Thòisich an latha agam gu math gu math tràth le tagsaidh aig 03:40. Bha mi a’ dol dhan phort-adhair ach an àite a bhith a’ dol ann gu direach, dh’obraich mi a-mach gum biodh e na bu shaoire a dhol gu Stèisean Bus Bhochannan agus am bus fhaighinn a-mach dhan phort-adhair.

Tha mi seachd sgìth de mar a tha e a’ cosg tòrr a bharrachd a dhol dhan phort-adhair – air modh còmhdhail phoblach sam bith na turas sam bith eile den aon astar. Agus gu dearbha, chan eil e saor a dhol ann sa chàr nas motha!
A rèir Google, tha 5.7 mìle ann eadar an taigh agus stèisean nam bus agus 6.4 mìle eadar an taigh agus am port-adhair. Chosg an tagsaidh gu stèisean nam bus £15 ach bhiodh e air £34 a chosg dhan phort-adhair – eadar-dhealachadh mòr ann an cosgais airson turas dìreach 0.7 mìle nas fhaide! Mar sin, bha e na bu shaoire a dhol cha mhòr 6 mìle an taobh ceàrr gus bus fhaighinn na bhith a’ dol ann gu dìreach. Le faradh a’ bhus aig £11, chosg e £26 seach £34. Tha an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mu na companaidhean puirt-adhair prìobhaideach agus an sgiùradh prìs (price gouging) aca.
Nuair a ràinig mi stèisean nam bus, bha e loma-làn daoine a bha air tighinn a-mach às na clubaichean oidhche agus bu mhise cha mhòr an t-aon duine a bha sòbarrach agus air an robh aodach gu leòr. Fhuair mi bus luath 500 dhan phort-adhair aig 04:00, a tha a-nis air a ruith le busaichean dealanach spaideil ùra.
Cha b’ fhada gus an robh mi sa phort-adhair le cofaidh agus leabhar (Bho Pheairt gu Hiort le Iain Mac an Tàilleir – abair leabhair!) Dh’fhalbh an plèana agam air an uair aig 06:05. Bha sinn uile air bòrd gu math tràth ach bha am pìleat a’ gearan mu luchd-obrach Smachd Trafaig Adhair ann an Cathair Bheul Feirste air an intercom – “cha bhi iad a’ tòiseachadh gu 06:30 agus ma bhios sinn ann tràth, bheir iad oirnn a dhol timcheall is timcheall uair is uair gus am bi iad deiseil ar leigeil sìos!“

Ri mo thaobh bha buidheann de bhoireannaich a bha air splaoid. Cheannaich iad dà bhotal beag de phrosecco an urra. Leis nach robh iad a’ reic rudan gus an robh am plèana aig àirde cruising, cha robh ach mu 10 mìonaid aca gus an òl – ach ’s ann a rinn iad a’ chùis aig a’ cheann thall!
Mar a bha e, bha sinn os cionn a’ phuirt-adhair aig mu 06:30 agus thug Smachd Trafaig Adhair Bheul Feirste oirnn a dhol timcheall co-dhiù agus bha am pìleat a’ gearan mu dheidhinn sin cuideachd!
Nis, tha dà dhòigh ann airson a dhol eadar Port-adhair Bheul Feirste agus meadhan a’ bhaile air còmhdhail phoblach. Tha bus ann gu meadhan a’ bhaile agus tha trèana ann bho Stèisean Shuideanam (Sydenham) faisg air làimh.
Tha meanbh-bus an-asgaidh ann eadar doras a’ phuirt-adhair agus an drochaid thairis air Seach-rathad Shuideanam ri taobh an stèisean. Gus a ghairm, tha putan ann aig stad a’ bhus. Phut mi e thuirt an duine gum biodh e ann taobh a-staigh 5 mionaidean – agus is e a bha.
Tha mi toilichte gu bheil am bus sin ann oir tha e doirbh do slighe a lorg ann – chan eil an t-slighe coiseachd uamhasach fhèin furasta ri lorg no snog. Tha i air a chuairteachadh le feansaichean cuideachd le soidhnichean rabhaidh orra (“na rach thairis air seo no thèid do chur an greim mar cheannairceach”, “cunnart rabies” is mar sin air adhart!)
Is dòcha nach bi an trioblaid seo ann fada, ge-tà, oir mar phàirt de sgeama gus am port-adhair a leudachadh is a sgeadachadh, tha planaichean ann gus stèisean ùr a thogail aig a’ phort-adhair fhèin, mu 1km air falbh bho stèisean Shuideanam.
Bha sinn ri taobh na drochaid aig 07:06 agus bha mo thrèana gu bhith ann aig 07:07. Ruith mi thairis air an drochaid aig peilear mo bheatha is ghlac mi an trèana – dìreach! Beagan mhionaidean às dèidh sinn, bha an trèana a’ tighinn a-steach gu Mórstáisiún Lárnach Bhéal Feirste no Belfast Grand Central.
Seo stèisean spaideil mòr ùr a dh’fhosgail ann an 2024. Chaidh e an àite Stèisean Mòr-shràid Bhictoria agus an Eorpa Bus Centre. Tha co-òrdanachadh nas fheàrr ann eadar bus agus trèana agus tha barrachd àrd-ùrlaran bus agus trèana ann. Tha 26 àrd-ùrlaran bus agus 8 àrd-ùrlaran rèile ann uile gu lèir. Bidh na trèanaichean eadar Beul Feirste agus Baile Atha Cliath a-nis a’ cleachdadh Grand Central ann am meadhan a’ bhaile seach a bhith a’ cleachdadh Lanyon Place (air an robh Belfast Central roimhe) a tha caran iomallach.
Ciamar a bha mi a’ pàigheadh airson seo uile? Le cairt iLink Zone 4 “Freedom of Northern Ireland” is urrainn dhut a dhol air a h-uile seirbheis còmhdhail phoblach ann an Èirinn a Tuath air fad. Fhuair mi cairt airson Èirinn a Tuath air fad airson latha – ach gheibhear iad airson diofar shònaichean no diofar amannan. Chosg e £19 agus leis a sin, chaidh mi air 4 tursan bus agus 4 tursan trèana. Mar sin, chanainn gur e bargan a th’ bh’ ann.
Carson a bha mi ann an Èirinn? Airson a dhol gu Gala nan Dìosailean aig Iarnród Dhún Pádraig agus Chontae an Dúin. Ach leis nach robh an tachartas gu bhith a’ tòiseachadh gu 11:30, bha mi airson beagan a bharrachd den dùthaich fhaicinn.
Cha robh mi riamh san Iúr (Beurla: Newry) is mar sin, chuir mi romham a dhol ann air an trèana agus an uair sin, bus fhaighinn eadar an An Iúr agus Dùn Pàdraig.
Ghabh mi an trèana eadar Beul Feirste agus Baile Ath Cliath aig Grand Central agus bha i gu math làn. Aig Port an Dúnáin thàinig tòrr dhaoine eile air bòrd agus nuair a ràinig sinn an tIùr fhèin, chaidh tòrr a bharrachd dhaoine eile air bòrd.
Tha stèisean an rathad-iarainn pìos a-mach às an Iùr fhèin agus tha an rathad dhan bhaile caran cas is mar sin, tha bus shuttle an-asgaidh aig Translink a bhios a’ dol eadar stèisean nam bus ann am meadhan a’ bhaile agus an stèisean rèile gus coinneachdh le gach trèana. Tha an aon rud fior ann an Doire cuideachd far a bheil bus an-asgaidh ann bho stèisean nam bus agus an stèisean rèile a tha pìos air falbh. Bhiodh busaichean mar seo air an taobh seo den mhuir math cuideachd. Gu tric, nì daoine turas fada ann an càr an àite còmhdhail phoblach mar thoradh air mìle aig deireadh na slighe nach eil goireasach le còmhdhail phoblach. Mus tàinig na busaichean Ember air a’ Ghàidhealtachd, mar eisimpleir, bhiodh iomadh duine a’ dràibheadh fad na slighe eadar meadhan na h-Alba agus Arcaibh a chionn ‘s nach robh ceanglaichean bus goireasach ann airson an turas goirid eadar stèisean Inbhir Theòrsa agus port nan aiseagan ann an Sgrabastal.
Bha mi ann an Doire bho chionn ghoirid agus shaoil mi gun robh an tIùr gu math coltach ri Doire na choltas – le toglaichean eachdraidheil brèagha agus abhainn ann am meadhan a’ bhaile. Cha robh gu leòr tìde agam ann gus deagh shùil a thoirt air a’ bhaile, ach chòrd na chunnaic mi rium gu mòr – feumaidh mi a dhol air ais.
Gu tric, nuair a tha daoine a-mach air stèiseanan bus, chan eil ann ach àiteachan pàrcaidh do na busaichean agus fasgaidhean ma tha thu fortanach. Mar as trice, tha iad fuar is fliuch agus chan iad idir tarraingeach. Ann an Èirinn a Tuath, tha iad gu tric nan stèiseanan ceart le toglaichean agus goireasan agus tha sin fior mu Stèisean Bus an Iùir – tha togalach mòr spaideil ann le cafaidh, suidheachain, book swap, taighean-beaga glan, oifis nan tiocaidean agus clàran fiosrachaidh dealanach mu na seirbheisean bus uile. Bha an aon rud fìor ann an Aontroim agus Dùn Phàdraig far an robh mi nas anmoiche air an latha cuideachd. Nam biodh stèiseanan bus ceart mar seo ann am barrachd bhailtean ann an Alba, tha fios gun cleachdadh barrachd dhaoine còmhdhail phoblach.




Bha e a-nis mu 10:30 sa mhadainn agus bha mi air leth feumach air cofaidh. Chaidh mi dhan chafè san stèisean agus feumaidh mi ràdh gur e sin an dàrna cupa cofaidh as miosa a bh’ agam riamh nam bheatha, gu mì-fhortanach. Gu h-iongantach, bha an cupa cofaidh a bu mhìosa agam riamh ann an Èirinn a Tuath cuideachd. Tha deagh chuimhne agam air – bha mi ann am Beul Feirste ann an 2011 agus bha mi a’ dol a ghlacadh trèana ann am Belfast Central. Cheannaich mi cofaidh aig a’ chafaidh san stèisean agus abair thusa gun robh e dona. Bha e coltach ri tì le spent cofaidh grounds ann no rudeigin mar sin. Bhon uair sin, tha ainm an stèisean air atharrachadh bho Bhelfast Central gus Lanyon Place agus nam bheachd, rinn iad sin mar thoradh air mì-chliù a’ chofaidh aca!
Anns an Iùr agus a-mach air an dùthaich faisg air làimh, bhuail e orm cho coltach ris a’ Phoblachd ’s a bha an t-àite a thaobh coltas nan togalaichean, nam feansaichean is a h-uile rud eile. Ann an cuid a dh’àiteachan ann an Èirinn a Tuath, cha bhiodh fios agad gun robh thu ann an Èirinn le cho Breatannach ‘s a tha coltas an àite, ach an seo, bha an caochladh fìor agus bhiodh e furasta dìochuimhneachadh gun robh thu san RA.
Tha tòrr aig Alba is Èirinn sa chumantas, agus am measg sin tha uisge. Bha cuisean tioram gu leòr ann am Beul Feirste ach air an t-slighe a-mach às an Iùr thòisich an t-uisge a’ tuamadh. Bha mi a’ dol gu Dùn Pàdraig an taobh seo gus am biodh cothrom agam a dhol seachad air an Caisleán Nua is Sliabh Dónairt fhaicinn ach bha an t-uisge cho dona ge-tà is nach robh sgeul air na beanntan no air a’ mhuir!
Ràining mi Dùn Phàdraig aig 11m deiseil airson latha de thrèanachas.
Ri leantainn..
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

