Liosta na lice – na tursan rèile is eile a tha mi airson dèanamh mus fhàigh mi bàs

Le alasdairmaccaluim

Fad iomadh bliadhna tha mi air a bhith a’ sgrìobhadh liosta-bucaid airson turasan rèile a tha mi airson dèanamh.

Tha mi dìreach air smaoineachadh gum biodh “liosta-lice” math mar Ghàidhig air bucket list – leis gur e liosta a th’ ann de na rudan a tha thu airson dèanamh mus teid thu fon leac!

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air mo liosta-lice barrachd sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Sa chiad dol a-mach, tha mi a’ fàs sean agus tha e a’ fàs nas fhollaisiche is nas fhollaisiche dhomh nach bi an tìde no an t-airgead agam gus a h-uile rud a dhèanamh a bu toil leam.

A bharrachd air mo shaoghal fhèin, mar chuideigin a dh’fhàs suas sna 80an, tha mi a’ faireachdainn a-rithist gur dòcha nach eil deireadh an t-saoghail cho fada air falbh le atharrachadh luath na gnàth-shìde agus cogaidhean gun fheum gun adhbhar san àird an ear. Agus fiù ’s mura faigh sin uile bàs,  le bubble an AI gu bhith a’ spreidheadh uair sam bith agus a’ tòiseachadh seargadh mòr san eaconamaidh, tha deagh sheansa nach bi peinnsean agam aig a’ cheann thall co-dhiù!

Mar sin, chan eil fhios agam am bu chòir dhomh smaoineachadh gu cruaidh air na tha mi airson dèanamh agus a bhith faiceallach le airgead is planadh airson an àm ri teachd – no am bu chòir dhomh m’ airgead agus mo thìde a chosg air rudan a tha a’ còrdadh rium an-dràsta leis gur dòcha nach bi a-màireach ann! Mar a thuirt Neil Young – “it’s better to burn out, ’cause rust never sleeps!” no mar a thuirt Steppenwolf – “Fire all your guns and once and explode into space”!

Co-dhiù, seo na rudan a tha air an liosta-lice siubhail agam. Tha cuid nan tursan trèana, cuid eile, tursan bàta no bus.

Bhiodh e fìor mhath cluinntinn bhuaibh – dè na h-àiteachan a tha air an liosta-lice agad? No an robh thu riamh ann an gin de na h-àiteachan seo?

Aldarnaigh, Eileanan Caolais Shasainn Tha rathad-iarainn beag snog ann an Alderney ann an Eileanan a’ Chaolais le seann trèana tiùb à Lunnainn!   Agus bu toil leam a dhol gu Gearnsaidh is Deàrrsaidh cuideachd fhad ’s a bhios mi ann oir is toil leam dùthchannan beaga le mion-chànanan. Flag of Alderney - Wikipedia
Eilean Lundy, Caolas Bristol, Sasainn Eilean beag ann an Devon a tha ainmeil bhon Shipping Forecast a bha uair na “mheanbh-nàisean” le uachdaran craicte a bha den bheachd gur e seòrsa Rìgh a bh’ ann a dh’fheuch ris na stampaichean agus an t-airgead fhèin a bhith aige.   Agus mas math mo chuimhne, tha fionn-sgeul caran fortean ann mu mar a tha an t-eilean ann an Sasainn seach sa Chuimrigh.
Enys Lannvanagh (Looe Island), A’ Chòrn An cuala tu riamh an t-òran Jerusalem – òran nàiseanta neo-oifgeil Shasainn?

And did those feet in ancient time,
Walk upon Englands mountains green:
And was the holy Lamb of God,
On Englands pleasant pastures seen!

Uill, a rèir beul-aithris, ’s e an fhreagairt “no but he was in Cornwall!” agus ’s ann ann an Eilean Looe, Kernow, a bha e an da-rìribh. A rèir an fhionn-sgeòil, bha Seòsamh Arimatia air turas malairt gus meinneadairean fhaicinn sa Chùirn agus bha Iosa ann còmhla ris. Bha na Còrnaich caran garbh is bha Iosa na bhalach òg is mar sin, chaidh Iosa fhàgail air an eilean fhad ’s Seosamh ri barganachadh

Chaidh an t-eilean  a cheannaich le dà bhoireannach caran craicte anns na 1960an cuideachd agus sgrìobh iad dà leabhar sgoinneil mu am beatha ann.   Tha an t-eilean dìreach ri taobh baile Logh/Looe (far am bi iad a’ filmeadh Beyond Paradise agus a’ cumail a-mach gu bheil iad ann an Devon!) agus tha meur-loidhne àlainn ann eadar Logh/Looe agus Lyskerrys/Liskeard.  

Agus mu dheireadh, tha an t-ainm Enys Lannvanagh gu math coltach ris a’ Ghàidhlig: tha e a’ ciallachadh “Innis Lann-mhanach.”  

Cornish Flag
Syllan – na h-Eileanan Scilly, a’ Chòrn ’S e Kernophile gu cùl a th’ annam agus ged a bha mi air tìr-mòr na Cùirne, cha robh mi riamh sna h-Eileanan  Scilly. Tha mi ag iarraidh a dhol ann air an trèana cadail eadar Loundres/Lunnainn agus Pennsans/Penzance agus an uair sin air a’ bhàta.  

Tha sreath leabhraichean eucoir fìor mhath mu na h-eileanan mu DC Ben Kitto le Kate Rhodes cuideachd.

Scillonian Cross - Wikipedia
Sealtainn Bha mi anns a h-uile siorrachd ann an Alba – ach a-mhàin Sealtainn agus mar sin tha mi airson a dhol ann gus am bi mi air Alba air fad fhaicinn.  

Bidh a h-uile duine as aithne dhomh ag ràdh “Tha Sealtainn OK, ach tha Arcaibh fada nas fheàrr”.   Agus leis an fhìrinn innse, tha sin a’ cur ris a’ mhiann agam Sealtainn fhaicinn!   (Agus feumar a ràdh gu bheil Arcaibh air leth fhèin math – agus ma tha e fiù ’s a leth cho math ri Arcaibh, bidh e sgoinneil).

Flag of Shetland - Wikipedia
Scilly gu Sealltainn Ma tha mi a’ dol do na h-eileanan as fhaide a tuath agus as fhaide a deas anns an RA, saoilidh mi gum b’ fhiach e a dhèanamh san aon turas!   Is iomadh duine a nì Lands End>Taigh Iain Ghrot ach tha seo nas hardcore!   Dhèanainn le còmhdhail phoblach e.   Bheireadh e beagan làithean, tòrr mòr obair planaidh agus airgead gu leòr ach ’s ann a bhiodh e sgoinneil.
Diuranais Tha mi gu mòr airson a dhol air a’ bhus eadar Inbhir Nis agus Diùranais.   Cha robh mi riamh ann an Cataibh an ear agus chuala mi gur e seo fear de na tursan bus as fheàrr san t-saoghal.   (Agus ged a bha mi air a’ chosta a tuath ann an Inbhir Theòrsa, tha e fhathast doirbh dhomh creidsinn gu bheil costa aig tippy-top na h-Alba!) Sutherland Flag | Free official image and info | UK Flag ...
San Francisco Chan eil mi a’ dol a dhol gu na stàitean gus am bi rudan ciallach is sàbhailte an sin a-rithist, ach cò nach biodh airson càraichean càbaill suaicheanta a’ bhaile fhaicinn?

Bu toil leam a dhol air turas fada aig Amtrak cuideachd – is dòcha New York gu San Francisco.

Carson a tha bratach California ann an Gàidhlig Mhanainn an seo?  Leugh am bloga seo.

california mhanainn
Stroma An aon eilean ann an Gallaibh agus bha sluagh a’ fuireach ann gus tòiseach nan 1960an. Tha turasan dhan eilean gu bhith a’ tòiseachadh am-bliadhna fhathast agus is mi a bhios a’ dol ann. Flag of Caithness - Wikipedia
Monaco Is toil leam “meanbh-stàitean” agus bha mi sa Bhatacan mar-thà. Tha mi ag iarraidh a dhol gu Monaco a-nis – cha toil leam daoine bheartach is càraichean mòra, no gu dearbha, an Grand Pris no casinothan, ach tha an dàrna lìonra rèile as lugha san t-saoghal aig an dùthaich bheag seo (às dèidh a’ Bhatacain).

Ma tha tìde no airgead gu leòr agam, bu toil leam a dhol gu Andorra, Liechtenstein is San Marino cuideachd gus am faic mi a h-uile meanbh-stàit Eòrpach!

Rònaigh Tha a h-uile duine air a bhith ann an Hiort a-nis. Cha mhòr nach e Times Square a th’ ann sna làithean seo!. Mar sin, tha mi ag iarraidh dhol gu eilean tòrr nas iomallaiche – Rònaigh.

Leugh mu tòrr mu eachdraidh inntinneach an Eilein. ’S e an aon trioblaid a th’ agam nach eil fios agam ciamar a thèid mi ann. A bheil fhios aig duine?  

Is toil leam na h-eileanan iomallach anns na h-Eileanan an Iar. Ma bhios cothrom agam, bu toil leam na h-Eileanan Seunta, Na h-Eileanan Flannach, Sùlaisgeir agus fiù ’s Rocal fhaicinn cuideachd.

Tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an eileanan beagan mar seo fad bhliadhnaichean bho leugh mi The Farthest Hebrides le Alasdair Alpin MacGregor agus St Kilda and Other Hebridean Outliers le Frank Thompson.

Outer Hebrides Flag
Na Blascaodaí Ma tha An Blascaod Mór math gu leòr do Pheig f***ing Sayers, tha e math gu leòr dhomhsa!

Leugh mi na leabhraichean uile mun na Blascaodaí agus tha mi ag iarraidh a dhol ann.

Eilean na Deasghabhalach (Ascension Island) Eilean beag ann an taobh deas na h-Atlantaig.  

A bharrachd air eileanan iomallach ann an Alba, tha ùidh mhòr agam ann an St Helena, Tristan da Cunha, South Georgeia, na h-Eileanan Fàlclannach agus Pitcairn am measg eile – ach ‘s e Eilean Deasghabhalach às fheàrr leam!

Tha am pleana eadar Sasainn agus na h-eileanan Fàlclannach a’ stad ann air an t-slighe.

Flag of Ascension Island

Sin tòrr rudan ceart gu leòr! Ach fiù ‘s mur a bi e comasach dhomh mòran, no gin aca fhaicinn, chan eil adhbhar gearain agam oir rinn mi tòrr rudan a bha air an liosta cheana:

Eileanan: Hiort, Cumaradh Beag, Colbhasa, Toraigh.

Turas gu Hiort

Eilean Mhanainn

Raad-Yiarn Sniaull, Mannin

Rathaidean-iarainn: Acton Depot, Lunnainn; The Island Line, Isle of Wight, East Anglia Transport Museum,  Buckinghamshire Railway Centre, post office railway

Bus-tràilidh Ghlaschu, Taigh-tasgaidh Sandtoft
Bus tràilidh Ghlaschu ann an Linconlnshire – chòrd e rium glan fheuchainn!

Rail challenges: chaidh mi air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba agus ann an Èirinn a Tuath agus rinn mi a h-uile loidhne aig an London Overground, Underground agus DLR. (Tha mi ag obair air a’ Chuimrigh a-nis – mu 50% dèante, a’ feuchainn ri Sasainn air fad a dhèanamh cuideachd – ach chan eil sin furasta!).  Fhuair mi cothrom a dhol air bus-tràilidh cuideachd, ann an gleidheachas ann an Sasainn (East Anglia agus Sandtoft).

Leig fios an robh thu ann an gin de na h-àiteachan seo no mu àite sam bith far a bheil thu ag iarraidh a dhol.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean