Chan eil cus chothrom agam a dhol air trèanaichean an-dràsta!
Cha robh mi air trèana sam bith am-bliadhna fhathast agus cha robh mi air trèana ach mu 5 tursan bhon Mhàirt 2020 uile gu lèir.
Ach tha mi air a bhith a’ dol air feadh an t-saoghail tro leabhraichean is bhidiothan agus tha an glasadh-sìos air leisgeil a thoirt dhomh beagan rannsachaidh a dhèanamh air rudan gu math faisg orm agus gus tòrr leabhraichean a cheannach air rudan a tha an dà chuid air an stairsneach agam fhèin agus gu math fad air falbh bhuam!
Seo na leabhraichean is cairtean-puist a tha mi air cheannach bho chionn ghoirid:

A chionn ’s nach urrainn dhomh Ghlaschu a Deas fhàgail an-dràsta, tha mi air a bhith a’ coimhead air na tha air fhàgail de slighean-trama, slighean bus-tràilidh agus seann rathaidean-iarainn air na cuairtean làitheil agam.
Tha mi ag obair air puist mu na leanas an-dràsta. Ma tha beachd sam bith agaibh leig fios – a bheil rud sam bith eile a bu toil leibh fhaicinn?
- Rathaidean-iarainn ann an Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn
- Tramaichean-smùid Bhaile Ghobhainn
- Trama-eich ainmeil ann am Fionntamhnach (Fintona) ann an Contae Tír Eoghain, Èirinn (agus rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach ann an Èirinn!)
- Tramaichean anns a’ Chòrn
- Rathaidean-iarainn an Eilean Sgitheanaich
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico