Tadhail air Geidh.uk: Naidheachdan LCDTQ
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Sgeulachd goirid le Alistair
Dh’iarr i air luchd frithealaidh an àite an t-seithir aice a chur mu choinneamh na h-uinneige is chuireadh i seachad na h-uairean a’ coimhead a-mach an sin gu muir, na sùilean aice ag obair thar fàire is stuagh; air ais air adhart; air ais is air adhart. ‘Seo na pileachan agaibh Mhòr m’eudail.’ chanadh na nursaichean. Ghnogadh i a ceann gun a sùilean a thoirt far an t-seallaidh roimhpe. No; ‘An e mince no iasg a ghabhas sibh an dùigh?’ ‘Iasg a ghabhas mi.’ Dhèanadh i faite-ghàire gun fhacal eile a radh. Cha b’ e gun robh i mì-mhodhail, dìreach gun robh i fa leth na dòigh bho chàch. B’ ainneamh a bhiodh i an cuideachd nan luchd còmhnaidh eile.
‘Mam. Tha mi an seo’. B’ e a nighean, Ruth, aig dòras an t-seòmair aice. Chiadh Ruth a-null gu a màthair is shuidhe i air an t-seatheir ri taobh. Airson tiotan thàinig Mòr air ais gu làthearachd an rùim bhig. Thog i a sùilean. ‘Ruth!’ A-mach às na trì pàistean a bh’ aice na beatha; sin mac is dithis nighean; b’ e Ruth an aon dhiubh a thadhailadh air Mòr gu cunbhalach. B’ ise a b’ fhaisge dhi. B’ ise a bu choltaiche rithe. Dh’fhan an dithis an uair sin nan tost greis a’ coimhead a-mach air an uinneig gun fhacal eadorra.
Thug Ruth am fòn aice a-mach às a pòcaid. ‘Tha Tòmas air toiseachadh aig an oilthigh.’ thuirt i. Sheall Mòr air dealbh a h-ogha air a fòn; esan air a chuairteachadh le daoine òga eile, uile le smigean air am beòil is boillsgeadh nan sùilean. ‘Tha coltas toillichte air.’ Thuirt i. Bha na bloighean de chòmhradh sin, eadar nighean is màthair, nam boinneagan solais anns an dubharachd; seudan; mar na meanbh chreutairean bruichneach a nochdas am maise tiotan ann an doimhneachd a’ chuain mus meath iad dhan dorachadas às ùr.
Bha tòrr faileasan gam falach san dorchadas. B’ e athair Thòmais fear dhiubh sin; fear a thàinig is a ghin leanamh ann an broinn Ruth, ach nuair a thàinig suarachas an duine am bàrr fhuair i cuidhteas e. B’ e sinn an seòrsa tè a bh’ínnte; tè laidir na h-inntinn nach seasadh ri droch-dhìol. Bha i mar a màthair san t-seagh sin. Carson a-rèiste a sheas a mathar ri 40 blidhna de shuarachas bho h-athair; faileas eile. A rèir na mòr-chuid b’ e athair math a bh’ anns an duine aig Mòr; fear a chuir seachad a bheatha a’ cosnadh do a theaghlach. Ach s’ e an fhirinn gur e fear eudach a bh’ann a chum fo smachd teann a bhean is gun do chuir ise seachad a beatha posda fo bhràighdeanas dha. Cha robh ceist gum biodh i an cuideachd fireannach eile uair sam bith gun esan a bhith còmhla rithe. Bu ghann a gheibheadh i fiù’s cead a dhol a mach còmhla ri a caraidean.
Neònach, bu tric a smaoinicheadh Ruth, mar gur e ar pàrantan na daoine as fhaisge oirnn ach gur iad as lugha as aithne dhuinn. B’ e seanchas na màthar an aon sgeul a lean ri Mòr cho fhàd ’s a b’ aithne do Ruth, tè a dh’fhritheil feumlachdan a teaghlaich. An robh a màthair ann fiù ’s mus robh i posda. Nan robh cha b’ aithne do Ruth cò i. Ro fhadalach airson faighneachd.
‘Tha mi air a bhith a’ clìoradh cuid dhen stuth san ataig’. Bha Ruth air a guth a thogail.
‘Cha fheum thu èigheachd Ruth!’
Thog Ruth poca phlaistig bon làr is chàraich i ri taobh a màthar e. ‘Seall na fhuair mi. Seann chòta no rudeigin. Chaidh fhalach an sin fo bhrat. Carson a dh’fhalaicheadh cuideigin an sin e?’ Thug Ruth pòg do a màthair i thog i oirre a dh’íonnsaigh an dorais.
Thàinig guth fann a màthar às a dèidh: ‘Tapadh leat a ghraidh. Is tus an aon duine a thuig cò mi.’
‘Cha bu luaithe a bha Ruth a-mach air an doras na shìn Mòr a corragan a-steach dhan phòca gus an do bhean iad ris a’ bhian mhìn na bhroinn.
********
B’ e an ath mhadainn a fhuair Ruth an gairm don dachaigh-cùraim. Thug an nurs a-steach i. ‘Am bu mhath leibh ur màthair fhaicinn?’ thuirt i ri Ruth.
‘Bu mhath’.
An sin, air an leabaidh, bha a’ bhodhaig na sìneadh, ach cha b’ e Mòr a bh’ ann ach craiceann falamh. Thog Ruth am poca plastaig falamh bhon làr is chuir is na pòcaid e. Chaidh a-null dhan chladach is sheas i an sin a’ coimhead a-mach gu muir. Thog i dòrnag. Dh’fhairicheadh i suailichean a` luasgadh is sruthan a’ cuairteachadh. Dh’fhairicheadh i blàthachadh gathan na grèine. Dh’fhairicheadh i tarraing na gealaich. Bha Ruth cotlach ri a màthair. Chunnaic i faileas san uisge. Tonn a’ leum. ‘S dòcha. Creutair a’ mireadh san fhairge. ‘S dòcha.
Powered by WPeMatico
Le Neil McRae
Hey a chàirdean, is fhada bhon uair sin!
Bithidh fios agaibh uile, tha Gilleasbuig deimhinne às, gu bheil prìomh mhinistear ùr againn a tha cosnadh cliù nach beag is àrd-mholadh às leth na Rìoghachd Aonaichte.
Fear a tha uabhasach comasach air na meadhanan sòisealta a chur gu feum, tha e coltach. Ach bhuail e Gilleasbuig gu bheil an teachdaireachd aige a’ coimhead caran familiar na
Tadhail air Gilleasbuig Aotrom
Powered by WPeMatico
Duanag a fhreagras air an ràith.
Chaidh tìr fo gheas dhut
Reòth thu talamh
Reòth thu tìm
Gun fhiosta dhomh
Bha thu nam chuideachd
Èaladh air mo chùl
Meòir air m’ amhaich
Biorg nam chraicreann
Bheòthaich thu m’ aigne
Le cagar nam chluasan
Gealladh a’ gheamhraidh
Seanachas na faiche bàine
Mac-shamhla macanta
Do fhìor ghnè
Flinn riaslach
Mu mo chasan
Eòin air am pasgadh
Ris na creagan
Bileag a’ lubadh
Ro d’anail chranndaidh
Mac-talla na dìthreibh
Deò bhiastan cèin
Cuan glas-chridheach
Coigreach an fhàsaich
Air allaban gu deas
A chaidh air dìochùimhne
Bhon uiridh
Powered by WPeMatico
Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach ’s èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol.
Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd.
Source: Fòram na Gàidhlig
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico
Le Neil McRae
Well a chàirdean, mun àm seo dhen a’ bhliadhna bidh Gilleasbuig air bhioran, mar a shaoileadh sibh, agus sùil aige ri Corporate tweets an dearbh latha seo fhèin [30mh Sàmhain].
Oir bha latha Naoimh Anndra a-riamh na rud tana, lom mus robh na tweets chorparra ann agus a’ togail ceann a h-uile còig mionaidean, suas gu 5f co-dhiù, agus iad gu sunndach a’ dùsgadh blàths ann an gach cridhe is anam a
Tadhail air Gilleasbuig Aotrom
Powered by WPeMatico
Source: Fòram na Gàidhlig
Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News
Powered by WPeMatico