Rathad-iarainn a’ Chabhlaich Rìoghail san Rìoghachd

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air turas gu rathad-iarainn gu math neo-àbhaisteach Didòmhnaich. B’ e sin Shed 47 no Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Lathalmond  faisg air Dùn Phàrlain.

Tha gu leòr rathaidean-iarainn glèidhte mòr ann an Alba – Bo’ness is Ceann Fhàil agus an Srath Spè gu sònraichte. Tha iad mòr agus proifeiseanta agus gleansach agus stèidhichte air trèanaichean do luchd-siubhail.

Shed 47, 2008 nuair a thadhail mi air mu dheireadh

Ann am Fìobh, tha  Taigh-tasgaidh Rathad-iarainn Lathalmond gu math eadar-dhealaichte. Tha e gu math nas lugha agus stèidhichte air trèanaichean bathair.

Tha an taigh-tasgaidh mar phàirt de Thaigh-tasgaidh Seann Bhusaichean na h-Alba a tha air ionad gnìomhachais gu math mòr taobh a-muigh Dhùn Phàrlain. Chan e ionad gnìomhachais a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothach a th’ ann idir ach seann làrach a bha na stòrlann aig a’ Chabhlach Rìoghail bho àm an Dàrna Cogaidh. Tha an làrach loma-làn seann Nissen huts agus seadaichean mòra a chaidh a thogail airson uidheamachd mhòr.

Bha stòrlann a’ Chabhlaich Rìoghail gu math mòr agus bha ceangail aice ri lìonra nàiseanta nan rathaidean-iarainn. Dhùin an rathad-iarainn ann an 1971 agus dhùin an làrach air fad ann an 1993. Chaidh an làrach a cheannach le muinntir an taigh-tasgaidh ann an 1995 agus chaidh an rathad-iarainn a stèidheachadh ann an 1997.

Bha mi ann air ais ann an 2008 agus bha mi airson a dhol air ais gus faicinn dè an t-adhartas a rinn an rathad-iarainn bho bha mi ann mu dheireadh.

Air an trèana, Shed 47, 2024

Nuair a dh’fheuch mi ri turas a chur air dòigh, b’ e an aon ghearan agam gu bheil e do-dhèante taigh-tasgaidh nam busaichean a ruigsinn air bus! Cha bhi còmhdhail phoblach a’ frithealadh Lathalmond idir oir tha e ann an àite gu math iomallach (ged a thèid busaichean a chur air dòigh gu sònraichte turas no dhà sa bhliadhna airson tachartasan) agus mar sin, bha agam ri dràibheadh ann.

Chan eil mi a’ gearan, ge-tà, oir ruigear an t-àite tro B-rathaidean Fhìobha agus chithear seallaidhean àlainn de na h-achaidhean, na beanntan agus na bailtean beaga.

Tha tòrr de na h-àiteachan a chithear air an t-slighe tro Fhìobh an Iar ann an àiteachan post-industrial far an robh mèinnean ann uair ach san latha an-diugh, a tha uaine is àlainn. Tha tòrr ri fhaicinn de na seann rathaidean-iarainn a bha pailt san sgìre uair cuideachd – drochaidean is embankments is eile.

An stèisean, Shed 47

Nuair a ràinig mi an taigh-tasgaidh, fhuair mi turas air seann bhus timcheall air an làraich air fad agus thàinig mi dheth aig Shed 47.

Bus Corpy Glaschu a chunnaic mi san taigh-tasgaidh, 2008

‘S e Shed 47 a chanar ris an rathad-iarainn oir b’ e sin an seada a bh’ aig na trèanaichean air an làraich nuair a bha rathad-iarainn ann. Chaidh mi ann bho chionn còrr is 16 bliadhna agus aig an àm sin, bha loidhne ghoirid ann agus bhiodh iad a’ toirt seachad tursan trèana ann an cabaichean nan locothan.

An-diugh nuair a chaidh mi air ais, chunnaic mi gun robh iad air àrd-ùrlar agus stèisean a thogail agus gun robh bhana-breigicihean ann dhan luchd-siubhail. Tha an loidhne nas fhaide na bha cuideachd.

West of Fife Muntions Railway – Lathalmond Lower, 2024

A bharrachd air sin, tha dàrna rathad-iarainn ann a-nis – loidhne caol-ghèidse. ‘S e an West of Fife Munitions Railway a chanar ris.

Fhuair mi cothrom a dhol air an dà rathad-iarainn goirid agus bha e fìor mhath – trac beagan cugallach agus fàileadh an dìosail, dìreach mar a bhiodh rathad-iarainn a’ Chabhlaich Rìoghail bho chionn fhada.

Bha mi a’ feuchainn ri obrachadh a-mach far an robh Lathalmond ceangailte ris an lìonra rèile agus cha robh e furasta leis gun robh an uiread de rathaidean-iarainn ann am Fìobha uair. Ach mu dheireadh, lorg mi am mapa seo.

Agus seo mar a tha cùisean san latha an-diugh – chithear na rathaidean-iarainn beaga aig Lathalmond agus cho fad air falbh ’s a tha iad bhon lìonra an-diugh.

Seo mapa le barrachd fiosrachaidh: Airey’s Railway Map of Scotland (1875).

Mholainn Shed 47 gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Tha e inntinneach ach a bheil e feumail? – turas air a’ bhus fèin-obrachail

Le alasdairmaccaluim

Bha mi gu math cruaidh air busaichean fèin-obrachail (autonomous) sa phost bloga mu dheireadh. Mar sin, an àite a bhith gan càineadh bhon mheur-chlàr agam san taigh, bha mi airson am feuchainn.

Mar sin, Dihaoine sa chaidh, rinn mi air Dùn Èideann airson a dhol air bus AB1 eadar Pàirce Dhùn Èideann agus Park & Ride Ferrytoll ann am Fìobh. Às dèidh turas trèana taobh Shotts agus turas trama, bha mi ann am Pàirc Dhùn Èideann.

Bus fèin-obrachail, Dùn Èideann
Aig ceann na slighe – Pàirc Dhùn Èideann

Feumaidh mi a ràdh gun robh e caran doirbh am bus a lorg. Bidh e a’ falbh bho thaobh tuath Stèisean Edinburgh Park ach cha robh fiosrachadh sam bith aig an stad bus mu dheidhinn agus cha b’ urrainn dhomh dad fhaicinn air-loidhne mu far am biodh e a’ fàgail nas motha. Tha Pàirc Dhùn Èideann gu math mòr agus bha mi airson dèanamh cinnteach gun robh mi sna àite cheart.

Nuair a nochd am bus, chaidh mi air bòrd agus chaidh ceisteachan a thoirt dhomh mun t-seirbheis agus cheannaich mi tiocaid tillidh off-peak air £6.10.

Nis, ged is e seirbheis bus fèin-obrachail a tha seo, chan eil e fèin-obrachail fad na slighe. Bha aig an dràibhear ris a’ bhus a thionndadh aig a’ chearcall tionndaidh mar eisimpleir. Agus ’s ann a bha e air a dhràibheadh le làimh a-mach à Pàirc Dhun Èideann dhan mhòr-rathaid aig Hermiston Gait.

Thoisich am modh fèin-obrachail greis às dèidh dhan bhus a dhol air an am M8. Bha fios agam nach biodh an t-slighe air fad fèin-obrachail, ach feumaidh mi ràdh gun robh barrachd dhìth fèin-obrachail na bha mi an dùil. Tha slighe fa leth do bhusaichean bho iar gu ear ach chan eil slighe a’ dol an taobh eile agus bha mi an dùil nach biodh àm bus fèin-obrachail air a’ mhotorway àbhaisteach, ach ‘s ann a bha mi ceàrr. Bha am bus air lèin àbhaisteach air mòr-rathad an M8, am mòr-rathad as motha ann an Alba air an aon lèin ri trafaig àbhaisteach – busasichean is càraichean is làraidhean. Dh’obraich e fìor mhath – cha robh e ro fhaisg no ro fhada air falbh bhon trafaig eile agus dh’fhuirich e ann am meadhan na slighe.

A bheil e sàbhailte?

Nis, tha cuid air a ràdh gu bheil iad draghail a bheil na busaichean fèin-obrachail sàbhailte. Chan eil dragh sam bith orm – agus cha bu chòir dragh a bhith air duine sam bith a tha air a dhol air Subway Ghlaschu no an Victoria Line ann an Lunnainn (agus grunn loidhnichean eile aig London Underground) oir ’s ann a tha iad fèin-obrachail cuideachd. Tha dràibhear air na loidnichean seo ceart gu leòr, ach tha iad ann air adhbharan sàbhailteachd agus gus na dorsan fhosgladh. Nuair a bhios an trèana ann an seirbheis, mar as trice, tha an trèana ga dràibheadh fhèin.

Mar sin, chan e rud ùr a th’ ann – tha an Victoria Line air a bhith fèin-obrachail bho thùs ann an 1968 agus tha subway Ghlaschu air a bhith fèin-obrachail bho chaidh ùrachadh is ath-fhosgladh ann an 1980.

Victoria Line 2009 stock, Tottenham Hale
An Victoria Line, fèin-obrachail bho 1968

Cò ris a bha an dràibheadh?

Bha an dràibheadh fèin-obrachail a cheart cho math is pròifeiseanta ri dràibhear àbhaisteach mar as trice. Bha seo gu sònraichte fìor nuair a chaidh sinn air an rathad fìor lùbach aig Kirkliston. Chuir e iongnadh orm cho math ’s a bha am bus air an lùb – aig an astar cheart is gun a bhith a’ lìostadh idir.

San fharsaingeachd, bha e fìor mhath ach chunnaic sinn na laigsean cuideachd. Nuair a chaidh dràibhearan eile ro fhaisg oirnn, no nuair a bha iad ro fhaisg air na loidhnichean air an rathad, cha do chòrd sin ris a’ bhus idir agus chaidh na breigichean a chur an sàs – mar as trice nas cruaidhe na le dràibhear àbhaisteach. Sin duilgheadas – gu ìre tha cho math ’s a dh’obraicheas am bus a rèir cho math ’s a bhios carbadan àbhaisteach a’ dràibhadh – agus tha fios againn gu bheil gu leòr droch dhràibheran ann!

Bha ceann-rathad no dhà ann far an robh beagan mì-chinnt aig a’ bhus cuideachd.

Air an t-slighe ann, dh’ionnsaich sinn nach eil am bus fèin-obrachail air Drochaid Fhoirthe fhathast, ach gum bi a dh’aithghearr.

Aig Ferrytoll, thionndaidh am bus agus rinn sinn air Dùn Èideann a-rithist.

Fad na slighe, bha “dràibhear sàbhailteachd” agus “caiptean” ann. Reic an caiptein na tiocaidean, dh’innse e dhan t-sluagh mun t-seirbheis agus fhreagair e na ceistean uile againn.

Bus fèin-obrachail, Ferrytoll, Inbhir Chèitinn

Carson a tha dithis luchd-obrach ann?  

Feumaidh dràibhear a bhith ann a rèir an lagh. Chan eil e ceadaichte bus fèin-obrachaill gun dràibhear a bhith ann aiair an rathad g an àm seo – agus cha ghabhadh an t-slighe seo air fad a dhèanamh às aonais dràibhear co-dhiù.

Tha an caiptein ann, saoilidh mi, gus sealltainnn cò ris a bhiodh e coltach bus a bhith ann a bhiodh gu tùr gun dràibhear san àm ri teachd. Fiù ’s mur a robh feum air dràibhear, bhiodh duilgheadasan mòra an lùib bus gun duine sam bith eile air bòrd air adhbharan togail airgid, sàbhailteachd is cur an aghaidh dol a-mach mì-shòisealta agus bhiodh neach-obrach a dhìth airson seo. Seo mar a tha an DLR ann an Lunnainn – chan eil dràibhear ann idir ach tha caiptein air gach trèana a bhios a’ cuideachadh, a’ coimhead air tiocaidean agus as urrainn an trèana a dhràibheadh ma bhios suidheachadh èiginn ann.  

Bha ceist sa cheisteachan mu dheidhinn seo – am biodh tu deònach a’ dol (a) air bus gun dràibhear ach le caiptean, (b) air bus le dràibihear ach gun chaiptean no (c) air bus gun neach-obrach sam bith.

Mar sin, tha e coltach gu bheil iad a’ coimhead air a’ cheist seo airson an àm ri teachd.

Air an t-slighe air ais, chunnaic sinn laigse eile leis an t-sisotam. Bha slighe nam busaichean air an M8 dùinte mar thoradh air càraichean a bha air briseadh sìos agus bha droch thrafaig air an rathad. Cha bhi am bus a’ dèiligeadh ri trafaig slaodach stadach mar seo gu math idir agus bha aig an dràibhear ri gabhail thairis.

Uile gu lèir, chòrd an turas rium glan. Bha an caiptean uamhasach snog agus dh’obraich am bus gu math anns a’ mhodh cho-obraicheail.

Dè a-nis?

Chaidh innse dhuinn gu bheil planaichean gus an t-slighe a leudachadh gu meadhan Dhùn Phàrlain cuideachd.

An do dh’atharraich mi mo bheachd?

Dh’atharraich mi mo bheachd gu ìre – bha am modh fèin-obrachail na b’ fheàrr agus na bu shùbailte na bha mi an dùil.

Ach aig a’ cheann thall, chan eil mi air mo bheachd atharrachadh air carbadan fèin-obrachail san fharsaingeachd. Chan eil mi a’ faicinn argamaid sam bith air an son, fiù ‘s ann am prionnsabal. Chan eil iad dad nas fheàrr dhan àrainneachd, cha sàbhail iad airgead agus chan eil iad dad nas fheàrr na bus àbhaisteach. Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil latha air fàire nuair a bhios busaichean ann gun dràibhear aig an stiùir agus bhiodh e na b’ fhèarr an t-airgead a chosg air teicneòlas uaine seach air carbadan fèin-obrachail.

Gu dearbha, a thaobh na h-àrainneachd, feumar a ràdh gu bheil am bus fèin-obrachail na bhus dìosail! Bho chionn còig bliadhna, bha sinn uile a’ bruidhinn air carbadan fèin-obrachail agus cha robh guth air busaichean dealanach. A-nis, chan eil sgeul air carbadan fèin-obrachail mar rud chumanta fhathast ach tha an dàrna leth de na busaichean ann an Glaschu dealanach agus chan eil e coltach gum bi busaichean diosail air fhàgail sna bailtean mòra an ceann 10 bliadhna. Agus tha seirbheis coidse eadar-chathrach air tòiseachadh leis a’ chompanaidh Ember cuideachd eadar Glaschu/Dùn Dè agus Dùn Èideann. Seo an seòrsa adhartais a tha a dhìth, seach sgleò-bhathair aig nach eil mòran bhuannachdan.

Bus fèin-obrachail

Autonomous Bus – sgrìobh mi air an fhoirm feedback gum bu chòir beagan Gàidhlig a bhith ri fhaicinn seach ’s gun d’ fhuair am pròiseact maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico