Cinderella ann an Cinn Tìre – saoghal nan stampaichean is nan trèanaichean!

Le alasdairmaccaluim

Sa bhloga mu dheireadh, dh’aithris mi air an turas agam gu Ceann Loch Chille Chiarain. Am measg rudan eile, chaidh mi air chuairt gu Eilean Dà Bhàrr.

Bho thill mi dhachaigh, tha mi air rudeigin inntinneach ionnsachadh mun eilean – gu bheil stampaichean aige. B’ àbhaist bogsa puist a bhith san eilean agus dh’fhaodadh tu litir no cairt-phuist a chur bhon eilean, ach dh’fheumadh tu stampa Eilean Dà Bhàrr a bharrachd air stampa àbhaisteach. A rèir coltais, sguir an t-seirbheis puist seo sna 1960an, ach lean iad orra a’ cruthachadh stampaichean fada às dèidh sin leis gun robh iad a’ còrdadh ri daoine.

Tha stampaichean mar seo meadhanach cumanta airson eileanan beaga. Tha traidisean fada de bhith a’ dèanamh stampaichean ann an eilean Lundy (no Ynys Wair sa Chuimris) ann an Devon. Ann an Alba, ’s e na h-Eileanan Samraidh as ainmeile airson a bhith a’ dèanamh stampaichean den t-seòrsa seo. Agus tha stampaichean mar seo aig a’ mheanbh-nàisean Sealand far costa Suffolk cuideachd.

Airson stampaichean mar seo, tha iad feumail gu ìre – is urrainn dhut rudeigin a chur bhon àite agus thèid a stampadh bho Ynys Wair no Tanara Mòr etc agus tha e mar chuimhneachan air an àite ged nach eil e cho cudromach ri cudromach cothrom a bhith agad litir a chur nuair a bhios tu air turas latha ann.

Fhuair mi a-mach nuair a bha mi a’ rannsachadh seo gu bheil cuid de dh’àiteachan no eileanan a’ dèanamh nan stampaichean dhaibh fhèin ged nach eil feum sam bith orra air adhbharan postachd. Nam measg Colbhasa agus Ìle. Agus tha e math fhaicinn gu bheil iad dà chànanach (ged a tha a’ Ghàidhlig ceàrr air stampaichean Ìle – tha “an t-Eilean Ìle” aca…..). Bidh cuid a dhaoine gan cruinneachadh agus tha iad nan dòighean math gus an t-àite a shanasachadh ma chuireas tu stampa air litir còmhla ris an stampa àbhaisteach.

Fhuair mi a-mach gu bheil ainm sònraichte air stampaichean mar seo: Stampaichean Cinderella. Tha iad a’ gabhail a-steach an fheadhainn air a bheil feum air choireigin leithid nan Eileanan Samraidh ach cuideachd stampaichean mar an fheadhainn ann an Colbhasa no Ìle aig nach eil ròl postaidh sam bith agus stampaichean sanasachd, leithid iomairtean poilitigeach. Mar eisimpleir, nuair a chaidh stampaichean a chruthachadh leis a’ Phost Rìoghail airson Alba, A’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a bha rud beag eadar-dhealaichte ri stampaichean Shasainn, cha deach stampaichean Còrnach a chruthachadh agus chur seo dragh air nàiseantaich na Cuirne agus chruthaich iad an stampa seo.

A bharrachd air seo, ge-tà, fhuair mi a-mach gu bheil an leithid de rud ann ri stampaichean rathad-iarainn cuideachd.

San àm a dh’fhalbh, dh’fhaodadh tu litir a phostadh air trèana no stèisean rèile agus bha agad ri stapma a cheannach bhon chompanaidh rèile a bharrachd air stampa àbhaisteach. Saoilidh mi gur e rud a bha seo a thòisich ann an làithean tràtha nan rathaidean-iarainn nuair nach robh siostam a’ phuist buileach cho leasaichte. San latha a th’ ann, tha bogsaichean puist anns na stèiseanan mòra uile, leithid Glaschu Mheadhain agus bidh bogsa puist gu math faisg air cha mhòr gach stèisean co-dhiù.

Lean seo air adhart gu làithean BR ach mu dheireadh thall, sguir iad. Ach chùm cuid de na rathaidean-iarainn glèidhcte orra le bhith gan dèanamh. San latha an-diugh tha an Talyllyn agus Rathad-iarainn Ffestiniog sa Chuimrigh, Rathad-iarainn Nene Valley ann an Sasainn gan dèanamh fhatathast. Tha iad rim faighinn ann an Eilean Mhanainn cuideachd agus gu dearbha, chuir mi litir dhachaigh le stampa bho mhullach Snaefell ann an Eilean Mhanainn uair.

Rud a tha inntinneach, ’s e gu bheil trèanaichean air tòrr de na stampaichean nach eil aig na rathaidean-iarainn. Mar eisimpleir, rinn Eilean Dà Bhàrr sreath de stampaichean de thrèanaichean – ged a tha an stèisean as fhaisg air san Òban!

Bha ùidh aig m’ athar nach maireann ann an stampaichean agus bhiodh rudan mar seo air còrdadh ris glan! Bhiodh e a’ cruinneachadh stampaichean co-cheangailte ri Esperanto – an cànan eadar-nàiseanta anns an robh e fileanta, agus stamapichean bho dhùthchannan beaga a b’ àbhaist a bhith anns an USSR leithid Latbhia is Lituania agus eileanan beagan leithid Eilean Ascension agus Alderney.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico