Tramaichean Chaluim Chille – slighe-trama Dhoire

Le alasdairmaccaluim

Bha mi ann an Doire na bu thràithe am-bliadhna còmhla ri mo charaid gaisgeil Wilson MacLeòid.

Rinn sinn na rudan àbhaisteach a nì luchd-turais. Chunnaic sinn “Balla Dhoire Saor” talla a’ bhaile agus Àrd-eaglais Dhoire, thadhail sinn air Cultarlann Dhoire agus choisich sinn air ballachan ainmeil a’ bhaile.

Mar chuideigin aig a bheil ùidh ann an ceòl roc, bha mi toilichte dealbh-balla nan Undertones fhaicinn air a’ bhalla. Airson sgìre gu math beag, abair thusa gu bheil eachdraidh ciùil làidir aig Èirinn a Tuath – na h-Undertones (Doire), Stiff Little Fingers is Eric Bell aig Thin Lizzy (Beul Feirste) agus Gary Moore (Ard Mhic Nasca).

Dealbh-balla nan Undertones, Doire
Dealbh balla nan Undertones, Doire

Air na ballachan, a bharrachd air na h-Undertones, chunnaic mi seann dealbh le sealladh den bhaile aig tòiseach an 20mh linn agus mhothaich mi gun robh tramaichean ann – tramaichean eich.

Saoilidh mi gur e seo an dealbh a bh’ ann – cheannaich mi an t-seann chairt-phuist seo air ebay a rinneadh c1913.

Leasaichte/Enhanced: Cairt-puist, Doire, c1913

Ged a bha mi air rannsachadh gu leòr a dhèanamh mu na rathaidean-iarainn ionadail, cha robh mi air smaoineachadh mu thramaichean. Mar sin, nuair a chaidh mi dhachaigh, cha b’ e ruith ach leum dhomh rannsachadh a dhèanamh air a’ chùis.

Chaidh City of Derry Tramways – Trambhealaí Chathair Dhoire – a thogail ann an 1897.

Is e slighe-trama gu math ghoirid a bh’ innte, is i dìreach mu 2 mhìle a dh’fhaid uile gu lèir. Ged a bha i ann an Èirinn, ’s e loidhne gèidse-choitcheann a bh’ innte (4’8.5”) seach gèidse na h-Èireann (5’3”). 

Bha i a’ ceangal diofar stèiseanan rèile sa bhaile – Foyle Road agus Graving Dock – ri chèile agus ri meadhan a’ bhaile. Chithear mapa den t-slighe gu h-ìosal.

Bha planaichean ann gus an t-slighe-trama a dhealanachadh ach chuir luchd-tagsaidh a’ bhaile an-aghaidh seo gu làidir agus cha do thachair e aig a’ cheann thall.

Chaill an siostam tòrr de na h-eich aca nuair a chaidh an toirt air falbh leis an Riaghaltas airson a’ chogaidh mhòir. Leis nach deach a dealanachadh, is leis gun robh busaichean dìosail a-nis ann, is beag an t-iongnadh nach do mhair an loidhne bheag seo na b’ fhaide.

Ged nach eil na tramaichean ann tuilleadh, mholainn Doire gu mòr. Baile brèagha le tòrr eachdraidh is cultar. Tha an rathad-iarainn eadar Beul Feirste agus Doire air aon de na tursan rèile as ainmeile agus as fheàrr san t-saoghal cuideachd – tha e cho math ri Slighe na Gàidhealtachd an Iar an Alba no an Settle and Carlisle ann an Sasainn. Mar sin, feuch gun tèid thu ann air an trèana.

Stèisean Dhoire
Trèana C4k a’ tighinn a-steach a Stèisean Dhoire

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean