Wile E. Coyote air a’ Ghàidhealtachd – turas gu Inbhir Garadh II

Le alasdairmaccaluim

Chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air companaidh no brannd sam bith – dìreach seall air Wile E. Coyote agus Acme – no na daoine bhochda a chur airgead a-steach gu Brewdog nuair a bha iad a’ cumail a-mach gur e companaidh adhartach bheusach uaine a bh’ annta mus do dh’fhàs e follaiseach nach robh ùidh aca ann an rud sam bith ach airgead.

Ach às dèidh dhomh sin a ràdh, tha mi uamhasach dèidheil air a’ chompanaidh bus Ember. Seo companaidh bus Albannach a chaidh a stèidheachadh le daoine bhon roinn teic a tha airson crathadh a thoirt air siostam na còmhdhail.

Tha an àrainneachd gu math cudromach dhaibh agus tha na coidsichean aca uile dealanach. Tha teicneòlas gu math cudromach cuideachd agus tha na tiocaidean air-loidhne a-mhàin agus tha iad a’ cleachdadh teic gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile rud cho furasta agus cho goireasach ’s a ghabhas agus gu bheil an uiread ’s a ghabhas de dh’fhiosrachadh aig daoine. ’S ann a tha càileachd na seirbheis cudromach dhaibh cuideachd – tha na busaichean spaideil agus cofhurtail agus tha na dràibhearan uile air an trèanadh gu math a thaobh seirbheis custamair.

Bus Ember, Stèisean Bus a' Ghearastain
Coisde Ember anns a’ Ghearastan air seirbheis gu Inbhir Nis

A thaobh teic, tha an làrach aca furasta a chleachdadh. Tha mapa beò de na busaichean uile aca gus an urrainn dhut an tracadh agus cuiridh iad teacsa thugad ma tha am bus agad gu bhith air dheireadh. Ged a dh’fheumas tu booking a dhèanamh airson a’ mhòr-chuid de thursan, tha e furasta a dhèanamh agus furasta atharrachadh/cuir dheth gun dragh – no cosgais – sam bith.

Le Ember, ged a tha tòrr stadan bus ann, airson a’ mhòr-chuid, cha bhi am bus a’ stad ann ach a-mhàin ma tha thu air clàradh ro làimh (feumar clàradh co-dhiù 15 mionaidean ro làimh). Tha seo a’ sàbhaladh tòrr tìde oir tha cuid de na stadan far an rathaid mhòr. Tha iad nas luaithe mar thoradh air seo agus cuideachadh mar thoradh air na busaichean dealanach a tha nas luaithe air rathaidean cas na busaichean dìosail.

Rud eile a tha gu math, ’s e nach bidh na prìsean aca ag atharrachadh a rèir iarrtais. Eu-choltach ris na trèanaichean astar fada, ’s e an aon phrìs a phàigheas tu airson an aon turais uair sam bith agus chan eil e gu diofar an ceannaich thu an tiocaid mìosan ro làimh no 15 mionaid mus falbh am bus. Tha na prìsean gu math reusanta cuideachd.

B’ urrainnear a ràdh gur e “buaireadairean” no disruptors a th’ annta. Aig an àm seo, tha coidsichean gu ìre mhòr ag amas air daoine aig nach eil roghainn sam bith eile no aig nach eil airgead gu leòr airson na trèana agus fiù ’s leis a sin, gu math tric tha na prìsean caran àrd co-dhiù. Le bhith a’ toirt seachad siostam a tha saor, spaideil, ceangailte agus a’ toirt seachad deagh sheirbheis, uaireannan far nach robh seirbheis ann roimhe, tha iad ag amas air daoine a tharraing às na càraichean aca.

A’ tòiseachadh le seirbheisean eadar Dùn Dè agus Dùn Èideann agus Dùn Dè agus Glaschu, tha lìonra aca air feadh taobh tuath agus meadhan na h-Alba a-nis. Agus tha tòrr de na seirbheisean nas trice na na seirbheisean aig na companaidhean coidse àbhaisteach, a’ tòiseachadh nas tràithe agus a’ crìochnachadh nas anmoiche, a tha nas saoire agus tha tòrr aca a’ frithealach àiteachan aig nach robh seirbheis cheart no seirbheis sam bith roimhe, tòrr aca ann an sgìrean dùthchail far a bheil ceangailteachd daonnan dùbhlanach.

Air a’ Ghàidhealtachd cuideachd, tha Ember a’ gabhail pàirt anns an sgeama pìleat far nach cosg faraidhean barrachd na £2. 

An turas seo, bha mi a’ dol air an t-seirbheis ùir aca eadar an t-Òban, An Gearasdan agus Inbhir Nis eadar stèisean bus a’ Ghearasdain agus Drochaid-thiondainn an Lagain, faisg air Tobar nan Ceann.

’S e seirbheis cudromach a tha seo a tha a’ ceangail trì de na bailtean as cudromaiche air a’ Ghàidhealtachd ach cha robh mi a’ dol fad na slighe, dìreach fad 20 mìle no mar sin agus air £2 ’s e bargan air leth a bh’ ann.

Chaidh mi gu stèisean bus a’ Ghearasdain, a tha ri taobh an stèisein agus ri taobh Morrisons – cridhe na Gàidhealtachd an Iar! Bha am bus air an uair agus dh’fhalbh e le còignear air bòrd. Bha dithis a’ dèanamh air Drochaid an Aonachain le dithis a’ dol nas fhaide a tuath. Cha do thog sinn duine sam bith a bharrachd air an t-slighe.

Gu h-inntinneach, bha mi a’ dol ann gus stèisean fhaicinn air rathad-iarainn a bha ann gu ìre mhòr ann gus ceangal den aon seòrsa a dhèanamh nach robh idir soirbheachail! B’ e seo rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimean, eadar Drochaid an Aonchain agus Cille Chuimein a chaidh a thogail mar phàirt de dh’iomairt nach robh soirbheachail aig a’ cheann thall gus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar a leudachadh gu Inbhir Nis. Cha deach an loidhne dad nas fhaide na Cille Chuimein aig a’ cheann thall agus cha robh trafaig gu leòr ann riamh gus prothaid a dhèanamh agus cha do mhair an loidhne ro fhada. Mar sin, is math gu bheil Ember agus seirbheisean coidse eile ann!

 Bha an turas luath agus goireasach is bha am bus blàth is cofhurtail le teàirrdsear airson fònaichean air gach suidheachan. Leis gur e bus dealain a th’ ann, tha e gu math gu math sàmhach cuideachd. Cha do chur an rathad fìor chas a-mach à drochaid an Aonachain dragh sam bith air nas otha.

Leugh mun turas agam dhan rathad-iarainn an seo.  

Às dèidh mo thruas dhan rathad-iarainn, bha an t-sìde air a dhol gu math mosach le uisge gu leòr. Fhuair mi teacsa ag ràdh gun robh am bus 5 mionaidean air dheireadh. B’ urrainn dhomh fuireach ann an àite tioram blàth gus an robh am bus gu bhith ann agus sùil a chumail air an tracadair.

Chaidh mi ann ann an deagh àm gus am bus a ghlacadh is chaidh mi air bòrd far an robh e blàth is seasgair. Stad am bus aig an dà stad eile anns an Lagain agus thog e dà bhuidhinn de luchd-coiseachd a bha gu math fliuch. Saoilidh mi gun robh iad air Slighe a’ Ghlinne Mhòir ach gun robh e fada ro fliuch airson cumail orra – agus bha an sneachd dìreach air tòiseachadh cuideachd!

Tobar nan Ceann, 3/4

Chan fhada gus an robh mi air ais anns a’ Ghearsdan. Cha do chosg an turas agam ach £4 – dà not ann agus dà not air ais. Abair bargan!

Mholainn Ember gu mòr.

Mar a thuirt mi ge-tà, chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air brannd sam bith agus tha beagan draghan orm.

’S a chiad dol a-mach, ged a tha mi air an cleachdadh meadhanach tric, chan eil seirbheis sam bith air an robh mi uabhasach trang. Tha mi an dòchas gun atharraich seo agus gun cleachd barrachd is barrachd dhaoine an cuid sheirbheisean gus an cumail a’ dol mar lìonra, gu sònraichte leis gu bheil iad a’ cur cheanglaichean an comas nach robh ann roimhe agus a’ toirt seachad seirbheis nas fheàrr is nas uaine na coidsichean àbhaisteach.  

Agus le tech bros, tha an cunnart daonnan ann gun tèid iad dhan taobh dorcha no gun tèid a’ chompanaidh a cheannaich le daoine aig nach eil an aon fheallsanachd a thaobh prìsean no a thaobh na h-àireannachd ach aig an ìre seo, tha Ember a’ dèanamh obair air leth.

Dùbhlan do na rathaidean-iarainn?

Agus tha trioblaidean eile ann ma bhios iad soirbheachail! Ged is e deagh rud a th’ ann gu bheil faraidhean £2 ann air a’ Ghàidhealtachd, tha seo a’ ciallachadh gu bheil turas bus a’ cosg £2 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Thèorsa, rud a tha gu math cunnartach do Rathad-iarainn a’ Chinn a Tuath far a bheil faraidhean nas àirde airson turas a tha a’ toirt nas fhaide. Tha mi an dòchas gun gabh an Riaghaltas ceumannan gus Loidhne a’ Chinn a Tuath a dhèanamh nas tarraingiche agus nas saoire – faraidhean nas saoire, trèanaichean ùra agus barrachd lùban seachnaidh air an loidhne, mar eisimpleir.

Stèisean Inbhir Ùige
Stèisean Inbhir Ùige

Dh’fhaodte gun toir iad droch bhuaidh air seirbheisean trèana eile far am feum thu tiocaid fhaighinn seachdainean ro làimh ma tha thu airson faradh reusanta fhaighinn, mar eismpleir Glaschu no D.È gu Inbhir Nis. Dhomhsa, ge-tà, bidh mi daonnan a’ dol air an trèana ma tha rathad-iarainn agus a’ cumail a’ bhus airson turasan far nach eil trèana idir ann!

Alasdair

STOP PRESS!
Eadar dhomh seo a sgrìobhadh agus fhoillseachadh, tha dà rud air tachart! Sa chiad dol a-mach, bha tubaist aig bus Ember faisg air an Agaidh Mhòr. Tha mi an dòchas nach toir seo buaidh ro mhòr air cliù is fàs na companaidh.

Nas cudromaiche, tha manifesto an SNP air gealltainn gun tèid cap £2 a chur air tursan bus air feadh na h-Alba ma thèid an taghadh. A rèir coltais, mar a tha fìor leis a’ phileat air a’ Ghàidhealtachd, bidh seo a’ gabhail a-steach seirbheisean coidse eadar-bhaiteil a bharrachd air seirbheisean bus ionadail. Ma thachras seo, bhiodh e inntinneach faicinn an toireadh e buaidh air ìrean cleachdaidh nan rathaidean-iarainn agus air fàs Ember (oir ma tha an aon chosgais ann airson a h-uile companaidh bus, bhiodh e nas doirbhe a bhith a’ dèanamh co-fharpais air pris – ach air an làimh eile, dh’fhaoidte gum biodh barrachd luchd-siubhail aig a h-uile companaidh bus mar thoradh air a’ phrìs ìosail. Chì sinn!)

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Feumaidh sinn bruidhinn mu loidhne a’ Chinn a Tuath

Le alasdairmaccaluim

Tha mi anabarrach dèidheil air loidhne a’ Chinn a Tuath (Inbhir Nis gu Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige) agus tha mi gu mòr airson ‘s gun soirbhich leatha agus gum fàs i. Tha i cudromach dhan sgìre agus gu nàiseanta.

Ach tha mi mothachail cuideachd gu bheil duilgheadasan ann air am feumar aghaidh a chur. Air an turas mu dheireadh agam gu Cataibh is Gallaibh bho chionn ghoirid, dh’fhiosraich mi cuid de na dùbhlain a thar ron loidhne dhomh fhèin: dàil air seirbheisean agus seirbheisean air an cur dheth mar thoradh air dìth lùban seachnaidh agus trèanaichean a tha a’ fàs aosta.

Chaidh mi air turas gu Allt na Breac, Inbhir Theòrsa agus Fors an-Àird aig deireadh na seachdain.

Air an t-slighe gu tuath, bha an trèana agam eadar Inbhir Nis is Allt nam Breac 13 mionaid air dheireadh. Cha robh sinn idir dona ach nas fhaide air adhart air an t-slighe eadar Allt nam Breac agus Inbhir Theòrsa bha an trèana agam 26 mionaid air dheireadh.

Mar as trice, cha chuireadh dàil mar seo cus dragh orm ach tha Allt nam Breac air leth iomallach agus chan eil sgrìn fiosrachaidh aig Allt nam Breac no siognal fòn làimhe agus bha mi draghail air eagal ’s gun deach an trèana a chur dheth. Gu fortanach, ge-tà, tha fòn ann as urrainn dhut cleachdadh agus bha cothrom agam bruidhinn ri cuideigin gus faighinn a-mach cuine a bhiodh an trèana ann.  

Stèisean Alt nam Breac – cha bhiodh tu airson a bhith stuicte an seo ro fhada!

Nas fhaide air adhart air an latha ann an Inbhir Theòrsa chaidh mi dhan stèisean gus dealbh a thogail den trèana mu dheireadh den oidhche (an 22:20 gu Inbhir Ùige à Inbhir Nis), fhuair mi a-mach gun deach a cur gu dìreach gu Inbhir Ùige, a’ seachnadh Inbhir Theòrsa buileach glan mar thoradh air dàil.

An ath latha, fhuair mi an trèana aig 08:34  eadar Inbhir Theòrsa agus Fors an-Àird, a bha air an uair, agus bha mi an dùil an trèana aig 13:47 fhaighinn gu deas. Nuair a chaidh mi air ais dhan stèisean aig 13:30, ge-tà, fhuair mi a-mach gun deach an trèana a chur dheth mar thoradh air trioblaid teicnigeach leis an trèana. Cha robh an ath thrèana gu bhith ann gu 17:11.

Tachraidh rudan mar sin ach bha mi ann an àite gu math iomallach gun ghoireasan sam bith air latha a bha air leth fhèin teth (26c no mar sin, gun sgòth sam bith san adhar agus gun ghaoth sam bith) agus gun mòran fasgadh ann bhon ghrèin.

Fors an-Àird – stèisean breàgha ach chan eil gu leòr ann gus do chumai la’ dol fad trì uairean air latha teh!

Coltach ri Allt nam Breac, chan eil còmhdhail phoblach sam bith eile ann agus fiù ’s nuair a bhios busaichean rail replacement air an cur air dòigh dhan loidhne, cha bhi iad a’ dol dhan dà stèisean iomallach sin – agus gu dearbha, chan eil fiù ‘s rathad ann gu Allt nam Breac.

Chleachd mi am fòn fiosrachaidh a-rithist gus bruidhinn ri seirbheis nan custamairean agus mhol iad gun rachainn air ais gu Inbhir Ùige air an ath trèana gu tuath agus tighinn gu deas a-rithist (air an trèana a bhiodh a’ dol tro Fhors an-Àird aig 17:11 co-dhiù) gus nach biodh agam ri fuireach aig stèisean a tha cho teth ris a’ ghrèin fad còrr is trì uairean a thìde.

An àite a bhith a’ faighinn dhachaigh aig 9f, cha d’ fhuair mi a-staigh a-rithist gu 1m an ath latha.

Ged a Tha mi gu math cleachdte ri bhith a’ siubhail air trèanaichean agus nach bhi rudan mar sin a’ cur cus dragh orm cho fad ’s nach eil cabhag orm, tha e gu math streasmhor do dhaoine a th’ ann an cabhag no nach eil cho eòlach air siostam nan rathaidean-iarainn no do luchd-turais nach eil fileanta sa Bheurla.

Agus tha cunnart ann cuideachd gun call daoine na ceanglaichean aca gu trèanaichean eile ann an Inbhir Nis.

Tha dà prìomh thrioblaid aig an loidhne. Sa chiad dol a-mach, chan eil lùban seachnaidh gu leòr ann. Tha an loidhne singilte agus tha astar mòr eadar lùban seachnaidh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil dàil mhòr air chùisean ma tha trèana sam bith air dheireadh leis nach fhaigh na trèanaichean seachad air a’ chèile.

Tha na trèanaichean air an loidhne a’ fàs seann cuideachd – is iad na h-aonadan 158 a tha a’ ruith seirbheisean air an loidhne. Chaidh an togail eadar 1989 agus 1992 agus ged a tha iad cofhurtail, tha loidhne a’ chinn a tuath gu math dùbhlanach agus chan eil iad cho reliable ‘s a bha iad agus tha iad gu tric a’ briseadh sìos.

A bharrachd air seo, tha an loidhne cuideachd na cheangail ri aiseag Arcaibh. Ach chan eil busaichean ann eadar a h-uile trèana agus am port-aiseig aig Sgrabastal a tha mìle gu leth air falbh. Tha làrach-lìn ScotRail dìreach ag ràdh gum feum tu tagsaidh a chur air dòigh thu fhèin. Chan eil seo math gu leòr. Bu chòir Northlink is ScotRail agus companaidhean bus/tagsaidh rudeigin oifigeil a chur air dòigh gus cùisean a dhèanamh nas fhasa agus gus an streas a thoirt air falbh.

Agus aig ceann a tuath na loidhne, b’ àbhaist an trèana a bhith a’ sgàradh ann an Georgemas Junction le aon trèana a’ dol gu Inbhir Theòrsa agus an tè eile a’ dol gu Inbhir Ùige. Stad seo bho chionn còrr is 20 bliadhna agus bi an trèana a tha a’ dol gu tuath a’ dol gu Snaidhm Georgemas, Inbhir Theòrsa agus an uair sin air ais gu Georgmeas agus air adhart gu Inbhir Ùige. Air an taobh deas, bidh an trèana a’ dol Inbhir Ùige-Georgmas-Inbhir Theòrsa-Georgemeas seo a’ ciallachadh gu bheil turas gu Inbhir ÙIge a’ toirt còrr is leth uair a thìde a bharrachd na b’ àbhaist dha a bhith.

Tha e follaiseach gu bheil seo a’ toirt droch bhuaidh air na h-àireamhan a tha a’ dol gu Inbhir Ùige air an trèana. Is iomadh turas a chunnaic mi sluagh mòr a’ tighinn a-mach air an trèana ann an Inbhir Theòrsa is gun ach duine no dithis air fhàgail an trèana nuair a dh’fhalbh i airson Inbhir Ùige. Tha an dà uiread de dhaoine a’ cleachdadh Stèisean Inbhir Theòrsa ’s a bhios a’ cleachdadh Inbhir Ùige aig an ìre seo (c40,000 sa bhliadhna an taca ri c20,000 sa bhliadhna). Tha Càirdean na Loidhne a Tuath a’ moladh gum bu chòir seirbheis ionadail a chur air dòigh eadar an dà bhaile.

Dà 158 ann an Stèisean Inbhir Ùige

‘S e cnag na cùise gu bheil an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mun loidhne. Tha feum air lùban seachnaidh ùra agus air trèanaichean ùra agus ceangail ceart ri bàta arcaibh agus trèana dìreach gu Inbhir Ùige. Dh’aithris mi sa phost bloga mu dheireadh gu bheil seirbheis bus luath spaideil dealanach ùr ann eadar Gallaibh, Cataibh, Rois an Ear is Inbhir Nis – deagh sheansa gun caill an trèana daoine dhan t-seirbheis seo mur a toirear piseach air an loidhne.

Ged a dh’fhalbh Beeching agus a leithid bho chionn fhada is nach eil rathad-iarainn sam bith ann an cunnart aig an àm seo, chan eil àireamhan luchd-cleachdaidh na loidhne cho àrd ’s a bu chòir dhaibh a bhith. Agus cuimhnich gun robh post agus bathar air an loidhne an turas mu dheireadh a bhathar a bruidhinn mu bhith ga dhùnadh – rudan nach eil ann tuilleadh. Mas e is gum bi seacadh mòr san eaconamaidh mar a tha gu math coltach, cò aig a tha fios dè thachras. Feumaidh sinn tasgadh san loidhne an-dràsta gus a gleidheadh airson an àm ri teachd.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean