Der Untergang

Le Tuathach

Chan eil fada bhon a chunnacas am film “Der Untergang” mu na laithean mu dheireadh aig Hitler. Tha Traudl Junge na sar eisimpleir air te a bha dall gus an deach i tro dhi-Nasachas agus gus am faca i clar-cuimhneachain do Shophie Scholl a rugadh air an aon bhliadhna rithe fhein. Chan ionnan linn Hitler agus linn Bhlair am Breatainn, ach tha samhlaidhean ann. Can an-drasta, nam biomaid a’ suidheachadh an fhilm ann am Breatainn an latha an-diugh, cha bhiodh na leanas fada cearr.
Adolf Hitler: Tony Blair
Eva Braun: Cherie Blair
Magda Goebbels: Hazel Blears
Albert Speer: Charles Clark
Heinrich Himmler: John Reid
Baldur von Schirach: David Milliband/Cameron

agus mar sin air aghaidh.

Chan eil na Labaraich Ura faisg a mhile air na Nasaich a thaobh an uilc ’s na h-ainghidheachd, ach tha iad air an aon chleas a dheanamh – partaidh a bha onaireach a ghoid airson an agenda aca fhein adhartachadh.

Gum mealadh na Labaraich Ura an naidheachd – tha iad air feallsanachd Margaret Thatcher agus Ronald Reagan a chumail a’ dol, agus an latha aca fada fada seachad.

‘S i a’ cheist, an robh na Labaraich mar a bha iad, mus do nochd Blair, cho falamh ’s brisg ’s nach robh dad annta a b’ fhiach a ghleidheil? Bha iomadach creutair durachdach a’ cumail taic ris na Labaraich tro na droch bhliadhnachan, ach de fhuair iad ach:

David Miliband
Ed Miliband
John Reid (manaidsear a’ bhanca, ’s e ri searmonachadh… a-rithist)
Alasdair Moireasdan (yes, sir!)
Hazel Blears
Tessa Jowell
Gordon Brown (bheil e fhathast ann?)
Harriet Harman

Tha an liosta ro fhada.

Oidhche mhath leibh – chan fhaigh sibh cadal samh agus Thatcherachd fhathast beo fallain.


Tadhail air Corra Smuain

Powered by WPeMatico

Oran no dha

Le Tuathach

Seo dha dhe na h-orain as fhearr leam fhin ged nach cordadh iad ris an t-seann fheadhainn as abhaist a bhith ag iathadh mun Mhod.

Nan ceadaicheadh an tide dhomh
Na-na-na-na-na-nan ciodaidh-cadaidh-ceadaicheadh an tide dhomh
‘S gun innsinn e do chach
Mior-a-mear-a-mar a mheall an saoghal mi
Le fini-faoineasan gun sta…

Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Seo mar chaidh an cal a dholaidh
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich a bha jolly
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich Ghallda…

‘S fhearr leamsa a’ chiad oran air a ghabhail le Bonny Tyler air a’ chlar fhada aice “Siursach thursach” ach chan eil duine beo no marbh a b’ fhearr a ghabhadh an dara fear na Bobby Crush air a’ phiana bhinn aige.

De ur barail fhein?


Tadhail air Corra Smuain

Powered by WPeMatico

Ball-coise

Le Cadalach

An toigh leibh ball-coise? Chan eil mi cho déidheil air — ’s fheàrr leam criogaid — ach tha Cupa na Cruinne air fàire ’s bidh a h-uile duine a’ bruidhinn air a dh’aithghearr.

Co-dhiù, fhuair mi post-d bho charaid an diugh. Thuirt e “Tha fhios a’m nach toigh leat ball-coise, ach ’s toigh leat StickCricket, mar sin, ’s dòcha gum bidh seo a’ còrdadh riut cuideachd”. Uill, chluich mi geama no dà fhichead agus chan eil e dona idir 🙂 Ach dhomhsa, tha e gu math doirbh — chan eil mi air barrachd air fichead puing ’s a h-ochd a chur ri chéile fhathast. Feuchaidh mi a-rithist nas anmoiche…


Tadhail air Facal no dhà bho Chadalach

Powered by WPeMatico

Annas eile

Le Tuathach

Nach neonach claisneachd mac an duine? An la roimhe bha mi air mo shlighe dhan bhuth nuair a chunna mi Gertie Mhor bhuam (agus Martainn na cois, mar a bhiodh duil!). Dh’eigh mi null, “De do bheo an-diugh, Gertie?”. Cha robh mi dol a bheannachadh an la air Martainn an deidh mar a thachair leis an fhear og a bha siud. Co-dhiu, siud mise ag eigheach air Gertie. Gun rabhadh sam bith leig i sgreuch aiste, chuir i lamh ri a suilean ’s thoisich i feuchainn ri a falt a spionadh aiste fhein! “Mo chreach a-steach”, arsa mise rium fhin, “De tha dol an seo?”

“A thrusdair ghranda a tha thu ann,” dh’eigh Martainn, mar gun eistinnsa ri cail a chanadh a leithid. Bha Gertie bhochd an siud a’ gal ’s a’ sgreuchail mar oinseach gun chiall, ’s nach do fhliuch i i fhein, bronag.

‘S math gun Martainn ann ann an doigh. Thug e dhith a drathais gun fhiosda agus sheatlaig e sios i mus tug e chasan leis. Chaidh mise far an robh i. “Gertie a ghraidh, gu de fon ghrein a thachair an siud?” Bha a h-anail car mi-chinnteach ’s i dearg san aodann, ach beag air bheag thainig na facail. (Ged nach tainig ciall!)

Nuair a dh’eigh mise “De do bheo an-diugh, Gertie?”, ’s e chuala ise ach “Thoir an aire, Gertie, tha faoileag mhor air do cheann ’s i feuchainn ri do shuilean a sgrobadh asad!”

‘S beag an t-iongnadh gun do ghabh i an t-eagal. Co-dhiu, chaidh sinn sios dhan chafe, ’s ghabh sinn da chopan teatha comhla. Le siucar!


Tadhail air Corra Smuain

Powered by WPeMatico

Saor-laithean, gad dheanamh ceart gu leor!

Le MacanTosich

Woo-hoo, tha Mac T air laithean-saora airson cola-deug! Sgreamhail math! A’ Cumail orm leis m’fheallsanachd nach eil uidh aig daoine de tha mi a’ deanamh nam bheatha laihteil chan eil mi a’ dol a dh’innse smid dhuibh mu de tha dol ann an Saoghal Mhic an Toisich :-D, ach innsidh mi dhuibh mu barrachd chlaran ris a bheil mi ag eisteachd (Tha fios agam gu bheil air seo a dheanamh o chionn gu math goirid ach co-dhiu, faidaidh tu a dhol gu aite eile ann an Tir nam Blog….

Madonna – Saor-la (direach mar Co-La-Breith Sona Dhut (Tha mi a’ ciallachadh an Orain le Stevie Wonder) Bha An t-Oran seo a’ ruith trom eanchainn air Dihaoine.

Na Waterboys – Orain As Fhearr 1981-1990, gu h-araidh, “Na Buail an Droma” agus “Anam” (An creids sibh gun cuala mi an t-oran seo air program criogaid aon trup, nuair a rinn na Sasannaich a’ chuis air na Bengallaich an-uiridh!)

Led Zeppelin – Ceithir Samhlaidhean – Abair Clasaig! Nuair a chunnaic mi Plant ro Nollaig, chlucih e “a’gol gu Caligornia” agus “Ceithir Maidean”.

Gunnaichean is Rosan – Acras airson Sgrios, Bho Thoseach gu Crioch, lan deoch, lan bheatha, lan drabasta! De eile tha sibh ag iarraidh? Gu ha-raidh Failte Don Jungle agus Banrigh Rocaid!

Dr Dre – 2001, ‘s fhearr leam seo na An Cronaic, ged tha sin math cuideachd.


Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!

Powered by WPeMatico

A’ mhios seo, tha mi ag eisteachd ri….

Le MacanTosich

Croft No Five – Dà phort ùr. “Crash” agus “Out of Line”. Gheibhear an-seo iad
http://www.myspace.com/croftnofive

Prionnsa -3121 Clàr Ùr, air ais air dòigh ‘s a’ togail air Musicology mar bun-steidh.

An Cò – “Baba Ui Riallaigh” agus “Cò th’annad?”

Enclave – Buidheann Dannsa bho Ghlaschu a’ measgachadh rudan neonach.

Brian Eno – Ceol airson Puirt-adhair 1

Pink Floyd – Wish You Were Here Remixes, Gu h-araidh “Gabh Cigar” Gheibhear an leithid le inneal mar Kazaa no Limewire, thathar a radh gun deach an deanamh le Trent Reznor.

‘S caomh leam an t-side agus nuair a leumas an tìm air adhart, bidh mi a-mach nas trice is a’ faicinn iomadh charaidean mhath nach fhaca mi o chionn fhada.

Gum faic sibh a’ chamhanaich!


Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!

Powered by WPeMatico

Death and taxis

Le Gath Clag

Is cinnteach nach eil rud sam bith eile cinnteach ach bas fhein, agus tacsaidhean.

Aidh, tacsaidhean cosgail, mar na tacsaidhean a chur an Toraidh Daibhidh MacGill’Eididh a-mach. Uill, tha Comhairle Dhun Eideann (neo “Edinbvrgh Council” – tha “v” ann!) a’ dol air an aon rathad a-reir an Evening News:

“The figures show seven senior councillors [Labaraich], including council leader Donald Anderson, made a total of 488 trips at a cost to the taxpayer of more than £3500 over a year from November 2004 to October last year…The cost to the taxpayer of Cllr Anderson’s trips was close to £1500 for the year.”

Labaraich, Toraidhean – de an diofar?


Tadhail air Deò-grèine

Powered by WPeMatico

Tha AGI Duinte A-Nis: Facal Mìneachadh

Le Eòsaph

Chan eil mi a’ sgriobhadh an-seo o chionn fhada, oir tha mi ag iarraidh tuilleadh Gàidhlig ionnsachadh comhla ri duine “beo.”

Mar sin, rinn mi clas Gàidhlig ann am Portland — “Baile nam Ròs” — agus tha e a’ dol air adhart gu math. Tuilleadh, tha mi a’ feuchdainn tuilleadh leabhreachan Gàidhlig a’ leughagh aig an ìre meadhanach, an àite rudan ro duillich dhomh mar is abhaist dhomh! 🙂

Bha e dìreach sgoinneil a bhith a’ sgriobhadh air am blog sin agus bidh mi air ais uairegin. Agus, bidh mi a’ leughadh stuth air Tìr Nam Blog bho am gu am.

Tapadh leibh airson a’ leughadh!

-Eosaph

jpenr@yahoo.com


Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico