Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….

Le Mìcheal Klevenhaus

Chriochnaich am pròiseact Opra Hiort an-raoir nuair a bha coinneamh ann an Düsseldorf còmhla ri stiùirichean a’ phròiseict.
Chuir Frank Schultz – riochdaire Theater Kontrapunkt fàilte air Calum MacIlleathain à Steornabhagh, Lew Bogdan à Valenciennes, Tatiana Stepantchenko à Mons sa Bheilg agus Ferdinand Götz às an Ostair.
Bha an còisir agus na cleasaichean à Düsseldorf agus an càraidean an lathair cuideachd agus nuair a bha e dorch gu leòr choimhead sinn air dealbhan nam pròiseactan san bailtean eadar-dhealaichte is fhuair sinn athisg mar a chaidh cùisean an-sin.
Chaidh aontachadh gur e fìor phròiseact miorbheallach a bh’ ann agus tha sinn uile toilichte gun robh a leithid de chothrom againne gun robh sinn a’ gabhail pàirt ann. Sgrìobh na pàipearan an aon rud agus mar sin faodaidh sinn a bhith toilichte gun deach cùisean cho math.
Chaidh òraid neo dhà a thoirt seachad, sheinn sinn òrain na h-opra airson an turas mu dheireadh agus chunnacas deòir neo dhà nuair a bha e soilleir gum bitheadh am pròiseact seachad. Tha e neonach a bhith nam aonar a-rithist as dèidh dhuinn a bhith ag obair cho cruaidh còmhla son 5 seachdainean.

“Tha sinn cho brònach is beag an t-ionadh oir tha sinn cianail an-diugh air fògradh
tha an cuan an Iar le cuid thonnan fiadhaich gar sgàradh cian bhon ar n-aite còmhnaidh…..”

Ach le dannsa is bufaidh Gàidhealach bha sinn uile air an dòigh a-rithist.
Dh’ fhàg mi an t-àite mu 2 uair sa mhadainn ach is e toiseach ùr dhomhsa oir bidh mi a’ sgrìobhadh an trachdais agam mun phròiseact seo. Di-Haoine bidh mi air a’ bhàta do dh’ Alba agus feuchaidh mi ri dol gu Hiort airson latha. Feumaidh mi an t-àite fhaicinn.

Uill, sin e anns a’ bhlog a tha seo. Seach’s gu bheil an opra seachad stadaidh am blog an-seo.
Tha mi an dóchas gun do chòrd e ruibh. Chòrd e glan rium a bhith anns an opra seo – cha bhi mi ga dìochuimheachadh fad’s a bhitheas mi beò

leis na h-uile beannachdan

Mìcheal Klevenhaus
Die Insel der Vogelmenschen – MacTalla nan Eun

Bho Hiort gu Peairt agus nas fhaide air adhart….


Tadhail air Hiort

Powered by WPeMatico

A’ sgrìobhadh an seo

Le Flùr

Uill… Tha e cho doirbh a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ bhlog… Chan e sin air sgàth ’s gu bheil e doirbh a bhith a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig, chan eil idir. Uill… ‘S e sin air sgàth ’s nach eil rud sam bith inntinneach agam ri ràdh. Chan eil rud sam bith agam ri ràdh agus chan eil rud sam bith agam ri dhèanamh sna làithean seo, chan eil dad a’ tachairt an seo. Idir. Chan eil fhios agam dè bhios mi a’ sgrìobhadh anns a’ bhlog seo, agus chan eil fios agam cuin a bhios mi a’ sgrìobhadh a-rithist. Is dòcha gu bheil mi sgìth cuideachd. Co-dhiù, cha robh mi riamh a’ sgrìobhadh an seo gu tric…

Tadhail air Smuainntean sa chànan as bòidhche

Powered by WPeMatico

Budhaigean

Le Ru-ra


Tha na budhaigean air ais. Bha mi ann an Stafa (eilean beag faisg air Muile) Disathairne. Agus thàinig na budhaigean air tìr – ’s ann a’ chiad àm a bha iad air tìr am bliadhna. ‘S toil leam na budhaigean gu mòr. Tha iad gu math soitheamh ’s càirdeil. Agus tha coltas comaig orra. Nach eil iad snog?



Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Post-d bho Aran / A bheil cù agad?

Le Cadalach

Fhuair mi post-d bho Aran an diugh agus tha e ag iarraidh beagan cuideachaidh bhuainn. (Às aonais cha bhiodh TnamB beò an diugh.) Dh’innis a bhean dha gum bi iad a’ faighinn cù eile a dh’aithghearr agus mar sin bidh iad ag iarraidh ainm air a shon. Bu mhath leotha ainm Gàidhlig ach chan eil iad airson ainm mar Donnchadh no Eilidh no rudeigin mar sin a chur air — b’ fheàrr leotha rudeigin a tha nas traidiseanta airson con. Thug mi moladh no dhà dhaibh ach dè ur beachdan, a chàirdean?

Sgrìobhaibh ur beachdan an seo agus cuiridh mi gu Aran iad. Mòran taing 🙂


Tadhail air Facal no dhà bho Chadalach

Powered by WPeMatico

cartadh cèiteanach

Le Cam

‘S dòcha gu bheil mi beagan leisg, ach chan àbhaist dhomh an cartadh cèiteanach a dhèanamh. Co-dhiù, dh’imrich mi dìreach sia no seachd seachdainean air ais is tha am flat agam buileach glan fhathast. A dh’aindeoin sin, thuirt an uachdaran ris a h-uile duine a tha a’ fuireach anns an togalach seo gur h-e an t-àm a th’ann airson an steall biastag bliadhnail. Air an adhbhar sin, feumaidh sinn a h-uile rud a thoirt a-mach às a’ chidsin roimhe madainn Chiadain. Uill, rinn mi sin. Thàinig an steallaire biastagan is an-dràsda, feumaidh mi a h-uile rud a chuir air ais! Abair bùrach! Càit’ a bheil a’ phoit teatha?

Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico

Soraidh leis na beanntann

Le Cam

O chionn dà mhìos dh’imrich mi bho Thennessee a dh’Illinois, àite far nach eil beantann ann idir. Tha mi ag obair pàirt-thìde ann an leabharlann, an aon leabharlann far a bheil mo phiuthar ag obair, is ‘s toigh leam a bhith an seo. Cha robh mi air luchd ionnsachaidh Ghàidhlig lorg san àite seo fhathast, ach tha beagan dhiubh ann am baile nach eil fad air falbh. Chaidh mi ann an deireadh seachdain sa chaidh is choinnich mi riutha. ‘S dòcha gum bi iad a’ tighinn an seo an ath mhìos.

Tadhail air Còmhradh

Powered by WPeMatico