“is thog iad àiteachan parcaidh”

Le Cam

A bheil cuimhne agad Bob Dylan neo Joni Mitchell a’ seinn, “They paved paradise and put up a parking lot”? Ann an Champaign, Illinois, bidh iad a’ leagail leabhar-lann is an uairsin bidh iad a’ togail àiteachan parcaidh. Carson a tha sinn uile air ar togail? Uill, airson aon bhiadhna tha iad air a bhith a’ togail leabhar-lann ùr ri taobh an leabhar-lann aosda. Mu dheireadh thall, tha an leabhar-lann ùr gu bhith deiseil. Thèid na leabhraichean a ghluasad dhan leabhar-lann ùr ann am meadhan na Dùbhlachd is an uairsin thèid an leabhar-lann aosda a leagail. Anns an àite sin bidh iad a’ togail mòran àiteachan parcaidh. Tha an togalach làthaireach aosda, ro bheag dhuinn-sa is uamhasach grannda. Bidh sinn uile, na daoine a bhios ag obair anns an leabhar-lann is na daoine a’ fuireach ann an Champaign, gu math toilichte nuair a bhios an leabhar-lann ùr againne fosgailte. (an leabhar-lann ùr,clì; am fear aosda, deas)


Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Òrain Luaidh aig a’ Mhòd ann an America

Le Liam

A charaidean, ciamar a tha ur beò?

Tha mi gu math trang, mar is àbhaist, ach tha mi a’ dèanamh mo dhìchioll a h-uile sian a chumail a’ dol.

Chaidh mi fhìn agus sgioba Ghaelcast chun a’ Mhòid Naiseanta Aimearagaidh ann an Ligonier, Pennsylvania, o chionn ghoirid, agus rinn sinn bhideo neo dhà ann. Seo a’ chiad tè dhiubh – “Seinneadairean Gàidhlig nan Lochan Mòra” à Ohio aig a’ bhòrd luaidh.



Bha iad gu math beòthail – mar a chì sibh. Tha seo aig Gaelcast cuideachd.


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Faire gu math beòthail

Le Liam

Uill, a charaidean, fada bhon uair sin, nach eil?

Ged bha an ciste dùinte airson mìosan, tha mi beò fhathast, agus tha mi air n-ais le pìos mu dheidhinn film gu math goirid a thàinig a-mach air DVD mu dheireadh, “Faire Chaluim Mhic Leòid,” film ann an Gàidhlig bho Eilean Cheap Breatainn.

Cha mhair “Faire Chaluim” ach sia mionaidean, ach theirinn gun do chuir iad tuilleadh anns na sia mionaidean na gheibh thu ann an iomadh film fada nas fhaide.

Tha “Faire Chaluim” suidhichte ann an Ceap Breatainn. An toiseach, thachair sinn ri Calum nuair a bha e na dhuine òg, aig innse sgeulachdan mu dheidhinn Baran Mòr na Gaoithe dhan chloinn aige. Ach thionndaidh an t-suidheachadh ann an dìog gus an latha an-diugh. Tha Calum a-nist na bhodach (mar a tha e ’san dealbh seo). Tha a chlann sgapte, mar a thuirt e, “fad is farsaing,” agus tha e na ònar.

Oidhche dhorcha, stormeil a th’ann agus tha Calum a’ gearan leis a’ Bharan.

“Dè am feum a th’ann an sgeul,” a tha e ga fhoighneachd, “gun luchd-èisteachd?”

Geallaidh Calum gun stad e ’g innse sgeulachdan — “tha mi deis le innse sgeulachdan,” tha e ag ràdh — agus an uair a chanas e sin, stad a chridhe — diùltaidh a chridhe a bhualadh — agus thuit e marbh air an ùrlar.

Agus sin toiseach an fhilm!

Thig a chlann air ais gu Ceap Breatainn agus an t-seann dachaidh, agus chì sinn Seumas, Uilleam agus Mòrag a’ tighinn dhachaidh airson fàire a’ bhodaich bhochd. Ach chuir iad car anns an sgeul nach innis mi dhuibh … chuir e clisg orm nuair a chunnaic mise e. Dh’fhaoidte gu bheil sibh cho glic ’s gum faic sibh e a’ tighinn, ach cha chan mise an còrr.

Dè am feum a th’ann an sgeulachd? ’S dòcha gu bheil feum ann fhathast, à rèir coltais.

’S math an obair a rinn iad nuair a chuir iad an DVD seo ann an cruth. Tha fo-thiotalan ann anns a’ Bheurla agus ann an Gàidhlig cuideachd. Tha tuilleadh do dh’fhiosrachaidh ann mu dheidhinn an fhilm, Gàidhlig, cultar agus ceòl Gàidhealach ann an Ceap Breatainn. Chuir iad na storyboards ann, agus bha iad gu math inntinneach.

Cò-dhiubh, bha “Faire Chaluim” ’gam chòrdadh gu mòr, mòr. Meal ur naidheachd dhan a h-uile duine a bha a’ sàs anns an fhilm, gu h-àraidh Aonghas Mac Leòid — “Calum.”

Chan eil ach an aon gearan agam — ’s gun robh e ro-ghoirid. Dh’fhaoidte gum faic sinn tuilleadh filmichean mar seo a’ tighinn a-mach — à Ceap Breatainn neo à Alba.

Agus cha bu chòir dhomh an ceòl dhìochuimhneachadh – tha ceòl uamhasach math bho Mhàiri Sìne Lamond anns an fhilm, agus fìdhleireachd bho Eòs Peadar MacIllEathain.

Ma’s toigh leibh “Faire Chaluim Mhic Leòid” fhaicinn agus a cheannach, rachaibh gu www.gaelicbooks.com, an làrach-lìn aig Sìol Enterprises ann an Alba Nuaidh. Tha an DVD ri reic an sin airson seachd deug dollar Aimearaigeanach, mu fhichead dollar Canaideanach. Tha fiosrachadh eile mu dheidhinn an fhilm ri fhaotainn aig www.wakeofcalummacleod.ca.

Agus thèid agad an lèirmheas seo agus tuillidh ri chluinntinn ann am Beag is Beag! aig Gaelcast. Bithidh prògram ùr ri fhaotainn a dh’aithghearr.

Mar sin leibh an dràsda!


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….

Le Mìcheal Klevenhaus

Chriochnaich am pròiseact Opra Hiort an-raoir nuair a bha coinneamh ann an Düsseldorf còmhla ri stiùirichean a’ phròiseict.
Chuir Frank Schultz – riochdaire Theater Kontrapunkt fàilte air Calum MacIlleathain à Steornabhagh, Lew Bogdan à Valenciennes, Tatiana Stepantchenko à Mons sa Bheilg agus Ferdinand Götz às an Ostair.
Bha an còisir agus na cleasaichean à Düsseldorf agus an càraidean an lathair cuideachd agus nuair a bha e dorch gu leòr choimhead sinn air dealbhan nam pròiseactan san bailtean eadar-dhealaichte is fhuair sinn athisg mar a chaidh cùisean an-sin.
Chaidh aontachadh gur e fìor phròiseact miorbheallach a bh’ ann agus tha sinn uile toilichte gun robh a leithid de chothrom againne gun robh sinn a’ gabhail pàirt ann. Sgrìobh na pàipearan an aon rud agus mar sin faodaidh sinn a bhith toilichte gun deach cùisean cho math.
Chaidh òraid neo dhà a thoirt seachad, sheinn sinn òrain na h-opra airson an turas mu dheireadh agus chunnacas deòir neo dhà nuair a bha e soilleir gum bitheadh am pròiseact seachad. Tha e neonach a bhith nam aonar a-rithist as dèidh dhuinn a bhith ag obair cho cruaidh còmhla son 5 seachdainean.

“Tha sinn cho brònach is beag an t-ionadh oir tha sinn cianail an-diugh air fògradh
tha an cuan an Iar le cuid thonnan fiadhaich gar sgàradh cian bhon ar n-aite còmhnaidh…..”

Ach le dannsa is bufaidh Gàidhealach bha sinn uile air an dòigh a-rithist.
Dh’ fhàg mi an t-àite mu 2 uair sa mhadainn ach is e toiseach ùr dhomhsa oir bidh mi a’ sgrìobhadh an trachdais agam mun phròiseact seo. Di-Haoine bidh mi air a’ bhàta do dh’ Alba agus feuchaidh mi ri dol gu Hiort airson latha. Feumaidh mi an t-àite fhaicinn.

Uill, sin e anns a’ bhlog a tha seo. Seach’s gu bheil an opra seachad stadaidh am blog an-seo.
Tha mi an dóchas gun do chòrd e ruibh. Chòrd e glan rium a bhith anns an opra seo – cha bhi mi ga dìochuimheachadh fad’s a bhitheas mi beò

leis na h-uile beannachdan

Mìcheal Klevenhaus
Die Insel der Vogelmenschen – MacTalla nan Eun

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….


Tadhail air Hiort

Powered by WPeMatico

A’ sgrìobhadh an seo

Le Flùr

Uill… Tha e cho doirbh a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ bhlog… Chan e sin air sgàth ’s gu bheil e doirbh a bhith a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig, chan eil idir. Uill… ‘S e sin air sgàth ’s nach eil rud sam bith inntinneach agam ri ràdh. Chan eil rud sam bith agam ri ràdh agus chan eil rud sam bith agam ri dhèanamh sna làithean seo, chan eil dad a’ tachairt an seo. Idir. Chan eil fhios agam dè bhios mi a’ sgrìobhadh anns a’ bhlog seo, agus chan eil fios agam cuin a bhios mi a’ sgrìobhadh a-rithist. Is dòcha gu bheil mi sgìth cuideachd. Co-dhiù, cha robh mi riamh a’ sgrìobhadh an seo gu tric…

Tadhail air Smuainntean sa chànan as bòidhche

Powered by WPeMatico

Budhaigean

Le Ru-ra


Tha na budhaigean air ais. Bha mi ann an Stafa (eilean beag faisg air Muile) Disathairne. Agus thàinig na budhaigean air tìr – ’s ann a’ chiad àm a bha iad air tìr am bliadhna. ‘S toil leam na budhaigean gu mòr. Tha iad gu math soitheamh ’s càirdeil. Agus tha coltas comaig orra. Nach eil iad snog?



Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Post-d bho Aran / A bheil cù agad?

Le Cadalach

Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh’innis a bhean dha gum bi iad a’ faighinn cù eile a dh’aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air — b’ fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean?

Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing 🙂


Tadhail air Facal no dhà bho Chadalach

Powered by WPeMatico

cartadh cèiteanach

Le Cam

‘S dòcha gu bheil mi beagan leisg, ach chan àbhaist dhomh an cartadh cèiteanach a dhèanamh. Co-dhiù, dh’imrich mi dìreach sia no seachd seachdainean air ais is tha am flat agam buileach glan fhathast. A dh’aindeoin sin, thuirt an uachdaran ris a h-uile duine a tha a’ fuireach anns an togalach seo gur h-e an t-àm a th’ann airson an steall biastag bliadhnail. Air an adhbhar sin, feumaidh sinn a h-uile rud a thoirt a-mach às a’ chidsin roimhe madainn Chiadain. Uill, rinn mi sin. Thàinig an steallaire biastagan is an-dràsda, feumaidh mi a h-uile rud a chuir air ais! Abair bùrach! Càit’ a bheil a’ phoit teatha?

Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico