diosail. Tha e taobh a-muigh an t-seada agus ged nach robh e slighe an turais, bha an saor-thoileach a bha a’ gabhail an turais na ghaisgeach agus thug e mi gus sùileag a thoirt oirre agus dealbh fhaighinn.

NIR 80 Class Thumper

Bha na trèanaichean gan ruith le Class 14 – Teddy Bear cuideachd.

Class 14 – Teddy Bear

Às dèidh an turais agam, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Còmhdhail Bury a tha ri taobh an rathaid-iarainn agus far a bheil tòrr carbadan rathad agus rèile eachdraidheil.  

Taigh-tasgaidh Bury
Drey rèile aig BR – nach biodh e math nan robh an leithid ann a-rithist!

Mus deach mi air ais gu Manchester air an trama, chaidh mi airson cofaidh agus chunnaic mi an soidhne seo sa chafè!

Mar sin, ’s e an Daingean a tha e a’ ciallachadh, coltach ri Daingean Uí Chúis ann an Èirinn!

Gu h-iongantach, bha fear a’ suidhe faisg orm sa chafè a bha na mhac-shamhail de dh’Aonghas Pàdraig Caimbeul ach mus do thoisich mi bruidhinn ris mu litreachas na Gàidhlig, mhothaich mi gun robh blas Manchester seach blas Uibhisteach air.

Mholainn an East Lancashire Railway gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean