Aplacaidean Anaragach VI: An làrach-lìn rèile as fheàrr san t-saoghal! Viaduct.world

Le alasdairmaccaluim

Tha mi air coimhead air grunn làraichean-lìn is aplacaidean an seo roimhe – cuid airson a bhith a’ clàradh tursan adhair is rèile is bus agus feadhainn eile le mapaichean is bharrachd. Cha robh làrach ann, ge-tà, a dhèanadh mapa dhut den a h-uile rathad-iarainn air an robh thu.

Cha robh gu beagan mhìosan air ais, co-dhiù!

Tha làrach-lìn ann a-nis air a bheil Viaduct.world far am faod thu a h-uile turas trèana a rinn thu a chlàradh agus a nì mapa dhut. Nas fheàrr na sin, tha i eadar-nàiseanta agus mar sin, faodar turas trèana sam bith san t-saoghal a chur ann. Agus tha i an-asgaidh cuideachd!

Cruinnichidh Viaduct.word stats cuideachd. Tha fios agam a-nis, mar eisimpleir, gun do shiubhail mi air 52% de lìonra rèile na RA agus 9% de lìonra na Beilge!

Na rathaidean-iarainn uile a rinn mi san RA

A bharrachd air na rathaidean-iarainn, faodar aiseagan a chur ris cuideachd.

Chithear na rathaidean-iarainn agus cuid de na h-aiseagan a ghabh mi ann an Èirinn is Manainn an seo:

Agus chan e a-mhàin rathaidean-iarainn sna lìonraidhean nàiseanta a ghabhas a chur ris oir tha tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte ann cuideachd.

An seo mar eisimpleir, chithear rathaidean-iarainn glèidhte Srath Spè, Baile nan Dubhach is Baile Chè agus Rathad-iarainn Cailleanbach Breichin.

San fharsaingeachd, chan eil na siostaman meatro no trama ann, leithid Underground Lunnainn no Subway Glaschu, ach tha an Tyne and Wear metro ann.

A bharrachd air loidhnichean, faodar na stèiseanan san robh thu a chlàradh cuideachd. Seo eisimpleir bho Shiorrachd Lannraig.

Chithear cuideachd na companaidhean rathaid-iarainn uile a chleachd thu:

Agus tha combaist ann de na turasan rèile agad:

Ma tha thu ag iarraidh mapa mòr de na tursan agad airson a dhol air a’ bhalla agada, nì iad sin dhut air prìs reusanta cuideachd.

Tha cothrom agad beachdan a chur a-steach air an làraich cuideachd agus tha na daoine leis a bheil Viaduct.world air leth cuideachail is deònach èisteachd ri molaidhean.

Seo làrach-lìn sgoinneil. ‘S e an aon rud a tha dona mu dheidhinn gu bheil e furasta cus tìde a chur seachad air….

Ma tha ùidh agad sna tursan rathad-iarainn agam, faodar am mapa agam fhaicinn an seo.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean Anaragach V: a h-uile stèisean!

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ cumail liosta den a h-uile stèisean rèile far an do ghlac mi trèana riamhh oir is e sàr anarag a th’ annam!

Gu ruige seo, tha mi air tadhal air 300 stèisean anns an RA.

Bha mi riamh airson mapa a dhèanamh de na stèiseanan uile sin agus a-nis tha mi air làrach-lìn a lorg a nì dìreach sin!

Seo am mapa air fad leis a h-uile stèisean.

Agus faodar sùmadh a-steach. Seo a’ Chuimrigh:

Agus seo Èirinn a Tuath

Agus seo Meadhan na h-Alba:

Agus seo meadhan Lunnainn leis na termini uile:

Chan eil an làrach-lìn foirfe oir chan eil a h-uile stèisean air airson adhbhar air choireigin, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn as ùire – ach is e fìor dheagh spòrs a th’ ann!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach I – Railmiles is Busmiles

Le alasdairmaccaluim

Ma tha thu gu bhith nad fhìor trainspotter feumaidh na h-apps ceart a bhith agad! San t-sreath ùr seo, bheir mi sùil air cuid de na h-aplacaidean as fheàrr.

Tha app sgoinneil ann air a bheil Railmiles a chlàraicheas a h-uile turas rèile a nì daoine.

Seo an duilleag agam fhèin air Railmiles.

Tro Railmiles, tha fios agam gu bheil mi air 8942 mìle a dhèanamh air trèanaichean am-bliadhna gu ruige seo, 1255 mìle san Dàmhair agus gun d’ rinn mi 127,004 mìltean rèile bho thòisich mi air an làraich-lìn bho chionn 10 bliadhna.

Tha e ag innse dhomh cuideachd, gur e an turas as bithcheanta a bhios agam An Dùn Breac-Glaschu Mheadhan, air a leantainn le Glaschu gu Dùn Èideann agus gur e an turas a b’ fhaide a rinn mi riamh Glaschu Mheadhain-Bristol Temple Meads (486 mìle).

Agus tha lìog ann cuideachd airson faicinn cò rinn an àireamh as motha de mhìltean rèile sa bhliadhna. Chan eil mi ach aig àireamh 359 aig an àm seo – tha an neach aig àireamh 1 air 113,898 mìle a dhèanamh – feumaidh gur e dràibhear no geàird a th’ ann!

Abair spòrs!

Agus dh’ionnsaich mi bho chionn ghoirid gu bheil an aon seòrsa prògram ann airson busaichean – busmiles. A bharrachd air seo, tha e an-asgaidh!

 

Chan eil mi idir cho deidheil air busaichean ‘s a tha mi air trèanaichean, ach le duilgheadasan a thaobh cunbhalachd agus cosgaisean nan trèanaichean, tha mi air na busaichean nas trice na bha agus mar sin, tha e math cothrom a bhith agam na miltean bus agam a chlàradh!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean