Feumaidh sinn bruidhinn mu loidhne a’ Chinn a Tuath

Le alasdairmaccaluim

Tha mi anabarrach dèidheil air loidhne a’ Chinn a Tuath (Inbhir Nis gu Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige) agus tha mi gu mòr airson ‘s gun soirbhich leatha agus gum fàs i. Tha i cudromach dhan sgìre agus gu nàiseanta.

Ach tha mi mothachail cuideachd gu bheil duilgheadasan ann air am feumar aghaidh a chur. Air an turas mu dheireadh agam gu Cataibh is Gallaibh bho chionn ghoirid, dh’fhiosraich mi cuid de na dùbhlain a thar ron loidhne dhomh fhèin: dàil air seirbheisean agus seirbheisean air an cur dheth mar thoradh air dìth lùban seachnaidh agus trèanaichean a tha a’ fàs aosta.

Chaidh mi air turas gu Allt na Breac, Inbhir Theòrsa agus Fors an-Àird aig deireadh na seachdain.

Air an t-slighe gu tuath, bha an trèana agam eadar Inbhir Nis is Allt nam Breac 13 mionaid air dheireadh. Cha robh sinn idir dona ach nas fhaide air adhart air an t-slighe eadar Allt nam Breac agus Inbhir Theòrsa bha an trèana agam 26 mionaid air dheireadh.

Mar as trice, cha chuireadh dàil mar seo cus dragh orm ach tha Allt nam Breac air leth iomallach agus chan eil sgrìn fiosrachaidh aig Allt nam Breac no siognal fòn làimhe agus bha mi draghail air eagal ’s gun deach an trèana a chur dheth. Gu fortanach, ge-tà, tha fòn ann as urrainn dhut cleachdadh agus bha cothrom agam bruidhinn ri cuideigin gus faighinn a-mach cuine a bhiodh an trèana ann.  

Stèisean Alt nam Breac – cha bhiodh tu airson a bhith stuicte an seo ro fhada!

Nas fhaide air adhart air an latha ann an Inbhir Theòrsa chaidh mi dhan stèisean gus dealbh a thogail den trèana mu dheireadh den oidhche (an 22:20 gu Inbhir Ùige à Inbhir Nis), fhuair mi a-mach gun deach a cur gu dìreach gu Inbhir Ùige, a’ seachnadh Inbhir Theòrsa buileach glan mar thoradh air dàil.

An ath latha, fhuair mi an trèana aig 08:34  eadar Inbhir Theòrsa agus Fors an-Àird, a bha air an uair, agus bha mi an dùil an trèana aig 13:47 fhaighinn gu deas. Nuair a chaidh mi air ais dhan stèisean aig 13:30, ge-tà, fhuair mi a-mach gun deach an trèana a chur dheth mar thoradh air trioblaid teicnigeach leis an trèana. Cha robh an ath thrèana gu bhith ann gu 17:11.

Tachraidh rudan mar sin ach bha mi ann an àite gu math iomallach gun ghoireasan sam bith air latha a bha air leth fhèin teth (26c no mar sin, gun sgòth sam bith san adhar agus gun ghaoth sam bith) agus gun mòran fasgadh ann bhon ghrèin.

Fors an-Àird – stèisean breàgha ach chan eil gu leòr ann gus do chumai la’ dol fad trì uairean air latha teh!

Coltach ri Allt nam Breac, chan eil còmhdhail phoblach sam bith eile ann agus fiù ’s nuair a bhios busaichean rail replacement air an cur air dòigh dhan loidhne, cha bhi iad a’ dol dhan dà stèisean iomallach sin – agus gu dearbha, chan eil fiù ‘s rathad ann gu Allt nam Breac.

Chleachd mi am fòn fiosrachaidh a-rithist gus bruidhinn ri seirbheis nan custamairean agus mhol iad gun rachainn air ais gu Inbhir Ùige air an ath trèana gu tuath agus tighinn gu deas a-rithist (air an trèana a bhiodh a’ dol tro Fhors an-Àird aig 17:11 co-dhiù) gus nach biodh agam ri fuireach aig stèisean a tha cho teth ris a’ ghrèin fad còrr is trì uairean a thìde.

An àite a bhith a’ faighinn dhachaigh aig 9f, cha d’ fhuair mi a-staigh a-rithist gu 1m an ath latha.

Ged a Tha mi gu math cleachdte ri bhith a’ siubhail air trèanaichean agus nach bhi rudan mar sin a’ cur cus dragh orm cho fad ’s nach eil cabhag orm, tha e gu math streasmhor do dhaoine a th’ ann an cabhag no nach eil cho eòlach air siostam nan rathaidean-iarainn no do luchd-turais nach eil fileanta sa Bheurla.

Agus tha cunnart ann cuideachd gun call daoine na ceanglaichean aca gu trèanaichean eile ann an Inbhir Nis.

Tha dà prìomh thrioblaid aig an loidhne. Sa chiad dol a-mach, chan eil lùban seachnaidh gu leòr ann. Tha an loidhne singilte agus tha astar mòr eadar lùban seachnaidh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil dàil mhòr air chùisean ma tha trèana sam bith air dheireadh leis nach fhaigh na trèanaichean seachad air a’ chèile.

Tha na trèanaichean air an loidhne a’ fàs seann cuideachd – is iad na h-aonadan 158 a tha a’ ruith seirbheisean air an loidhne. Chaidh an togail eadar 1989 agus 1992 agus ged a tha iad cofhurtail, tha loidhne a’ chinn a tuath gu math dùbhlanach agus chan eil iad cho reliable ‘s a bha iad agus tha iad gu tric a’ briseadh sìos.

A bharrachd air seo, tha an loidhne cuideachd na cheangail ri aiseag Arcaibh. Ach chan eil busaichean ann eadar a h-uile trèana agus am port-aiseig aig Sgrabastal a tha mìle gu leth air falbh. Tha làrach-lìn ScotRail dìreach ag ràdh gum feum tu tagsaidh a chur air dòigh thu fhèin. Chan eil seo math gu leòr. Bu chòir Northlink is ScotRail agus companaidhean bus/tagsaidh rudeigin oifigeil a chur air dòigh gus cùisean a dhèanamh nas fhasa agus gus an streas a thoirt air falbh.

Agus aig ceann a tuath na loidhne, b’ àbhaist an trèana a bhith a’ sgàradh ann an Georgemas Junction le aon trèana a’ dol gu Inbhir Theòrsa agus an tè eile a’ dol gu Inbhir Ùige. Stad seo bho chionn còrr is 20 bliadhna agus bi an trèana a tha a’ dol gu tuath a’ dol gu Snaidhm Georgemas, Inbhir Theòrsa agus an uair sin air ais gu Georgmeas agus air adhart gu Inbhir Ùige. Air an taobh deas, bidh an trèana a’ dol Inbhir Ùige-Georgmas-Inbhir Theòrsa-Georgemeas seo a’ ciallachadh gu bheil turas gu Inbhir ÙIge a’ toirt còrr is leth uair a thìde a bharrachd na b’ àbhaist dha a bhith.

Tha e follaiseach gu bheil seo a’ toirt droch bhuaidh air na h-àireamhan a tha a’ dol gu Inbhir Ùige air an trèana. Is iomadh turas a chunnaic mi sluagh mòr a’ tighinn a-mach air an trèana ann an Inbhir Theòrsa is gun ach duine no dithis air fhàgail an trèana nuair a dh’fhalbh i airson Inbhir Ùige. Tha an dà uiread de dhaoine a’ cleachdadh Stèisean Inbhir Theòrsa ’s a bhios a’ cleachdadh Inbhir Ùige aig an ìre seo (c40,000 sa bhliadhna an taca ri c20,000 sa bhliadhna). Tha Càirdean na Loidhne a Tuath a’ moladh gum bu chòir seirbheis ionadail a chur air dòigh eadar an dà bhaile.

Dà 158 ann an Stèisean Inbhir Ùige

‘S e cnag na cùise gu bheil an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mun loidhne. Tha feum air lùban seachnaidh ùra agus air trèanaichean ùra agus ceangail ceart ri bàta arcaibh agus trèana dìreach gu Inbhir Ùige. Dh’aithris mi sa phost bloga mu dheireadh gu bheil seirbheis bus luath spaideil dealanach ùr ann eadar Gallaibh, Cataibh, Rois an Ear is Inbhir Nis – deagh sheansa gun caill an trèana daoine dhan t-seirbheis seo mur a toirear piseach air an loidhne.

Ged a dh’fhalbh Beeching agus a leithid bho chionn fhada is nach eil rathad-iarainn sam bith ann an cunnart aig an àm seo, chan eil àireamhan luchd-cleachdaidh na loidhne cho àrd ’s a bu chòir dhaibh a bhith. Agus cuimhnich gun robh post agus bathar air an loidhne an turas mu dheireadh a bhathar a bruidhinn mu bhith ga dhùnadh – rudan nach eil ann tuilleadh. Mas e is gum bi seacadh mòr san eaconamaidh mar a tha gu math coltach, cò aig a tha fios dè thachras. Feumaidh sinn tasgadh san loidhne an-dràsta gus a gleidheadh airson an àm ri teachd.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Allt nam Breac – an stèisean as craicte ann an Alba?

Le alasdairmaccaluim

Tha e a’ còrdadh ri YouTubairean nan rathad-iarainn agus ri trainspotters san fharsaingeachd a bhith a’ tadhal air stèisean beaga iomallach agus air stèisean nach bi mòran dhaoine a’ cleachdadh (least used stations).

Gach bliadhna, bidh Oifis na Rèile is nan Rathaidean a’ cur a-mach figearan airson luchd-cleachdaidh gach stèisean ann am Breatainn.

Aig mullach na liosta, tha na stèiseanan mòra mòra leithid Paddington agus Waterloo ann an Lunnainn leis na milleanan de luchd-cleachdaidh gach bliadhna agus na mìltean gach latha. Aig ceann eile na liosta, tha stèisean leithid Berney Arms ann an Norfolk agus Allt nam Breac ann an Gallaibh le aonan no dithis gan cleachdadh air latha trang. Uile gu lèir bidh mu 200-250 a’ dol air no far trèana sa bhlaidhna ann an Allt nam Breac.

Rob Faulkner from Leeds, United Kingdom, CC BY 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by/2.0, via Wikimedia Commons

Tha stèiseanan a tha an dà chuid gun mòran luchd-cleachdaidh AGUS iomallach a’ còrdadh gu sònraichte ri daoine – agus chan eil mòran àiteachan ann a tha cho iomallach ri Allt nam Breac oir chan eil rathad ceart ann dhan bhaile. Feumar a dhol ann air frith-rathaidean coilltearachd nach eil ann an staid ro mhath.

Chan eil ann an Allt nam Breac ach trì no ceithir taighean agus thathar a’ creidsinn gun deach an stèisean a thogail an seo a chionn’s gun robh feum air tùr-uisge agus lùb seachnaidh ar am faigheadh na trèanaichean seachad air a chèile.

Thog mi ùidh san stèisean an toiseach bliadhnaichean air ais nuair a bha comhairlichean ann an Gallaibh a bha a’ cur an aghaidh na Gàidhlig agus iad ag ràdh nach robh Gàidhlig sam bith riamh san sgìre – “dè mu dheidhinn Allt nam Breac”, bhithinn daonnan ag ràdh! (Agus gu dearbha – tha na ceudan de dh’ainmean Gàidhlig eile ann an Gallaibh cuideachd ach leis gu bheil an t-ainm seo air stèisean, tha e na fhìor dheagh eisimpleir).

An uair sin, leugh mi an sàr-leabhar Tiny Stations le Dixe Wills.

Am measg nan stèiseanan beag biodach air an do thadhail e, bha Allt nam Breac, agus abair gun robh turas inntinneach aige ann! Choisich e gu loch faisg air an stèisean far a bheil taigh mòr – Loidse Loch Dubh a bha uair na thaigh-òsta. Thàinig am fear leis a bheil an taigh a-mach airson bruidhinn ris agus thug e cuireadh do Dixe tighinn a-staigh airson srùbag.

A rèir coltais, bha fear an taighe gu math neònach agus bha an t-ùghdar a’ faireachdainn gu math ain-fhoiseil agus an uair sin, chaidh cuireadh a thoirt dha coimhead air an t-seilear. Bha sarcophagi agus stuth neònach eile ann agus bha eagal a bheatha air Dixe agus rinn e leisgeul is theich e. Chuir e an t-ainm fallsa “Brian” air an neach san leabhar.

Ach tha fios againn uile a-nis cò a th’ ann am “Brian” às dèidh dhan naidheachd ghrod seo tighinn am bàrr: https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/sgeulachdan/cqlyd7gpyl3o. A rèir coltais, bha Dixe Wills ceart eagal a bhith air..

Agus ann an 2023, bha Allt nam Breac anns na naidheachdan aon uair eile. Chaidh an stèisean a dhùnadh rè ùine mar thoradh air eus-aonta eadar ùghdarrasan nan rathaidean-iarainn agus na daoine leis a bheil taigh an stèisein mu bhith a’ faighinn cothrom air àrd-ùrlar an stèisein gus a chumail suas. Bha gu leòr anns na pàipearan naidheachd mun chùis.

Cha chan mi an còrr mu dheidhinn seo oir tha mi a’ tuigsinn gu bheil cùisean lagha sub judice a’ dol air adhart mun chùis  an-dràsta. ‘S e an rud as cudromaiche dhomh gu bheil an stèisean air ath-fhosgladh – ged a thuirt ScotRail gur e e ceum sealach a bha seo, bha an stèisean dùinte eadar an t-Samhain 2023 agus an Giblean 2025 mar thoradh air seo uile.

Nuair a dh’fhosgail e as ùr, cha b’ e ruith ach leum dhomh tiocaid a chur air dòigh dhan àite neònach seo! Ach saoilidh mi gum bi agam ri bhith gu math faiceallach fhad ’s a bhios mi ann…. Saoil an lorg mi an t-allt agus am faic mi breac sam bith?

Tha mi gu mòr airson a dhol gu ionad RSPB nam Flobhaichean ann an Fors an-Àird – an stèisean a deas air Allt nam Breac. Tha e mu 15 mìle air falbh agus bha mi a’ beachdachadh air coiseachd ann, a’ coimhead air an teàrmann nàdair agus a’ glacadh na trèana a-rithist aig Fors an-Àird ach cha robh clàr-ama nan trèanaichean freagarrach gu mì-fhortanach. Air an adhbhar sin, tha mi a’ dol a dhol air cuairt ann an Alt nam Breac, tha mi a’ dol a dh’Inbhir Theòrsa agus tha mi a’ dol air an trèana gu Fors an-Àird an ath latha air an t-slighe air ais gu deas.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

“’S e an turas an t-amas” – safari rèile gu Inbhir Theòrsa

Le alasdairmaccaluim

Fhuair mi cothrom tiocaidean Club 50 aig ScotRail fhaighinn air £17 agus cha b’ e ruith ach leum dhomh splaoid a chur air dòigh gu Inbhir Theòrsa.

Nuair a dh’innse mi do mo theaghlach is càraidean gun robh mi air a chur air dòigh, thuirt a h-uile duine an aon rud – “carson a idir a that thu airson a dhol an sin?”.

Stèisean Inbhir Theòrsa

B’ e mo fhreagairt, mar fhealla-dhà, “gu bheil e rud beag nas fheàrr na Inbhir Ùige”. Agus tha. Ach b’ e mo fhreagairt fhìrinneach gun robh mi a’ faicinn an turais mar cheann-ùidh seach an t-àite fhèin. ‘S e loidhne bhrèagha a th’ ann leis a’ mhuir is na beanntan is na Flobhachan (the Flow Country) is na bailtean beaga an cois a’ chladaich is tòrr a bharrachd.

Ach cha robh an turas agam mar a bha mi an dùil….

Dhùisg mi tràth, fhuair mi am bus gus meadhan a’ bhaile agus ghlac mi an 07:07 gu Inbhir Nis. Ach nuair a ràinig sinn Inbhir Nis, chaidh innse dhuinn nach robh trèana a’ chinn a tuath a’ ruith mar thoradh air gainnead luchd-obrach agus gum biodh bus a’ ruith an àite na trèana.

Bus an àite trèana airson loidhne a’ Chinn a Tuath
Am bus againn taobh a-muigh Stèisean Inbhir NIs

Mar sin, a-steach dhan choidse leinn agus air an rathad gu tuath. ‘S e coidse gu math spaideil bh’ ann agus ged a stad sin aig na stèiseanan mòra (Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich is mar sin air adhart), cha do stad sinn aig na stèiseanan beaga uile a bha air falbh bhon rathad mòr. Agus leis gu bheil an rathad nas giorra is nas dìriche na an rathad-iarainn bha cothrom againn stad agus fois a ghabhail ann an cuid de na bailtean gus am fàgadh am bus san àite cheart.

Nam measg, stad sinn ann an Goillspidh agus far an robh postair bho chonspiracy theorirst craicte ann an stad nam bus – agus ràdh nach robh Covid idir ann agus gun deach a’ bhanachdach air a shon a chruthachadh leis an Riaghaltas ann an co-bhonn ris an Diabhal…..

Agus na b’ fhaide suas an rathad, stad sinn ann an Georgemas Junction far an do rinn an dràibhear euchd dràibhidh air leth gus faighinn a-steach gu stèisean beag Snaidhm Georgemas.

Agus cha b’ fhada gus an robh sinn an an Inbhir Theòrsa.

Ged is e briseadh dùil a bh’ ann nach robh an trèana a ruith, chòrd an turas rium oir tha an rathad air slighe gu math eadar-dhealaichte ris an rathad-iarainn. Tha an rathad-iarainn a’ dol a-staigh dhan tìr air falbh bhon chosta eadar Baile Dhubhthaich agus Goillspidh agus an uair sin eadar Bun Ìlidh agus Georgemas. Agus air a’ bhus tha thu a’ dol thairis air Drochaid Dhòrnach agus suas Bràighean Bhearghdal a tha cho cas is nach robh e comasach dhan rathad-iarainn a bhith air a thogail an cois a’ chladaich air costa Ghallaibh).

Seo an turas air an rathad:

Agus seo an turas air an trèana:

Mar sin, chì thu seallaidhean gu math eadar-dhealaichte air an rathad no air an trèana agus tha an dà chuid math.

Cha d’ fhuair mi an turas ris an robh mi an dùil, ach ‘s e deagh thuras a bh’ ann ceart gu leòr.

Gu fortanach, cuideachd, b’ e sin an aon trèana a chaidh a chur dheth agus bha cothrom agam na trèanaichean eile fhaicinn agus iad a’ tighinn is a’ falbh à Inbhir Theòrsa is fhuair mi dealbh no dhà dhan chruinneachadh.

Nis, dè tha math mu Inbhir Theòrsa?

Sa chiad dol a-mach, tha bùth seann leabhraichean math ann agus cheannaich mi beagan leabhraichean matha ann – tòrr mu shiubhail is mu eachdraidh na h-Alba, na Gàidhealtachd agus na sgìre agus tòrr a bharrachd. An seòrsa bùth far am bi thu a’ rùrachadh ann am bagaichean is bogsaichean nach eil ann am mòran ordugh.

Tha cuotaichean ann an Scots os cionn bùth nan leabhraichean

Agus mar a thuirt mi roimhe, tha e nas fheàrr na Inbhir Ùige! Tha an dà bhaile gu math coltach ri chèile ach gu mi-fhortanach, tha a’ mhòr-chuid de na bùithtean falamh ann an Inbhir Ùige agus tha e na “bhaile taibhseach” gu ìre. Ann an Inbhir Theòrsa, tha barrachd bhùithtean is taighean-bìdh ann.

Tha tràigh ann cuideachd air a’ chosta a tuath. Chan eil fhios agam an dìreach mise a th’ ann, ach tha e daonnan doirbh dhomh creidsinn gu bheil costa a Tuath aig Alba!

Tha taigh-tasgaidh sgoinneil ann cuideachd– the North Coast Visitors’ Centre. Bha taisbeanaidhean sealach ann mu chlachan Chruinneach is Lochannach agus mu ionad cumhachd Dhùnrath agus beagan fiosrachaidh mu rathad-iarainn a’ chinn a thuath. Shuas an staidhre, tha an taisbeanadh maireannach ann le gu leòr mu chruinn-eòlas, fiadh-bheatha agus dòigh-beatha Ghallaibh agus barrachd mun bhuaidh a thug gnìomhachas a’ chumhachd niùclasaich air an àite. Mholtainn an t-àite gu mòr.

Tha leabharlann agus gailearaidh-ealain ann cuideachd ged nach d’ fhuair mi cothrom a dhol ann an turas seo.

Mar sin, ged a tha mi fhathast den bheachd gu bheil an turas fhèin na cheann-ùidhe, tha Inbhir Theòrsa sgoinneil cuideachd.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Loidhne a’ Chinn a Tuath – Big Audio Dynamite na Gàidhealtachd!

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math dèidheil air a’ chòmhlan roc Big Audio Dynamite a stèidhich Mick  Jones ann am meadhan nan 1980an às dèidh dha an Clash fhàgail. Ged a tha mi air leth dèidheil air a’ Chlash, bha mi ro òg a bhith ag èisteachd riutha fhad ’s a bha iad fhathast còmhla.

Ach nuair a bha mi nam dheugaire aig deireadh nan 1980an bha B.A.D còmhla agus a’ cur a-mach deagh cheòl. Bha na clàran singilte mòra agam – E=MC2 agus V13 agus C’ Mon every Beatbox. Cheannaich mi an treas LP aca Tighten Up Vol 88 nuair a thàinig e a-mach agus abair gur e clasaig a bh’ ann. Chòrd e rium mar a bhiodh iad a’ measgachadh diofar ghnèithean ciùil – reggae, punc is roc is eile le giotàr binn brèagha Mick Jones. B’ iad a’ chiad chòmhlan a chleachd sampailean cuideachd. Bhiodh iad a’ seinn mu rudan cudromach cuideachd – a’ moladh ioma-chultarachd is a’ cur an aghaidh gràin-cinnidh is mar sin air adhart. Agus sgrìobh Joe Strummer cuid de na h-òrain còmhla ri Mick – is  mar sin, ’s e òrain a’ Chlash a bh’ annta gu ìre!

B.A.D ann an 2011: clì-deas: Greg Roberts, Don Letts, Mick Jones, Leo E-zee Kill Williams, Dan Donovan

Ged is e meatailt, punc agus prog as motha a tha a’ còrdadh rium, tha mi air leth deidheil air Big Audio Dynamite agus fhuair mi cothrom am faicinn beò ann an 2011 nuair a thàinig iad air ais còmhla airson turas. B’ e an t-aon gearan a bh’ agam air ais sna 1980an gun robh an ceòl aca air a chlàradh ann an dòigh caran ro 1980s – ach ann an 2011 chluich iad a h-uile rud le giotàr trom agus bha an ceòl dìreach mar a bu choir dhaibh a bhith air a chlàradh sa chiad dol a-mach!

Ach ‘s e an rud mu Big Audio Dynamite gu bheil iad underrated. Chan eil gu leòr daoine air an cluinntinn no a’ tuigsinn dè cho cudromach ‘s a tha iad. Agus bho chunnaic mi beò iad ann an 2011, tha e air a bhith na mhisean dhomh daoine iompachadh gu ceòl B.A.D.

Seo iad a’ cluich Beyond the Pale ann an Glaschu – sàr òran mu ioma-chultarachd agus eilthireachd!

Bha mi ag èisteachd ri B.A.D air an turas agam air Loidhne a’ Chinn a Tuath bho chionn ghoirid agus smaoinich aig an àm gur bheil an loidhne agus an còmhlan gu math coltach ri chèile.

 Tha mi den bheachd gum bu choir a h-uile duine èisteachd ri Big Audio Dynamite co-dhiù aon turas nam beatha agus tha mi fada den bheachd cuideachd gum bu choir a h-uile duine an Alba a dhol air loidhne na Gàidhealtachd a Tuath co-dhiù aon turas nam beatha. Coltach ri B.A.D cuideachd, cha d’ fhuair an loidhne riamh an cliù air a bheil e airidh.

Tha a h-uile duine eòlach air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar eadar Glaschu, an t-Òban, an Gearasdan is Malaig, loidhne a tha daonnan a’ buannachadh dhuaisean leis cho brèagha sa tha e le beanntan, lochan, mòinteach agus drochaid Harry Potter. Tha Loidhne a’ Chaol gu math ainmeil cuideachd. Ma chumas mi orm leis a’ mheatafor, is e an Clash a th’ anns an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus stuth solo aig Joe Strummer a th’ ann an Loidhne a’ Chaoil!

Le Loidhne a’ Chinn a Tuath, ‘s e coimiutairean gu Inbhir Nis as motha a tha a’ cleachdadh taobh deas na loidhne, agus chan eil gu leòr daoine a’ cleachdadh taobh tuath na loidhne idir. Chan eil fhios aig a’ mhòr-chuid de luchd-turais gu bheil e fiù’ s ann agus ‘s e glè bheag de dh’Albannaich a tha air cluinntinn mun loidhne nas motha.

Georgemas – an ceann-rèile as fhaide a tuath ann an Alba – Inbhir Theòrsa gu tuath agus Inbhir Ùige dhan ear

Chithear an diofar eadar na trì loidhnichean mòra Gàidhealach bho fhigearan an luchd-cleachdaidh:

Stèisean Àireamh Luchd-siubhail (2022/23)
An t-Òban 186,000
An Gearasdan 146,000
Malaig 71,692
Caol Loch AIllse 46,634
Inbhir Theòrsa 31,446
Inbhir Ùige 14,924

Chanadh cuid gu bheil an loidhne a’ toirt ro fhada is gu bheil e a’ toirt nas fhaide na an rathad ma tha thu a’ dol fad na slighe gu Gallaibh, ach cha bhi sin a’ cur bacadh air daoine bho bhith a’ dol air loidhne na Gàidhealtachd an Iar far a bheil an aon rud fìor.

Tha an loidhne fada ceart gu leòr – 161 mìle agus 4.5 uairean a thìde eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige ach tha an turas eadar Glaschu is Malaig gu math fada cuideachd – 5 uair a thìde agus 162 mìle a dh’fhaid.

‘S e an fhìrinn a th’ ann gur e loidhne anabarrach brèagha a th’ innte agus gum biodh i air gach sanas TBh is catalog aig VisitScotland mur a robh loidhne na Gàidhealtachd an Iar againn mar-thà. Chanainn gu bheil i nas fheàrr na loidhne sam bith ann an Sasainn no sa Chuimrigh mar eisimpleir – ged a tha an Settle and Carlisle agus an Cambrian Coast aca.

Tha a h-uile rud aig Loidhne a’ Chinn a Tuath –  bailtean snoga ri taobh na mara, An Caol Catach, na Flobhaichean (the flow country) agus tòrr a bharrachd. Tha na seallaidhean gu math Gàidhealach ach caran eadar-dhealaichte ri taobh siar a Gàidhealtachd oir tha na beanntan agus na seallaidhean eile a chithear nas coltaiche ris a’ Chuimrigh no ri Èirinn. Tha a’ phàirt mu dheireadh den loidhne a-staigh dhan tìr agus air falbh bhon rathad agus tha na Flobhaichean dìreach air leth. Cho còmhnard, cho lom agus cho eadar-dhealaichte ri rathad-iarainn sam bith eile.

Agus nuair a ruigeas tu ceann na loidhne, tha Taigh Iain Ghròt, Rubha Dhunait (an t-àite as fhaide a tuath air tìr mòr na h-Alba), Arcaibh agus tòrr a bharrachd.

Ach na gabh ris an rud a thuirt mi – rach air loidhne a’ Chinn a Tuath! Agus èist ri B.A.D!

San dealachadh, ’s e rud eile mu B.A.D gu bheil iad a’ sìor bhrosnachadh ioma-chultarachd – a’ measgachadh ceòl Shasainn, Ameireagaidh agus Iameuga. Tha Gallaibh caran mar sin – a’ toirt còmhla cultar ioma-chànanach na Gàidhlig, na Lochlannais agus na Scots!

Sodom and Gomorrah? This is Thurso governor!”

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico