Air bhioran

Le MacanTosich

A bheil sibh fhein air bhioran? Tha mise gu mor! Tha fiughar orm gu samhradh de cheol mhath ur bho chuid dhe na comhlan is cluicheadaran as fhearr leam, Prionnsa, Na Fugees agus gu h-araidh na Red Hot Chili Peppers. Chunnaic mi iad aig Achadh a’ Mhoirich (‘S e sin an t-aite far an robh Hearts ag iarraidh a chluich an aghaidh Hibs) bhon-uiridh is bha iad sgrathail math fhein. ‘S tric air m’iPod a bhios mi a’ cur air “Mun timcheall an t-Saoghail”, a’ chiad oran bho “Californication”, nam bheachd-sa a’ chiad oran aig toiseach chlair as fhearr a bh’ ann a-riamh, tha e direach a’ cosnadh lamh an uachdair a bharrachd air “Failte don Jungle” le Gunnaichean is Rosan. Tha iomradh ann gur docha gum bi clar dubailte ann, cho fad’s gu bheil John Frusciante a’ cumail air adhart, ’s cinnteach gun gleidh Na Chilis an aite aig mullach an t-Saoghail. Moran speis do Antony, Chad, John is gun teagamh, Flea!

Cheeruz!


Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!

Powered by WPeMatico

sgòthan mòra dubh

Le Graisg

Uill, tha e air a bhith a’ cur sneachd an diugh, bha agam a dhol gu Obar Dheathain mar a b’ àbhaist dhomh ach shaoil mi gum biodh cus sneachd air an loidhne eadar Keith agus Inbhir Uairaidh agus mar sin dh’ fhuireach mi aig an taigh. Chaidh mi sìos dhan tràigh agus abair sgòthan mòra dubh a bha a’ tighinn oirnn bhon taobh a tuath. A-nochd tha faisg air sia òirlich air an talamh ged ‘s a tha A96 fosgailte agus tha a mhòr chuid de na rathaidean sa bhaile sàbhailte ach ma chuireas e mar a tha e an dràsta fad na h-oidhche bidh obair mhòr turas eile aig balaich na Comhairle sa mhadainn

Tadhail air Dealbhan Inbhir Narann

Powered by WPeMatico

Sgudal ris a bheil mi ag eisteachd agus m’fhoram ur.

Le MacanTosich


Bidh moran dhaoine air thighinn an seo bho Savegaelic.org, uill chaidh sin dha na coin agus bha feum airson aite nach robh cho ardan is tioram, mar sin chruthaich Mac an TOisich “Taigh na Gaidhlig”, gheibhear an-seo e.

http://www.activeboard.com/directory/preview.spark?forumID=76107

Tha e air a bhith gu math samhach o chionn greis is bu mhath leam barrachd dhaoine fhaicinn ann.

Co-dhiu, an-drasta tha mi ag eisteachd ri beagan “Latha Uaine” is “Ban-Righ”, gu h-araidh stuth bho Innuendo (Fhuair mi MP3 de Raibeart Plant a’ seinn an orain sin aig an consairt cuimhneachaidh aig Freddie, ’s fior mhath e!) Cuideachd, tha mi fhathast a-mach air Bowie agsu Prionnsa. Cuideachd aig an deireadh seachdain cheannaich mi “AmeriKKKa’s Most Wanted” le Ice Cube. Tha e a’ cordadh rium gu mor, ’s mor orm an stuth cruiadh a thainig a-mach le Public Enemy (no Namahaid Poblach ma thogras tu) is NWA mus deach Rap ro choimearsealta anns na 90an le Biggie is an leithid. Bidh daoine mar Chuck D is Ice Cube a-mach air ain-cheartas, eucoir is mi-reusan an aghaidh mion-chuidean a tha gu math cumanata air feadh an t-saoghail, is rud a tha gu math cudromach a chuimhneachadh latha an-diugh leis na h-Uncle Toms a’ feuchainn ri a dhubhadh as dhaibh (is dhuinn) fhein ann an Sleite an-drasta.

Tha mi a’ leughadh “Biko” le Domhnall Woods an-drasta agus tha teachdaireachd ann an sin dhn a h-uile Gaidheal mu ar suidheachadh fhein.

Thoir an aire.

Mac-T


Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!

Powered by WPeMatico

A’ Cuimhneachadh Sar-Ghaidheal

Le MacanTosich

O chionn bhliadhna dh’eug cuideigin a bha na lasair shoilleir threun ann an ath-bheothachadh cultar nan Gaidheal, duine a bha na ghaisgeach do dh’iomadh dhaoine dem ghinealach, ’s duine a chruthaich cuid den cheol as ealanta is beothaile a chaidh a dheanamh a-riamh le cuidieign as a ‘ Ghaidhlig. ‘S e an duine sin Martyn Bennett, am piobaire is fidhlear miorbhaileach a sniomh ceol na ceilidh le ceol a’ chluib ’s rinn fuaim sgoinneil.
Chunnaic mi Martyn airson a’ chiad thuras ann an 1998 ann an Obar Dheathain agus co-dhiu 4 no 5 tursan bhon uairsin air feadh na duthcha (Bha trup math ann an Inbhir Nis nuair a bha sruthan de dh’uisge beatha an asgaidh ri fhaighinn!). Nuair a bha mi a’ fas suas bha e a’ sealltainn dhomh mar a dh’fhaodadh Gaidhlig is Cultar na h-Alba a bhith ur is fasanta gun a bhith a’ cur as dhan t-seann dhualchas aig an aon am. Dhomh-sa , ’s e seo iuchair na Gaidhlig airson daoine sambith a th’ ann an seo, tha tobar domhainn againn airson a tharraing as.
‘S e na claran as fhearr a’ cordadh rium a th ‘ ann an “Hardland”, clar gu math cruaidh a thaobh dannsa (Na cennaich seo ma ’s lugha oirbh ceol Hardcore) agus “Glen Lyon” clar de dh’orain Ghaihldig a rinn e cuide ri a mhathair, Mairead Bhennett, an t-seinneadair agus sar-eolaiche air ceol Gaidhlig. A dh’innse na firinn, tha a h-uile dad a rinn e riamh agam, agus chan eil cail lag orra.
Fhuair Martyn aillse ann an 2001 agus dh’eug e leis as deidh stri fhada dhuilich an-uiridh air 30mh an Fhaoillteach. ‘S e caill mor a bh’ann ach tha buannachd air thighinn as a chuimhne, tha ginealach ur de chluicheadaran oga (Mar Croft No Five, seall fodha) a thug brosnachadh is spionnadh bho na h-iomairtean aige.
Soraidh slan leat a Mhartyn, Thig crioch air an t-Saoghail ach mairidh ceol is gaol.

1971-2005

http://www.martynbennett.com


Tadhail air Dannsamaid! Crathamaid! Ròcamaid!

Powered by WPeMatico

Fèill mheadhan a’ Chargais

Le Uaineach

Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na bliadhnaichean agus bidh cuimhne fhada air feadhainn dhaibh. Ann an ùine nach bidh fada bidh faireachdainn eile a’ crochadh san adhar. Bidh a h-uile càil an sàs cruth-atharrachadh. Bho fheasgair Diluain a-mach gus a’ mheadhan oidhche an ath Disathairne bidh am baile air boil. Bidh abhainn datha a dòrtadh tro na prìomh sràidean den bhaile agus bidh an sluagh a’ gluasad thall ‘s a bhos nam bogadh san tachartasan agus na solais. Nuair a bhios e seachad bidh cuimhneachan ùra nan muillean am broinn muinntir an àite.
Chuir e iongantas air mòran dhaoine an uiridh nuair a nochd litir sa phàipear a’ cur sìos gu dubh air an fhèill.. ‘S e duine a bha ùr tighinn dhan bhaile a bh’ ann agus bha e a-mach air cho borb agus fuaimneach ‘s bha a h-uile sian. Smaoinich e gun robh cus deoch air cuid agus cha robh ach ceòl eagallach ri fhaighinn. Bha e làidir den bheachd nach bu chòir dha a bhith a leithid sin ann am baile cho brèagha.
Cha robh e ga thuigsinn idir,. Chan urrainn do duine sam bith a ràdh le cinnt cuin a thoisich an Fhèill. Tha cuid a’ cumail a-mach gur ris an linn pàganach a tha e a’ buntainn. Bha e daonnan làn fuaim agus anasan ùra a bhiodh caran neònach nach robh thu cleachdte ris a leithid gach bliadhna.
Carson nach bu chòir dhut splaoid a’ ghabhail nuair a nochdas an t-earrach air fàire?

Tadhail air Àite air choireigin ann an Sasainn

Powered by WPeMatico

Saen

Le Eòsaph


Dè tha sin – Saen (Zen)?

Bha Saen “sgoil” Budaism ann an Sìona mu na linntean meadhanach, mu 700-1100. Thànig Saen gu Sìona bho Na h-Innseachan le Bodhidharma, manach Innseannach fionnsgeulach. Theagaisg Bodhidharma dòigh meòmhrachadh glè simplidh is dhomhainn. Tha an meòmhrachadh aig Bodhidharma agus an prìomh-athairan Saen as deidh Bodhidharma (a’ chiad prìomh-athair), mar Hui-Neng (an siathamh prìomh-athair), dòigh co-chruinnich na h-inntinn, agus mu dheireadh, dòigh rach thairis air agus mar sin a’ cur crìoch na h-uile fulangas is mealladh san leth a-staigh sinn fhein.

Theagaisg na prìomh-athairan Saen nach eil dad sam bith ‘san saoghal ach tha e foillseachadh Fìrinn. Mar sin, tha sinne a-huile duine nad amadanan, oir tha sinn a’ lorg gu brath rudeigin coisrigte no fiorghlan dealaichte bho’n tiota sin, an corp sin, am beatha sin againn. Chan eil am fìrinn Saen ach an saoghal sin—às eugmhais na h-inntinn a tha a’ cabadaich fad na-huine, no os cionn, no air chùl na h-inntinn sin.

Tha, air chùl na h-inntinn againn, saoghal “eile,” saoghal chan aithne na h-inntinn a’ dèanamh grèim air, oir chan eil an saoghal fìor a-staigh na chinn againn. Tha an saoghal gu brath an-seo, a-nis. Chan aithne dhuinn a’ dèanamh grèim air ach dìreach, air leth gach bun-bheachd, air leth a-huile smaoin.

Dìreach SIN

AN-SEO

A-NIS

IONGANTACH!


Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Leisg

Le Eòsaph

Tha mi airson a bhith a’ sgriobhadh rudegin, ged a tha sin ach a bhith a’ cuimhneachadh ciamar a’ sgriobhadh s’a Ghàidhlig as deidh faisg air mìos gu lèir sàmhach. Tha iomadh smaointinn agam airson cuspairean ùra. Tòrr cuspairean, ach rud beag Gàidhlig! Co-dhiu, tha am saoghail cho innteannach an drasda, gu sònraichte ann an Iosrael. Agus tha mòran bàrdachd a bhith a’ sgriobhadh cuideachd. Tha mise a dèanamh cus rudan! (a bheil sin deagh Gàidhlig, “cus rudan”??)

Tadhail air An Gaidheal Iùdhach

Powered by WPeMatico

Turas gu Sydney

Le Seonaidh



Chaidh sinn le itealan gu Sydney air son laithean saora Nollaige am bliadhna. Bha sinn a’ fuireach anns an fho-bhaile Ultimo direach faisg air Baile Sineach agus na Féiltean aig Padruig. Bha torr taigh-bidhean ri laimh agus bha móran ann ri fhaicinn, ri ceannach is ri dèanamh an siud is aig Taobh na h-Acarsaid (ann an Laimrig Feudaile), aig Na Creagan, aig a’ Bhaile Mhór fhéin agus aig Taigh an Drama Liriceach. Shiubhail sinn air an Aon Réile agus rinn mi beagan streap creagan (rud eagalach a dhèanamh) a measg iomadh eile. Feuchaidh mi dealbhan a nochdadh dhuibh (ma is urrainn dhomh). Ah bha mi soirbheachail leis na dealbhan. Ma a tha sibh dealbhan eile fhaicinn is urrainn dhomh am foillseachadh. Thog mi iad leis a’ chamara mheurach ghasda ùr a fhuair mi air son Nollaige. Anns an dealbh os ar ceann chi sibh an drochaid ainmeil agus anns an dealbh fon sin chi sibh Craobh Ard Na Nollaige taobh a staigh an togalach stàiteil QVB (An Aitreabh Aig A’ Bhan-righ Bhiactoirea).

Bha móran sgeadachaidhean Nollaige eile mu thimcheall a’ Bhaile. Chuala sinn coisirean a’ seinn nan laoidhean Nollaige aig Ionadan Buitearachd is bha Laoidhean Nollaige le Solus Coinneala a ghabh aite an darna cuid ann am Melbourne is ann an Sydney air an nochdadh air taidhsearachd. Mu dheireadh chunnaic sinn a’ Bhan-righ a’ bruidhinn le teachdaireachd Nollaige.


Tadhail air Mo Leabhar-lin fhein

Powered by WPeMatico