Soraidh leis na beanntann

Le Cam

O chionn dà mhìos dh’imrich mi bho Thennessee a dh’Illinois, àite far nach eil beantann ann idir. Tha mi ag obair pàirt-thìde ann an leabharlann, an aon leabharlann far a bheil mo phiuthar ag obair, is ‘s toigh leam a bhith an seo. Cha robh mi air luchd ionnsachaidh Ghàidhlig lorg san àite seo fhathast, ach tha beagan dhiubh ann am baile nach eil fad air falbh. Chaidh mi ann an deireadh seachdain sa chaidh is choinnich mi riutha. ‘S dòcha gum bi iad a’ tighinn an seo an ath mhìos.

Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Naire mor na h-Alba: 1707-2007

Le Gath Clag

De tha an naire as motha air an duthaich seo an diugh? Uill, tha taghadh farsaing ann – eucoir, cogadh ann an Iorac is Afghanistan, brùidealachd (den gach seorsa), /sectarianism/, truailleadh, cealgaireachd poileatagach… neo eadhon an telebhisean againne?

Nam bheachdsa, tha naire mor aig na h-Albannaich, ged nach eil iad uile ga mhothachadh. Sin an “Aonadh”, eadar Alba agus Sasainn (san fhirinn, chan e direach na h-Albannaich agus Sasannaich, ach na Cuimrich, cuid de na h-Eireannaich, agus Cornaich cuideach).

Ann an Alba, tha muinntir bochd, neo-fhallain gun foghlam math againne, agus tha cuid a’ creidsinn gur e rud math a tha ann. Is docha, tha eagal orra air atharrachadh sam bith, agus is urrainn dhuinn uile a thuigsinn. Ach, tha atharrachadh a’ tachairt gach latha – gach mionaid – air an saoghal seo. Deich bliadhna air ais – cha robh blogaichean sam bith, mar eiseimpleir, agus cha robh telebhisean digiteach againne, neo Parlamaid na h-Alba. Atharraichidh Alba co-dhiu. Ach a bheil na h-Albannaich a’ dol a taghadh atharrachadh bochd Breatannach, neo atharrachadh math a bhios aig Alba neo-eiseimealach?

Chan e aisling gorach a tha ann, neo seorsa /utopia/. Gun teagamh, bidh trioplaidean gu leor againne, an deidh neo-eiseimleachd na h-Alba. Feumaidh sinn a’ coimhead air duthchannan eile, seachad am BBC Breatannach, neo na paipearan Breatannach sna bailtean mora na h-Alba. Tha Lochlainn sa suidheachadh fada, fada nas fhearr na suidheachadh againne. Tha na Lochlannaich beart, foghlamaichte agus dochasach. Chan eil iad bochd, agus aineolach ma tha moran daoine ann an Alba an diugh. Agus, ann an Eirinn, chi sinn fein-earbsa sa phoblachd a tha a dhith air Alba fhein.

Tha na duthchannan beaga seo nas fhearr, agus nas beartaiche as deidh neo-eiseimleachd againne bhon Ruis, a’ Ghearmailt agus Breatann. Carson nach eil sinn cho glic?


Tadhail air Deò-grèine

Powered by WPeMatico

Cànan an Aodainn

Le Bard a’ Bhroadband

An Laideann
Bidh sexus ri lorg eadar serratus agus sica, eagaichte agus biodag

An Eadailtis
Bidh sesso ri lorg eadar serpente agus sfoggiare, nathair agus taisbean

An Frangais
Bidh sexe ri lorg eadar servilité agus simulacre, daorsa agus coltas

An Gearmailtis
Bidh sex ri lorg eadar seuche agus sicherheit, galar-sgaoilte agus sàbhailteachd

An Beurla
Bidh sex ri lorg eadar sewage agus shackle

An Albais
Bidh tail-toddle ri lorg eadar tade agus talent, gartan agus miann

An Gàidhlig
Bidh feise ri lorg eadar fèis agus feiseag


Tadhail air tha feum agam oirbh uile

Powered by WPeMatico

Dùbhlachd dubh

Le Slèite

Abair droch shìde! Tha i stoirmeil agus fliuch, no bog-fhliuch agus dorch fad na h-ùine. Ach ’s e oidhche bhrèagha a bh’ ann a-raoir. Bha a’ ghealach làn agus chòisich mi dhan chlas Ghearmailtis agam ann an solas na gealaich. Cha robh feum agam air solas eile idir. Co-dhiù, tha an taigh agam a’ fàs blàth a-nis agus tha e uabhasach comhfhurtail. Bidh an teine (’s e Bruce an t-ainm a tha air) a’ gabhail gu sunndach leis a’ ghaoith sin. Rinn mi aran Gearmailteach a bhon-dè agus nì mi mòran còcaireachd. Bha mi ag ionndrainn sin nuair a bha mi a’ fuireach aig a’ cholaiste.
Tha obair ùr agam cuideachd. tha mi ag obair an an ionad-fhàilte na colaiste a-nis. Uill, seo leth-sgeul. Bidh mi ann dà latha na seachdaine agus 3 làithean sa chidsin fhathast. Ach chì sinn dè thachras. Is dòcha gum bidh mi ann làn-ùine a dh’aithgheàrr.

Tadhail air Saoghal Gàidhlig aig Janni

Powered by WPeMatico

Taibhse air a’ phrìomh shràid

Le Graisg

Uaireannan chì thu taibhse air a’ phrìomh shràid. Gach turas a bhios bùth air choreigin a’ faighinn ath-nuadhachadh chì thu boillsgeadh den àm a dh’fhalbh. ‘S e bùth air leth a bh’ ann an Rose Brothers agus bha e fhathast a’ dol nuair a thàinig mi gu Inbhir Narann ann an 1980. Aig an àm ud bha a h-uile bathair agus goireas ri fhaighinn anns a’ bhaile agus cha robh feum agad a dhol gu Inbhir Nis idir. Abair dà latha. ‘S e bùth grosaireachd agus Delicatessen a bh’ann. A nis gheibh thu brògan na bhroinn.

Tadhail air Dealbhan Inbhir Narann

Powered by WPeMatico