Chaidh mi air turas rèile gu Hawes anns na Yorkshire Dales aig deireadh na seachdain.
Carson?
Tha e a’ toirt dhomh deagh leisgeil a dhol air an rathad-iarainn as dreachmhoire agus as cliùitiche ann an Sasainn – An Settle an Carlisle. Tha an loidhne àlainn seo a’ dol tro na monaidhean is na beantainn ann an Cumbria agus Schd York agus a’ ceangail Carlisle ri Leeds.
Airson a dhol gu Hawes, feumaidh tu an trèana fhàgail aig Garsdale agus an uair sin bus fhaighinn gu Hawes. Bha rathad-iarainn ann fad na slighe uair, agus gu dearbha, bha an t-ainm Hawes Junction air an stèisean uair, ach tha an loidhne sin dùinte a-nis.
Tha iomairt ann airson slighe an rathaid-iarainn a chur gu feum aon uair eile – ach tha eas-aonta ann am bu chòir an Wensleydale Railway an rathad-iarainn ath fhosglaidh, mar a tha iad ag iarraidh, no am bu chòir dha a bhith na slighe baidhg/coiseachd. Gu mì-fhortanach, chan eil e coltach gu bheil rùm gu leòr ann airson an dà chuid.
Tha mi an dòchas gur e rathad-iarainn a bhios ann ach bhiodh slighe coiseachd/baidhg math cuideachd mur a tachair sin.
Ach ged nach eil làrach an rathad-iarainn ga chleachdadh aig an àm seo, tha an stèisean ann an Hawes fhathast ann agus tha Taigh-tasgaidh nan Yorkshire Dales a-nis stèidhichte ann – agus tha trèana le loco smùid ann mar phàirt den taisbeanadh!
Sin adhbhar gu leòr airson a dhol dhan bhaile leis fhèin, ach tha adhbhar eile ann: leabhraichean eucoir Harry Grimm le David T. Gatward, a tha a’ tòiseachadh leis an leabhar ‘Grimm up North’.
Tha na leabhraichean stèidhichte ann an Hawes agus an sgìre làimh ris. ‘S ann mu dheidhinn DCI Harry Grimm, seann shaighdear à Bristol a chaidh na phoileas às dèidh dha a bhith air a dhroch-lon ann an sprèidheadh ann an Afghanistan. Às dèidh argamaid le a bhoss ann an Somerset, chaidh a chur gu Hawes sna Dales an aghaidh a thoil agus tha an leabhar mu “chulture shock” aig poileas a bha a’ dol an aghaidh gangstairean agus luchd-reic dhrogaichean mòra anns a’ bhaile mhòr a tha a-nis ann an coimhearsnachd dùthchail far a bheil dùbhlain gu math eadar-dhealaichte aig na poilis.

Tha sinn a’ leantainn beatha Harry agus e a’ fàs cleachdte ris a’ choimhearsnachd agus na dòighean aca agus e a’ fàs gu math dèidheil air an sgìre – agus fiù’ s air delicacy sònraichte na sgìre: cèic le caise – aig a’ cheann thall.
Ged is ann mu eucoir a tha na leabhraichean, tha iad snog agus tha na caractaran agus na h-àiteachan spòrsail is dòigheil.
Nuair a dh’fhàg mi an taigh aig 5:00 sa mhadainn gus am bus a ghlacadh gu Stèisean Glaschu Mheadhain, b’ e seo am plana agam:
- Faic an trèana ann an taigh-tasgaidh nan Yorkshire Dales
- Rach gu Taigh-bainne Wensleydale
- Faic na b’ urrainn dhomh aithneachadh bho na leabhraichean Grimm.
Fhuair mi am bus is an trèana gu Carlisle gun dragh sam bith agus bha an trèana airson an Settle and Carlisle a’ feitheamh rium an sin.
Ma tha thu à Alba, tha e doirbh rathad-iarainn a lorg a tha cho math ris na loidhnichean aig baile – Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, Loidhne a’ Chinn a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil ach tha an S&C air leth, fiù ’s do dh’Albannach!
Tha an loidhne a’ dol tro bheantainn is glinn àlainn agus seachad air tòrr aibhnichean mòra le gu leòr thuathanasan chaorach is taighean cloiche. A bharrachd air a’ chruth-tìre fhèin, tha stoidhle brèagha air na toglaichean stèisean le toglaichean mòra de chloich ruadh agus soidhnichean agus lampaichean ann an dath marùn sònraichte.
A bharrachd air a bhith na rathad-iarainn àlainn, tha an Settle and Carlisle cudromach gu samhlachail cuideachd. Bha British Rail an dùil cur às dhan loidhne gus airgead a shàbhaladh agus dhùin iad a’ mhòr-chuid de na stèiseanan agus lùghdaich iad na seirbheisean gus an robh glè bheag air fhàgail. Chuir buidhean strì gu làidir an aghaidh seo.
Aig a’ cheann thall, dhiùlt Ministear na Còmhdhail, fear Michael Portillo, cead a thoirt do BR gus an Settle is Carlisle a dhùnadh. ‘S e deagh naidheachd a bha seo, gun teagamh, agus a bharrachd air a bhith a’ sàbhaladh na loidhne sin fhèin, dh’fhaodadh tu a ràdh gun robh seo na cho-dhùnadh cudromach dhan t-siostam còmhdhail gu nàiseanta cuideachd.
Às dèidh mòr-dhùnaidhean Beeching sna 1960an, ged nach robh dùil ri geàrraidhean mòra air an lìonra a-rithist, bha faireachdainn anns na 1970an is 80an gun robh na rathaidean-iarainn a’ dol tro “chrìonadh stiùirichte” (managed decline) agus gum fàsadh an siostam nas lugha is nas iomallaiche dhan chomann-shòisealta mean air mhean. Ann an eachdraidh nan rathaidean-iarainn, b’ e sàbhaladh an S&C a chomharraich gun robh an crìonadh air tighinn gu crìch agus gur ann a dh’fhàsadh an lìonra bho sin a-mach.
Tha an S&C a’ soirbheachadh gu mòr a thaobh luchd-siubhail agus trèanaichean bathair a-nis agus mholainn gun dèan a h-uile duine e uair no uaireigin.
Ach sin gu leòr eachdraidh. Nuair a ràinig mi Garsdale, bha e fliuch is sgòthach ach gu fortanach, bha am bus a’ feitheimh rium agus bha e blàth is seasgair a-staigh agus chunnaic mi dà fheòrag ruadh air an àrd ùrlar fhad’s a bha sinn a’ feitheimh ri falbh.
Tha seirbheis bus coimhearsnachd ann “The Little White Bus” a tha a’ ruith sheirbheisean eadar an stèisean agus baile Hawes/Gayle. Tha seo ro-chudromach oir tha am baile pìos air falbh (c6 mìle) agus a bharrachd air sin, tha an rathad gu math caol, lùbach cas. Bha an dràibhear laghach agus dh’innse e tòrr dhomh mun sgìre agus mu na rudan a bha rim faicinn.
Ann an Hawes, chaidh mi dhan taigh-tasgaidh an toiseach. Tha e suidhichte ann an togalach stèisean Hawes a dhùin do luchd-siubhail ann an 1959 agus a dhùin do bhathar ann an 1964 mar thoradh air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air agus Leac air a Bheul).
Ach ged nach eil trèanaichean a’ ruith tuilleadh, tha tòrr anns an taigh-tasgaidh mun rathad-iarainn, gu sònraichte eachdraidh shòisealta na loidhne. Tha pàirt den taisbeanadh fiù ‘s anns an trèana agus tha an cafè ri taobh an àrd-ùrlair. Tha an taigh-tasgaidh mòr agus tha na taisbeanaidhean ùr, dathach agus còrdaidh iad gu mòr ri cloinn.
An uair sin, bha an t-àm ann airson srùbag agus cuairt timcheall air a’ bhaile. Chunnaic mi an t-ionad coimhearsnachd far a bheil na poilis stèidhte ann an leabhar Grimm, a’ bhùth far am faigh iad paidhean agus am Fountain, an taigh-òsta aca! Agus gu dearbha, tha tòrr thaighean-osta ann – chunnaic mi ceithir no còig airson baile anns nach eil ach 1,500 daoine no mar sin.





An uair sin, choisich mi gu Gayle, baile beag a tha glè fhaisg air Hawes a tha ainmeil mar thoradh air caise Wensleydale. Chaidh mi a-steach dhan àite agus cheannaich mi cèic is caise agus bha e a cheart cho math ris an robh mi an dùil!
Às dèidh sùil air na bùithtean agus air an eas, bha an t-àm ann a dhol dhachaidh air a’ bhus bheag gheal agus an trèana a ghlacadh dhachaigh.
Bha an trèana agam dhachaigh 30 air dheireadh – rud nach do chuir dragh sam bith orm – agus mar sin, tro “delay repay” fhuair mi an dàrna leth den fharadh agam air ais.
Mholainn baile Hawes, lealbhraichean Grimm agus an Settle and Carlisle!-.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean